[235]

TEAGASG OIGRIDH.

ULLUICH do mhac airson teagasg tràthail, agus cleachdinntinn ri briathraibh na firinn. Dean faire thairis air aomadh agus air rùninntinn; cuir ceart e an àmòige; agus na ceadaich do dhroch cleachda sam bith fàs agus neartachadh lebhliadhnaibh. Mar so cinnidh e mar ghallan àluinn air uchd na beinne; agus chithear a cheann ri ùine os ceann uile chraobhan na coille. Tha mac aingidhna chulaidh-mhaslaidh da athair, ach esan a ghiùlaineas e féin gu ceart tha ena urram da cheann


[236] liath. Teagaisg ùmhlachd do dmhac, agus beannaichidh e thu; teagaisg macantas dha, agus cha bhi nàirair; teagaisg dha taingealachd, agus builichear sochairean air; teagaisg seirc dha, agus coisnidh e gràdh; teagaisg dha measarrachd as bithidh aige slàinte; teagaisg dha gliocas agus bithidh àgh agus cinneas air; teagaisg dha ceartas, agus coisnidh so dha meas an t-saoghail; teagaisg dha tréibh-dhireas, agus chan agair a chridhe féin e; teagaisg dha bhi aghartach, agus meudaichidh a mhaoin; teagaisg dha fiùghantachd, agus bithidhinntinn air a h-àrdachadh; teagaisg dha àrd-ealdhain agus fòd, agus bithidh a bheatha feumail; teagaisg dha diadhachd, agus bithidh a bhàs sona.

title12
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page