[225]

LITIR MU THUIGSE BHEATHAICHEAN.

O aon Mhnaoi-uasail gu bean-uasal eile.

A bhean mo ghaoil,

THA Mr Palmer agus a bheannan càraid thaitneach. Is esan athair a sgìreachd. Is e a ghnothach an t-aineolach a theagasg, fòir cobhair air an fheumach, an t-euslan fhiosrachadh, sòlas a thoirt dhoibhsan a tha fo thriobluid, agus amhuinntir mhi-bheusach aomadh gu deagh chaithe-beatha. An uair a bhios cothrom aigair, tha e dian ann an rannsachadh a mach oibribh nàduir. ’S ann uaithe sin a tha deagh-riaghailt asruthadh. Chaith sinn feasgar an nan cuideachda thaitnich: ’s ann a bha ar seanachas mu thuigse nàduir, agus on a shaoileas tu gu bheil thu faighinn tairbhe o na tha mis afòghlum, bhéir mi dhuit barail Mhr Palmer mun chùis, air an dòigh is soilleiredhfhaodas mi.

Than t-iomlan de thuigse nàduir,” a deir e, “deacair ri fhaotainn a mach, leis mar tha tùr aimnhidhean gu minic a’


[226] teachd dlù do thuigse dhaoine, agus atoirt bàrr air an earrann sin dan nàdur, ’s a thagan aomadh gu gnìomharan àraidh a tha feumail doibh féin, no dan gineil. Ann am beathaichean den aon seòrsa, tha iad co’ -ionann ann an tuigse-nàduir, ge nach robh cothrom acair fhòghlum o bhiga fhaicinn. Ni eun beag a dhàraicheadh ann an eunadan, a nead ann an dreachs ann an cumadh coltach riuthasan a tha toirt a mach an guir sachoille; gidheadh chan fhace riamh nead eile on do ghabh en samhladh.

Tha tuigse-nàduir, aseòladh do gach gnè eun an stubh leis an dean iad suas an nead, ’s is fearr a chòirdeas ran sliochd maoth. Than tuigse so abrosnachadh na h-iolaire chum a nead a dheanamh air achreig is àirde, agus air an stùchd is corraiche: am feadh a than riabhag, leis an tùr cheudna, adeanamh a nid air chòmhnard an raoin. Nam biodh na h-eunlaith gun an tuigse so bhi aca, is iomad mi-riaghailt a dhfhaodadh tachairt. Dhfhaodadh eòin achladaich an gur a thoirt a mach anns an fhàsach thioram thartmhor, agus eòin na creachainn an gur a thoirt a mach ri taobh na fairge, ni a chuireadh as dan sliochd araon: ach tha tuigse-nàduir, an t-oid’ -iunnsaich neo-mhearachdach, a seòladh do gach eun a ghur a thoirt a mach far am fearr a fhreagras dan àl, chum an dìon o dhosguinn, agus anns am faigh iad culaidh-bheathachaidh.

Than tuigse so buan-sheasmhach, agus aco’ -fhreagradh do uireasbhuidh gach beathaich, de gach seòrsa; ach tha Riasan so-aomaidh, a réir mar fhreagras san àm do thograidh agus do mhiannaibh gach aon fa leth. Tha tuigse-nàduir ateagasg dhaoine iad féin a dhìon o theas agus o fhuachd; ach tha riasan aneartachadh gach duine chum ionad-còmhnuidh a shocrachadh mar fhreagras e da mhiann agus da ghoireas. Uime sin, tha Riasan ioma-ghneach: tuigse-nàduir neo-chaochlaideach. ’Se cheud ni sochair an duine a thana dhearbhadh air ciall a nàduir: tha aig an dara ni ni-eiginn ìosal gun bhi comharachadh a mach a bheag air bith de cheannas no de mhath-an-airidh annsan aig abheil e. Tha aon seillein co teómann an dealbh na cóinneige ri seillein eile. Tha gach aon den aon ghnè co’ -ionann an cur obair-nàduir an gniomh: chaneil na seilleinean a thanns an àm so atoirt bàrr orrasan a bhann ri linn Adhaimh. Buinidh na beachdan ceudna do gach gnè ainmhidh: tha iad ag àrach an àil, asolar am bìdh, agusgan dìon on naimhdibh, co math ris acheud fheadhain a bhann diubh, agus gun a bheag nis feàrr.

Is ann an so ma ta,” a deir e, “a than caochladh soilleir a theadar riasan agus tuigse-nàduir.”

Tha eadar-dhealachadh soilleir eile eadar riasan agus tuigse-nàduir aco’ -sheasamh: tha cheud ni air aomadh le aobhar, am feadh a than t-aon eile air a bhrosnuchadh gu miann do-chìosnachaidh a shàsuchadh. Tha daoine toirt aire do na h-aobhair, agus adeanamh an ni a shaoileas iad is luaithe a bheir gnothuichean gu crìch: tha


[227] ainmhidhean acur an toil an gniomh, gun na bhiosna lorg a roi’ -fhaicinn.

Mar shamladh air an eadar-dhealachadh so, faiceamaid obair duine an àm cur suas muilinn: Tha en toiseach acunntadh a bheil a chuid airgid freagarach chum na thana bheachd a dheanamh. Tha esocrachadh air làraich iomchuidhaceannach fiodhaafastadh luchd-ceirde feumail, chum a chòmhnadh. Tha esolar acfhuinn iomchuidh do gach fear, agus goireas chùm am muileann a thogail: ’an uair a chuirear air obair iad, tha gach earrann air a shocrachadh fa chomhair feum iomchuidh. Tha e mar an ceudna asmaointeachadh air an fheum gus an cuir se e; dhiubh is ann gu bhina mhuileann-mine, no a dhoibreachadh aon ni eile: fa dheireadh dhiubh is ann a theid a chur air ghluasad le gaoith, le uisge, no le smùid. Feumaidh gach ni dhiubh sin trom-smaointeachadh, innleachd, rùn, eòlas agus féin-fhiosrachadh; air nach robh am beathach bu gheur-thuigsichair an cualas riamh iomradh comasach. Than t-eun adealbh a nid gu snasmhor mar rinn iadsan a bhair thoiseach air, gun smaointeachadh air bith uime roilaimh. Is iomad beathach a tha càrnadh suas lòin aig nacheil aon roi’ -eolas air àmaibh suidhichte na bliadhna. Tha daoine acur, abuain, ’s acruinneachadh a stigh toradh na talmhuinn, om fein-fhiosrachadh agus on riasan, a thaseòladh dhoibh am feum mór a tha air cruinneachadh as aphailteas a thaca san àm, airson ganntar an àm ri teachd. Tha riasan go mòr nis urramaiche na tuigse-nàduir; ach tha tuigse-nàduir atoirt bàrr air riasan ann an iomlaineachd a h-oibribh. Tha seòmraichean na sgeap-sheillein air an dealbh gu h-ìnnleachdach; gidheadh bha gach seòmar anns gach sgeap, anns gach dùthaich agus linn, agus thà gus an n diugh, air an dealbh agus air achumadh cheudna. Leig fhaicinn dòmhsa am fear-ceaird a burrainn fichead mìle de na seòmraichibh sin a dheanamh le leithid de shnas agus de cho’ -choslas ra chéile, ga be air bith feothas a chuid acfhuinn.

Tha oibreachadh iomlan tuigse-nàduir gu mór air a choimhlionadh leis mar tha gach ball a bhuineas doibh a réir an dòigh bheatha; a thacuideachadh le iomlaineachd am mothachaidh, gun deanamh comasach air an oibribh fa leth a chrìochnachadh, fada thairis air aon ni a burrainn daoine dheanamh. Achs éiginn aideachadh gu bheil cuid de bheathaichibh ann a thafeuchainn mór thoinisg, a tha gu sònruichte ri fhaicinn le iad a bhi càlda, agus cha mhór nacheil iad ateachd dlù air toinisg dhaoine. Tha so aco’ -fhreagradh do riaghailt nàduir, a tha air a dheanamh suas ra chéile, ceum air cheum, ionnas gu bheil e deacair fhaicinn mar tha mùghadh ag éiridh o gach seòrsa.

EAD. P. M.

title6
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page