Mabhrann do ’n Mhoir-fhear cheudna; Le Iain Lom.
CHA b’e bas mo cheann cinnidh,
So chuir mi fein gu trom iomairt,
Ach gun t-oighre bhi t-fhine nuair dh’eug thu.
Cha b’ e bas, &c.
Fear mor curanta laidir,
Bh’ aig gach duine mur sgathan,
Ged a tha e gun chainnt an Duneidionn.
Fear mor, &c.
Gu ’n do chaireadh e ’s talamh,
Fear a chonnsach Mhic Cailein,
Co b’ urrainn an casadh na srein riut.
Gu ’n do chàireadh, &c.
Thug thu Cnoideart dheth ’s tuille,
’S lagh an Righ air do mhuineal,
Cha do chonnsaich e Muil’ ach gu ’n d’ éug thu.
Thug thu, &c.
Rinn Mac Coinnich Cheanntaile,
’S Mac Shimidh na h-Airde,
Garbh choinne gu sàthadh le cheil ort.
Rinn Mac Coinnich, &c.
Nuair a chunnaic an cairdean,
Nach deanadh iad stath dheth,
’S e gu mor a b’ fhearr leo bhi réidh riut.
Nuair a chunnaic, &c.
Cumha Aonghuis Mhic Raoghnuil oig, chuaidh a mharbhadh latha blair Stron-chlachain, nuair a thog Clann Iain Ghlinne Comhunn creach Bhraidealbunn; Le Iain Lom.
RIGH gur mor mo chuid mulaid!
Ged is fheudar dhomh fhulang,
Ge b’ e dh’ eisdeadh ri m’ uireasbhuidh àireamh.
Righ gur mor, &c.
O ’n a chaill mi na gaodhair,
’Sa ’n t-eug ga ’n sìor thaoghal,
’S beag mo thoirt gar an toaghail mi ’m bràighe.
O ’n a chaill, &c.
’S eun bochd mi gun daoine,
Air mo lot air gach taobh dhiom,
’S tric rosad an aoig air mo chairdean.
’S eun bochd mi, &c.
Gur mi ’n giadh air a spìonadh,
Gun iteach gun lìnnidh,
’S mi mur Oisein fo bhinn an tigh Phadruig.
Gur mi ’n giadh, &c.
Gur mi a chraobh air a rusgadh,
Gun chnodhan gun ubhlan,
’Sa snodhach ’sa rusg air a fàgail.
Gur mi a, &c.
Ruaig sin Cheann Lochatatha,
’S i chuir mis ann mo dhabhaich;
Mu ’n do dhirich sibh ’m brughach,
’S ann n’ ar deaghaidh bha ’n ulaidh,
Bha gìomanach gunn’ air dhroch caradh.
Mu ’n do dhirich, &c.
Ged a dh’ fhag mi ann m’ athair,
Cha ’n ann air tha mi labhairt;
Ach an druthadh rinn an claidhe mu t-airnean.
Ged a dh’ fhag, &c.
Gur h-e dhrùith air mo leacainn,
’M buille mor bha ’d leith-taobh,
’S thu ad luidhe ’n tigh beag Choire-charmaig.
Gur h-e dhrùith, &c.
B’ i mo ghradh do ghnùis aobhach,
Dheanadh dath le t-fhuil chraobhaich,
’S nach robh seachnach air aodann do nàmhaid.
B’ i mo ghradh, &c.
title | Mabhrann do ’n Mhoir-fhear cheudna |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |