CUMHACHD INNLEACHD NA TOITE AGUS SPIONNADH EACH,
AIR AN COIMEAS MAR A GHABHAS IAD CUR GU FEUM A GHIULAN LUCHD-TURUIS.
Ghabhadh e 12 coidse no carbad, a’ giùlan 15 pearsa an t-aon, agus 1200 each a ghiùlan 180 pearsa 240 mìle ann an 24 uairibh aig luathas 10 mìle san uair—Ni aon inneal-toite air rathad iaruinn a dha uibhir so a ghiùlan anns an ùine cheudna, mar so a’ deanamh obair 2,400 each.
A rithist: Ghabhadh e 30 de na carbaid ris an abair iad sa’ Bheurla Mail Coaches nach faod a réir nan riaghailtean fo’m bheil iadsan ag obair, ach 6-nar an t-aon a ghiùlan, agus 3000 each, a ghiùlan 180 pearsa agus màileidean nan litrichean 140 mìle ann an 24 uairibh aig luathas 10 mìle san uair—Ni aon inneal-toite a dhà uiread so anns an ùine cheudna, mar so a’ deanamh oba ir 6000 each
EAD. M.
title | 5 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |