GUTH O MHACTALLA.
Ciod tha dhìth air a’ Ghaeltachd?
THA dhìth air a Ghaeltachd a sligheannan a leasachadh: tha cuid diubh cam a dh’ fheumas an deanamh direach—tha cuid diubh garbh a dh’ fheumas an deanamh réidh—tha cuid diubh fiadhaich a dh’ fheumas an deanamh tìorail. Ciod tha dhìth air a Ghaeltachd? Tha dhìth oirre mosgladh, agus a lùnndachd-inntinn a’ chrathadh dhith: ’sann tha i mar fhamhair ann an trom-lighe; cha’n urrainn dha ’làmhan fhaotainn, —cha’n urrainn
Cuireadh na Gaeil matá, an guaillibh r’a chéile—biodh Leabhar-lann anns gach sgìreachd—thugadh iad suas cuid de’n dannsa ’s de’n cleachdanna gòrach, ’s cladhaicheadh iad airson eòlais gu dùrachdach: chì iad mar is doimhne ’théid iad gur ann is luachmhoire a’ mhèinn, agus is fhusa a h-oibreachadh: Iarr i mar airgiod agus rannsuich air a son mar airson ionmhasan foluichte. “Tha mise, GLIOCAS, a’m chòmhnuidh maille ri crìonnachd, agus a’ faghail amach eòlais air nithibh ìnnleachdach.”
Ciod tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha aontachan fada fhaotainn air am fearann. An saoil thu’m biodh na h-iomairean cho càm, —an saoil thu ’m biodh na tighean cho olc, —an saoil thu ’m biodh na h-urrad ’na mhonadh nam biodh aontaichean fada aig an tuath? Tha na Gaeil ni’s glioca na gu’m bristeadh iad an cridhe a’ deanamh leasachaidh a thogas am màl an ath-bhliadhn’ orra; agus a theid ma dh’ fhaoidte, fhàgail aig an dù’ ghall an treas bliadhna!
Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Thà a h-ògridh ’chumail gun phòsadh gus an urrainn iad bean a bheathachadh. Fada gu’n robh e uamsa ’bhi ’n aghaidh pòsaidh; ach ciud e pòsadh bochd ach bochduinn fhàgail mar oighreachd aig ar sliochd, agus aig sliochd ar sliochd? ’S e so a mhill an tìr chiatach sin, a ta ’cur thairis le ìm ’s le bainne, Eirinn. Tha sàr fhios againn ’nuair a bhuaileas saighead a’ ghaoil neach, gu’m bheil teine air fhadadh sa’ chóm nach ’eil soirbh, —caithidh e ’cholunn sios, agus saoilidh neach nach d’ aithrich riamh roimhe e gur h-e ’n taon leigheas an teine a bhàthadh: ach cha ’n è; bu chòir an teine nèamhaìdh so eiridin, agus ged chaitheas e a’ cholunn àrdaichidh e’n inntinn, bheir e air an duine ’bhi smuaineachail, —dìchiollach, a’ leum thar gach dìg a’s gàra’ -droma gus an ruig e mullach na beinne móire (Parnassus) far am bheil a’ cheòlraidh a’ tàmh!
Cha bu chòir do neach air bith pòsadh gus am bi e ’na urrainn e féin ’s a bhean agus ceathrar chloinne a chumail anns an inbhe anns am bheil e nis.
Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha dhìth air a’ Ghaeltachd a dùnain-innearach a chur air chùl-thaobh a tighean, agus lub-nan-tunnag a chur ni’s faide o’n dorus: s e’n lub so do dh-uisge seasmhach is aobhar do gach galar agus do dh-iomadh bàs.
Cha ’n ’eil neach a leughas a Bhiobull nach faic gu bheil glaine, chan e ’mhàin air a moladh,
O chionn a nis còrr is dá chiad bliadhna bha plàigh uamhasach air feadh bailtibh na h-Eòrpa, —cha mhór nach do ghlan-sguab i leatha gach beò a bha ’n Lunnuinn, gu sònruichte ri linn an dara righ Tearlach, Chì sinn gur h-e’ n t-òtrach a b’ aobhar dha so. “Bha ùrlar nan tighean anns an àm so,” mar tha Erasmus, ag ìnnse’ dhuinn, “de chrè, agus cònnlach, no luachair air a sgaoileadh air a h-uachdar; cha’n fhaca duine riamh a leithid de mhosaiche, —Bainne air a dhòrtadh an so, beòir is geir an sud; le spruidhleach arain agus feòla, —smugaidean tombaca, aolach chon ’us chat, b’ oillteil am boladh!”
Mu thuaiream a nis ceithir fichead bliadhna bha àite ’tha seachd mìle siar air Dùn-éidionn cho mì-fhallain ’s nach robh tuathanach a’ fuireach beò ann, —cha robh Earrach nach robh fiabhrus-critheanach ’ga’n toirt leis. An ceann ùine thug an t-uachdaran orra an talamh a thiormachadh le claisean uisge, na dùnain a chur fada o na tighean, na luban uisge grod a bh’ aig na tighean a dheanamh seasgair tioram, le ùrlair chlàraidh, uaithe so cha chualas riamh iomradh air fiabhrus-critheanach ’san aite.
Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha maighstirean-sgoile math a chur air a feadh agus am pàigheadh ni’s fèarr—daoine a theagaisgeas a’ Ghailig gu fallain, oir ’s i màthair gach Cànain i, agus a rìs a’ Bheurla oir ’s feumail an searbhant i. Nach mòr an t-atharachadh a thug sgoilean Ard-sheanaidh Eaglais na h-Alba cheana air ar dùthaich?
Ciod ’tha dhìth air a’ Ghaeltachd? Tha dhìth air a’ Ghaeltachd an Teachdaire Gaelach a chur an làimh gach mic agus nighin a th’ aice, agus sealladh fhaotainn air “Adhamh agus Eubh.”
MHACTALLA.
title | 11 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |