[250]

SEARMOIN XII.

ROMH. viii. 32.

An ti nach do chaomhainn a mhac fein, ach a thug thairis e air ar soin-ne uile, cionnas nach tabhair e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithe maille risan?

NUAIR a tha dithis dhaoine adroch-cordadh, tha sinn gach afaicin, gur dorradh gu mòr an t-ea-corach a bhrosnachadh chum sìth agus rèite adheanamhsuas a-ris, no an neach air an drinn e an ea-coir. ’Se as aobhar don ghiulan aingidh so gu bheil an t-ea-corach deirbhte da chionta, gu bheil e ann an lorg so asaoilsin, gu bheil fuath aig an neach eile dha, agus gur e a rùn a sgrios; agus fhad sa tham beachd so aige, cha bhi


[251] e reidh ris air chor sam bith. Than rùn-inntin so, air gach doigh, aimideach, ea-corach, agus aingidh; ach mo thruaighe! tha sliochd an duine ga altrum, agus ga nochdadh len giulan, nimhàin thaobh am bràithre, ach mar an ceudna thaobh an Athar Neamhaidh.

Mar so nochd coguis chiontach gu moch acumhachd, eadhon an giulan ar ceud sinnsir. Co luath sa bhrist iad lagh Dhe, chunnaic iad an lomnochd, mhothuich iad an cionta, ruidh iad gu grad o làithaireachd, agus thug iad aoirrip aimideach iad fein fholach gu tur o ghnùis. ’S math a than sliochd aleantain an eisiomplair anns an ni so, oir fhad sa tha iad nan staid naturail, tha iad asaoilsin, gu bheil Dia na namhaid guineach, fuileacdach dhoibh, agus uime sin, tha iad ateicheadh uaithe, acogadh na aghaidh, agus a ghnàth a briseadh àitheanta.

O nach e rùn an cinne-daonna a sgrios, ach an toirt air an ais na ionsuidh fein, tha e air iomadh doigh ataisbeanadh dhoibh a throcair, a chairdeas agus a ghràdh, chum an


[252] eagal tràillidh a sgapadh air falbh, agus naimhdeas naturail an cridheachan a sgrios. Tha gach tiodhlacadh, a tha daoine amealtuin na dearbhadh riachdail air gràdh Dhe, agus tha e gan toirt dhoibh, gan deanamh earbsach a mhaitheas, gràdhach, taingeil agus umhal. Ann an toirt dhoibh a mhic fein mar fhear-saoraidh, tha Dia abuilleachadh orra an tiodhlaca, a bfhearr a bhaige, eadhon a thiodhlaca do-labhairt; tha e toirt dhoibh, anns am cheudna, an dearbhadh as neartmhoire, a burrain e air a ghràdh. Anis o na tha daoine do ghnàth earbsach a caraid dilsa, air son tiodhlacaibh feumail eile, ’nuair a tha e toirt dhoibh, an tiodhlaca as fhearr a thaige, agus an dearbhadh as riachdaile air a ghràdh; than t-Abstol acomhdhùnadhnar steidh-teagaisg o na thug Dia cheana dhuinn, gum feud dochas bunaiteach a bhi againn ris gach tiodhlaca eile, a tha feumail chum leas ar nanama. An ti, arsesan, nach do chaomhainn, &c. Ann an labhairt o na briathra so, chum misneach agus sòlas a thoirt do chàirdean Criosd, ann an seirbheis àraidh an an diu, tha mi cur romham trid coghnadh Spioraid De, fhiosrachadh air


[253]

I. Cionnas a bhuin an t-Athair re mhac.

Nuair a pheacaich an duine an aghaidh Dhe, rinn e tair air ùghdaras, thug e oilbheum da cheartas, agus da naomhachd, agus dhfhàs e ann an lorg so buailteach do pheanas, agus do bhàs. Chum sliochd an duine a shaoradh o sgrios, agus a dheanamh naomha sonadh; Ann an comhairle na sith, sheas Criosd a suas air an son, gheall en natur a gabhail air, gheall e umhlachd iomlan a thoirtnan àite, agus am bàs cràiteach a thoill iad, fhulang. Anis o na bha na nithe so uile feumail chum glòir Dhe, agus slàinte dhaoine, ann an coimhlionadh na h-aimsir, dhiarr an t-Athair uaithe gach h-aon diubh. Chum labhairt nas mìn-chuisiche

1. Cha do chaomhainn an t-Athair e.

Be Criosd dealradh glòir an Athar, agus fior-iomhaigh a phearsa; besan a mhac gràdhach, anns an robh a làn toil; agus-bha e coimhionnan ris ann an cumhachd agus ann an glòir. Tha Dia do ghnàth atoirt gràdh do gach Ti, agus do gach creatuir, do


[254] reir an natuir, am maiseagus am buadhannaibh; agus o na bha Criosd uile-mhaiseach, agus iomlan na bhuadhannaibh, thug an t-Athair gu cinnteach gràdh iomlan dha. Ach ged a bha a ghràdh da mhac iomlan. seasmhach, dian-laiste gidheadh cha do chaomhainn se e. Cha do chaomhainn se e o shonas Neamh agus uchd fein fhàgail, o sgàil car tamuil a chur air a ghlòir, agus o natur truaillidh an duine a ghabhail air. Cha do chaoimhainn se e o sgios, ocras agus fuachd, o bhochduin agus tinnis; o bhuaireadh an Abhairseir, o ana-cainnt pheacach, o gheur-leanmhuin a naimhde, agus o theicheadh nàrach a chàirdean. Ged a chuir esuas ath-chuinge dhùrachdach ris, cha do chaomhainn se e o chupan an t-searbhais òl; ach air dha a churna làimh, ghleidh e ann an sin è, gus an dol è eadhon an deireadh amach. Cha do chaomhainn se e o bhròn inntin, o fheirg fein fhulangna anam, o bhàs nàrach, cràiteach, fadalach, agus o bhi air a chur fa dheoigh le masladhsan ùir. ’Si caonadh an earran as lugha do thròcair, ach cha dthug an t-Athair eadhon an earran so da mhac, chums gun taisbeanadh e iomlaineachd a thròcair don
[255] chinne-daonna. Ann an àite Criosd a chaomhnadh, chum fhuath don pheacadh, agus a ghràdh do anamaibh dhaoine gu soilleir a dhearbhadh, le cruaidh-dhioghaltas, ghairm Dia gu dian air a cheartas eiridh suasna aghaidh. Mosgail o chloidheimh, an aghaidh mo bhuachail, agus an aghaidh an duine, as coimhionnan dhomh, deir Tighearna nan sluagh. Tha so acur an cuimhne dhomh a thoirt fainearsan

2. Gun dthug an t-Athair thairis a mhac.

Chaneil an t-Abstol ag ainmeach co na ciod dan dthugadh thairis e, agus bha aobhar math aige, a bhi na thosd mun ni so; oir thugadh thairis e do choimhlion namhaid agus truaighe, as nach burrain e an ainmeach uile, gun eachdaire a bheatha aithris o bhreith gu bhàs. Thugadh thairis e air tùs do bhroinn na h-òighe Muire; eadhon air an àm sin thoisich ìsleachadh, thoisich fhulangais. Oir air an àm so, chaidh an teampul sin a dheasachadh agus a dhealbh, a reub a naimhde fa dheoigh le lamha aingidh air sliabh


[256] Chalbhari. ’Nuair a rinneadh ena fheoil, agus a nochd se e fein air fàsach an t-saoghail so, thugadh thairis e do anmhuinneachd, do thinnis, agus do uireasuibh; agus co luath sa thainig e chum inbhe duine, thugadh thairis e do shaothair, do bhochduin, do mhasladh agus do bhròn.

Ach ged a bha na nithe so trioblaideach, maslach, gidheadh bha iad amhàin nan roimh-bhlasadh air an eas-onoir, agus air a chràdh a dhfhuiling Criosd an deigh làimh. Mar so thugadh thairis a àm a mhinistreileachd aìr talamh do bhuaireadh an Abhairseir, do ana-cainnt, do dhi-meas, do ana-creidimh pheacairean. Thugadh thairis e do Iudas, a bhrath e gu cealgach; do na h-àrd-Shagartaibh a chàin e gu h aingidh; do Herod agus da luchd cogaidh, a rinn fanoid air, a chuir crùn droighinn ma cheann, agus slat chuilce na làimh dheis, agus a ghabh do shilibh air. Thugadh thairis e do Philat, a dhit e gu h-ea-corach; do na Saighdfheara Romhanach a cheus e le buirbe. Thuilleadh air so thugadh thairis e do fheirg an uile-chumhachdaich, ’nuair a bha i air lassadhsuas an


[257] aghaidh peacaidhean dhaoine. Dhfhuilling Criosd cràdhna chorp; ach is ann na anam a dhfhuiling e doruinn. Bha na nithe a dhfhuilling e o naimhdeas dhaoine craiteach, piantachail, do-ghiulan; ach biad fulangais anama a dhfhàisg na braona morà fola o chorp; bi fearg an De mhòir, ann am briathraibh Dhaibhidh, a shearg a chridhe as mar fheur, agus a loisg a chnàmhan mar lic an tinntein. ’Nuair a dhfhuilling e fearg dhaoinena chorp, bha e mar chaora balbh; achnuair a dhfhuiling e fearg Dhe na anam, thuirt e ra dheisciobluibh, ata manam ro-bhrònach eadhon gu bàs; agus ghlaodh e le iolach àrd, mo Dhia, mo Dhia, creud far threig thu mi!

Mar so thug an t-Athair thairis a mhac, chum gach earran do ainmheach pheacairean a phàighe, agus chum gach ni fhulang a thoill iadsan. Nach bu tròm eallach a pheacaidh a leag gu làr Slànuighear an t-saoghail; agus nach bu shearbh cupan fhulangais, a tharruing gearran co ghoirt uaithe. O na dhfhuiling esan feudaidh sinne fhoghlum, cia domhain cionta a pheacaidh, cia mòr am


[258] peanas a tha e atoiltin, agus cia do-thuigsin gràdh Dhe don chinne-daonna, a thug eadhon aon-ghin mhic thairis gu bàs air an son. Air dhuinn mar so cuid do na nithe sin ainmeach, gus an dthugadh thairis Criosd, fìosraichimid anissan

II. Carson a thugadh thairis e.

Tha an t-Abstol, ’nar stèidh-teagaisg, atoirt freagradh don cheist so, le innseadh gun dthugadh thairis e, eadhon air ar soin-ne uile. Le so tha e cur an ceill, nach bann air son a ghiulain fein a dhfhuiling e; oir o na bha e naomha, neo-lochdach, agus air a sgaradh o pheacaichibh, cha robh e buailteach do fhulangais sam bith, agus cha burrain an t-Athair, gu cothramach a thoirt thairis gu bàs. Agus mar dhearbhadh gur ann air ar soin-ne, a dhfhuiling esan, tha an t-Abstol ag radh, rinneadh esan do nach baithne peacadh, na pheacadh air ar soin-ne, chums gum bitheamaid air ar deanamhnar fìreantachd Dhe ann-san. Ach thugamaid fainear air mhogh nas riachdaile, carson a


[259] thugadh thairis e. Agus an seadh coitchionn dhfhuiling e.

1. Air son sliochd an duine gu leir.

Tha e soilleir o fhocal De gun robh eifeachd co mhor san iobairt a dhofrail Criosd, as gun do choisin e leatha slàinte air son gach neach, a bha, a tha, agus a bhitheas gu bràth air aghaidh na talmhuin. Anis o na choisin e slàinte a tha coimhfhreagradh re staid agus uireasuibh sliochd an duine gu leir, o na tha e tairgse slàinte dhoibh, agus atoirt cothrum don chuid as mugha dhiu eolas spioradail fhaotain agus meadhonna nan gràs a ghnàthachadh, feudaidh sinn le barrantas a radh, gun dfhuiling e bàs air son an dream so uile. Ach a thuilleadh air so, tha sliochd an duine gu h-iomlan gu mòr an commain Chriosd mar an eidir-mheadhoin-fheair; oir is ann air sgàth na gheall, na rinn agus na dhfhuiling esan, a chaidh air tùs an caomhnadh ann an tir nam beo, agus a tha iad on àm sin afaotain am beatha, an neart, an treòir, an ciall, an tuigse, an lòn an eadach, maille ris gach tiodhlaca talmhaidh eile a tha


[260] iad amealtuin. Anis o na tha an cinne-daonna uile an commain bàs Chriosd, air son tiodhlacaidh talmhaidh agus Spioradeil a chosnadh dhoibh, feudaidh sinn an seadh coitchionn a radh, gun dthugadh thairis e air an son gu leir. Ach a-rissan

2. Thugadh thairis e gu h-araidh air son a phobuill fein.

S iad pobull àraidh Chriosd, an dream a thagh an t-Athair o shiorruigheachd, a tha air an gairm, agus air an aomadh gu h-eifeachdach air talamh, chum gabhail ris, chum creidsin, ’na ainm, agus chum geilleachdain dha len uile chridhe. Ghiulain Criosd cionta sliochd an duine gu leir, ach be ainmheach a phobuill a phàigh e gu h-àraidh. ’S ann air an son sa gu h-àraidh a dhfhuiling e bàs, agus a choisin e slainte. An toirt a mhic thairis gu bàs, be an ni àraidh a bhaig Dia na bheachd, a ghlòir a thaisbeanadh, a naomhachd a nochdadh, a ghradh a dhearbhadh agus biad na nithe ceudna, a bhaig Criosdna bheachd, ’nuair a dhfhuiling e gu toileach bàs malluichte na croiche. Biad


[261] peacaidhean a phobuill fein, a rinn buaireadh an Abhairseir trioblaideach, agus naimhdeas nan Iudhach cràiteach; biad so a sharr e ris a chrann a reub fheoil, a dhòirt fhuil, a dhfholaich uaithe gnùis Athar, agus a rinn anam ro-bhrònach. Mar so thugadh Criosd thairis gu h-àraidh, chum piann, trioblaid, agus bàs, air son gach neach a tha creidsin na ainm, co dhiu a tha iad bochd no beartach, òg no sean, foghluimte no ain-eolach, tuirseach no aoibhneach, air an ath-nuadhachadh an de, no iomadh roimhe so. Agus mar a choisin Criosd gu h-àraidh slàinte don dream so, ’san doibh-sin gu h-àraidh a tha e toirt tairgse nan gràs, ’s ann orra-san a tha e builleachadh tiodhlacaibh Spioradail, aguss iad-san a gheibh uaithe a bheatha mhairreanach. Chaneil an Dia sin ata uile-ghlic, adeanamh ni sam bith an diomhanas; o ghràdh truacanta, thug e thairis a mhac, chum leas a chinne-daonna gu leir; agus o ghràdh àraidh, thug e thairis e air son an dream sin, a bha fhios aige, a ghabhadh gu toileach araon re Criosd agus re shlàinte. Mar so chi sibh, ciod a bhàig an Athairna bheachd, an toirt thairis a mhic, agus carson a thug se thairis
[262] e; mar ar caraid dìleas gràdhach, dhfhuiling Criosd am bàs air son ar neas-aontais, agus dheirich esuas a-ris air son ar fireanachaidh. Fiosraichimidnisesan

III. Ciod an dearbhadh a thagainn o bhas Chriosd, gum fuigh a phobull na h-uile nithe maille risan?

Tha na h-uile nithe ann an so aciallachadh, gach tiodhlacadh talmhaidh agus Spioradail, a tha Dia afaicin feumail chum sòlas sìth agus leas a phobuil, araon air talamh, agus ann an Neamh. Tha focal De gu riachdail adearbhadh, gun do choisin Criosd da phobull na h-uile nithe, le umhlachd agus le bhas; agus gun do choisin e iad, chum am builleachadh orra. Ach siosraichimidn so ciod an dearbhadh a thagainn, gum fuigh pobull Chriosd na h-uile nithe maille risan. Agus air

1. Tha ar reusan fein ateagasg so dhuinn.

Se Criosd, mar gun abramaid, an tobar tarbhach, fior-ghlan domhain sin, om bheil a


[263] sruthadh, don chinne-daonna gach tiodhlacadh talmhaidh agus Spioradail. Anisnuair a tha Dia atoirt da phobull Criosd fein tobar na beatha, gheibh iad gu cinnteach an tuigse, an toradh, agus gach ni a tha sruthadh uaithe. Mar sonuair a tha duine afaotain o chàraid, còir iomlan air oighreachd, tha e faotainsan am cheudna còir air gach ni, a tha acinntin no fas orra; agus ceart mar so buinidh Dia re phobull thaobh nan tiodhlacaidh a choisin Criosd, maille risan gheibh iad na h-uile nìthe.

2. Tha geallanna Dhe adearbhadh so dhuinn.

Bithidh oidhche agus , bithidh dorchadas agus solus air an deanamh nan aon, theid Neamh agus talamh nas luaithe thairis, na bhriseas Dia na fìrinn a gheallanna priseil da phobull fein. Ciod, ma seadh, a tha e agealtuin? Tha na h-uile nithe da phobull. Mar so tha Criosd fein alabhairt, ge be ni a dhiarras sibh amainm-sa, ni mise sin, chums gum bi an t-Athair air a ghloruchadh anns amhac. Ann an aite eile, tha


[264] Diana fhocal, mar so agealltuin agus ag radh; Is leibhsena h-uile nithe, màs e Pol, no Apollos, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithe ata làthair, no nithe ata re teachd, is leibhse iad; agus is le Criosd sibhse; agus is le Dia Criosd. Ann an so chi sibh, gu bheil gach ni air an gealtuin do phobull Chriosd, a tha feumail chum leas agus sòlas an anamaibh. Anis o na tha Dia uile-chumhachdach, ’s urrainn e a gheallanna a choimhlionadh, agus o na tha e uile-fhior, coimhlionaidh e gu cinnteach iad.

3. Tha eidar-ghuidhe Chriosd adearbhadh gum saigh a phobull gach ni.

Tha focal De ateagasg dhuinn, gun do choisin Criosd le umhlachd agus le bhàs, maitheanas agus gràs, neart agus sòlas, sìth agus sonas da phobull; agus gu bheil e anis an Neamh ghnàth guidhe air Athair, na nithe so, agus gach ni feumail eile a thoirt dhoibh. Gach ni a tha Criosd ag iarraidh, tha e ag iarruidh gu cothromach, do bhrìgh gun do choisin e iad, agus chaneil an t-Athair air àm sam bith ga dhiultadh. O eidar-ghuidhe


[265] Chriosd ma seadh, tha an t-Abstol Pol aco’ -dhùnadh, gur urrain e a phobull a thearnadh, no gach tiodhlacadh feumail a thoirt dhoibh. Tha e fòs comasach, arsesan, air an droing a thig chum Dhe trìdsan a shlànuchadh gus a chaidh as fhaide, do bhrìgh gu bheil e beo gu siorruidh gu eidar-ghuidhe a dheanamh air an son. Tha an t-Abstol ceudna, ann an aite eile, areusannachadh araon o eidar-ghuidhe Chriosd, agus o mhugha mòr staid a phobuill, ’nuair a dhfhuiling e am bàs, agus a tha e adeanamh eidar-ghuidhe air an son. Ma se, arsesan, air bhi dhuinnnar naimhde, gun drinneadh rèidh re Dia sinn tre bhàs a mhic, is mòr is motha air dhuinn a bhi air ar deanamh rèidh, a shabhalar tre a bheatha, is è sin trìd eidar-ghuidhe sinn. Mar so tha ar reusan fein acur an ceill, tha geallanna Dhe, agus eidar-ghuidhe Chriosd gu soilleir a dearbhadh gum fuigh a chàirdean gach ni maille Criosd. O na is ann mar so a tha a chuis, tha deadh aobhar aca gun amharus gairdeachas a dheanamh ann, feitheamh air le dochas beothail, agus dluthachadh ris len uile chridhe. Air dhuinn anis gach earran
[266] dar stcidh-teagaisg a mhìneachadh, mar choimhdhùnadh don iomlan fuilingibh domh labhairt re sheorsa dhaoinenar measg. Agus

1. Tha briathra ar teagaisg acur an ceill cionta agus cunnart naimhde Chriosd, a tha gach acogadh na aghaidh, a tha nan seirbhisich dhilis don Abhairseir, agus leis nach miann am peacaidhean a threigsin. ’S bochd staid, ’s aimideach giulan, aguss mòrc unnart an dream so. Tha iad gach , gach uair, gach mionaid fuidh chorruich an uile-chumhachdaich, air an sgaradh o chairdeas, air an dìteadh le lagh, agus buailteach do bhàs siorruidh. Anis mu bha fuath Dhia don pheacadh co mhòr, as nach do chaomhainn e a mhac fein, ’nuair a sheas esuas air son pheacairean, gu cinnteach cha chaomhainn e an dream sin, a tha diultadh gabhail re Criosd, agus a tha ciontach, ceannairceach; aingidh. Ma leag peanas a pheacaidh, ma seadh, eadhon Slànuighear an t-saoghail gu làr, ciod a dheireas dhoibhsan dan eigin am peanas fein a ghiulan; bithidh iad gu cinnteach


[267] air an sgrios gu siorruidh. Ann an trioblaid, aig uair a bhais, bithidh iad gun charaid, gun chùltaic, gun choghnadh; aig bhreitheanais, thèid an cur air laimh chli a bhreitheamh, agus ditidh esan le feirg iad, chum truaighe shiorruidh fhulang. Ma se an rùn an truaighe so a sheachnadh, guidheam orra an tràth, gabhail re Criosd, agus an anama a thiomnadh thairis na lamha.

2. Tha briathra ar steidh-teagaisg gu math acoimhfhreagradh chum misneach agus sòlas a thoirt do chairdean Chriosd. ’San air an son-sa a thug an t-Athair thairis gu bàs e, is ann doibh-san a choisin e slàinte, agus o na thug e dhoibh a cheana a mhac, tha e anis atairgse na h-uile nithe maille risan. ’S còir don dream so, ma seadh, feitheamh air Criosd, agus a bhàs a chuimhneachadh le bròn cridhe, le teas-ghràdh, le dochas beothail, agus le làn earbsa.

Tha bròn air son peacaidh gun amharus cubhaidh aig bòrd an Tighearna, o na bha


[268] sinn uile ag aontachadh le bas, agus o na mheudaich sinn ler cionta gu mòr fulangais ar caraid Neamhaidh. Tha teas ghràdh mar an ceudna dligheach, ’nuair a tha sinn acuimhneachadh bàs Chriosd, a dhfhuiling e air ar soin-ne, agus leis am bheil e gu h-iongantach amolladh a ghraidh fein dhuinne. ’S còir dhuinn mar an ceudna dluthachadh ris le dochas agus earbsa, ’nuair a tha sinn afaicin comharan a bhàis, leis an do choisin e slàinte da phobull, agus a bhòrd deasuichte, chum toradh na slainte so a thoirt dhoibh.

Leis na h-aigneidh dhiadhaidh so ag oibreachadhnar cridheachan, cuartaichibh anis altair Dhe, agus foillsichibh bàs Chriosd. Cia mòr bhur nuireasuibh, ’s urrain esan an deanamh suas; ge be ciod a tha a dhith oirbh, ma sibh fhior-chairdean, tha esan toileach am builleachadh oirbh. Fosglaibh ma seadh ar beil gu farsuing, agus lionaidh Dia gu pailt iad; chaneil sibh an cumhangachd an Dia, na bithibh cumhang ann ar ninnibh fein. Cosmhuil re Abram, Athair


[269] nan creidmheach, bithibh anis laidir ann an creidimh, le so bheir sibh glòir do Dhia, agus gheibh sibh lòn Spioradail dar nanamaibh. Gach ni a tha feumail chum ar leas, tha Dia anis ullamh gu bhuilleachadh oirn; oir an Ti nach do chaomhainn a mhac fein, &c.

titleSearmoin XII
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page