[247]

LUACHA-PEIGHINN.

Bha bean chòir ann an siorramachd Pheairt a bha air a sàrachadh leis an déideadh agusnuair a dhfhairtlich oirre fulang na bfhaide chaidh i do bhùth lighiche a tharruing na fiacal. Chaidh an lighiche gu seòlta, grìnn mu thimchioll, agus mun gann a dhfhairich i e bhan fhiacaill aisde. “Cha chuir an sin tuille dragh ortarsan lighiche. “ ’S math sinarsise“ ’ne sin na tha thu dol a dheanamh?” “ ’arsesan. “Ciod a bheir mi dhuit airson so?” arsise. “Sgillinn Shasunnacharsan lighiche. “Sgillin Shasunnach!” arsise le feirg anabharrach, “theid min urras gur saor a choisinn thu i. An fhiacaill mu dheireadh a thainig asamsasen gobhainn, an duine còir a tharruing i, agus shlaod e mi san dearg sgreadail ceithir uairean tarsuinn na ceardach mun dfhuair e a spìonadh asam, agus an déigh sin uile cha do thog e ach sgillean.”

title22
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page