MU CHUIRT DHIOMHAIR, NO CUIRT-PHEANAIS NAM PÀPANACH.
’SE barail gach uile Chriosduidh nach ’eil ann ach an aon eaglais fhìor— “aon Tighearna—aona chreidimh—aona bhaisteadh,” mar a tha ’n t-abstol ag ràdhain; agus bu chòir gu’m b’e sìor dhùrachd gach neach gu’m bitheadh e ’na bhall de’n eaglais so; oir mur ’eil e mar so, mur ’eil e ’na bhall de’n fhìor eaglais—de chorp Chriosd, cha ’n eil e comasach dha slàinte shiorruidh a shealbhachadh. Ach bu chòir dhuinn a bhi ro fhaicilleach ann am breith a thoirt mu staid aon d’ar co’chreutairean a thaobh an ni so. Is ann aig an Dia uile-léirsinneach amhàin a tha dearbh fhios air có iad a shluagh. Deanamaid ar gairm agus ar taghadh féin cinnteach ma ’s urrainn sinn so a dheanamh, ach ma chì sinn aon d’ar bràthairean de’n chinne dhaonna a tha cosmhuil ri bhi ’na choigreach do Chriosd, ’an àite fuath thoirt da no peanas a dheanamh air, ’s e ar dleasnas gu cinnteach gach meadhon a ghnàthachadh d’a thaobh a bhios chum eòlas na fìrinn a thoirt da.
A nis so ni anns an do nochd daoine gu bitheanta móran dànadais—anns an do chiontaich iad gu mór. Is minig a tha ’n duine aineolach agus dall mar a ta e ’gabhail d’a ionnsuidh féin uile-léirsinneachd an Tighearna, agus a’ toirt barail air staid cridhe a cho’ chreutair—is minic a tha e a’ suidhe ann an cathair-bhreitheanais an Tighearna agus a’ deanamh dìoghaltais orra-san a tha, mar a ta esan a’ meas, a’ tighin gearr ’nan dleasnas do Dhia—di-chuimhneach air a’ cheist, Co thusa tha toirt breith air seirbhiseach neach eile? d’a mhaighstir féin tuiteadh no seasadh e.
Tha iomad dearbhadh againn ann an eachdraidh an t-saoghail air an olc agus air an truaighe a
Is minic a chaidh fuil nan naomh, fuil na muinntir sin a bha air an teagasg leis an Spiorad agus a bha ’gleidheadh àitheantan an t-Slànuigheir, a dhórtadh tre na baraile an-dana mhearachdach so; ach ’s ann mu’n bhliadna 1229 (o chionn 600 bliadhna,) a thaom am Pàp a mach doimhneachd a nàimhdeis an aghaidh nan naomh, agus a chleachd e gach ìnnleachd gus an glan sguabadh as.
Mu’n àm so chuireadh air chois ann an Toulouse san Fhraing, Cùirt ris an abrar gu dligheach anns an Fhoclair a chuireadh a mach le Comunn Gaelach na h-Alba “Cùirt-pheanais dhiabhluidh nam Pàpanach.” B’e b’ obair do’n chùirt so rannsachadh a dheanamh an déigh eiriceach no luchd saobh-chreidimh, ’se sin muinntir nach tugadh anns gach uile phuinc an ùmhlachd bu dìblidh ’s bu tràilleala do dh-eaglais na Ròimhe—muinntir aig am biodh de dhànadas focal Dé a leughadh air an son féìn, no barail sam bith a ghabhail mu nithibh spioradail ach mar a bha e air orduchadh dhoibh leis a’ Phàp. Bha lān chumhachd air a thoirt do’n chùirt so thar an dà chuid maoin agus beatha gach neach air an togradh iad làmh a dheanamh, agus rinn iad buil eagallach de’n chumhachd so. De na thugadh riamh air am beulaobh is ro ainmic iad a thill a dh’innseadh sgeòil—oir bha ’n gnàthachadh tuille ’s ogluidh gu bhi air a sgaoileadh am measg an t-sluaigh. Bha iad féin cho fiosrach uime so ’s gu’n robh iad ro chùramach mu gach nì a bhuineadh dhoibh a ghleidheil uaigneach. ’S ann an dorchadas na h-oidhche am bitheantas a bha an seirbhisich a’dol feadh na dùthcha agus a’ glacadh am priosanach, agus a bhàrr air so bha iad uile air an còmhduchadh thairis le brat-sgàile tiugh air dhòigh ’s nach b’urrainnear an aithneachadh—uaithe so theirte Cùirt dhìomhair rithe.
’S daoine ris an abairte Waldenses (o Pheadar Waldo, duine bha urramaichte am measg an luchd-teagaisg,) a bha chòmhnuidh ann an taobh an ear-dheas de’n Fhraing, na ceud daoine a dh’fhuiling fo’n cumhachd. Cha ’n eil eachdraidh ro shoilleir againn mu na daoine so, ach ’se barail an luchd eachdraidh a’s fiosraiche gu’n do ghléidh iad an creidimh fallain neo-thruaillte eadhon o linn nan abstol; agus tha fios cinnteach againn gu’n robh eòlas ceart aca air na teagasgan a’s cudthromaiche, aig a ’ chuid a’s lugha co fad’ air ais ris a’ bhliadhna 900. Fhuair iad cead mairsinn ann an sìth am measg
Chaidh iad so a mach an ainm Chriosd.! Fhuair iad daoine bha toirt mór onoir agus ùmhlachd dha, a bha ’ga mheas-san mar an t-aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus duine mar aona cheann agus rìgh na h-eaglais; gidheadh a chionn gu’n robh na Waldenses a’ deanamh mar so, chaidh a’ gheur-leanmhuinn bu chruaidhe a dheanamh orra. Bha cuid diubh is duilich leam a ràdhainn, a ghéill do chumhachd na Ròimhe agus a ghabh ri uile mhearachdaibh na Pàpanachd; ach bha mòran diu a sheas daingeann anns a’ chreidimh a réir àithn’ an t-Slànuigheir, “Bi thusa fìrinneach gus am bàs,” agus a’ sealltainn ris a’ ghealladh a leanas “bheir mise dhuit crùn na beatha.” Orra so bhrùchdadh uile naimhdeas ana-criosd. Chaidh an ruagadh am measg choilltean agus uamhachan am beannta féin mar bheathaichean fiadhaich an fhàsaich; chaidh a bhacadh do gach neach biadh no deoch no fasgadh a thoirt doibh, còmhnadh air bith a dheanamh leo no conaltradh a ghleidheadh riutha, agus an uair a chaidh an glacadh chaidh an dìoghaltas a b’ uamhasaiche agus bu sgreamhala ’dheanamh orra, gidheadh am measg an uile theinntean fhuair iad coimhlionadh nan geallaidhnean beannaichte sin a tha ’n Tighearn a’ toirt d’a shluagh anns gach linn, gu’n dean e a ghràs anns gach àm foghainteach air an son, gu’m fosgail e dhoibh dorus gu dol as o gach buaireadh. “An uair a shiùbhlas tu troimh na h-uisgeachaibh, bithidh mise maìlle riut; agus troimh na h-aimhnichibh, cha tig iad tharad; an uair a dh’ imicheas tu troimh an teine cha loisgear thu, agus cha dean an lasair greim ort; oir is mise an Tighearna do Dhia, Ti naomh Israeil, t’ fhear-saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad éiric; Etiopia agus Seba air do shon.”
Bha iad mar a bha na martirich aig gach àm air an neartachadh gu mòr, agus anns na lasraichean ghlòraich iad an Tighearna le fulang gu foighidneach eadhon gu sòlasach air sgàth ’ainme-san.
Chaidh móran de na Waldenses a chur gu bàs mu’n àm so (1229) agus ged nach b’urrainnear an glan sgrios thaitinn an tanachadh a fhuair iad co math ris a’ Phàp ’s gu’n do chuir e suas cùirtean-rannsachaidh ann an ioma cearn eile de’n Fhraing, a’ toirt tuille agus tuille cumhachd dhoibh, agus cha d’ fhuaras a bheag riamh dhiu a leig an cumhachd air chall. Tha e duilich a’ chreidsinn gu’m biodh neach air bith aig an robh a’ chompairt bu lugha de nàdur na daonnachd co cruaidh chridheach. co eucorach, co uamhasach fhuilteach an-iochdmhor ’s a bha na Pàpanaich anns an linn so; gidheadh tha mìle deardhadh againn air a’ chùis, agus feumaidh sinn sealltainn airson fuasgladh do’n cheist, ciamar a b’ urrainn e bhi mar so? anns
Nan cluinneadh iad so gu’n robh duine sam bith a’ leughadh a’ Bhiobuill—gu’n robh e ’dearmad aoradh a dheanamh do na naoimh, no urram a thoirt do’n Phàp—nan cluinneadh iad casaid ’na aghaidh bho aon d’ a choimhearsnaich—no nan gabhadh iad féin gamhlas da—gun tuille dearbhaidh air a chionta fhaotainn no iarraidh, bheirteadh air druim mheadhon-oidhche air falbh as a leabaidh e—chàirichteadh e ann am prìosan fuar dorcha—theagamh ann an cùil co cumhann ’s nach b’ urrainn e aona chuid seasamh no luidhe innte—Bha e air a thoirt a mach o latha gu latha g’a cheasnachadh leis na breitheamhnan—Bha gu bitheant’ e air a pheanasachadh gu goirt air dòigh ùr gach latha re ùine, agus fa dheireadh air a chur gu bàs, theagamh le ròsdadh gu h-athaiseach os ceann teine—theagamh le a chnàmhan a phronnadh ’nan spealgan—no le a cholunn a shrachdadh as a chéile ’na mìrean.
Ann an ùine ghoirid chuireadh na cùirtean so air bonn anns a’ chuid bu mhò de rioghachdan na Roinn-Eòrpa, agus bha iad ’nan seirbhisich dhìleas do Shàtan anns gach àite san robh iad. Is ann san Spàind far am bheil fuigheall ùghdarais aca eadhon gus an latha ’n diugh, bu mhò a rinn iad a dh-olc—ach gu cùnntas ni’s mìne thoirt orra feumaidh sinn stad gus an teid an ath àireamh de’n Teachdair a mach. Anns an àm, chomh-dhùineamaid le bhi ag iarraidh air ar leughadairean cliù agus moladh a thoirt do’n Tighearn airson an crannchur-san a thilgeadh ann an dùthaich far am faod iad suidhe gach fear fo a chrann fìonain agus fìge féin gun neach a chur eagail air—far a’ bheil focal na fìrinn fosgailte do gach aon—agus ni h-e so amhàin ach air a mhìneachadh dhoibh ’s air a sparradh orra Sàbaid an déigh Sàbaid le ministeirean Soisgeil na slàinte.
title | 2 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |