MORT NA CEAPACH.
(Air a leanailt o’n 7 amh àireamh.)
d’ thug e dha boineid anabarrach grinn a bha air a cheann féin. Ach air son an deòthas anama agus an taingealachd cridhe bu chòir do ’n ghnìomh gràidh so a dhùsgadh ’am broilleach an òganaich uaibhrich, ’s ann a las e le feirg. Thilg e ’bhoineid air ais ann an aodann an oighre, agus le tróm-fhras do mhionnan oillteil tharruing e ’bhiodag. “A mhic a’ choin!” ars’ esan, “am bheil thu ’n dùil gur diol-déirce mise gu bhi gabhail do chuid luideagansa?” “Cha’n eil; —ach gabh so mar chuimhneachan” arsa ’n t-oighre ’s e’ cur a bhoineid air a cheann.— “Gabh thusa sin,” ars’ am fear eile ’s e ’cur na biodaige ’na chliabh. Ann am prioba na sùl bha trì lannan ann an uchd an oighre agus dithis ’na bhràthair. Cha d’ thug obair a’ mhortaidh a mach ach beagan mhionaidean uile, —cha bu cho-sheise dithis do sheachdnar, —cha robh rathad dol as ann, —cha robh stà còmhnadh iarraidh—còmhnadh cha robh ann, —b’ i uair am bàis i. ’Nuair a phill am piuthar air a-hais bu sgreataidh oillteil an sealladh a fhuair i. —Bha a bràthairean ’nan laidhe ’nan closaichean marbha mu ’n bhord; bha ’m broillichean tróm-reubte le faobhair nan lannaibh puinseanach; bha sruthanan do dh-fhuil reòta air an urlar. Bha trom-shuain a’ bhàis a’ rìoghachadh mu’n cuairt. —Theich mire-ghaire aoibhneach nu h-òige bho ’n t-sùil liontaidh agus dhùineadh le fuar-mhiar an éig i; thréig dearg-dhath an ròis am bilibh agus laidh bàn-shnuadh a’ bhais orra. O! mar a bhuail i a basa—mar a shil a sùilean—mar a spìon i a falt—mar a dh’ fhàilnich a cridhe! —ach comh-fhurtachd cha robh ann. Bha na murtairean an déigh teicheadh agus feudar a ràdh gu’n robh “A’ Cheapach na fàsaich” da-rìreadh an là sin. Phòg i cuirp agus lota fuilteach a bràthairean agus dh’ asluich i air Dia dioghaltas a dheanamh air na murtairean.
’Nuair a phill Iain Lom fhuair e ’na suidhe i air bruaich alltain a bha ’ruith seachad gu borbhanach aig ceann an tighe. ’Sann air tolman uaine a leig i sios i féin fo ghéig de chraoibh sheilich, ’s i ’taomadh a mach a dosguinn fo dhealt nan speur. “Mo thruaighe mi! cha ’n fhàiltich bilibh a’ chairdeis mise tuillidh ann an talla mo shinnsir; tha mo dha bhràthair ’nan closaichean marbha; cha’n eil neach ann a ni aicheamhail a thoirt a mach air an son. O! athair chaoimh sa’ mhathair ghradhach! cha chluinn sibh guth mo chaoidh ’s cha tig sibh gu m’ theasairginn!” Thilg Iain Lom e fein ’sios ri ’taobh—tharruing e trom-osna—spion e’ bhoineid bhàrr a chinn—thionndaidh e a shùilean ris na speurabh agus dh’ asluich e gu faiceadh e “fuil air son fuil mu ’n dùineadh am bàs a shùilean.
THAINIG an tuath a-steach mar aon duine mu naoi uairean a dh-oidhche mar dh’ iarradh orra—ach an àite fleagh ’s ann a fhuair iad an dà òg-fhlath ’nan laidhe ’nan closaichean marbha san t-seòmar. Sheas Iain Lom air meadhon an urlair ri ’n taobh; bha na deòir a’ ruith sìos air a ghruaidhibh; ach cha do shil aon duine eile deur—bha iad a’ coimhead air a chéile le h-ionghnadh agus uamhas. Chuir am bard a mheur ’san fhuil a bha ’na tiugh shruthana ruadha air a’ chas-bhrăt;— ’s chuir e ’n sin na bheul i. Cha robh duine ’tuigsinn ciod a bh’ air ’aire; bha fraoch-fhearg a’ dùsgadh calm-chruth air ’aodann, agus bha lasair a shùl mar chrois-tàra a’ brosnachadh chum cath. Ach b’i ’theanga am ball-airm a b’ fhearr leis an cluicheadh e.— “Faicibh an fhuil, fhearabh!” ars’ esan ’s e ’cur a mheur ’na bheul an dara uair, “is leibh fain i— ’s i fuil chlainn Raoghail na Ceapach a th’ innte; faicibh an fhuil, is leibh féin i! —fuil’ur ceann-feadhna air a dórtadh leis an dream a bha sibh a biathadh ’s a g-àrach o chionn shèa bliadhna! Phàigh iad a nis sibh; òlaibh O! òlaibh an deoch a sholair iad dhuibh!” ’Stad e ag amharc anns gach gnùis a dh’ -fheuchainn an d’ thug e gluasad sam bith air an aigne, agus air dha ’mhothachadh gu ’n do dhrùigh e ’m meud-eigin orra chaidh e air aghart:— “A spioradaibh gearanach nam marbh na biodh dian-chorruich oirbh gu bheil sinn a’ cur dàil ann an dìoghaltas a dheanamh air na mortairean; —mar is fhaide ’bhuille gun tighin ’s ann is truime. Ach mo léir-chreach! ’s fuar an diugh an cridhe bha bualadh le’eibhneas ri ’dhùthaich ’s ri’ dhaoine an dé, ’s tosdach ’s balbh-thosdach na bilean bu mhilse fàilte ’s bu ghairge bagradh, ’s dìblidh gairdean nan buillean troma a dhùisgeadh mactalla le farum nan lann; agus na casan, O! nach tuit sibh sios g’am pògadh maille riumsa—is mall an diugh na casan a bha lùghor, reidh-cheumach an dé—a’ tighin dhachaidh dh’ -ionnsuidh na h-uaighe! ’Chlainn-Dòmhnuill na Ceapach, am fearr leibhse leómhann marbh na cù beò? Ma ’s fearr, so an t-àm gu dhearbhadh. Tha gach lot dhiu sin a’ glaodhaich DIOGHALTAS. Eisdibh guth na fala agus armaichibh sibh fein le duinealas mar bu dual!”
Nam biodh na mortairean far am faighte iad ’nuair a chrìochnaich Iain Lom an òraid so, cha ’n eil teagamh nach dìoladh iad na fiachaibh gus an fheoirling dheireannach. Bha na daoine air bhoile; bhioradh an cridheachan le briathra drùighteach a’ bhaird; ach air dhoibh fein cadal chaidll gach beò-thogradh airson aicheamhail a thoirt a mach; agus dh’ fhartluich air an togail ’na dhéigh sin. ’Cheart cho luath ’s a dh’ adhlaiceadh na cuirp thug Iain Lom comhairle air am piuthair teicheadh do thìr anns nach b’urrainn na mortairean greim a dheanamh oirre. Mhìnich e dhi le mòr dheòthas anama gu’n robh na bha e ’g iarraidh do-sgaraicht’ o theuruinteachd—gu’n robh clann bhrathar-a- h-athar air bàinidh gu cur as di chum làn chòir fhaotainn air an oighreachd. —Fo stiùradh na comhairle so theich i do Bhlar-an-Adhall agus
Leis a’ ghealladh so thug Iain Lom an t-Eilein-sgitheanach air gu moraire Chlainn-Dòmhnuill. Bu turus dioghaltais a thurus—bu chridhe naimhdeil a chridhe, agus bha ’theanga mar ealtainn gu reubadh, gu beumadh, gu lomadh. B’e sin a’ cheud u ire, chunnaic am moraire riabh a ach bha fios aige air nàdur a ghnothuich agus chuir e roimhe gun mhisneach air bith thoirt dha. “Cia as do ’n choigreach?” ars’ am moraire. “A Laodicea;” fhreagair am bard. “An d’ fhàs iad fuar no teth fathast ’san àite sin?” “Dh’ fhàs cuid dhiu;” ars’ Iain, “tha Abel ’na chorp fuar, tha Cain ’na mhortair teth-cheannach, dearg-lamhach, agus tha na ciadan meagh-bhlàth mar bhainne na gaibhre duibhe.” —Chuir e ’n sin an céill na bha air ’aire ach thug am moraire glan-dhiùltadh dha. Gu mór air a mhealladh air gach làimh thug Iain Lom a nis MacCoinnich air. B’e MacCoinnich so seumarlan Mhic-Dhòmhnull san àm; —agus b’ e dòchas Iain Luim gu feudadh e còmhnadh leis ann an brosnachadh a’ mhoraire gu peanas a dheanamh air na mortairean Achtha lion mhoireachd nan seumarlan mar bharr-iall nam bròg a ghabhas c eangal mar is àill le ’m maighstir. Mhothuich am bard so—thuirt MacCoinnich ris gu h-ath-ghoirid ged bu bhard e cho math ri Arion nach biodh esan na dholphin aige g’a ghiùlan air a mhuin. Dhùisg so diomb Iin mhantaich agus le trom-fhras do dh’ana-cainnt dh’ fhàg ’se e. Chaidh e ’n dara h-uair a dh’ionnsuidh a’ mhoraire, thuit e sìos air a ghlùinibh ’na làthair, agus dh’ aslaich e air ma bha braon do dh’ fhuil an leómhainn ’na chuislibh—ma bha srad do dhuinealas ’na chridhe—ma bha fearalas sam bith ann gu’n cuireadh e daoine air falbh a dhórtadh fuil air son fola.—
Ghealladh dha gu faigheadh e nu bha dhìth air; le deòir taingealais ’na shùilibh ghabh e a chead do’n mhoraire; ach dh’ fhuirich e ’san Eilein a’ deanamh ’s a ’gabhail òran dhoibh.
Chaidh latha seachad an déigh latha, seachduin an deigh seachduin agus cha robh guth air éiridh. Chaill Iain Lom ’fhoighidin a’s thug e ’n caisteal air an treas uair. Thachair am morair’ air a’ sràidimeachd aig an dorus. Cia mar tha thu’n diugh?” ars’ esan. “Cia mar tha mi ’n diugh!” ars’ Iain “tha mi fior dhuilich air son fineadh aig am bheil ceann-feadhna mar ghearra-goirt le briathra labhar oscarra a’s gnìomhara leibideach mi-ghaisgeil. Sin agad mar a tha mi, ’s ìnnsidh mi nis dhuit cia mar nach robh mi—nach eil mi, ’snach bi mi fhad ’s a bhios fuil Mhic-Raoghaill na Ceapach gun phàigheadh—ann am dheisciobul aig Iob an duine foighidneach bha ann an tir Uis!” “Mur ’eil,” ars’ am moraire ’s e deanamh fiamh-ghàire, “theirig a dh’ionnsuidh an duine sin a th’ ann an tìr Uisd agus can ris gu’n d’iarr mis’ air Gilleaspuic-Ruadh falbh air ceann nan daoine; agus buaidh leibh!” Bha so gu leòir. Dh’ fhalbh iad as an Eilein mu dhol fodha na gréine; bha lan-chinnt’ aig Iain Lom gu’n robh Alasdair Dubh Ghlinne-Garaidh na bu toighich air na mortairean na bha e air na gillean nach bu mhairionn; agus, uime sin, mheas e iomchuidh an turus a chumail uaigneach ’s a dheanamh fo sgàil na h-oidhche. Ràinig iad Ionbhar-lar air an treas latha agus choinnich iad an t-seachdnar bhràthairean dlùth air a’ bhaile ann an ionad fàsail. Thainig iad orra gun fhios; oir ged a chual Alasdair Dubh gu’n deachaidh iad seachad, ’s ged a chuir e tosgaireachd le sanus do ’n Cheapaich ghabh an gille ’n daorach air an rathad ’s cha d’ -fhuair iad an teachdaireachd. “Bha thu trusadh chairdean, Iain,” arsa fear do chloinn a’ chileadair ris a’ bhard ’nuair a choinnich iad. “Bhà, a’s feuch am mort thus’ iad,” ars’ Iain. —Dh’aithnich clann Ionbhar-lair mar bhà, a’s thug iad gu teicheadh. Ach chaidh cur as doibh ann am mionaid an uaireadair. Reic na laoich sgairteil am beatha cho daor ’sa dh’fheudadh iad ’na leithid do sheasamh—reic ’s iad iad air son tri lota bàsmhor a rinn iad air daoine a’ “Chiarain bhaganta.” Thuit an t-seachdnar mar thuaiream deich slatan d’a chéile; dh’ fharraid Gilleaspuic Ruadh an robh am bard toilichte, ’s fhreagair Iain Lom gu’n robh an seann sionnach fathast beò—gu’n robh e cho math a’ gharaidh a ghlanadh gu h-iomlan. Thug iad a nis Ionbhar-lar orra dh’ ionnsuidh tigh a ’chileadair; bha e féin ’sa bhean a stigh ’s an dorus air a chrannadh gu diongmhalta. “Am bheil e ’na chleachdadh agad aoidheachd a thoirt do choigrich?” ars Iain Lom ’s e ’na sheasamh aig an uinneig. —Fhreagair am fear eile a’ cheisd le urchair a thilgeadh troimh tholl a bha air an dorus. Chaidh am peileir seachad eadar casan a’ chiarain mhabaich agus thòisich a’ ghunnaireachd. Bha bean a’ chileadair a’ leaghadh nam miasan feòdair ’s nan trìnsearan luaithe ’s a’ deanamh pheileirean dha; agus mur biodh iad air a marbhadh le urchair troimh an
Leis an tuaidh Abaraich a bha ’na làimh rinn e ’n t-seachdnar bhrathairean a dhìth-cheannadh air ball, agus chuir e air gad iad a’ seinn le mór chridhealas:—
“Mhuire! ’s buidheach mis’ a Dhia dhiot,
Cuid do’n athchuinge bha mi’ g iarraidh,
’N grad spadadh le glas-lannaibh liatha,
Tarruing ghad air fad am fiacal!”
Theagamh nach do sheinn bard riabh rann is mò tha nochdadh do chruas-cridhe ’s do dhalmachd inntinn na i so. Aig an dearbh mhionaid ’s an robh e ’tarruing cinn a cho-chreutairean air gad bha e comasach air ceòl a ghabhail! Dh’ fhalbh e ’n sin leis na cinn air a ghualainn cho neo-mhothachail ’s a bhiodh cìbair a’ giùlan othaisg bhragsaidh—cho aoibhneach ’s a bhiodh treabhaiche ’toirt dachaidh sguaba troma abuich an fhogharaidh gus an d’ fhàg e iad aig dorus caisteal Ghlinne-Garaidh. Ghlan e na cinn ann an tobar ris an canar “tobar nan ceann” gus an latha ’n diugh. Fhuair Mac-Mhic-Alasdair air an adhlac iad ’san aon uaigh os-ceann na thogadh tùr-cuimhne leis na seachd cinn air an gearradh a mach an làn-mheud—ceann air gach oisinn.
Sin agaibh, a theachdaire, fior-eachdraidh mu mhort na Ceapach. Cia cho taingeil ’s bu chòir dhuinne bhi air son nach eil aithris mu’n leithidibh sin do ghnothuichean ’nar measg! ’S mis’ ur fior-charaid,
IAIN A’ CHAGAINN.
Bun Lochabar, Treas mios an t-Samhraidh, 1836.
title | 6 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |