[222]

EARAIL DO SHAIGDEARABH AGUS DO SHEOLADAIREAN.

A Ghaisgich air Muir agus air Tir-mòr!

’Sann ribhse, fo Dhia, a tha ar n-earbsa ri tèaruinteachd. Is sibhse luchd-dìon ar Dùthcha, agus tha a taingealachd dligheach dhuibh.

Am feadh a tha mi alabhairt ribh le meas agus tlachd, ceadaichibh dhomh ur n-earalachadh gu saor soilleir, —Is gnà le daoinibh foghainteach an fhirinn a ghràdhachadh: agus cha toir sibh beum do charaid a labhras ribh i.

Ceadaichibh dhomh, mata, ìnnseadh dhuibh gu soilleir, am feadh a tha sinn taingeil airson ur cruadail, gu bheil eagal oirnn as ar mi-naomhachd. Nach brònach an gnothuch, am feadh a tha sibh acogadh gu duineil airson ur Righ, ur Dùthcha, ur Creidimh, agus ur Reachdaibh, gun tugadh sibh masladh do Righ nan rìgh, agus do Thighearna nan sluagh; Dhàsan a tha amhàin comasach air ur dìon ann an latha na còmhstri?

Cha tàmailtich mi sibh le ana-creidich a ràdh ruibh: Chan abair, tha sibh acreidsinn gu bheil Dia ann, agus tha sibh ag aidmheil a bhinur Criosduidhnean. Carson mata a bhristeas sibh reachdanur , agus àitheanta ur Slànuigheir? Tha crith oirnnnuair a chluinneas sinn sibh agairm air Diaur sgrios— ’ur n-anamaibh a sgrios! Agus, mar gum bi so an t-aon ùrnuigh a bhagaibh ri cur suas do Dhiatha sibhga h-aithris gach mionaid, agus aguidhe sgrios air gach neach mur timchioll. Ach their sibh rium, gur cruaidh na h-uiread chionta chur as ur leth; nacheil olcn ur beachd leis achainnt a tha sibh agnàthachadh. Ach an


[223] leòir an leisgeul sin airson àitheantaur a bhristeadh? an àithne sin, a thugadh seachad am meadhon lasraichibh, am feadh a bhan sliabh air chrith, ’s an uair a bha feachd cumhachdach ullamh gu dol gu bàs le eagal. “Cha tabhair thu ainm an Tighearna do Dhé an diomhanas; oir cha mheas an Tighearna neo-chiontach esan a bheirainm an diomhanas.” Le sin a chluinntinn nach tric a thuirt sibh, “A Thighearna dean tròcair oirnn, agus aom ar cridheachan chum do lagh a choimhead.” Nach gràineil a thig e matà sibh a bhi co beag-narachga bhristeadh gach aon àm!

Mun can sibh a rithist an guidheachan eagallach so, leigibh leam ur n-earalachadh gu dùrachdach, sibh a smuainteachadh è an Dia soagus ciod è sgrios. ’Sen Dia a tha sibh san àm ami-naomhachadh, Diaur beatha agusur sochairean, a thug dhuibh an anail sin a tha sibh a nis agnàthachadh an cur eas-uram air: anns a bheil sibh beò, agluasad, agus o bheilur bith agaibh; —an Dia a tha deanamh mar is àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhuinn— ’dia nach feudar a mhealladh, agus nach fuiling fanoid a dheanamh airleis am fuathach easaontas, agus nach seall air peacadha bhagair àmhghar agus teanntachd air gach anam duine a ni olc. ’Se so an Dia air abheil sibh agairm gur sgrios.

Leigibh leam earalachadh oirbh a thoirt fainear ciod è sgrios. ’Se sgrios a bhi air ur n-ainmeachadh malluichte le Dia air abhreitheanais. Is e Dia a ràdh, Imichibh uam a dhaoine malluichte do theine siorruidh a dhullaicheadh don diabhol agus da ainglibh. ’Se a thanndol don ionad sin far abheil Criosd ag ìnnse dhuinn nach bàsaich achnuimh, agus nach mùchar an teine am feasd. Agus am bu deòin leibh so a thachairt dhuibh féin? An saoil sibh am burrainn duibh fhulang? Carson mata a tha sibhga iarraidh? Na h-abraibh nacheil sibh atoirt fainear brìgh nam briathrannuair a tha sibhgan gnàthachadh. Chan fhocail fhaoin a thannta. Thugaibh fainear, fhearabh, air eagal gun cluinn an Dia sin air abheil sibh agairm, agus gun cuir e dar n-ionnsuidh acheart sgrios sin a bha sibh ag iarraidh. Ceadaichibh dhomh ìnnse dhuibh, gu bheilur mionnan agusur malluchadh sgrìobhte ann an leabhar a chuimhne. Bheir e chum breitheanais sibh air an son. Agus ciod a ni sibh air sin abhreitheanais?

Thugaibh an aire, fhearabh, a réir mar is caomh leibh ur n-anama féin. Cha do shoirbhich le neach riamh a chuiran aghaidh Dhé. Tha sibh ullamh gur beatha a churan cunnart as leth ur dùthcha; ach chaneil e air iarraidh oirbh ur n-anama a churan cunnart. Cha bu taitneach leibh dol gu bàs le mallachadhnur beul: cha beadh, ’sann bu mhiann leibh dol eug ag asluchadh sàbhalaidh. Ach cuiream acheist oirbh, am feud sibh dòchas a bhi agaibh ris an t-sàbhaladh sin aig àm ur bàis, ris an do chuir sibh cùl ur beatha? Am feud sibh fiuthair a bhi agaibh ri bhi air ur toirt o chaithe-beatha ciontach air thalamh, gu beatha na naomhachd air nèamh? o chainnt if rinn,


[224] chum cliù Dhé a sheinn? Chan ion, mo chairdean; ’s éiginn gum bi ur nàdur peacach air a chaochladh, mum bi sibh iomchuidh air còmhnuidh a ghabhail maille ri spioradaibh nan ionracan air an deanamh foirfe air nèamh. ’Se ur Slànuighear a thubhairt, “Mur beirear duine a rìs chan urrainn e rìoghachd Dhé fhaicinn.” Gabhaibh beachd air ur cridhe, agus faicibh abheil an t-atharrachadh diadhaidhgan . Guidheam oirbh gu dùrachdach sibh a ghabhail aithreachais dur peacaibh, agus an aideachadh ann am fianuis . Na cuiribh dàiln ur n-aithreachas: feudaidh am màireach a bhi tuilles fadalach. ’Sen diugh na slàinte. Iarraibh an Tighearna am feadhs a tha e ri fhaotainn, gairmibh air am feadh a tha em fagus. So agaibh a chainnt ghràsmhor féin. “Mar is beò mi,” a deir an Tighearna, “chaneil tlachd agam ann am bàs apheacaich, ach gum pilleadh an t-aingidh oshlighe, agus gum biodh e beò: pillibh, pillibh, carson a bhàsaicheas sibh?” “Mar so ghràdhaich en saoghal co mór, ’s gun dthug eaon ghin Mhic, chum air bith a chreideadh ann, nach rachadh ad am mugha, ach gum biodh abheatha mhaireannach aca.” Nach mòr, mata, an t-aobhar misnich a than so dhuibhse chum ur peacaidh aideachadh agus an tréigsinn? Cuiream impidh oirbh, sibh a dhéiridh agus dol chum ur n-Athar neamhuidh. Abraibh ris, “Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh agus adlāthair-sa—” Is peacach gràineil mi; ach tha dòchas agam gu bheil mi am pheacach aithreachail, a phill riut. Maothaich mo chridhe cruaidh; glan mo nàdur truaillidh; cuir teagal ann am chridhe, chum nach dealaich mi nis riut; gun robh na tha romham de mbheatha air a deanamh suas le aithreachas, creidimh, agus nuadh ùmhlachd. Cuidich leam gu faire agus ùrnuigh a dheanamh; gu faire dheanamh an aghaidh apheacaidh a tha co furasd air iathadh umam. Saor mi o gach buaireadh leis abheil mi air mo chuairteachadh. Gun cuir mi deagh chath achreidimh; agus faidheòidh, gun toir mi tuille agus buaidh, trìd-san a ghràdhaich mi. —Amen.

Ead. P. M.

title4
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page