MU’N GHREIN.
THA a’ Ghrian do’n t-saoghal nàdurra, mar a ta spiorad na beatha do mhac an duine. ’Se a teas a ta toirt fàs do luibhibh na macharach; agus an uair a sgaoileas i caomhalachd na glòir-mhaidne mu’n cuairt di, bithidh gach creutair sunndach le a làthaireachd, —suilbhir agus aidhearach le a tiodhlacaibh. Le a teas éiridh mìltean de chuileagaibh sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eòin o’n cadal, agus dóirtidh iad a mach an ceileirean ceòlmhor ann an co-sheirm chiùil ’nuair a mhothaicheas iad a blàthas. Le mèilich bheir na treuda buidheachas air son teachd na maidne ciùine, agus innsidh am buar le’n àrd-gheumnaich an taingealachd. Aithrisidh na gleanntan an ceòl ceudna, agus freagraidh na cnuic do’n fhonn. Bheir teas na Gréine air gach luibh tha air aghaidh na talmhainn fàs gu h-ùrar agus gorm; —còmhdaichidh e na craobhan le duilleach—a’ mhachair le arbhar agus meas, —na sléibhtean le buar agus treudaibh, agus cridhe an duine le gairdeachas agus taingealachd.
A réir cunntais nam feallsanach no nan daoine foghluimte, tha a’ Ghrian deich ceud mìle uair ni’s mò na an talamh, agus ceithir fichead agus cóig muilliona deug do mhìltibh air astar uaith. ’Nuair tha a’ Ghrian fada gu deas tha an latha goirid, agus an aimsir fuar againn san eilean so; ach an uair tha i’ pilltinn gu tuath tha ’n là a’ fàs fada, agus tha blàthas an t-samhraidh ag ath-ùrachadh gach luibh mhaoth a shearg, agus gach craobh a lom gaoth reòta a’ gheamhraidh. Smuaintichidh sluagh neo-fhoghluimte gu bheil a’ ghrian ag éiridh san aird-an-ear agus a’ dol fodha san àird-an-iar, do bhrìgh nach ’eil iad a’ tuigsinn gu bheil an talamh a’ tionndadh mu’n cuairt, no a’ cur car dheth aon uair ’sna ceithir uaire fichead; agus le so a’ nochdadh na gréine do shùilean an duine mar gu’m biodh i ag éiridh san àird an iar gach uair a ta an talamh a’ cur car dheth air an dòigh so.
Tha cuid do na reultaibh tha ’sgeadachadh aghaidh nèimh le sgèimh ghrinn, mòran ni’s mò na an saoghal so, agus tha daoine foghluimte am barail gu bheil iad uile air an àiteachadh le creutairibh tuigseach cosmhuil ruinn féin. Comharaichidh am feallsanach le inneil-seallaidh beanntan agus uisgeachan air aghaidh na gréine agus na gealaiche—chì e air uairibh cuid de na h-àrd-bheanntaibh a’ brùchdadh amach teine agus luaithre amhuil a ni beinn Etna ann an Sisili; agus cha’n’ eil e eu-cosmhuìl
Tha oibre Dhé ro-lionmhor agus iongantach. Cha’n urrainn do chreutair cruthaichte an tuigsinn no an àireamh. Tha an cunntas os ceann gach ni air an urrainn da smuainteachadh, agus tha an gliocas a dhealbh, agus an cumhachd a ta ’gan cumail suas, an-àrd os ceann eòlas chloinn nan daoine. ’Nuair a dh’ -amhairc Daibhidh air oibribh iongantach agus glòrmhor an Tighearna, thubhairt e, “Cuiridh na nèamha an céill glòir Dhé, agus nochdaidh na speura gniomh a làmh. Tha là a’ deanamh sgéil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais a dh’ oidhche. Cha’n’ eil cainnt, cha’n’ eil briathra anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a mach, agus am focail gu iomall an domhain. Do’n ghréin chuir e pàilliun annta; agus tha i mar fhear nuadh-pòsda a’ teachd a mach á ’sheòmar: ni i gairdeachas mar ghaisgeach a’ ruith a shlighe. Tha a dol a mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig an crìochaibh; agus cha’n’ eil ni air bith a dh’ fholaichear o a teas.”
title | 21 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |