Bha aon de rìghribh Shasunn air fharranachadh le droch caithe-beatha aon d’a mhor-fhearaibh, agus air dhà bhi aon latha ’ga sgràilleadh gu h-anabharrach thuirt e ris, “A réir na tha mi a’ cluinntinn agus a’ faicinn, tha mi fiosrach gur tù duine ’s coirbte ’s a’s miosa san rioghachd.” “Am measg nan iochdaran, le cead ’ur mòrachd” ars’ am fear eile “tha mi a’ creidsinn gu dearbh gur mi duine ’s miosa.”
title | 24 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |