AN GAIDHEAL, AGUS NA H-INNSEANAICH.
ANNS a’ bhliadhna 1747, thug na Sasunnaich ionnsuidh air bailteachas nan Spàindeach aig St. Augustine a ghlacadh, ach b’ éigin doibh an t-séisd a thréigsinn. Chaidh cuideachd do Ghàidheil Albannach, a thug oidhirp air an ratreut a chòmhdach, a ruagadh agus a ghearradh ’nam bloighdibh. Chaomhain na h-Innseanaich, a chog fo bhrataichean na Spàind, aon saighdear a chum a’ bhàis chianail, fhadalaich do’n gnàth leis na daoine fiadhaich sin an cuid prìosanach a chur. ’Nuair a mhothuich an duine so do dh’ innealaibh na dòruinn eagallaich a bha feitheamh air, tha e air aithris gun do labhair e ris na h-Innseanaich fhuileachdach anns na briathraibh a leanas.
“A Ghaisgeacha agus a chinn fheadhna an t-saoghail-ùir, cha bu sibhse na naimhdean a bha mhiann orm a choinneachadh: gidheadh thug sibh buaidh. Cleachdaibh a’ bhuaidh sin mar is àill leibh. ’Se dàn tubaisteach a’ chògaidh a thilg ’nur lamhaibh mi, agus cha ’neil mi a’ cur an aghaidh bhur dlighe. Ach o’n is gnàth le m’ luchd-dùthcha duais a thairgsinn airson am beatha, guidheam oirbh, éisdibh ri tairgse nach bu chòir a bhi air a diùltadh.
“Biodh fios agaibh uime sin, O! Americanacha gaisgeil, gu bheil anns an dùthaich san d’ rugadh mise dream àraid air am bheil feartan neo-chumanta air am buileachadh. ’Nuair a ghabh mise an tùs am shaighdear, chàirich aon diu so, a bha ’n dlú-dhàimh dhomh, sian orm a bheireadh mi gun bheud as gach gàbhadh. Chunnaic sibh mar a sheachain mi gach geur-ghath a thilg sibh orm: As eugmhais an t-sian so an robh e comasach dhomh teachd bho gach cruaidh-bhuille a chuimsich ’n am aghaidh? Tha mi ’togail na cùis ribh féin. An d’iarr mi aona chuid fois no teicheadh bho chunnart? Cha ’n e mo bheatha a ta mi an dràsda cho
Dh’éisd na h-Innseanaich le fìor aire, ri briathraibh a bha araon a co-fhreagairt ri ’n intinnibh cruadalach féin, agus ri ’n gnàth-thogradh gu nithibh miorbhuileach fhaicinn. An déigh beagan smuainteachaidh dh’ fhuasgail iad aon do lamhaibh a’ phrìosanaich. An sin dh’ àithn an Gàidheal a chlaidheamh-mór a thabhairt do’n ghaisgeach bu sgairteile a bha sa’ chuideachd, agus air dhà a mhuineal a rùsgadh agus a shuathadh le comharrainean buidseachail, agus focal no dhà a mhonabanaich, ghlaodh a mach le guth àrd agus le fiamh ghàire “Feuchaibh a nis Innseanachaibh glice dearbh fhianuis air m’ fhirinteachd. Thusa a churaidh aig am bheil inneal a’ bhàis ’na d’ dhorn buail le d’ uile neart: cha ’ne amhàin gu bheil thu eu-comasach air mo cheann a sgaradh bho m’ chorp, ach eadhon deargadh air mo chraicionn!”
Mun gann a labhair e na briathraibh so tharruing an t-Innseanach buille eagallach a thug air ceann an t-saighdeir leum fichead slat air astar! Sheas na daoine fiadhaich làn iongantais! Spleuchd iad air a’ charcais fhuiltich, an sin air càch a chéile mar gu’m beadh, an diùmb riutha féin airson am faoineachd. Gidheadh dh’ àrd-mhol iad an ìnnleachd a chleachd an coigreach gu giorrachadh a bhàis agus gu seachnadh nam piantaibh dóruinneach a bha air an ullachadh f’a chomhair agus dh’ adhlaic iad a chorp le àrd onairean an dùthcha.
Ead. Domhnull bàn Saighdear.
Taobh Lochiall, 1836.
title | 15 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |