[153] SEARMOIN VIII.
NAHUM, I. 7.
’Ta ’n Tighearna math’ na dhaighneachadh treun an la triobloid agus teinn, agus ’s aithne dha ’n dream, a tha cuir earbs’ ann.
Se ’m fàigh Nahum, le òrdugh an De bheo, a labhair na briathra so, chum misneach agus sòlas a thoirt do chloinn Israeil, ’nuair a bha muintir Ninebheh, àrd-chaithir rioghachd Assiria o shean, a’ cogadh gu naimhdeil ’na ’n aghaidh, agus a’ buntuin riu gu feargach, buirbeil cealgach agus aingidh. Bha staid Israeil air an àm so cunnartach, bha ’n naimhde cumhachdach lionmhor, ach bha Dia nan uile air an taobh, agus ’na àm iomchuidh thug e saorsa agus buaidh gu cairdeil
[154] dhoibh.
Fhuair an naimhde car tamuil comas,
an ìsleachadh gu mòr,
an claoidh gu goirt mar pheanas airson am peacaidhean,
ga ’
n deanamh iriosal agus aithreachail,
ga ’
m bròsnachadh chum cairdeas De iarruidh,
agus earbsa a chuir ann,
ann an latha an teinn.
Ann an lorg do Dhia a phobull ìsleachadh le triobloid chuir e Nahum da ’
n ionnsuidh chum am misneach a thogail ’
suas,
le sgeul a thoirt air cumhachd Dhe,
a b’
urrain a ’
m mionaid an naimhde a sgrios,
agus iadsan a thearnadh,
na ’
m pilleadh iad d’
a ionnsuidh.
Mar dhearbhadh gu’
n robh Dia comasach air so,
agus tuille a dheanamh,
chum a naimhde a chur fuidh cheansal,
tha ’
m fàigh an toiseach a chaibideil so,
a’
toirt sgeul uamhasach air a chumhachd,
agus air a ghlòir. “ ’
Ta Dia,
ars’
esan mòr ann an cumhachd, ’
ta a shlighe ’
san iom-
ghaoith,
agus ’
san stoirm, ’
s iad na neultaidh dus a chosan;
tha e cronnachadh na fairge agus tha i fàs tirim air ball,
tha esan a’
tiormachadh na’
n aibhnichean gu leir.
Ann an làthair Dhe, ’
ta na beanntaidh mòr a’
crith gu dluth, ’
ta na sleibhte air ball a leaghadh,
tha ’
n talamh air a losgadh suas, ’
ta eadhon an saoghal agus a luchd-
àiteachadh
[155] gu leir.
Co ’
s urrain seasamh an aghaidh lassan fheirge,
co ’
s urrain a dhearg chorruich a ghiùlan?” ’
S e so sgeul an fhàigh,
agus tha e gu riachdeil a’
cur an ceill,
gu bheil neamh agus talamh,
aingil agus daoine,
muir agus tir,
agus an saoghal nadurail gu leir gu tur fuidh ughdaras an De bheo.
Anis o na tha Dia uile-
chumhachdach,
a’
riaghladh an t-
saoghail, ’
s urrain e naimhde a phobuill a chur fuidh cheansal,
a leagadh gu làr,
a sgrios gu tur, ’
s urrain e iadsan a dhionadh o chunnart,
a shaoradh o thriobloid,
agus àrdachadh chum glòir,
le ghairdean treun.
Agus an ni a’
s urrain e,
tha ’
m fàigh a’
gealltuin ann an steidh mo theagaisg,
gun dean Dia gu cairdeil thaobh a phobuill anns gach àll;
tha ’
n Tighearna math,
na dhaighneachadh treun an là triobloid agus teinn,
agus ’
s àithne dha ’
n dream,
a tha cuir earbs’
ann.
I. Gu bheil an Tighearna math.
’Se ’n Ti sin, a dhealbh neamh agus talamh, aingil agus daoine, gach ni aig am bheil bith, gach creutair anns am bheil an
[156] deo,
mu bheil am fàigh an so a’
labhairt,
agus tha e ’
g radh gu bheil e math.
Tha creutairean Dhe gu leir gach là a’
blasadh a mhaitheas, ’
s iad an cinne-
daonna gu h-
àraidh cuspairean a chairdeìs,
agus a chaomh-
thròcair.
Mu bheir sinn fainear ar nadur ar staid,
ar dionadh,
ar sochairean agus ar dochas, ’
s eigin dhuinn aidmheil le cliu gu bheil Dia math,
agus a’
buntain gu cairdeil ruinn.
Thaobh ar naduir, bha sinn uile aon uair, gu’n bhith, gu’n bheatha, gu’n chuirp, gu’n anama, gu’n reusan, gu’n tuigse, gu’n treòir. Air an àm so, ghairm Dia sinn chum bith, agus an àit’ ar dealbh mar chlochan an t-sleibh, mar bhruidean na machrach, mar iasg na fairge, no mar eunlaith’ an aidhir, thug è dhuinn cuirp iongantach agus sgiamhach, thug anama reusanta neo-bhasmhur. Tha ar nadur ann an luach ann an glòir, gu mòr oscionn gach creatuir talmhaidh, tha aig ar cuirp ar ball, tha aig ar n’ anama gach cumhachd, a tha feumail ’nar staid, agus ’nuair a tha sinn a’ gabhail beachd, d’ ar lùth agus treòir, d’ ar reusan, tuigse, agus anama prìseil, agus ’s còir dhuinn le taing agus cliu
[157] aidmheil,
gu bheil an Dia a thug iad dhuinn gun amharus math.
Aris a thaobh ar staid air talamh, tha Dia an so cuideachd a’ nochdadh a mhaitheis. Anns an t-saoghal so, far am bheil ar n’ àite comhnuidh, tha gach ni ulluichte, so-fhaotain, a tha feumail, sòlasach agus taitneach. Air òrdugh Dhe, tha mùir agus tir a’ tairgse dhuinn am pailteis; le beagan do shaothair tha sinn a’ faotain biadh agus deoch, eadach agus àite-comhnuidh. Tha Ghrian gu cairdeil a’ toirt sòlus dhuinn ’san là, tha Ghealach agus na reultan ’san oidhche, chum ar cuirp a ghleidheadh neartmhor slan, tha oidhche agus là, tha samhradh agus geamhradh, tha fuachd agus teas a’ ruidh an tòir a cheile. Tha ar co-chreatuirean, tha ar càirdean g’ ar cuairteachadh air gach taobh, gar stiùradh, gar dionadh, agus gar cuideachadh, anns gach cunnart cruaidh-chas agus teinn. Ciod tuill’ a’s urrain sinn iarruidh? nach ’eil ar staid gu riachdail a dearbhadh gu bheil an Tighearna math.
[158] Ach aris thaobh ar dionadh, nochd Dia a mhaitheas gu càirdeil do gach aon againn. B’ anmhunn ain-eolach sinn gu leir, ’nuair a thainig sinn a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so, ’siomadh tinneas agus triobloid da’n robh sinn buailteach, ’s iomadh namhaid a bha ’g ar cuarteachadh, a’ bagairt ar sgrios, agus snàthain caol ar beatha gu tur a ghearradh. Le teine no uisge, le leagadh no leonadh, le pailteas do lòn no le gorta, le codal no faire, le tinneas no eacail, dh’ fheudadh gach aon againn a bhi air ar tasguidh ’san ùir, ùine fhada roimhe so. Ach ged a bha sinn an àm ar n’ oige, anmhunn uireasach, ged a bha rè ar beatha buailteach do iomadh ni a dh’ fheudadh ar sgrios, gidheadh ghlac Dia sinn, gu cairdeil air làimh, dhion e sinn o gach cunnart, shaor e sinn o gach triobloid, agus mar dhearbhadh gu bheil e math, tròcaireach, caomh, tha sinn uile fhathast ann an ti nam beo.
Aon uair eile fuidhn cheann so, tha ar sochairean agus ar dochas gu soilleir a’ dearbhadh gu bheil Dia math. Ged a tha sinn ceannairceach, peacach, aingidh, chuir Dia
[159] mhac g’
ar tearnadh,
le umhlachd agus le bhàs,
choisin e dhuinn slainte,
choisin maitheanas agus gràs,
neart agus sòlas,
cairdeas De,
sìth coguis,
maille re sonas siorruidh neamh.
Tha ’
n t-
slàinte so a choisin e air a tairgse gu saor dhuinne,
chuala sinn uile fuaim aoibhneach an t-
soisgeil,
tha meadhonna nan gràs,
a measg ar làmh,
tha dorus na tròcair fosgailte dhuinn,
tha spiorad na sìth g’
ar n’
aomadh g’
ar brosnachadh chum gabhail re Criosd. ’
S iad so ar sochairean mar Chriosduidhean,
tha iad solasach agus luachmhor,
agus ’
se cuspair ar dochais an oighreachd ghlòirmhor,
an sonas siorruidh a choisin Criosd gu daor dhuinn.
Anis o na tha sinne dìblidh,
truaillidh agus peacach,
tha ’
n Dia sin gu cinnteach math,
a tha toirt dhuinn araon na sochairean agus an dochas so.
Mar so anns gach beachd ata sinn a’
gabhail da ghiùlan d’
ar taobh,
chith sibh gu bheil an Tighearna math.
Ach maille re so,
tha am fàigh ag innseadh dhuinn ’
san
II. Gu bheil e na dhaighneacha treun an là triobloid agus teinn.
[160] Tha ’n cinne-daona gu leir, tha eadhon pobul De air talamh, air an cuartachadh le iomadh nàmhaid, an luidhe re iomadh triobloid, agus buailteach do iomadh teinn. O na si so ar staid, tha feum againn air caraid cumhachdach gràdhach, tha air sgiath-dhidnidh, tha air daighneachadh treun. Tha daighneachadh a’ coi’ -fhreagradh chum ar dionadh o ionnsuidh ar naimhde, agus chum ar neartachadh gu buaidh fhaotain orra, agus mar so tha Dia a’ buntain re phobull araon a thaobh an naimhde spioradeil agus talmhaidh.
1. Tha e dionadh a phobuill an là triobloid agus teinn.
O’ nàm an d’rinn an duine le pheacadh ceannairc an aghaidh Dhe, tha e fein agus a bhràithre gu minic a droch-chordadh. Tha uabhar agus sannt, tha corruich agus mi-rùn gu minic a’ buaireadh sliochd an duine, chum cogadh an aghaidh a cheile, araon mar dhaoine, agus mar rioghachda. Anis ’nuair a tha ’n naimhde a’ bagairt cron a dheanamh do’n dream sin a bhuineas do Dhia, a tha
[161] toirt gràdh agus umhlachd dha,
tha esan mar an daighneach treun gan dion,
tha o gach ionnsuidh agus cunnart a tha air muir agus tir, ’
san là no ’
san oidhche,
nan codal no nam faireach.
Mar so dhionadh Maois, ’
nuair a dh’
orduich righ na h-
Eiphit a sgrios;
dhionadh Joseph ’
nuair a chuir a bhraithre rompa a mharbhadh,
dhionadh Daibhidh o chorruich Righ Saul;
dhionadh Daniel o sgornach nan leomhan garg,
dhionadh Jonah agus Pol o bhi air am bàthadh sa chuan,
agus air an sgrios le stoirm.
Maille re so,
tha Dia a’
dion a chairdean,
mar phobull agus mar rioghachd.
Mar so dhion e clann Israel fuidh Mhaois,
o bhi air am bathadh sa mhuir ruaidh,
agus o bhi air an sgrios le armailt mhòr righ na h-
Eiphit;
agus dhion e iad air an àm o bhi air an slugadh suas se muintir Assiria.
An ni ma seadh a rinn Dia,
thaobh a chairdean,
agus a phobuill o shean, ’
s urrain e agus tha e toileach a dheanamh d’
ar taobh-
ne,
eadhon ar dion,
mar dhaoine agus mar rioghachd,
an àm cunnairt agus teinn,
araon o mhirùn agus o chorruich ar naimhde. ’
S tric a dhion Dia roimhe
[162] ar rioghachd,
agus tha e toileach fhathasd so a dheanamh ma philleas,
sinn da ionnsuidh,
agus ma bheir sinn umhlachd dha.
Ach aris anns an
2. Tha Dia mar dhaighneachadh treun, a’ cuideachadh a phobuill an àm cunnairt, agus a’ toirt buaidh dhoibh.
Tha iomadh dearbhadh againn air an fhirinn so ann am focal naomha Dhe; ’s tric a chuidich Dia le phobull agus a thug e buaidh dhoibh, araon mar dhaoine agus mar rioghachd. Mar so tha Maois ag radh, be Dia m’ aithreachadh mo chuideachadh, agus mo choghnadh, tha Samuel ag radh, gus an t-àm so, chuidich Dia leam; agus tha Daibhidh ag radh ’s tusa a thug coghnadh Dhomh na fàg, agus na treig mi, a Dhia, mo shlàinte. ’Le coghnadh Dhe, fhuair Mordecai buaidh air uabhar Haman, Daibhidh air mi-rùn Righ Shauil, Peadar agus Pol air naimhdeas nan Judhach, agus dioghaltas nan Geintileach. Le coghnadh an De bheo fhuair Maois agus clann Israel buaidh air armailt mhòr righ na h-Eiphit, fhuair Joshua
[163] buaidh air luchd àiteachaidh Chanaain,
fhuair Dhaibhidh buaidh air na naimhde lionmhor treun a bha mun cuairt da.
Le coghnadh Dhe, ’
s tric a fhuair an rioghachd againne buaidh,
agus a thog ì a ceann gu h-
ard ann an glòir oscionn a naimhde guineach gu leir.
Mar so chi sibh gu bheil Dia ni ’
mhàin math da phobull ach mar an ceudna gan dion,
ga’
n cuideachadh,
agus a’
toirt buaidh dhoibh ann an àm cunnairt agus teinn.
Chum maitheas Dhe,
ma seadh a bhlasadh,
agus a choghnadh fhaotain araon dhuinn fein agus d’
ar rioghachd,
fiosraichimid san
III. Ciod a’s còir dhuinn a dheanamh.
Tha so air innseadh ann an steidh mo theagaisg, ’s còir earbsa a chuir ann an Dia, ’s còir ’na ghràs, agus na fhreasdail airson gach ni ata feumail agus math dhuinn. Tha earbsa gar dlù-cheangal re Dia mar ar caraid, agus g’ar stiùradh chum ar cùram a thilgeadh air agus dochas a chur ann, anns gach staid agus teinn. Ann an àm cunnairt agus trioblaid, tha earbsa ann an Dia gu
[164] h-
àraidh feumail,
chum ar cinn a chumail suas oscionn nan uisgeachan,
agus ar deanamh,
glic foighidneach agus cruadalach.
O na tha Dia ma seadh pailt ann an tròcair,
is uile-
chumhachdach,
agus uile-
ghràdhach. ’
S còir air
1. Earbsa chuir ’na ghràs trid an t-Slànuighear.
Mar chreatuirean ciontach, peacach, tha mòr fheum againn gu leir air gràs De, chum ar peacaidhean a dhubhadh a’s, chum ar nadur a naomhachadh, chum ar neartachadh an aghaidh buaireidh, agus ar n’ ullachadh fa chomhair neamh. An gràs so, a tha co-fheumail, choisin Criosd gu cairdeil dhuinn, agus tha e tairgse gu saor ’san t-soisgeul. ’S còir ma seadh onoir a thoirt do Dhia, ’s còir d’ar slànuighear, le earbsa chur na ghràs, ’s còir iarruidh gu minic dùrachdach, le ùrnuigh an creidimh, le beo-dhochas. S còir anns.
2. Earbsa chur am freasdal De.
[165] O na tha Dia uile-leirsinneach, uile-ghlic agus uile chumhachdach, tha neamh agus talamh, aingil agus daoine, tha muir agus tir, gu tur fuidh ùghdaras, agus o na tha e uile mhath, tha fhreasdal caomh thar oibre uile. Le fhreasdal caomh, le ghairdean treun, tha esan a’ dion a phobuill o chunnart, ga’n saoradh o thriobloid, ga ’n tearnadh o sgrios air muir agus tir, ’san là agus ’san oidhche, ann an cogadh na sìth, an tinneas no teinn. Anis o tha Dia a làthair anns sgach àite, agus a ghnàth g’ar cuartachadh le fhreasdal caomh, ’s còir dhuinn onoir a thoirt da ainm le làn-earbsa chuir ann, gar dion agus g’ ar teasairgin anns gach inbhe agus staid. ’Si ’n earbsa so ann an gràs agus am freasdal De, a ni sinn misneachail, duineil treun ann an àm triobloid, air là cath, agus eadhon aig uair a bhàis. G’ ar brosnachadh chum an earbsa so a chur ann an Dia, thugamaid anis fainear ’sa
III. Cionnas a tha Dia a’ bunuinn riusan, a tha cur earbsa ann.
Tha ’m fàigh ag ainmeach so ann an
[166] steidh ar teagaisg, ’
s aithne dha ars’
esan an dream a tha cur earbsa ann.
Tha aithne na eolas De air daoine na pobull sam bith a’
cur an ceill,
gu bheil e gan toirt fainear a’
gabhail cùram dhiu,
ga’
m beannachadh le làthaireachd,
agus le ghràs,
ga ’
n stiùradh,
ga ’
n dionadh,
agus ga ’
n cuideachadh.
Cia solasach ma seadh an ni aithne a bhith aig an Dia bheo oirn. ’
Nuair a tha esan a’
gabhail cùram dhinn,
gar beannachadh le laithaireachd,
gar stiùradh le ghliocas,
gar dion le fhreasdal,
gar cuideachadh le choghnadh,
co na ciod a’
s urrain cron a dheanamh dhuinn. ’
Nuair a tha uachdaran an t-
saoghail air ar taobh,
gar n’
aithneachadh mar a chairdean gar stiùradh agus gar beannachadh,
gheibh sinn dion o gach cunnart,
gheibh saorsa o gach triobloid gheibh buaidh air gach namhaid;
air muir no air tir bithidh sinn tearuinte,
am beatha no bàs bithidh sinn sonadh. ’
Nuair a tha sùil chairdeil Dhe oirn,
agus a ghairdean treun mu ’
n cuairt dhuinn,
mar charaig ’
san fhairge nach urrain gaoth na tonnan na stoirm a charrachadh no a bhriseadh,
cha n’
urrain ni no neach sam bith sinne a chiuradh no a sgrios.
Cia priseil
[167] ma seadh sochair na dream,
a tha cur earbs’
ann an Dia,
anns gach inbhe agus staid,
anns gach triobloid agus teinn,
tha esan gan aithneachadh mar an caraid,
agus a’
gabhail cùram dhiu.
Air dhuinn mar so a dhearbhadh,
gu bheil Dia math,
gu bheil e na dhaighneach treun an àm triobloid,
gur còir dhuinn earbs’
a chur ’
na fhreasdal agus na ghràs,
agus gu’
n aithnich e mar a chairdean,
an dream a tha cur earbs’
ann,
deanamaid nis’
foghnadh o’
n iomlan.
Mar uachdaran agus mar bhreitheamh a chinne-daonna, tha gràdh agus umhlachd dligheach do Dhia o gach òg agus sean, bochd agus beartach, uasal agus iosal. ’S ann amhàin le coghnadh Dhe, ’sann amhàin le bhi earbsach as agus umhal dha, a’s urrain duil a bhi againn re soirbheas, anns gach obair agus dreachd, agus ni ris an cuir sinn ar làmh. Tha sibhse air an àm air bhur gairm chum seirbhis bhur Righ, chum bhur rioghachd, bhur luchd-ducha, agus bhur càirdean a dhion, chum buaidh, onoir agus sìth a chosnadh dhoibh. Tha
[168] bhur dreachd,
tha bhur seirbhis onorach,
laghail,
agus dligheach,
tha gu h-
àraidh feumail air an àm so.
Tha pobull a bha aon uair ’
nan iochdairein agus nan cairdean dhuinn,
gu mi-
thaingeil a’
cogadh ’
nar n’
aghaidh agus a’
toirt aorrip ar nuachdaranachd a thilgeadh dhiu.
Maille re so tha ar sean naimhde guineach,
cealgach aingidh,
a’
bagairt ionsuidh a thoirt oirn,
agus coghnàdh a thoirt d’
ar naimhde eile.
Anns an staid so,
tha feum aig ar rioghachd air saighd-
fheara cruadalach,
duineil treun,
cosmhuil ris na h-
aithreacha o’
n d’
thainig sinn,
a choisin roimhe so gu minic buaidh.
An e ar rùn-
sa,
mar dheadh shaighdfhearra,
buaidh a chosnadh d’
ar rioghachd’
onoir d’
ar duthaich,
cliu dhuinn fein,
cuiribh earbs’
ann an Dia,
iarruibh a choghnàdh bithibh umhal dha.
Na saoilibh gu’
m fuigh sibh buaidh amhàin,
le’
r neart,
le’
r n’
innleachd,
le’
r cruadal fein,
oir se Dia a bheir buaidh,
agus ma ’
s miann leibh gu’
m bith e air bhur taobh mar dhaighneach treun,
bithibh nar seirbhisich dhileas dha.
Na saoilibh gu bheil e ceadaichte dhuibh anis a bhi mi-
dhiadhaidh,
ainm Dhe,
a thoirt an diomhanas,
[169] a shabaide a mhi-
naomhachadh,
àitheanta a bhriseadh,
agus a bhi’
nar giùlan breugach,
cealgach,
misgeach,
neo-
ghlan,
agus tuasaideach. ’
Nuair a tha armailt a’
di’ -
chuimhneachadh Dhe,
agus ciontach do na peacaidh so,
tha iad a’
toiltin peanas o làimh,
agus tha esan gu minic a’
toirt comas d’
an naimhde buaidh fhaotain orra.
Ma se bhur rùn nach tachair so dhuibh-
se,
bithibh diadhaidh;
bha na saighd-
fheara a b’
fhearr o shean diadhaidh,
bha Maois agus Joshua,
bha Jonatan agus Daibhidh,
bha Solamh agus Cornelius,
agus thug Dia mar a chairdean buaidh dhoibh.
Mas miann leibhse a bhi’
nar gaisgich threun,
thugaibh gràdh agus umhlachd do Dhia nan uile,
bheir a chairdeas misneach d’
ar cridhe,
saoraidh eagal o gach eagal eile sibh.
Le fhocal a leughadh agus eisdeachd,
le shàbaid a naomhachadh,
le ùrnuigh gu moch agus anmoch iarruibh a chairdeas le dùrachd,
agus bitheadh ar giulan measarra cothromach agus diadhaidh.
Ma bhitheas bhur giulan air an doigh so,
feudaidh dùil a bhi agaibh gùm bi Dia maille ruibh,
agus gun d’
thoir e dion,
soirbheas agus buaidh dhuibh,
air muir no air tir,
an cruaidh chas
[170] no teinn,
an cogadh na sith a’
m bàs no beatha.
Agus gun deonaiche Dia,
gu’
m fuigh sibh uìle dearbha riachdail gu bheil an Tighearna gun amharus math,
na dhaighneach treun an àm triobloid agus teinn,
agus gur aithne dha a’
n dream a tha cuir earbsa ann;
agus dà ainm-
se gu’
n robh a ghloir gu suthain siorruidh.
Amen.