GUIDHEACHAN RIGH DAIBHIDH.
Is taitneach, da rireadh, r’a thoirt fa’near gur lionmhor iad ameasg ar luchd-duthcha, gann ’s mar dh’ fhaodas am fiosrachadh saoghalta bhi, a thoilleas, a thaobh an eolais air a’ Bhiobull, am biùthas a fhuair Apollos, “deas-bhriathrach agus cumhachdach ’s na Sgriobturaibh.” Agus ri cainnt ’s ri comhairle nan daoine so ’s tric a dh’ éisd an sgoileir le buannachd, ’s a dh’fhairich e uaill ’ard-fhoghluim a’s fhiosrachaidh air ìsleachadh; ach air an laimh eile is muladach r’a smuaineachadh gur tric iad “a dhorchaicheas comhairle le briathraibh gun eòlas.” Agus gu cinnteach b’ann d’an àireamh mu dheireadh an duine sin a thòisich air mìneachadh an Sgriobtuir d’a choimhearsnaich, agus, anns a’ mhìneachadh a bh’ann, a thainig an rathad nan Salm, agus a thug fa’near gu’m bu trice leis a’ mhinisteir na laoidhean a thoirt amach san ionad-aoraidh, a chionn nach bu toigh leis an duine chneasda bhi tighin thairis air na droch ghuidheachan goirisneach sin, a b’àbhaist do Dhaibhidh thoirt an aghaidh gach aon a chuireadh mi-thlachd air; ach nan cluinneadh a’ mhinisteir féin a’ chainnt so, ’s cinnteach gur h-ann a chuireadh e tosd air an aineolas ladurna le briathrabh achmhasain. Bha naimhdean lìonmhor gu cinnteach aig an t-Salmadair, ach ged a bha, cha bu spiorad gamhlasach a dh’altruim e d’an taobh, agus, mar sin, cha’n iad a naimhdean féin air am bheil e ’g iomradh ach eascairdean an t-Slànuigheir, air an robh Daibhidh araon ’na Shamhladh, ’na Shìnnsear ’s ’na Fhàidh; oir ’s gann Salm mu nach faodar a ràdh, “Tha na ’s motha na Daibhidh an so,” Air an aobhar sin cha do ghuidh an Salmadair riabh, sgrios air a naimhdibh féin, le cìocras fuileachdach, mar ni sluagh gu tric ’nar dùthaich ’s ’nar linn féin; ach ’s ann a bha e ’cur an céill breitheamhnais an Tighearna an aghaidh an aingidh, agus mar sin ’s e ’n t-iomlan a dh’fhaodar a ràdh gur h-ann a tha Daibhidh mar “fhirean d’am b’aoibhneas breitheamhnas” ag aontachadh am bagradh ’s am binn uamhasach Dhé an aghaidh a luchd-fuath; agus far am bheil e ’g ràdh “Thoir dhoibh a réir aingidheachd an gniomharan,” (Salm xxviii. 4.) ’s ann a dh’fhaodta ràdh, “Bheir thu dhoibh, &c.” agus cha ruig sinn leas dol na ’s faide na’n rann a leanas gus am faic sinn am modh cainnte so air a chleachdadh, far am bheil e air a ràdh “A chionn nach toir iad an aire do oibribh an Tighearna sgriosaidh e iad agus cha tog e suas iad,” (rann 5.) agus faiceamaid briathran Dhaibhidh, amach as na sailm, far am bheil an gearan a’s cruaidhe aige mu ’naimhdibh, agus cha’n eil e ’g ràdh ach, “Dìolaidh an Tighearna do fhear-deanamh an uilc a réir ’aingidheachd.” 2 Sam. iii. 39. Cha robh aig an t-Salmadair, mata, rùn gamhlasach sam bith d’a naimhdibh féin, ach a dh’fhàgail fìrinn na cùise ni ’s soilleire. Bheir sinn sùil ’s na Sailm (Salm xxxv. 12. 14.) “Dhiol iad dhomh,” arsa Daibhidh
A. M.
An Calbh Muileach.
title | 9 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 8 |