D’AR CAIRDEAN.
Tha ioma ni a bha shannt oirnn a chur san àreamh so, agus cuid a gheall sinn, is éiginn duinn a leigeil seachad gus an ath Theachdaire.
Theireamaid ri “Iain Nox” gu’m bi sinn toilichte fiosrachadh air bith fhaotainn uaithe mu dhéibhinn a’ chreidimh Phàpanaich, ach bu mhath leinn gu’n tigeadh gach ni a bhuineas do chreidimh tre lamhan na cléire. Chì e gu bheil anns an àireamh so sinn air tòiseachadh air soilleireachadh a thoirt d’ar luchd-dùthcha m’a dhéibhinn. Tha iomadh duine sgairteil fiosrach ann an gnothuichean eile, a tha tur-aineolach mu’n chreidimh Phàpanach, agus ma smuainticheas sinn air an dòigh dhìomhair anns am bheil na sagartan ’ga ghleidheadh, cha chuir so moran iongantais oirnn; gidheadh, a réir ar beachd-ne, ’s dona thig e do dhuine sam bith anns an rìoghachd so far a’ bheil a liuthad cothrom air fiosrachadh cinnteach, a bhi aineolach no suarach mu chùis cho cudthromach. Na smaointicheadh duine sam bith gu bheil gamhlas againne do na Pàpanaich. Cha ’n eil idir. Tha fios againn gur a h-iomadh duine fiachail foghainteach a tha ’nam measg. ’S ann amhàin mu phuinc a’ chreidimh sin a labhras sinn agus cha ’n ann mu’n luchd-aidmheil.
Anns an ath Theachdaire bheir sinn tuille fiosrachaidh mu America. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil mòran ag ullachadh chum falbh, agus bu deònach leinn gach fiosrachadh feumail a b’ urrainn duinn a chur ’nan caramh. Tha so air mhodh sònruichte ’nar comas a thaobh moran chairdean a bhi againn ann, agus iomadh litir thuigseach uapasan agus o luchd-eòlais eile.
title | 27 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |