BREITHEANAS AIR RUN MOIRT.
CHA mhòr gu’n gabh fuil eleth; ’s ainmic a tha murtairean a’ dol as bho pheanas; is moch a thainig a’ bhinn amach “Esan a chrathas fuil duine le duine, bithidh ’fhuil-san air a crathadh,” ach tha àithne an Tighearn a’ teachd ni’s dlùithe oirnn na so, oir tha e ag ràdh, “Esan a tha toirt, fuath d’a bhràthair a dh-easbhuidh aobhair, is mortair e.” Anns an sgeul fhìrinneach a dh’ aithriseas sinn an dràsd, tha dearbhadh againn gu’m beil a bhreitheanas a’ greimachadh air smuaintibh agus rùintibh dìomhair a’ chridhe.
Anns a’ bhliadhna 1756 bha duin’ -uasal, saoibhir àraid d’am b’ ainm Hayes air chuairt ann an Siorramachd Ocsford ann an Sasunn, agus thachair dha fois na h-oidhche a ghabhail ann an tigh-òsda a bhuineadh do neach do’m b’ ainm Ionatan Bradford. Chòmhalaich e anns an tigh so dithis dhaoine-uaisle eile. Ghabh e a shuipeir ’nan cuideachd, agus thubaist dha tre mhi-chaithris a ràdh gu’n robh suim mhór airgid air a shiubhal. Mu mheadhon-oidhche an déigh dhoibh dol gu fois, dhùisgeadh an dithis dhaoin’ -uaisle, a bha ’nan cadal san aon seòmar, le tróm acain, osnaich agus gearan a’ teachd mar gu’m b’ ann bho ’n t-seòmar a b’ fhaigse dhoibh. Dh’éirich iad, agus ghluais iad gu socair sàmhach gu dorus an t-seòmair anns an cual’ iad an acain. Bha an dorus leth-fhosgailte agus air dhoibh dol a steach, chunnaic iad ann an sin neach a’ snàmh ’na fhuil air a leabaidh, agus duine eile ’na sheasamh os a cheann, le solus ’san dara làimh, agus sgian san làimh eile. Dh’ aithnich iad air ball, gu’m b’e an duine bha air a mhort an neach a ghabh a shuipeir maille riu, agus gu’m b’e an neach a bha ’na sheasamh os a cheann fear-an tigh-òsda! Chuir iad ’an làimh e—thug iad bhuaithe an sgian, agus chuir an ìre am mort dha. Dh’àicheaidh e a chionta gu buileach. Thubhairt e gu’n d’ thàinig e do ’n t-seòmar leis an aon rùn ’san d’ thainig iad féiu—gu’n cual e fuaim—an déigh sin tróm acain agus osnaich—gu’n d’éirich e—gu’n do las e coinneal, agus gu’n d’thug e sgian leis chum e féin a dhion agus nach robh e ach tiota beag
Nuair choinnich na mòr-fhearan dearga, chaidh fheuchainn—thug iad binn bàis amach ’na aghaidh, agus an ceann beagan làithibh chaidh a chrochadh, ach cha do ghabh e riamh ris a’ chionta; chaidh e chum a bhàis ’ga àicheadh. —Ni mò a bha e ciontach anns a’ chùis so, mar fhuaradh amach an déigh sin! B’e seirbhiseach Mhaighstir Hayes fhéin a rinn a mhort. Bhruid an t-eucorach so a Mhaighstir; chuir e gu bàs e, agus thàr e as, leis na fhuair e do dh’ airgiod, mun d’ thainig Mr Bradford do’n t-seòmar. Thug dìteadh-coguis air an t-seirbhiseach an gnìomh so aideachadh, agus e air leabaidh a bhàis ochd mìosan deug an déigh dha an ni oillteil so a chur an gnìomh, agus cha bu luaithe a dh’ aidich e na bhàsaich e. Tha e ’na ni comharaichte ged bha Mr Bradford neò-chiontach a thaobh a’ mhoirt agus ged nach robh eòlas sam bith aig’ air, gu robh e gidheadh ’na mhortair ann an rùn—dh’aidich e do’n mhinisteir a bha ’frithealadh air, san àm a bha e fo bhinn-bàis, gur h-ann le rùn Mr Hayes a mhort a chaidh e do’n t-seòmar, leis an sgithin ’na làimh, agus nach bu mhór gu ’m b’ urrainn e a shùilean féin a chreidsinn, nuair chunnaic e marbh e; agus a chum’s gu’n deanadh e e féin dearbhte mu thimchioll na cùise tharruing a gu taobh eudach na leapach agus leis a’ bhruaillean ’s an troimh-a- chéile anns an robh e thuit an sgian bhuaithe, agus ghàruich e a lamhan leis an fhuil, da ni a bha ’nan tróm aobhair-amharuis ’na aghaidh.
EILEANACH.
title | 4 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |