RANN AIR STAFFA.
Do réir dòigh Oisein.
A sgriobhadh le duin’ -uasal Sasunnach, an digh dha Staffa fhaicinn, ann an Leabhar-Cuimhne chain a bha ’san Tigh-Osd’ aig Caolas Ulbha.
A Bhan-righ gach Eilein san Iar,
Staffa! òigh chùl-ghorm a’ chuain!
Có ’n coigreach a chunnaic thu riamh,
Gun dùsgadh ’na inntinn smuain?
Nam biodh ceangailte ri m’ thaobhsa
Sgiathan na faoilinn bhàin-ghil,
’S trà a thiginn gu d’ shealltainn,
A sheud àluinn nan uisgean—
Co dhiù bhiodh ailbhinn do charraig
Ri gréin le lannair a’ deàrsadh,
No bhiodh an tonn bhàn a’ beucadh
A’n geothadh bearnach a’ mhaoraich—
Nuair bhiodh a’ Bheinn-mhór fo cheò—
No soilleir thar bàrr nam beanntan,
Nuair bhiodh an t-eun-uisge ’gur tuinne
No curaid ri marcachd shìne.
B’ éibhinn an uair a chunnaic
Mi Uamha Curaidh na Féinne;
Bha reul na maidne a’ deàrsadh
’An airde nan speur gu h-òirdheirc,
A’sgeadach le deàlradh boillsgeil
Lūchūirt ard cholbhach a’ chuain.
Ri stéigh bhuail stuadhannan ard,
M’am bàrr bha fàim do chobhar;
An lith bu mhaisiche uaine
Mar chuailean na maighdin-mhara—
Bogha-frois dh’ iadh o’ thràigh gu tràigh
’Na dhrochaid thar bàrr thonn liath-ghorm;
O ruinn Ulbha ma leth-oir,
Gu cladaichean creagach Mhuile.
Gun taoghlam fathast ad chòir
Staffa! òigh chul-ghorm a’ chuain.
Eadar. le MUILEACH.
title | 13 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |