AM FIADH-BHEATHACH.
Tha ’n dà chuid, dealbh agus cuilbhairteachd a’ bheathaich ghuineidich tha ’nar beachd fillte san ainm, ach air a thuigsinn nas soilleire le muinntir a dh’ fhoghlum gliocas o lìonmhorachd nam baiteal anns an d’ fhuair iad buaidh air, gidheadh anabarach duaichni neo-fhaicinneach do’n t-sùil choitchionn. ’Se ’ionad còmhnuidh tìoralachd a’ bhaile-mhóir co math ri coillteichean uaigneach tìr nam fraoch-bheann, agus dubhar na h-oidhche aimsir a thuruis anns am bheil na mìltean dhiùbhsan tha ’g imeachd neo-chùramach san dorcha air an lot gu bàs, cha ’neil linn no eachdraidh no cearn do’n t-saoghal anns nach ’eil iomradh air; dh’ arduich se e féin thar uile ainmhidhean na machrach, agus iadsan nach dean ùmhlachd dha gearraidh e as a threud, thruaill e tobraichean an uisge—shearg anail a bheòil toradh an fhearainn, agus ’na sgiathan tha gort agus plàidhean bàsmhor leis na mhilleadh mòran slòigh, dh’ atharraich e riaghailtean na rìoghachd—armailtean shaltair e fo ’chasan, dh’ fhògair e an rìgh agus shuidh e féin air an righ-chathair,[2 Tes. 2. 4.] ach so uile labhradh mu ’thimchioll leósan d’an d’ fhoillsicheadh a chealgaireachd. Anns an 18 mh rann do’n 13 caib. do leabhar an Taisbean. tha e mar so sgrìobhte. “An so tha gliocas, an tì aig am bheil tuigse àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich; oir is àireamh duine e; agus is e ’àireamh, sè ceud agus tri fichead agus sè.” Theagamh nach d’ thug thusa, a leughadair, riamh fainear gu’n do choimhlionadh an rùn-diomhair so, nuair a ghabh cinn Eaglais na Ròimhe dhoibh féin ard-inbheachd agus uachdaranachd os ceann rìghribh na talmhainn, mar an ceudna ainmean iasaid neo-cheadaichte do dhaoine; B’e h-aon diu “VICARIUS FILII DEI.” aon eile “PAULO V. VICE DEO.” litrichean a ni ceart àireamh an fhiadh-bheathaich ’se sin sè ceud agus tri fichead agus sè,
V 5
I 1
C 100
A —
R —
I 1
U 5
S —
F —
I 1
L 50
I 1
I 1
D 500
E —
I 1
——
666
——
P —
A —
V 5
L 50
O —
V 5
V 5
I 1
C 100
E —
D 500
E —
O —
——
666
——
D. S. —Thugaibh fios duinn am bi e’n aghaidh riaghailtean an Teachdaire cuid do theagasgan Eaglais na Ròimhe, air an coimh-
IAIN NOX.
GLEANN-NIBHEIS, 1836.
title | 20 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |