[210]

SEARMOIN X.

TAISBEAN. xix. 9.

Agus a deir e rium, Scriobh, Is beannuichte iad-san ata air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain.

ANNS a chaibideal roimhe so, tha an t-Abstol Eoin, le deachdadh Spiorad De, aroimh-innseadh leagadh Bhabiloin, agus acur an ceill, cionnas a bhitheadh cumhachd agus glòir Dhe air an nochdadh ann an sgrìos na nàmhaid so. Ann am beachd dhaoine foghluimte, tha Babilon ann an so aciallachadh baille no Roimhe, àrd-chaithir nam Pàpannach. O na thug aingidheachd Bhabiloin oilbheum do na h-Ainglibh, agus o na lot i gu minic, agus gu geur na Naoimh, tha Dia, ann


[211] an lorg a sgrios, ag radh riu, dean gàirdeachas os a ceann, O a Neamh, agus sibhse Abstola naomha agus fhàidhean, oir dhiol Dia sibhse oirre; agus do reir òrdugh, tha iadsan air an nochdadh dhuinn aseinn, laoidh mhollaidh agus aoraidh do Dhia. Ann an deigh so tha iad afaotain òrdugh laoidh eile a sheinn le h-urram agus le gàirdeachas, do bhrì gu bheil an Tighearna Dia uile-chumhachdach na Righ, agus do bhrì gu bheil pòsadh an Uain air teachd. Tha cuid asaoilsin gu bheil suipeir bhaìnnse an Uain aciallachadh, an sòlas agus an sonas iomlan neo-thruaillidh sin, a mheallas na Naoimh fa dheoigh ann an Neamh. Ach o na tha coimhcheangal Chriosd re Eaglais air talamh, gu minic air a choimeas re pòsadh, agus o na tha an t-Aingeal ag òrduchadh do Eoin briathra ar teagaisg a scriobhadh fios, chums gum fuigheadh luchd-leanmhuinn Chriosd anns gach àl eolas orra, tha e nas coslaiche gu bheil an t-suipeir-bhainnse aciallachadh an solas, agus na tiodhlacaibh Spioradail sin, a tha esan atoirt do na creidmhich air talamh. Agus o na tha Criosd gu minic atoirt nan tiodhlacaidh so da phobull aig a bhòrd fein, feudaidh sinn
[212] gach ni, a tha ann an so air a radh mu shuipeir-bhainnse an Uain, gu ro mhath a choimeas re Sacramaint suipeir ar Tighearna.

Ann an labhairt, uime sin, on cheann-teagaisg so, tha mi cur romham, trìd coghnadh Spiorad Dhe,

I. Fhiosrachadh carson ata Criosd air a choimeas re Uan; agus carson a dhfheudas sinn sacramaint an Tighearna a choimeas re suipeir-bhainnse.

II. Co iad an dream a tha air an cuireadh chum na suipeir-bhainnse so.

III. A nochdadh gu bheil iadsan gun amharus beannuichte.

Ann an deigh so ni sinn foghnadh iomchuidh.

I. 1. Tha Criosd air a ghairm Uan, o na bha Uan mar shamhla air, fuidh lagh nan iobairtean.


[213]

Fuidhn t-sean tiomnadh bha iomadh seorsa do chreatuirean air an iobradh air son peacaidh dhaoine, agus bha iad uile nan samhla air iobairt, iomlàn Criosd. Ameasg gach creatuir air talamh, tha an t-Uan gu h-àraidh ainmeil air son macantas agus neo-chiontachd. Agus o na bha ar Slànuighear macantagus iriosal an cridhe, o na bha e neo-chiontach, neo-thruaillidh, agus neo-lochdach, tha e ann am focal De gu minic air a choimeas re Uan. ’S ann on chosamhlachd so a tha Criosd air ainmeach Uan De, agus o so mar air ceudna bha iobradh an Uain, gu h-àraidh na shamhla air an iobairt sin, a dhofrail Criosd air a chrann-cheusaidh. Anns an iobairt lathail fui’ ’n lagh, a bha iad a ghnath ag ofrail gu moch agus an-moch, cha robh iad ag ofrail creatuir sam bith eile ach Uan; agus bha so na shamhla air Criosd mar iobairt-reitich shiorruidh a phobuill, agus air fhuil-sa, a tha a ghnàth alabhairt air an son. Ann am feisd na càisg a chaidh òrduchadh mar chuimhneachan air saorsa clann Israeil o dhaorsa nan Eiphiteach, bha Uan a ghnath agus amhàin air iobradh. ’Nise o na bha saorsa chloinn Israeil, na shamhla air saorsa


[214] a chinne-daonna o thràillealachd a pheacaidh, bha an t-Uan a chaidh iobradh mar an ceudna na shamhla air Criosd; oir mar a bha clann Israel tearuinte o sgrios, ann an lorg fuil an Uain a chrathadh air an dorsaibh, mar so tha gach neach tearuinte o chorruich Dhe, a tha air an glanadh ann am fuil Chriosd. Thuillair so, tha an t-Abstol Pòl gu riachdail adearbhadh gun robh an t-Uan càisgna shamhla air iobairt Chriosd, oir ata eadhon Criosd arsesan, ar nUan càisgair iobradh air ar son. O na nithe so chi sibh, carson ata Criosd air a choimeas re Uan, tha mi anis gu nochdadhsan

2. Carson a dhfheudar an t-sacramaint so a choimeas re suipeir-bhainnse.

Tha an soisgeulaiche Matha ag innsidh dhùinn gun do shuidhich Criosd an t-sacramaint so, an deigh dha fein agus da dheisciobuil an suipeir a gabhail do Uan na càisg; agus tha so mar aon reusan, carson ata i air a h-ainmeach suipeir. Ann an talamh Iudea, agus ann an duthchaibh eile, gu h-àraidh ann an làithibh ar Slànuighear, bi an t-suipeir an


[215] lòn a bfhearr agus bu phailte a bha daoine afaotain; aig fèisd na càisge cha robh e ceaduichte dhoibh lòn sam bith eile a ghabhail, agus ghabh iad an t-Uan càisg a ghnàth an deìgh luidhna grèine. Agus o na tha pailteas do na nithe as fhearr, agus as luachmhoire, chum anama dhaoine a bheathachadh air an ulluchadh le Criosd airson a phobuill san an t-sacramaint so, tha i so mar an ceudna air a h-ainmeach suipeir. ’S ann o iobairt Chriosd, agus trìd creidimh, a tha daoine afaotain lòn spioradail dan anamaibh; agus don dream a tha gabhail na sacramaint so gu cubhaidh, agus le làn earbsa annsan, tha esan gu gràsmhur atoirt maitheanas, nam peacaidhean, coghnadh a Spioraid chum fas ann an eolas agus ann an gras, neart chum an dleasdanais a chur ann an gniomh, agus adaighneachadh an rùin chum am peacaidh a threigsin, agus chum gràdh agus umhlachd a thoirt do Dhia. Tha Criosd mar an ceudna atoirt dhoibh aig a bhòrd, gliocas gan stiùradh ann an slighe na fìreantachd, cruadal chum cogadh an aghaidh an Abhairseir, agus chum an ain-mianna feolmhor a mharbhadh, foighidin chum nithe trioblaideach na beatha
[216] so a ghiùlan, agus gach ni eile a tha feumail, gan neartachadh chum am beatha a chaitheadh gu cubhaidh da Shoisgeul fein.

Ach feudar an t-sacramaint so a choimeas nimhàin re suipeir, far am bheil càirdean Chriosd afaotain lòn no eolas agus neart; ach mar an ceudna re suipeir-bhainnse, far am bheil iad afaotain sòlas, sìth agus aoibhneas. Aig suipeir-bhainnsemeasg dhaoine, tha gach ni am bi’ -chiontas air an ullachadh, a tha coimhfhreagradh chum a chuideachd a dheanamh sòlasach, ait, agus subhach. Agus aig suipeir-bhainnse an Uain, tha Diag ulluchadh airson anama dhaoine, agus gu fial atoirt dhoibh, gach ni a tha feumail chum an deanamh subhach, ait agus aoibhin. Aig an ordugh naomha so, tha e gu minic anochdadh dhoibh, gu bheil e rèidh riu, tha e alabhairt sìth ren anamaibh, agus atogail, orra dealradh glan a ghnùis chàirdeil, tha e anochdadh dhoibh gur iad a chlann, agus tha e atoirt dhoibh geall-daighnich an Spioraid, mar dhearbha gu bheil iad nan oighreachan air sonas Neamh. Anis o nas ni deirbhte è, o fhein-fhiosrachadh nan Naomh anns gach


[217] àll, gu bheil na nithe so air am builleachadh air pobull Chriosd aig a bhòrd fein, agus gu bheil iad atoirt mòr-shòlas, agus mòr-aoibhneas dan anamaibh, bha deadh reusan aig an Abstol Eoin an t-sacramaintso a choimeas re suipeir-bhainnse. Mar so nochd mi dhuibh, carson ata Criosd, ’nar ceann teagaisg, air a choimeas re Uan, agus an t-sacramaint sin a shuidhich e na Eaglais re, suipeir-bhainnse. Tha mi nise dol air maghaidh anns an

2. Gu fhiosrachadh co iad an dream ata air an cuireadh chum na suipeir-bhainnse.

Chaneil daoine am bi’ -chiontas acuireadh chum bainnis, ach an càirdean agus an luchd-eolais amhàin; air a mhogh cheudna chaneil Criosd acuireadh chum a shuipeir-se, ach a chairdean fein amhàin, agus an dream sin aig am bheil eolas slàinteil air. Chums gum meal a chuideachd, a tha aig an fhèisd ghràidh so, sòlas agus sith, tha e feumail gum bi iad uile rèidh re cheile; ’s iad càirdeanmhàin nam measg fein, a tha air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain. Ann an Soisgeul


[218] Mhata, Caib. 22. tha sinn aleughadh ma dha sheorsa do dhaoine, cuid a fhuair cuire chum bainnis, agus cuid eile chum suipeir-bhainnse an Uain.

1. Fiosraichimid co a tha air an cuireadh gu bainnis an Uain.

Mar a dhinnis mi dhuibh a cheana, tha an co’ -cheangal a tha eidir Criosd agus Eaglais, gu minic air a choimeas re pòsadh ann am focal De. ’Niso na tha e na ni soìlleir, so-thuigsin do gach neach, gu bheil Eaglais Chriosd aciallachadh a phobull air talamh, tha iadsan uile air an co’ -cheangal ris mar gum beadh am bannaibh-pòsaidh a tha creidsin na ainm, no a gabhail ris, mar a tha e air a thairgse san t-soisgeul; agus tha iadsan uile air an cuireadh gu bhainnis, a tha afaotain tairgse nan gràs. Tha tairgse nan gràs, air an laìmh eile, air a deanamh gu saor do gach neach, a tha cluintin fuaim aoibhneach an t-soisgeil; uime sin, tha gach neach a tha air am baisteadh an ainm Chriosd, agus a than lorg so nam buill da Eaglais fhaicsionnaich air talamh, air an cuireadh antaobh amuigh


[219] gu bainnis an Uain. Si a bhainnis so, an co’ -cheangal dlù càirdeil, mairreanach sin, a tha, trìd creidimh, air a dheanamh suas, eidir Criosd agus a phobull; agus o na tha Criosd comasach agus toileach gach neach a shàbhaladh, tha e gu gràsmhor a toirt cuiredo gach neach, a tha cluintin sgeul air, teachd na ionnsuidh, gabhail ris, agus creidsin na ainm. ’Nise mu tha sinne, o mhothuchadh ceart dar cionta fein, agus do iomlaneachd glòirmhur Chriosd, agabhail risan, mar ar fàigh, ar Sagart agus ar Righ, mu tha sinn acreidsin a theagaisg, acur làn-earbsa na iobairt airson maitheanas, sìth agus sonas, agus ma tha sinn toileach umhlachd threimh-dhìreach a thoirt da àitheantaibh, tha sinn gun amharus air ar pòsadh, no air ar co’ -cheangaltrìd creidimh re Criosd. O so chi sibh, gu bheil gach neach, gu bheil na peacairean as mugha air an gairm gu bainnis an Uain, no, gu bheil Criosd gu saor atairgse slàinte do gach neach, agus aguidhe orra teachd na ionnsuidh agus gabhail ris. Fiosraichimid anissan


[220]

2. Co a tha air an cuireadh gu suipeir-bhainse an Uain.

Tha mugha mòr eidir cuireadh an taobh a muigh chum teachd an ionnsuidh Chriosd, agus cuireadh teachd na ionnsuidh chum sochairean a phobuill a mhealtuin, agus lòn spioradeil dar nanamaibh fhaotain uaithe. Tha Criosd fein ag innseadh dhuinn, gu bheil mòran air an gairm, ach beag air an taghadh. Tha gach neach air an cuireadh gu bhainnis, ach chaneil ach a chàirdean amhàin air an cuireadh gu shuipeir-bhainnse. ’S còir ann an so a thoirt fainear, ged a tha mòran air an cuireadh gu bhainnis, nacheil air an cuireadh gu Shuipeir, gidheadh nacheil a h-aon air an cuireadh gu Shuipeir, ach an dream a bhaig a bhainnis. Tha so aciallachadh, gur eigin dhuinn air tùs gabhail re Criosd fein, agus gur ann an lorg so amhàin, a tha e atoirt tiodhlacaibh spioradeil dhuinn. Tha Criosd agus a ghibhte do-sgaraidh, agus gus am bheil e fein afaotain seilbh air ar nanama, chaneil e gan neartachadh le aran na beatha, chaneil e alabhairt sìth riu, chaneil e atoirt solas agus aoibhneas


[221] dhoibh. Ann an cosamhlachd bainnis mhic an Righ, a tha air chur sios Matha 22. a dhainmich mi roimhe, tha Criosd atoirt dhuinn dearbhadh riachdail air an fhìrin so. Ameasg nan aoidheachan a thainig chum na fèisd a dhullùich an Righ air son bainnis a mhic, bha neach àraidh gun truscan na bainnse, se sin re radh, nach robh aig a bhainnis; co luath sa mhothuich an Righ an neach so, an àitcomas a thoirt dha, itheadh aig a bhord maille re càch, las a chorruich suasna aghaidh, dhorduich e da sheirbheiseachaibh air ball a cheangal, agus a thilgeadh an iomall dorchadais. Tha truscan na bainnse aciallachadh fìreantachd Chriosd, tha gach neach a tha creidsin ann-san afaotain còir air fhìreantachd, no air an sgeudachadh leis an truscan so, agus is ann don dream somhàin a tha Dia atoirt cuireadh suidhe sios aig a bhord. Air an làimh eile, tha Dia sa chosamhlachd so ateagasg dhuinn, nach fhuigh an dream sin lòn spioradeil, ach gu bheil iad atoiltin peanas, agus an cunnart sgrios, a tha gu dàna ateachd gu suipeir a mhic, gun chreidimhna ainm, agus gun bhi air an sgeudachadh le fhireantachd. O
[222] na nithe so tha e soilleir, gur iad an dream sin amhàin, o tha air an coimhcheangal re Criosd trìd fior chreidimh, agus a thug iad fein thairis gu h-iomlan dha-san, gu bhi air an sàbhaladh agus air an riaghladh, leis a tha gun amharus air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain.

Chums nach duisg sinn eagal an inntin nan creidmheach anmhunn, agus chums nach dthoir sinn misneach do pheacairean dàna, bheir mi beachd eile dhuibh don ni chudthromach so. Tha giùlan agus caithe’ -beatha dhaoine gu riachdail adearbhadh, nacheil iad uile acreidsin an Criosd, agus an dream nacheil acreidsin ann-san, tha iad nan naimhde do Dhia, agus nan seirbhisich don Abhairseir. An dream, uime sin, a tha nan naimhde do chrann-ceusaidh Chriosd, a tha cur doilghios air a Spiorad, agus a tha le dimeas adiùltadh tairgse nan gràs, chaneil iadsan air an cuireadh gu shuipeir. Ach an dream sin a tha mothuchadh an cionta agus an cunnart, a tha re bròn air son an eas-umhlachd, a tha air an deanamh rèidh re rathad na slàinte trìd fuil Chriosd, a tha gabhail


[223] risna oifige agusna àitheantaibh gu leir, agus acur cùl ris gach bunait dochais sam bith eile, ge be ciod an staid no am peacaidhean air an àm a chaidh seachad, tha Criosdnise gu gràsmhor gan cuireadh gu shuipeir, do bhrì gan robh iad aig a bhainnis. Achs còir dhuinn ann an so a thoirt fainear, gum feud eadhon fior-dheisciobuil Chriosd a bhi an amharus mòr mu dheimhin an staid fein, agus an dàimh risan; agus o na chaidh a radh feudaidh iad a shaoilsin nacheil còir aca-san air sochairean Spioradeil a phobuill. Gan saoradh o mhearrachd mun ni so, tha barrantas againn innseadh dhoibh, ged nacheil dearbhadh riachdail aca, gur iad deisciobuil Chriosd, gidheadh mu tha iad toileach am peacadh a threigsin, agus iad fein a thoirt thairis gu h-iomlan do Dhia trìd an t-Slànuighear, scòir dhoibh so a dheanamh air tùs, agus an deigh so an cumhnanta a shèuladh le bòidean aig bord an Tighearna. Tha Criosd atoirt comas agus cuireadh don dream so teachd na ionnsuidh, tha esan ag ulluchadh lòn spioradeil air son a leanabaibh, co mhaths airson nan daoine laidir; agus mu thig iad gu shuipeir le bròn le creidimh,
[224] agus le ciocras, buinidh esan gu gràsmhor riu. Mar so nochd mi dhuibh carson a dhfheudar sacramaint an Tighearna a choimeas re suipeir-bhainnse, agus co iad an dream a tha air an cuireadh chum na suipeir so. Tha mi a nis gu dhearbhadh san

III. Gu bheil an dream sin gun amharus beannuichta tha air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain.

Nochd mi dhuibh a cheana, nacheil Criosd acuireadh neach sam bith, ach fior-chreidmhich, ach a chàirdean fein amhàin. A niso nas ni deirbhte e gu bheil fior-chreidmhich air an saoradh nimhàin o chionta a pheacaidh, agus o pheanas siorruidh, ach mar an ceudna air an deanamh rèidh re Dia, agus nan oighreachan air sonas Neamh; tha eadhon an staid anochdadh dhuinn, gu bheil iad gun amharus beannuichte. Oir mas e am peacadh a thaa deanamh ar natuir neo-ghlan, agus neo-thaitneach am beachd Dhe, mas se so màthair-aobhair gach triobloid a tha sinn afulang, agus gach truaighe dam bheil sinn buailteach; mu tha


[225] na creidmhich air an glanadh am fuil Chriosd o shalchar a pheacaidh, mu tha iad air an dionadh leisin o pheanas, agus o thruaighe, agus amealtuin càirdeas De slàinte, sòlas agus sonas an anama, tha an staid gu cinnteach sonadh. Co as urrainn sonas nan creidmheach a chur gu ceart an ceill. ’Se Dia an Athair, agus an caraid caomh, se Criosd am bràthair agus an Slànuighear, tha an Spiorad Naomhagabhail comhnuidh annta agus tha na h-Aingil threun gu càirdeil a frithealadh dhoibh. Tha iad beannuichte nan anamaibh, oir tha iomhaigh Dhe air ath-nuadhachadh orra; tha iad beannuichte nan cuirp, oir tha iad air an neartachadh chum am buill a thoirt nan armaibh fìreantachd do Dhia. A ris, tha iad beannuichte nan onoir, agus nan stòras, oir tha Dia gan sdiùradh agus gan neartachadh chum feum ceart a dheanamh dhiu; tha iad beannuichte nam bochduin agus nan triobloid, oir tha Dia gan naomhachadh dhoibh. Do reir mar a tha iad afàs ann an eolas slàinteil, ann an gràs, ann am maitheas, agus ann an naomhachd, tha iad sona air talamh, agus ann an Neamh far am bi iad foirfe ann an eolas, agus ann
[226] an naomhachd, bithidh iad gu h-iomlan sona. Tha an dream a tha Criosd acuireadh gu shuipeir air gach doigh sona, beannuichte, tha iad sona do bhrì gu bheil iad air an coimhcheangal risan, tha iad sona annta fein; tha iad beannuichte do bhrì gu bheil iad nan oighreachan air glòir agus sonas Neamh; agus tha esan gan cuireadh gu shuipeir-bhainnse, chum an gràsa a neartachadh, agus chum an sonas a mheudachadh. ’Nise mureil sinn acreidsin, gu bheil na daoine so beannuichte, ’n dèigh dhuinn beachd a ghabhail dan staid, tha dearbhadh riachdail eile againn air an ni so, dearbhadh nach urrain sinn a dhiùltadh, mu tha sinn acreidsin gu bheil Dia fior. Le òrdugh a h-aon do aingil Dhe, agus le deachdadh a Spioraid, tha an t-Abstol Eoin nar ceann-teagaisg ag radh, Is beannuichtiadsan ata air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain; agus chums nach bitheamaid ann an amharus sam bith mun ni so, tha e mar an ceudna ag radh, Is iad so briathra fìrinneach Dhe. Mu tha sinn acreidsin gu bheil Dia uil’ -fhiosrach, ’s eigin dhuinn aideachadh gu bheil fhios aige, ciod a ni an cinne-daonna
[227] sona; agus mu tha esan ag ràdh, gu bheil an dream a tha faotain na cuire so gun amharus beannuichtes dàna an ni do chreatuirean an ni so aicheadh, ’s aingidh crosda an ni breugaire a dheanamh do Dhia na fìrinn. Anis o na tha ar reusan fein, fein-fhiosrachadh nan creidmheach anns gach àll, agus focal fìrinneach Dhe ag innseadh, agus ateagasg an ni ceudna dhuinn, tha gach dearbhadh againn as urrain sinn iarruidh no fhaotain, gu bheil an dream sin gun amharus beannuichte a tha air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain. Mar so thug mi aoirrip a nochdadh dhuibh, carson a dhfheudar sacramaint an Tighearna a choimeas re suipeir-bhainnse, co a tha air an cuireadh na h-ionnsuidh, agus gu bheil iadsan sonadh beannuichte.

Coimh dhunamaid anis le foghnà iomchuidh.

1. O na chaidh a radh, chi sinn co iad an dream sin a tha air an cuireadh, agus aig am bheil barrantas teachd, gu bòrd an Tighearna; aguss iad so a mhuintir sin a tha


[228] creidsin anns an t-Slànuighear, agus a tha air an deanamh rèidh re Dia trìd-sin. ’S ann airson a dheisciobuil fein amhàin, a tha Criosd ag ulluchadh na fèisd ghràidh so, aguss ann orra-san a mhàin a tha e abuilleachadh tiodhlacaibh Spioradail aig a bhòrd. Achs còirn so a thoirt fainear, gu bheil nimhàin an dream sin nan deisciobuil do Chriosd, a fhuair seula an Spioraid, agus dearbhadh riachdail gu bheil iad air am fìreanachadh, ach mar an ceudna a mhuintir sin, a tha toileach gabhail ris, umhlachd a thoirt dha, agus earbsa a chur ann, mar am fear-teagaisg, an iobairt-reitich, agus an Uachdaran dligheach. Don mhuintir so uile agus dhoibh-sin amhàin tha e ceaduichte suidhe sios aig a bhord.

2. Feudaidh sinn fhoghlum o na chaidh a radh, ciod na tiodhlacan agus na sochairean, ris am feud dùil a bhi aig an dream sin, a tha gabhail na sacramaint so gu h-iomchuidh. Chum ocras agus tart a phobuill a shàsachadh, tha Criosd gu gràsmhor ag ulluchadh, tha e gu càirdeil atoirt dhoibh aig a bhòrd, lòn agus sòlas spioradail dan anamaibh.


[229]

Bheir esan a chuibhrionn sin da ghràs do gach neach, a tha e faicinn feumail air an son, gan neartachadh chum dol air an aghaidh ann an slighe na fìreantachd gus gach triobloid a ghiùlan, a chuireas esannan caraibh, agus chum gach dleasdanas a chur an gniomh a dhòrduicheas esan dhoibh. Chaneil Dia gun amharus atoirt do gach neach, an taisbeanadh as riachdaile air a ghràdh, an taisbeanadh sin a tha so-mhothuchail, agus a tha gineamhuin aoibhneas Spioradail san anam, tha e atoirt so am bi-chiontas don dream sin amhain a tha laidir ann an creidimh, agus tarbhach ann deadh oibribh. Ach ged a tha Dia adiùltadh an t-sòlais so dhuinn, gidheadh chaneil aobhar bròin no gearrain againn, mu tha sinn afaotain beachd nas soilleire dar dleasdanais, agus do ghràinealachd a pheacaidh; mu tha ar fuath don pheacadh nas mugha, agus ar rùn a threigsin nas neartmhoire; mu tha ar gràdh do Dhia, agus do dhaoine air a dheanamh nas dian-laiste agus nas tarbhaiche. Mu si so ar staid, feudaidh sinn a bhi deirbhte, gun do mheal sinn comhchomunn maille re Dia, ged nach robh e so-mhothuchail; agus gun dfhuair


[230] sinn na tiodhlacaidh as feumaile air ar son, ged nach dfhuair sinn na tiodhlacaidh as sòlasuiche agus as taitniche.

3. Feudaidh sinn fhoghlum o na chaidh a radh, ciod na h-aigneidh leis an còir dhuinn teachd, chum bòrd an Tighearna. O na tha gach dearbha againn as urrain sinn iarruidh, gun do shuidhich Criosd an t-sacramaint so, chum tiodhlacaibh Spioradail a thoirt da phobull, agus gu bheil e comasach agus toileach so a dheanamhs còir dhuinn suidhe sios aig a bhord le creidimh, le dochas, agus le làn-earbsa na chumhachd agus na ghràdh. O na se Criosd tobar ar sonais, o na tha gach ni aige a tha feumail chum sinne a dheanamh sona, araon anis agus gu siorruidh, agus o na tha e atairgse nan nithe so dhuinn; ’s còir dhuinn ar cridheachan fhosgladh gu farsuing dha, agus gàirdeachas a dheanamh ann, mar ar cuibhrionn, mar ar Slànuighear, mar an ti sin ata uile-mhaiseach, uile-mhaith, agus uile-ghradhach. ’S còir dhuinn mar an ceudna bàs ar Slànuighear fhoillseachadh le bròn agus doilghios airson ar peacaidhean, o na biadsan mathair-aobhair fhulangais agus


[231] a bhàis; agus le taingealachd agus teas-ghràdh air son na rinn agus na dhfhuiling e air ar son. O cia beannuichte, sòlasach a bhitheadh ar staid, nam burrain gach h-aon a shuidheas fios aig bòrd an Tighearna air an an diu, a radh gu treibh-dhireach maille re Daibhidh; mar thogras fiadh na sruthain Uisg, mar so ata manam aploscartaigh addheigh-sa, o Dhe, ata tart air manam an geall air Dia, air an Diata beo. Gun deonaiche Dia gum bi cridheachan mhòrain alabhairt nam briathra so, agus gum bi na nithe, a chaidh anis a radh o fhocal air am beannachadh dhuinn, agus da ainm naomha-sa gun robh a ghlòir anis agus gu siorruidh. Amen.

titleSearmoin X
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page