[231]

CUNNTAS SHOLAIMH MU SHEAN AOIS, AIR A MHINEACHADH.

Tham mìneachadh a leanas air cùnntas Sholaimh mu Shean Aois, air a shònruchadh air son tìm an ’ -gheamhraidh agus deireadh na bliadhna, ’chionn gu bheil an geamhradh, leaogas duaichnis gach ànradh thateachdna lorg, ’na shamhladh freagarach air Sean Aois leis gach trioblaid agus ànradh a ta fuaidhte rithe.

ANNS an dara caibdil deug do Eclesiastes, than Searmonaichetoirt rabhaidh dhomh làithean mòige thiomnadh suas chum seirbhis mo Chruitheir, atoirt fanear na droch làithean a thateachd oirnn, ’nuair a dhfhàilnicheas uile chumhachdan ar n-ìnntinn agus ar cuirp fuidh anmhuinneachd na h-aois. Oir an sin, mar tha an Searmonaiche gu freagarach agus gu dreachmhorga chur far comhair, ionanns ann an sgàthan, tha aghrian, agus aghealach, agus na reultan air an dorchachadh; na cumhachdan as àirdes as inbhiche a tha riaghladh an corp an duine, mar tha solus nan speur ariaghladhsan t-saoghalthan tuigse agus an riasan, an inntinn agus amheadhair, air an dorchachadh, mar an uair ata na neòil adol eadar sinne agus soillsibh na h-iarmailt. An tùs ar beatha, air do neòil an àmhghair an tuiltean a dhórtadh a nuas, tha iad asiubhal air falbh, ’s tha deàlradh grèineteachdnan déigh; ach a nis tha na neòil apilleadh an déigh an uisge; tha sean aois féinna gnà-dhubhachas, agus chaneil nis faide dōchas sam bith ri ath-philleadh aimsir is fearr. Tha luchd-gleidhidh an tighe, na gàirdeana agus na lamhan a ta chum dìon achuirp, ateannadh ri fàs air bhall-chrith; agus tha na daoine laìdir, na guaillibh, far am bheil neart an duinena luidhe, agus a bha aon uair comasach air gach aona chudthrom a ghiùlan, ateannadh ri aomadh agusgan cromadh féin; agus than luchd bleith, na fiaclan, a teannadh ri tuiteam air falbh, agus a sgur a


[232] dheanamh an oibre, chionn gu bheil iad tearc. Tha mar an ceudna an dream a sheallas a mach air na h-uinneagaibh air an dorchachadh, na sùilean, uinneaga sin achuirp, troimhn seall sinn a mach air na h-uile nithibh mar sheallas sinn a mach troimh uinneagaibh tighe, tha iad air fàs dorcha; agus tha esan a tagan gnàthachadh mar neach a sheallas a mach troimh uinneig san oidhche. An sin tha na dorsan air an dùnadh anns na sràidibh; tha uile shlighean nàdurra agus feumail achuirp ionanns air an druideadh suas, agus than cealachadh-beatha adol air ais an uair a tha fuaim na bleith iosal. Gheibh amhuinntir òg agus shlàn cadal gu fallain sùnndach, agus tha e furasda leó bhi ciontach ann an tulles achòir a dhfhois a ghabhail; ach ma chaidleas amhuinntir aosdas ann le duilghiodas, agus tha iad ag éiridh suas aig guth an eòin; ’s leòir glaodh achoilich a thoirt orra bhi ullamh chum an tàmh buaireasach a thréigsinn. Tha nigheanan achiùil air an ìsleachadh; than guth afàilneachadh agus afàs molach ìosal; thachlaisteachd mall; agus air do na tograidhean bhi nis air call am beothalachd, chaneil suim aca do cho’ -sheirm chiùil; agus uime sin tha iad asuidhe ann an dubhachas, len cinn ag aomadh sìos, mar òighean a thugadh air falbh am braighdeannas a ta caitheamh as fuidh dhubhachas. An t-sean Aois, air dhi bhi neo-shùrdail agus neo-chomasach air i féin a chòmhnadh, tha eagal oirre roini àrd; tha eagal oirre streapan àird, a chionn gu bheil in cunnart tuiteam; agus air dhi bhi neo-iomchuidh air son allabain agus cruadail garbh-thuruis, tha na h-uamhasan a ta san t-slighetoirt uaipe a misnich, gun ionnsuidh a thoirt oirre. An sin thachraobh-almoin fuidh bhlàth; tha falt achìnn afàs geal; mar than t-almon luath ateachd fuidh bhlàth ann an cruaidh aimsir agheamhraidh, mum bheil an sneachdagar fàgail, agus tha eadhon an leummach-uaine acìnntinnna eallaich; na casan a bha roimhe aotrom agus lùthor gu leum, amhluidh mar chasaibh amheanbh-chreutair sin, agus dam bàbhaist cudthrom achuirp gu léir a ghiùlan gun spàirn, tha iad a nis afasnan eallaich, agus is gann gur h-urrainn doibh iad féin a ghiùlan; agusnuair tha na ceudfaidhean mar so afàilneachadh, than togradh afàilneachadh maille riu, oir chan urrainnear ni a mhiannachadh, ’nuair nach urrrainnear sòlas a ghabhail ann.

S iad an samhuil sin na droch làithean, a tateachd oirnnnuair tha ar n-òige thairis, agus a ta ag ullachadh na slighe air chionn an uilc dheireannaich agus as do dhuilc ar bàis, nuair than duine atriall da chòmhnuidh bhuan, agus a than luchd-cumhaidh adol mun cuairt sna sràidibhg a chaoidh. An sin than còrd airgid, culaidh-chòmhdaich nan inneala mothachail a tha geal agus adeàlradh mar chòrd airgid, air fhuasgladh agus chaneil e nis fhaide comasach air son a dhreuchd. Tha cuairt-imeachd no ath-philleadh na fala astad aig achridhe, tobar na beatha, —amhuilnuair tha cuinneag, a bhios atarruing uisge, air a


[233] briseadh aig an tobar, nonuair tha an roth-uisgeachaidh adol mun cuairt lechuinneagaibh, a tha e alìonadh agus atraoghadh aig an aon àm, air a bhriseadh aig an t-soitheach-chumail. Amhuil so tha uile ghluasadaibh no beatha asgur aig abhàs; agus than duslach apilleadh chum na talmhainn, gu cìnntinn mar a bha e mun drinneadh an duine dheth; agus tha a spiorad neo-bhàsmhor apilleadh chum Dhé, tobar na neo-bhàsmhorachd, on dthàinig e.

Biodh, uime sin, solus mo thuigse, am feadhs ata miga shealbhachadh, air a ghnàthachadh ann an rannsachadh na fìrinn, agus biodh mo mheadhairna h-ionad-tasgaidh do gach uile eòlas feumail; saoithricheadh mo làmhan an feadhsa mhaireas an spionnadh, agus biodh mo ghuaillibh deas agus foighidneach fuidh gach aon uallach feumail; biodh mìnntinn an còmhnuidhsealltuinn a mach troimh uinneaga mo chuirp, chum léirsinn agus fòghluim, am feadhs ata solus an maille rium. Biodh nigheanan achiùil air an cleachdadh ann an seinn molaidh Dhé, mum bi iad air an ìsleachadh. Biodh miann agus togradh mòige air an toirt suas ann a a bhilorgachadh a mach ceum àrduichte, duilich, agus saoithreachail an dleasannais Chriosduidh. Agus gu ma h-amhuil sin a bhios bliadhnachan mòige air an caitheamh, gu ma h-amhuil a bhios spionnadh mo chuirp agus muile cheudfaidhean air an gnàthachadh, chums air bhi do mcheann liath air fhaotainn ann an slighe an ionracais, gum bi e dhomhna chrùn gloìre; chumsnuair shiùbhlas mi air an imrich bhuan, gum bi iomradh teó-chridheach air a dheanamh orm mar chuimhneachan leósan a thug spéis do ghliocas, agus a rinn roghainn don ni mhath sin nach toirear uapa; agus a chumsnuair a bheir an corp so suas an deò, ’s a bhios e air a choimeasgadh ledhuslach féin, gun teid manam ann an sìth a steach do làthaireachd Dhé, agus gun tionnsgain mi air an t-sonas shiorruidh sin a mhealtuinn a choisinn mo Shlànuighear dhomh, agus air son an robh a Ghràs agus a Spioradgam ullachadh cuairt mo thuruis thalmhaidh.

C. M.

title10
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page