Litir Phubliuis Lentuluis, Uachdaran a bha ’n Iudea, ann an làithibh Thiberius Chésair, chum Seanadh na Ròimhe, mu thimchioll
IOSA CRIOSD.
“THARLADH gu bheil anns na làithibh so, Duine a ta beò fathast ’n ar measg, da’n ainm Iosa Criosd, mór-chumhachdach ann an subhailcibh mìorbhuileach. Tha na cinnich a’ creidsinn ann, mar fhàidh fìrinneach, no Slànuighear: ach tha a dheisciobuil féin ag ràdh, gur h-è Mac Dhé.
“Tha e ’dùsgadh nam marbh as an uaighibh, agus a’ leigheas gach gnè thinneis. A thaobh meudachd a phearsa, tha àirde mhath ann, agus tha e fìor eireachdail; maille ri òirdheirceas urramach ’na làthaireachd, ionnas gu’n toir an neach a sheallas air gràdh dha maille ri eagal. Tha ’fholt air dhath nan cnù làn abuich, ’na chleachdaibh sìos m’a chluasaibh; ach beagan
“Duine gun choimeas ann an àilleachd, a’ toirt barrachd ann am maise air cloinn nan daoine.”
PUBLIUS LENTULUS.
title | 3 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |