[247]

DEAS FHREAGRADH.

Thainig fòghlumaiche òg féin-spéiseil dachaidh o aon de na colaisdean Sasunnach a dhamharc a chairdean. Air an ath latha an déigh dha tighin bha chirc air abhord aig àm dinnearach. Bhaathair afèoraich gach naigheachd dheth agus m fad a bha e air aghaidh ann an sgoilearachd. “Nach eil an sin,” arsan t-òganach, “ chirc?” “Thà gun teagamh,” arsan seann duine. “Cuiridh mi geall matàarsam fear òg, “gun toir mise oirbh a chreidsinn le deas-chainnt deasboireachd agus cùnntas, gu bheil trì cearcan ann.” “Tha eagal orm nach bi sin ro fhurasda dhuitarsan seann duine, “ach feuch ris.” “Tha sibh afaicinn an soarsan t-òganach, “a h-aon, sin a dhà; chan urrainn sibh àicheadh nach dean a h-aon agus a dhà trì.” “Tha coltach nach urrainnarsan seann laoch aig nach robh idir moran ionnsuchaidh, “ ’s anabharrach tapaidh a fhuaradh tu gu dearbh, agus is math buileachadh na chosd mi riut. Tha nise cearc an t-aon againn. Bidh uime sin acheud aig do mhàthair, gabhaidh misen dara , agus bidh an treas agad féin airson do sgoilearachd.”

title23
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page