PRIONNSA TEARLACH A’ DEALACHADH RI FLORAIDH DHOMHNULLACH.
Air Fonn—“The Exile of Erin.”
DH’IONNSUIDH cladach a’ chuain ri fuar-ghaoth an anmoich
Thainig Tearlach gun deàlradh air allaban ’s e sgìth;
Cha robh reult air a bhroilleach no freiceadan a’ falbh leis,
Ach ainnir nan gorm-shul neo-chearbach le lì;
Mar dhaoimean san oidhche bha ’mhaighdeann fo thùrsadh,
’S i cràiteach thaobh Theàrlaich bhi fàgail a’ dhùthcha,
Bu tróm air a h-osna ’s bu ghoirt deòir a sùilean,
’Nuair chunnaic i ’n iùbhrach a’ dlùthadh ri tìr.
Bha ’ghealach a snàmhadh thar àirde nan stùc-bheann,
’S a gathannan siùbhlach air dlùth-thonna ’leum;
Ach ghrad thug i ’n aire ’s mar bhean air a ciùrradh,
Chuir sgàil air a gnùis-ghil de thiugh-neòil nan speur;
A’s dh’ fhalaich na reulta iad féin anns a’ ghorm-bhrat,—
Bha osna na gaoithe ’trom-chaoidh na bha falbh lea’—
’S b’e gearan a’ chuain an ām bualadh ri garbh-chraig,—
“Mo léir-chreach! an Albainn ’s ann mharbhadh na tréin!”
Sheas Flòraidh a’s Teàrlach air tràghad nam faochag,
’S bu reub-chridheach aog-neulach ’n aogas le cràdh
Cha robh focal o ’m bilibh ach sileadh gun fhaochadh,
’S iad aodann ri h-aodann air glaothadh le gràdh:
Ach thàinig a’ bhìrlinn;— ’si ’n rìbhinn a thòisich,
La brist-ghuthan anamhunn air seanachas gu dònach,
Mar chlàrsach ’s a teudan gun ghleusadh gun òrdugh,
Bha reult nam ban òga fo dhòlum ’s fo spàirn.
“A Thearlaich mhic Sheumais ’ic Sheumais nam cùirtean,
Mo leònadh! do chrūn ’bhi air ùmpaidh gun euchd;
Mo leònadh! na treun-laoich cha ’n éirich ’s cha dùisg iad
A trom-chadal dùint-shùileach ùdlaidh an éig!
Cha ghlac iad an lann anns a’ champ ri uchd nàmhaid—
Cha sgap iad fir Shasunn mar asbhuain ’sna blàraibh—
Cha’n fhaic iad do bhratach ’s cha ghlac iad air làimh thu—
Ni sàile ’s am bàs ’ur fad-fhàgail o chéil’!
“A Thearlaich mhic Sheumais ma dh’ fheumas tu triall uainn’
Gu’n coimhead mac Dhia thu bho fhiacla nan daoi!
Gu’n stiùr e an iùbhrach air dlùth-thonna liath-ghlas,
Gu réidh-shligheach, dian-shiubhlach fior-luath gu tìr!
Gu ’m boillsg anns an oidhch’ ort na soillsearan nèamhaidh,
Gu h-iùlmhor ’ga d’ ghiùlan do dhùthaich ’s nach fheum thu,
Bhi ’na d’ fhògarach brònach fo chòmhdach mar reubal
Aig allmharraich éitidh neo-spéiseil ’nan crìdh’. —”
“O Albainn! tha ’n t-àm aig do cheann-sa ’bhi dórtadh
’S do Phrionns’ uait air fhògradh ’s do laochraidh san uaigh!
Biodh crònan do phìoban a’ sìor-dhiùltadh ceòil duit,
’S do chlàrsairean rò-mhilis dòineach gach uair:
Biodh cruitearan sgiathach nam fion-chranna sàmhach,—
Cha dóirt iad an ceileir am broilleach mo Theàrlaich—
Cha dùisg iad na treun-laoich a dh’eug anns an àrfhaich’—
’S cha mhosguil am Bàs dhoibh air àirdead am fuaim!”
Ach stad i,— ’s le ròs-bhilibh phòg e a’ mhaighdeann,
A’ siabadh gu caoimhneil nan deura o ’sùil:—
“Glac sòlas a ’Fhlòraidh tha òganaich Fhrangach
A dh’éireas neo-ghann leam a bhuannachd mo chrùin;
’S tha lasgairean anaghlonnach ’n Albainn a dhùisgeas,
Le ’n trusganan balla-bhreac ’san armaibh math dùbailt,
Theid cath-thromp nan garbh-chrioch le borb-sgread ’s a bhùirich,
’S bi ’dh trupairean crùbach gun lùghs anns gach cùil.”
Dh’fhàg e i ’caoineadh ’na h-aonar air tràghaid,
A’s sheòl e sa’ bhàt’ uaip a’ fàsgadh nan dòrn;
Bha ’cliabh air a lìonadh le h-iarguin los sgàineadh,
’S i airtneulach ànrach guu mhànran gun cheòl;
Laidh braona na h-oidhch’ air a’ mhaghdinn ghlain àluinn—
Bha ’h-inntinn gu luaineach air chuan mar-ri Teàrlach—
Cha ’n fhac i e tuille chum na buillean a phàighaidh—
Ach mheudaich a gràdh dha gach là bha i beò.
D. B. M‘L.
Bun Lochabar, An IXmh. Mios, 1836.
title | 16 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |