[237]

MOLADH GRAIS.

(Le Seumas MacGriogair, Ministeir an t-Soisgeil ann an America.)

As do mhoineis O manam! grad dhùisg,
Us le dùrachd bi guidheadh gach tràth,
Gu- ’m fosgail an t-Ard-righ do shùil,
Gu bhi faicinn cia dlù dhuit a ghràs.
On tha thu ad pheacach ro thruagh
Air do thruailleadh o dmhullach gu dshàil;
On a thàinort am mallachd le buaidh
Ga dbhualadh gun iochd leis abhàs.

sud am bàs uamhasach searbh,
Naimhdeas garg anns an inntinn ri Dia,
Seachran aigne, ’us coimheachas anm
Ardan cridhe ro anabarrach dhian.
Fuath ro shònruicht don t-Slànuighear chaomh,
Bhios ag aontachadhcheusadh gun dàimh;
Agus tàir air an Spiorad neo-bhaoth,
S air an obair ro chaoin thana làimh.

Tha an t-ascreidimh fuaightriut a ghnà,
S tric a bhrist thu na fàintean gu léir;
Thaobh na thug thu don pheacadh de ghràdh,
Us do Shàtan, ge dian e ad dhéigh:
Do mhi-chùram, ’us taineolas dall,
Do thuigse ro mhall ach san olc;
Do smuaintean tric nùll, ’us a nall,
Gun dad-buannachd ach call a thoirt ort.

Ach O! ’se mo chreach thar gach cùis,
Thu bhi dùr ann ad nàimhdeas do ghràs;
Gedse gràs thagad leigheas gu dlù,
S a gheibh cliù uait am flaitheas gu bràth.
Be sud an gràs iongantach, suairc,
Gràs as cumhachdaichbuaidh agus feart;
Gràs ro shaor, ’us ro phailt, ’us ro bhuan,
Gràs ro uasal dan dual a bhi ceart.

Ciod ach gràs rinn do thaghadh o thùs,
(O manam! grad ùmhlaich thu féin):


[238]

S a ghabh ortsa sàr-bheachd le deadh rùn,
Nuair bu tusa an diù am measg cheud?
Ciod ach gràs thug an Slànuighear nuas,
Greis air chuairt measg nan truaghan a bhos,
A thoirt ùmhlachd, ’s a dhfhulang gu cruaidh,
Chum gum faigheadh tu suaimhneasus fois?

Nach e gràs thug an soisgeul don tìr,
Us a mhìn-ghuth gu dchridhe a steach,
Nuair tha iomadach fine da dhìth,
Us na mìlteanga chluinntinn gun bheachd.
Nuair bha thusaig an leòmhann fomhàig,
S e gun dàil dol gu dreubadh gun truas,
S gun a h-aon teachd le cobhair ad dhàil,
Nach e gràs rinn do thiorcadh san uair?

Bha do pheacannag éiridhnan carn,
Mar na beanntaichibh ard os do cheann;
Iad co lìonmhor ri gaineamh na tràgh
Ri feur-fàsaich, no duilleach nan crann:
Bha iad sud mar na neulaibh dubh, dorch,
Bagradh doininn bhiodh borb ort on speur;
Thainig gràs, thainig ciùineasna lorg,
Dhfhalbh an stoirm, ’s tha fiamh-ghàirair aghréin.

S e a dhfhìreanaich thu o gach lochd,
Bha thu bochd, ’s rinn ed oighrthu air Dia:
Tog do chridhe, na siubhail fo sprochd,
Oir cha nochdare chaoi dhuit ach fial.
On a thug e air flaitheas duit còir,
Cha diùlt e dhuit sòlas do dchrìdh;
Us am feadh bhios tu gabhail an ròid
Ni a Spiorad do sheòladh gu mìn.

Cha sòr e do nàimhdean a chlaoidh;
Us cha mhaoidh e ort costas gu driar;
Cha bhi sgìos airg ad bheannachadh chaoi,
Us cha chuimhnich e lochd rinn thu riamh,
Le bhi creidsinn, ’s acogadh gu dlù,
Le bhig obair, ’s ag ùrnuigh gun sgur,
Le bhi fulang gu faighidneach ciùin,
Bheir an gràs ud gu drùn thu gu tur.


[239]

Oir tha acfhuinn san fhocal gu leòir,
Thoirt do laigse gu treòir, ’us gu neart:
Iomadh gealladh ro phrìseil, ’s ro mhòr,
Iomad àithne ro chòir, ’us ro cheart,
Iomadh cuireadh ro thaitneach, ’us gairm,
Iomadh tairgseadh an nasguidh den t-slàint’,
Iomadh bagradh, ’s ged tha iad ro shearbh,
Tha iad feumail gu dthearbadh o dnàmh.

Ged than seann duine fathasdn ad fheòil
Us en còmhnuidh ationnsgnadh do thruaigh;
Ged a chum e riut cogadh ri dbheò,
S e their gràs riut, Is leòir mi gu buaidh.[2d Cor. xii. 9.]
Ged tha thusa gun spionnadh, gun treòir,
Agus deuchainnean mòr ort mun cuairt,
Agus teagalg ràdh, Caillidh tun deò,
S e their gràs riut, Is leòir mi gu buaidh.

Ged tha romhad tròm obair, ’s cruaidh spàirn,
Us do chomas neo-bhràideach san uair,
Na h-ob dolnan coinneamh gun sgàth,
Oir their gràs riut, Is leòir mi gu buaidh.
S ged nach feudar leat teicheadh on bhàs,
Ach gun càirear do chorp anns an uaigh;
Na gabh fiamh, creid an gealladh gu slàn
A thug gràs duit, Is leòir mi gu buaidh.

Nuair a thig la abhreitheanais mhòir,
S a theid ordugh aBhreitheimh am fad,
A dhùsgadhs a thional an t-slòigh,
Chums gun seas iad am mòd ud gu grad:
Theid na h-aingidh a dhìteadh gu bàs,
Bidh an sìorruidheachd cràiteach gu leòir;
Theid na h-ionracain dachaidh gu bràth,
S cuiridh gràs thunan cuideachd chum glòir.

Cha bhi duine sachuideachd gu léir,
Nach bi gleus air amoladh a ghràis
Bithidh Abrahamus Maois ann le chéil’,
Agus Daibhidh nan teudus nan dàn.


[240]

Bidh Manasehnam meadhon mar sheòd,
Agus Daniel, ’se Ioseph an àigh,
Bidh seann Simeon, Peadar, ’us Pòl
Muire Maidilein, ’s Eòin, fear mo ghràidh.

Bidh am meairleach fhuair gràs air achrann,
Na ghaisgeach nach fann air an treud:
Bithidh mìltean gun àireamh dhiubh ann,
Agus moladh nach gann acnam beul;
Air an Athair, a shònruich dhoibh buaidh,
Air aMhac chaidh sachruadal gu sèimh,
S air an Spiorad a threòruich iad suas,
Gu comunn nan Uaislean air nèamh.

title14
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page