ALIBEUS AM PERSACH.
“Tha’n cuimhne mar dheàrsadh air m’ anam.”
CHUIR Sa-abas, righ Phersia, roimhe a Lùchairt fhāgail car tamuill an riochd fear dùthcha, chum agus gu’m faiceadh e an dealachadh bha eadar an tuath agus an tighearnan. —Cha d’ thug e leis ach aon d’a fhlaithean ris an d’ thubhairt e “Tha mi aineolach air fìor ghnàth dhaoine, oir gach neach a thig chugam ’s ann le sgleò agus miodal ’na bhriathran. Feucham a nis ciod ì an Dùthaich, agus chitheam ciod iad so tha co tàireil an sùilean an uachdarain, ach a shaoileamsa is ceanglachain co-chomuinn a’ chinne-dhaonna. Tha searbhadas orm bhi ’g éisdeachd ri sodal. Tiugainneamaid, faicemaid treabhaichean agus buachaillean gun fhios aca có mise.”
Leis an rùn so dh’imich e féin agus a charaid trid mhóran bhailte-dùthcha anns am fac’ iad na h-àitich a’ dannsa, ag cluiche agus ri mireag neo-lochdach; thaitinn so gu h-anabarach ris, iad a bhi co ait shubhach co fad’ o’n lùchairt.
An déigh treis choiseachd bhuail acras e agus thàr e airson
Thigeadh fè ghàire air bilibh Mòrachd Phersia ag éisdeachd o thréibhdhireas cridhe Alibeuis an fhìrinn m’a uaislean, gun mheachainn air do neach dhiubh. “Tha e soilleir,” ars’ an Righ “gur ionann toilinntinn ’na gnè o’n ìochdaran gus an t-uachdaran. —C’àite no cuin a bha mac Prionnsa riamh ni bu tlachdmhoire na’n gille so tha ’leantainn nan caorach? Có e nach biodh sona a shamhail de mhac a bhi aige, àluinn, dreachmhor agus tuigseach mar Alibeus—cuiridh mis’ e ’dh’ionnsuchadh gach gnè eigse agus eòlais.”
Do réir so thug an Righ Alibeus leis; dh’ ionnsuich e leughadh, sgrìobhadh, agus gach innleachd, a bheir snas do dh’ inntinn dhaoine, am fiosrachadh a bheir air neach a ràdh le ardan ionmholta “is duine mi.” —Bhuail mòralachd na lùchairt an toiseach a shealladh mar ghàir-theas air gaineamhaich ri deàlradh gréine latha teith samhraidh, agus thug e aomadh ’na bheachd air sheòl no dhà.
An àite a bhachuill, ’fheadain agus a bhreacain, bha e sgeadaichte le h-earradh phurpuir agus i ’deàlradh le greus-obair, òir; bha bhoineid mar an ceudna lainnireach le seudan luachmhor. Ni’m b’ fhada gus an robh e comasach na gnothuichean bu chudthromaiche ghabhail os làimh. Bha làn earbsa aig an Righ as, oir chunnaic e gu’n robh aige beachd sònrachaidh airson gach ni iongatach agus mòralach. Uime sin thug e dha dreuchd mór ann am Persia ’se sin Fear-gleidhidh sheudan agus airneis an rìgh.
Fhad ’s bu mhairionn Sa-abas bha ’thlachd ann an Alibeus a’ meudachadh gach là.
Bha céiread na h-aoise a nis air ciabhan Alibeuis agus chuimhnicheadh e sàmchair ’oige le mulad. “Ochòin! (theireadh e) dh’fhalbh sibh a làithean mo shonais, làithean aobhach gun chunnart, làithean nach tig am feasd’ an comh-ionann. Esan a thug sibhse uam ged bu leam a shaoibhreas agus a chumhachd bu chall leam iad ann an coimeas ribhse—O is sona is sona sibhse do nach aithne truaighe nan lùchairtean! Mar so chaoidh Alibeus, an aimsir a dh’fhalbh, ach fhuair e tuillidh aobhair fa-dheòigh.
Dh’ eug an deagh rìgh Sa-
’Nuair chunnaic na cùlchainntearan gu’n d’ fhairtlich a’ chùis ud orra dh’ impich iad Sa-Sephi thabhairt àithne do dh-Alibeus clar-ìnnsidh a dheanamh suas de gach nì chuireadh fo ’churam agus sin a bhi deanta fa cheann cheithir-la-deug. Thàinig an latha, thàinig an righ, agus dh’ -fheumadh e na h-uile ni fhaicinn; Dh’fhosgail Alibeus gach dorus agus ciste dha; fhuaras glan agus ’nan àite féin gach seud gun aon diubh air chall. ’Nuair chunnaic an righ mion-chùram Alibeuis is beag nach do theó a chridhe ris, ach thug e fa’near dorus iaruinn air an robh trì glasan móra ann an ceann shios for-urlair a bha làn de airneis luachmhor. ’S ann an sin, arsa na cealgairean tha’n t-ionnmhas folaichte O Righ! a thug e ’o t’ athair.
Le frionas fiadhaich dh’orduich Sa-Sephi an dorus a bhi air a ghrad fhosgladh. Shleuchd Alibeus e féin aig casan an rìgh a’ guidhe air an ainm nan dée neo-bhàsmhor gun e thabhairt uaithe na nithe bu mheasaile bha aige air thalamh. “Cha’n eil e ceart,” ars’ esan, “mo chreachadh ann an tiota ’n am uile shealbh, an déigh dhomh mo dhleasnas a dheanamh gu dìleas ré ùine mhór ri t’athair—Thabhair uam gach nì eile, ach fàg agam na bheil ann an so amhàin.” Mheudaich na briathran so amharus an rìgh; agus a rithist, le bagradh agus gruaim dh’àithn e fosgladh. Ghéill Alibeus; bha ’n iuchair aige ’na làimh agus dh’ fhosgail e ’n dorus. Spleuchd na bha làthair gach fear air a chéile ’n uair nach fac’ iad ach an bachull, am feadan agus éideadh buachaille, cuimhneachain air an robh e ’taghal tric le h-eagal gu’n cuireadh a mhòrachd an inbhe san robh e roimhe as ’aire. “Feuch,” thubhairt e, O Righ, na tha làthair de shonas m’oige, ’s nach urrainn tubaist no cumhachd a sgaradh uam! Feuch m’ ionnmhas agus mo shaoibhreas, agus na h-oidhirpich m’fhàgail bochd! ’Siad so am beartas nach tréig, am beartas a chumas neo-chiontach agus sona iadsan a bhios toilichte le nithe feumail gun déigh air barrachd—O a shamhlaidhean m’ inbhe iriosail bheannaichte! dhuibhse thug mi spéis, leibhse eugam! A nis, O righ mhóir! bheiream suas duit gach ni ach na bh’ agam ’nuair thug t’athair d’a chùirt o’n spréidh mi.” Mhosguil an rìgh as ’ioghnadh, agus ionracas Alibeuis air a dhearbhadh, làn feirge dh’ fhògair e na comhairlich chuilbheartach as ’fhianuis.
Dh’ardaich e Alibeus gu bhi ’na ard-chomhairleach agus dh’ earb e ris gach gnothach dìomhair agus cudthromach a bhuineadh do’n rìoghachd; gidheadh cha robh latha dol thar a cheann nach tugadh e sùil air ’fheadan, a bhachull agus ’earradh aodhaireachd. Theagamh, theireadh e ris féin, gu’n caill mi deagh ghean Sha-Sephi.
Dh’ eug Alibeus ann an deagh shean aois; cha d’aontaich e ri dioghaltas a dheanamh air a naimhdean, cha do chuir e mu seach airgiod no òr; dh’fhàg e aig a chairdean-dàimhe amhàin na chumadh socair iad mar chìbeirean, caithe-beatha bha leis bu shona agus bu tèaruinte.
ORCHLOGAID.
title | 3 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |