[224]

Meadhonan r’an gnàthachadh ann an seòmraichibh na muinntir air a’ bheil tinneasan gabhaltach.

THA e ro fheumail don mhuinntir thinn, agus dan luchd-frithealaidh, gum bi do ghnà comas aig an àile ghlan ùr teachd a steach don t-seòmar, agus gu sònruichte mu thimchioll na leapa. Biomchuidh gum biodh an dorus, no uinneag, air an cumail do ghnà fosgailte, a agus a dhoidhche, atoirt an aire nach séid e dìreach air an euslainteach. Tha e anabarrach feumail gun cumar gach ni fior ghlan, chuanda. Bu chòir léintean na muinntir thinn a mhùghadh gu tric; agus


[225] bu chòir an t-anart salach a ghrad chur am bogadh ann an uisge glan fuar, agusna dhéigh sin a dheagh nigheadh. Bu chòir don t-seòmar a bhi air a dheagh sguabadh gach aon latha, agus gach ni a thainig on easlainteach a ghrad thoirt air falbh, agus na soireachan a glanadh gu math. Biomchuidh gum biodh an luchd-frithealaidh seachantach air anail nan daoine tinne, agus fàile na thig uapa; agus an uair nach gabh sin deanamh; bu chòir dhoibh cumail air an anail, co fads a burradh dhoibh. Bu chòir dhoibh fuireach air taobh an fhuaraidh, gun bhi dol idir, nam feudadh iad, air taobh an fhasgaidh.

Cha chòir dhoibhsan a thig gam faicinn dol ro dhlùth dhoibh, no idir fuireach fada san t-seòmar. Cha chòir dhoibh an seile a shlugadh, ach am beul agus an sròn a ghlanadh gu math an àm an seòmar fhàgail. Cha chòir earbsa chur á fìon-geur, no nithe deagh-bholtrach, a chrathar feadh an t-seòmair, a chionn gu bheil am fàile làidir abacadh dhoibh a thuigsinn cuin a bhitheas an seòmar làn de àile mi-fhallain.

Ma théid na seòlaidhnean sin a thoirt gu cùramach fainear, cha sgaoil na fiabhruis ghabhaltach ach ainmig; ach, ma nìtear dearmad orra, gu h-àraidh, ’nuair bhios amhuinntir euslan ann an seòmraichibh beaga, ’s gann a thig aon as acheud uaithe; chaneil eadhon clann na cìche gu h-iomlan saor o chunnart.

On a tha droch thinneasan atàrmachadh o sheòmraichibh beaga, salach, mothaichidh iadsan a chumas an tighean gu glan, fiunnar, gun seachain iad fein agus an teaghluichean, mar is trice, gach eucail agus tinneas gabhaltach.

P. M.

title5
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page