Sgeoil mo Shinnsear.
Oighreachd Airdghobhar.
’Nuair a thuit Eachann ruadh nan Cath ann am blàr Chath-Gairbheach anns a’ bhliadhna 1411. do’n teaghlach a dh’ fhàg e ri nighean an Dùghlasaich thug cairdean a mhàthar leò am fear a b’ òige, Eóghan; agus thuinich ’us thogadh ’nam measg e gus an do sgapadh cuid do na flaithean ainmeil sin, nuair a ghlacadh an t-Iarla Dùghlasach leis an Righ an Dunéidionn anns a’ bhliadhna 1424.
Chruinnich cuid d’an luchd-leanmhuinn sa’ Ghaeltachd fo cheannardachd Sheumais Stiubhart mac òg an Diùc Albannaich agus le còmhlan do chlainn Dòmhnuill agus do Chlainn Ghilleain fo Fhiunnladh dubh, Easpaig Liosmóire, thug iad sgrìob do ’n Ghalldachd agus thug iad iunnsaidh air Dunbreatunn far ’n do choinnich iad feachd an Rìgh fo cheannardachd Tighearna Dhundònuill. Chuir iad an ruaig air na Gaill—chreach iad srath Leònaidh agus thill iad dhachaidh; ach ’sann air an iunnsaidh so a dhearbh Eóghan an stoc bho ’n d’ fhàs e. Thachair e fhéin agus ceannard nan Gall sa’ chath—thuit a nàmhaid fo ’làimh agus ghlac esan ’airm ’s achodach. Anns a’ chlogaid a ghlac e bha iteag dhosrach ard shuaicheanta, agus bho’ nuair sin fhuair e mar ainm Eoghan na h-iteige.
Dh fhabh e ’n déigh sin do dh-Eirinn leis an Stiùbhartach far an d’ fhuirich e gus an cual’ e gu’n robh MacDhomhnuill nan Eilean (ris an cainte Righ Fionnaghal) an coltas bàis anns a’ bhliadhna 1427. Thog e air do dh-Albainn le sia fir dhiag ’us birlinn, agus thainig e gu Caisteal Ardtoirnish—fhuair e ’n cainnt an Righ agus chuir e’n céill a chor—gu’n robh e ’na ruaganach gun chairdean air an
Aig éiridh na gréine thog MacGhilleain ’s a dhaoin’ orra as a dhéigh. Ràinig iad an Corran agus thainig Mac-a- Ghurasglaich le sòlas ’nan còmhdhail a dh’ innseadh dhoibh mar a rinn e air an t-Siunnach. Ach cha b’e n fhàilte ’shaoil e ’fhuair e. A chealgair, arsa Mac Ghilleain, an uair a rinn thu sin air a’ mhaighstir a bh’ agad an raoir, ’dé dheanadh tu ormsa ’n diugh nam biodh an ruaig orm? Beiribh air ’illean agus crochaibh ri ràimh an eathair e. Rinn na gillean mar a dh’iarr e. Dh’fhàg iad Mac-a- Ghurasglaich an crochadh agus theann iad air an
Sin mar a shealbhaich Eoghan na h-iteig Airdghobhar mar oighreachd, far a’ bheil Mac ’ic Eóghain, Ceannaad Chlainn Eóghain fhathast a’ tàmh, agus mar an ciadna sìol nan gaisgeach a bhuannaich mar ris i. Tha sliochd Ghillebrìde, Bódaich agus Clann-Mhic-Iain-léith bho ’n uair sin san fhearann a fhuair an sìnnsearachd sna lînntibh a rachadh neart thar ceart, agus anns nach nobh còir air dùthaich aig Triath mur deanadh e a dìon leis a’ chlaidheamh.
title | 9 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |