[198]

ÒRAN.

[AIR FONNMo Nighean dubh.”

Os rùnach leam mo Ribhinn donn,
Saghleann taobh thall nam fuar-bheann
San fheasgar chiùin theid mi le mrùn
Gu doire dlù nam fuaran.

I.
Ma sheang-choin sheilg than learg nam fiadh,
Smo chridhe cian than còmhnuidh,
Saghleann san éisd mo Mhàiri ghrinn
Ri ceilear binn na smeòraich.

II.
Tha eòin an t-sléibh air sgéith mun cuairt,
S cha dùisg iad fuaim mo làmhaich,
As misam pràmh an sgàth nam bruach,
As muile smuaín mun ghràdhaich.

III.
Sis aotruimceums as deàrsaichsùil,
S a gàirtha ciùin as caoimhneil,
S a guth tha dhòmhsmar shòlas ciùil
S mi falbh nan stùchd san oidhche.

IV.
S ecuach-fhalt fàinneachs àillidh sgèimh,
Sa bràighes glé-gheal bòidhche,
Fo osnacléibh ag éiridh sèimh,
Mar fhaoileann bhàn air Lòchaidh.

V.
A cridhe aobhachs aotrom sunnd,
Mar Mhang aig surd an réidhlein,
Ach sèimh le tlàs, mar bhlà fo dhriùchd,
Am maise chiùin achéitein.

VI.
Mo Ribhinn ghràidh as àillidh sgiàmh
As àraidh beus as bòidhche,
Gach miadh a dhfhàs mu Bhlà Dhail-Céith
Cha ghéill an Inbhir-Lòchaidh.

ABRACH-MUAILECH.

title8
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text8
<< please select a word
<< please select a page