[270]

SEARMOIN XIII.

II. CORIN. viii. 9.

Is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Criosd, ge do bha e saibhir, gidheadh gun drinneadh bochd e air bhur son-sa, chum gum biodh sibhse saibhir trid a bhochduinn-san.

THA againn anns na briatha so sgeul riachdail air gràs ar Tighearna Iosa Criosd. Tha an t-Abstol ag radh gur aithne do gach fior-chreidmheach an gràs so, se sin chualiad nimhàin an sgeul so, chreid iad e, aguss urrain iad cunntas a thoirt air do dhaoine eile; achs aithne dhoibh e lem fiosrachadh fein, bhlais iad cia milis e, agus mhothuich iad a chumhachd nan cridheachan.


[271]

Tha an t-Abstol ag ainmeach iomadh ni, ’nar steidh-teagaisg, chum an gràs so a mholladh dhuinn, agusse mo rùn air an àm, le coghnadh Dhe, am mìneachadh dhuibh fa leith. Air

I. Thugamaid fainear staid Chriosd, mun dfhàs se bochd.

Bha esan saibhir, ach cha nurrain briathra sam bith a chur an ceill, cha nurrain inntin sam bith a thuigsin, cia saibhir a bha e. Mar a tha Eoin ag radh, anns an toiseach bha am focal, agus bha am focal maille re Dia, agus bem focal Dia. Bha e so air tus maille re Dia. Rinneadh gach ni leis, agus as eugmhais cha drinneadh aon ni a rinneadh. Agus tha Pol ag radh, Col. i. 16, 17. Is ann leis-an a chruthaicheadh gach uile nithe ata air Neamh, agus ata air talamh, faicsinneach, agus neo-fhaicsinneach, mas àrd-chaithraichean iad, no tighearnais, no uachdranachda, no cumhachda; is ann leis-an a chruthaicheadh na h-uile nithe, agus air a shon. Agus ata esan roimh na h-uile nithibh, agus trìd-san ata na h-uile nithe acoimhsheasamh.


[272]

Tha an t-Abstol ceudna an àiteile ag radh gur e dealradh glòir an Athar agus fior-iomhaigh a phearsaidh, gur e oighre nan uile nithe, gun do chruthaicheadh leis an saoghal, agus gu bheil e cumail suas nan uile nithe le focal a chumhachd.

Tha sinn ameas an neach sin saibhir, aig am bheil nimhàin pailteas air a shon fein, ach mar an ceudna chum uireasuibh dhaoine eile a dheanamh suas. Cia saibhir, ma seadh, ’s eigin dha-san a bhi, aig nacheil uireasuibh sam bith e fein, agus aig am bheil ionmhas co iomlansan àm cheudna, as nach urrain e fàs nas lugha, ged a tha dream eile gun aireamh afaotain gu pailte dheth. Chaneil eadhon creatair ann, nach dfhuair am bith uaithe-san, agus nacheil gu tur an commain dha air son gach ni ata iad asealbhachadh, no ris am bheil dùil aca! ’Se so saibhreas an ti sin, mu bheil an t-Abstol alabhairt. Ach thugamaid fainear anns an

II. A bhochduin sin gus an dthug se gu toileach e fein.


[269]

Air don Abstol Eoin sgeul a thoirt dhuinn air ceud staid ghlòirmhor Chriosd, tha eg innseadh gun dfhàs e bochd, le natur an duine a ghabhail air no le fàs na fheoil, agus le comhnuidh a ghabhailnar measg-ne. ’S riachdail an doigh air am bheil Lucas acur an ceill a bhochduin, le sgeul a thoirt air a bhreith. Do reir ordugh an Impire Rhomhanaich, chaidh Ioseph agus Muiresuas do Ierusalem, chum gum bitheadh an ainmeana air an sgriobhadh an cìs-rola. Agus tharladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choimhlionadh laitha h-inbhe-se, chum i bhi air a h-aisead. Agus rug si a ceud-ghin mhic agus phaisg si e am brat-speilidh, agus chuir si e na luidhe am prasaich, do bhrìgh nach robh àite aca san tigh òsda. Agus mar a bha e bochd na bhreith, bha a bheatha gu h-iomlan, gus an do chriochnaich e a chursa air sliabh Chalbhari. Bha e eadhon co bochd, as an uair a bha mòran aleantuin agus amolladh a mhinistreileachd, gum burrain e gu firinneach a radh, tha tuill aig na Sionnaich, agus neid aig eunlaith an aidheir ach nim bheil aig mac an duine ionad anns an cuir se a cheann fuidh.


[270]

Ach cha bi so a bhochduin bu mhiosa, gus an dthug e gu toileach geill. Mar a than t-Abstol ag radh, rinn se e fein, no dhaontaich se a bhi air a dheanamh na dhuine, gun chliu. Oir ged a bha mòran air uairibh ga leantuin, agus ga mholladh, gidheadh bhan dream so bochd, diblidh. Bha daoine beartach, foghluimte, agus cumhachdach nan Iudhach agnàthachadh gach meadhon, chum a dheadh ainm a sgrios, agus chum a dheanamh fuathach gràineil don phobull. Cha robh am mi-run toillichte, gus an dfhuair iad a ghlacadh gu buirbeil, a dhìteadh gu h-ea-corach, agus a cheusadh gu h-aingidh mar thràill. Mar so dhfhàs ar Slànuighear bochd, ni h-ann a dhaindeoin ach gu toileach, mar a tha Pol ag innseadh Phil. ii. 6, 7, 8. Neach air bhi dha ann an chur Dhe, cha do mheas e na reubuinn e fein a bhi coimhionnan re Dia: ach chuir se e fein ann an neo-mheas, agus ghabh se air fein dreach seirbhisich, agus rinneadh e ann an coslas dhaoine: Agus air dha bhi air fhaghail ann an cruth duine, dhirioslaich se e fein, agus bha e umhal gu bàs eadhon bàs na croiche. Ach fiosraichimid


[271]

III. Co iad an dream: Air son an dfhàs e mar so bochd?

Se so an treas ni, a tha air ainmeachnar steidh teagaisg; agus tha e gu riachdail amolladh saibhreas gràis De dhuinn. Agus dhfhàs e bochd air ar soin-ne, sliochd an duine, creatairean on , agus aig am bheil am bunait san dus. Tha sinn afaotain ar beatha, mar thiodhlaca o neach eile; tha gach ni a tha gar cumail a suas an taobh amuigh dhinn; ’s eigin dol a mach gan iarruidh; agus an làmh a tha gan ulluchadh, feudaidh an toirt air falbh, no am beannachadh sin a dhiùltadh, a ni iad eifeachdach chum ar beatha a chumail suas. Mu tha Dia afolach a ghnùis, tha sinn fuidh thrioblaid; mu tha e toirt air falbh ar nanail, tha sinn air ball abàsuchadh.

Mar so tha sinn uile bochd, agus bochd, mar chreatairean, ’s eigin dhuinn a bhith; ach mu bheir sinn fainear gu bheil sinn mar an ceudnanar peacairean, tha bochduin na fhocal a tha tuilles anmhunn chum ar staid bhrònach a chur an ceill. Feudaidh duine a bhi bochd, agus gidheadh a bhi gun ainmheach;


[272] ach tham peacadh nimhàin na bhochduin, ach mar an ceudna na ainmheach mòr. A-ris, feudaidh duine, a tha fuidh ainmheach, a bhi fallain, laidir; agus le obair a dheanamh gu dùrachdach, feudaidh e nimhàin nithe feumail fhaotain dha fein ach mar an ceudna ainmheach a phlàighe. Ach mo thruaighe, tham peacadh na thinneas, co mhaths na ainmheach, se tinneas ar nanma è, se a tha caitheadh ar neart, se a tha gar deanamh araon ea-comasach agus neo-thoileach, ni sam bith a dheanamh chum slàinte agus neart fhaotain. Aon uair eile, feudaidh an duine, a tha fuidh ainmheach teicheadh o fhear-fiacha; ach cait am feud am peacair teicheadh nacheil Dia a làthair; agus comasach a ghlacadh, a dhìteadh agus peanas a dheanamh air. Tha sgeul ar Tighearna mu mhuintir Laodicea, gu math acoimhfhreagradh ris gach h-aon do shiol Adhamh nan staid naturail, tha iad uile ainniseach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd; agus mo thruaighe cha naithne dhoibh so. Agus an dfhàs esan a bha saibhir, esan dan dthug sinn oilbheum, esan aig nach robh feum sam bith oirn, esan a
[273] chaidh seachad air creatuirean a bàirde inbhe, aleigeil leo an truaighe sin a shealbhachadh air an drinn iad roghain, an dfhàs esan tha mig radh, bochd air ar soin-ne? Cia iongantach a ghràs! Agus cia do-thuigsin, mar cuirreadh e fein an ceill dhuinn e! Ach thugamaid fainear

IV. Ciod a chrioch gus an drinn e so?

Theireamid gum bitheadh an neach sin gu h-àraidh cairdeil, fial, a phaigh ainmheach nach burrain sinne a phàighe, chum le bhi air ar saoradh on eallaich so, gum fuigheamaid an deigh làimh lòn ulluchadh le saothair air ar son fein. Theireamaid gum bitheadh an neach sin na bu chairdeile gu mòr, a thogamaid a suas air ball oscionn bochduin agus eagal dìth, le nithe feumail na beatha so a thoirt dhuinn. Ach bha crioch na bàirde na so aig gràs Chriosd, dhfhàs esan bochd chum gum bitheamaid-ne saibhir; se sin làn-fhonadh. Ann an so tha ghràs adealradh le mòr-ghlòir. Ach co is urrain sgeul a thoirt air an ni nach fhaca sùil, nach cuala


[274] cluas, agus nach dthainig an cridhe an duine.

Ach chum caileigin do choghnadh a thoirt dhuibh gu breith a thoirt air saibhreas gràis Chriosd, ainmichidh mi earran no dha do fhocal De. Annsan, arsan t-Abstol, ’ta againne saorsa tre fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean, reir saibhreas a ghràis; oir trid-sin tha gach uile neach a chreideas air a shaoradh o gach uile nithibh. Maille re maitheanas ceud thiodhlaca a chumhnanta, tha sìth re Dia do ghnàth dlùth-cheangailte; oir arsPol, air dhuinne a bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, ata sioth-chaint againn re Dia, tre ar Tighearna Iosa Criosd. An lorg so, tha creidmhich air an gabhail a steach do theaghlach Dhe, ni h-ann mar sheirbhisich ach mar chloinn; oir do mheud sa ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi nan cloinn do Dhia. Agus chaneil so amhàin mar ainm onorach air a thoirt dhoibh, ach tha mar an ceudna natur cloinne aca. Do reir so tha e air a radh, gu bheil iad nan luchd coimhpairt do natur na diadhachd; gu bheil Criosd agabhail comhnuidh annta le Spiorad, air


[275] mhoghs nach iadsanta beo, ach esan ata beo annta. A-ris mar tha aca nimhàin ainm ach mar an ceudna natur cloinne, tha cuideachd an cuibhrionn; oir mar a tha Pol areusannachadh, mas clann iad is oighreachan, oighreachan air Dia, agus comh-oighreachan maille re Criosd. Agus ciod a chuibhrionn a gheibh iad? Tha so air ainmeach beatha shiorruidh, ionmhassna Neamhaibh nach fàilnich, rioghachd nach fheudar a ghluasad, agus oighreachd neo-thruaillidh, neo-shalach, agus nach searg as. Tha Pol eadhon ag radh mu chreidmhich, is leibhse na h-uile nithe, mu se an saoghal, no beatha, no bàs, no nithe ata làthair, no nithe ata re teachd, is leibhse iad uile, aguss le Criosd sibhse, aguss le Dia Chriosd. Ach thugamaid fainearsa

V. An dlùth-cheangal a tha eidar bochduin Criosd agus saibhreas a phobuill.

Bithidh an dlùth-cheangal so soilleir mu bheir sinn fainear, le isleachadh toileach, ler natur a ghabhail air, leis gach uile fhìreantachd a choimhlionadh, agus le e fein a thoirt mar ofrail, agus mar iobairt do Dhia, gun


[276] dàrdaich Criosd lagh Dhe, gun do dhiol e a cheartas, agus le so gun dfhosgail e slighe, tre am feud tròcair gu saor, onorach, a bhi air a builleachadh eadhon air a chiontach as mugha. Le so chaidh am peacadh a dhiteadhsan fheoil, nosan natur cheudna a thug oilbheum; agus le mhac (a chur amach) òrduchadh na iobairt-reitich, trìd creidimh na fhuil, tha e nochdadh fhìreantachd, co math re thròcair, an toirt maitheanas peacaidh. Aguss eigin da chreatuirean reusanta gu leir aidmheil, gu bheil e uile-chothromach, co mhath is uile-ghràsmhor, ’nuair a tha e fìreanachadh an dream ata creidsin ann an Iosa. Chaidh mac Dhe a leonadh air son ar cionta-ne chaidh a bhruthadh air son ar neas-aontais: ghiulain e ar peacaidh-ne na chorp fein air a chrann. Agus uime sin, chaneil anis dìteadh sam bith don dream ata ann an Iosa Criosd; oir mar a than t-Abstol areusannachadh, co chuireas coire sam bith a leith daoine taghta Dhe? ’Se Diata fireanachadh: co a dhìteas? ’Se Criosd a fhuair bàs, seadh tuille fòs, a dheirich a-ris, agus ata air deas làimh Dhe, neach ata mar
[277] an ceudna ag deanamh eidar-ghuidhe air ar soin-ne.

Agus mar a tha bas na iobairt Chriosd asaoradh gach neach a tha creidsin ann o chionta a pheacaidh; tha àrdachadh mar dhuais a bhochduin atoirt còir dha gach tiodhlaca a bhuilleachadh orra, a tha feumail chum an deanamh saibhir air talamh, agus sona ann an Neamh. ’Nuair a chaidh Criosd suas air an ionad àrd, thug e bruid am braighdeanas, fhuair e tiodhlacaidh do dhaoine, eadhon air son an dream a bha ceannairceach, chum gun gabhadh an Tighearna Dia comhnuidh nam measg. Agus anis, tha gach uile chumhachd, ann an Neamh agus air talamh, air an toirt thairis dha, tha e ga nochdadh fein an làithaireachd Dhe, nimhàin mar àrd shagart chum toilteanas iobairt a thagradh, agus a phobull a bheannachadh; ach tha e mar an ceudna asuidhe aig deas làimh an Athar, mar an Righ sin a shocraich e air a shliabh naomha Sion. As so tha e a cur amach Aingil, mar spioraid frithealaidh, chum frithealadh do oighreacan a gheallaidh, gus an ruig iad tigh an Athar, far


[278] an àrdaichear iad chum suidhe maille re Criosd air a chaithir, agus chum làn-aoibhneas a mhealtuin gu siorruidh. Air dhuinn mar so sgeul a thoirt air gràs Chriosd, am fàs bochd chum a phobull a dheanamh saibhir, fiosraichimid san

VI. Ciod e eolas a bhi agàinn air a ghràs so.

Tha da sheorsa do eolas ann, eolas cinn agus eolas cridhe, tha an t-aon falsail, agus an aon eile fior; tha an aon neo-tharbhach, agus an aon eile agiulan deadh thoradh. Gar stiùradh chum breith a thoirt, co dhiu a tha, no nacheil eolas agaibh air a ghràs-so, guidheam bhur naire do na nithe a leanas. An do mhothuich sibh riamh gu bheil an gràs so feumail dhuibh, agus gur e so amhain a thearnas sibh on fheirg ata re teachd? Am faca sibh sibh fein, le solus focail De, mar dhream a tha ainniseach, agus bochd agus truagh agus dall agus lomnochd; mar dhream a tha air an dìteadh le lagh Dhe, agus a tha ea-comasach dhiu fein ni sam bith a dheanamh gan tearnadh? Fuin mhothuchadh so


[279] dar staid chaillte, am faca sibh cia feumail Criosd, agus cia math a tha e acoimhfhreagradh rer staid? Am Faca sibh iomlaineachd iobairt; agus an dfhuair sibh làn-dearbhadh gu bheil e comasach agus toileach iadsan a thearnadh chum na cuid is faide a thig chum Dhe trìd-san? Air bhur stiùradh leis a bheachd so do Chriosd, agabhail misnich o chuirreadh chàirdeil teachd na ionnsuidh, agus air bhur coimheigneachadh le àithne Athar, chum creidsinna ainm an do ghabh sibh ris mar thiodhlaca do-labhairt Dhe do dhaoine? An do ghabh sibh ris gu h-iomlan, mar bhur fàigh gar teagasg, agus ar righ gar riaghladh, co mhaths bhur sagart chum bhur cionta a dhìoladh? An do ghabh sibh ris, mar air a dheanamh dhuibh le Diana ghliocas, ’na fhireantachd, ’na naomhachd agusna shaorsa? An do mhothuich sibh gu h-àraidh a ghràs ariaghladh bhur gnèth-inntin agus bhur giulan? An do theagaisg e dhuibh, mar a tha Pol alabhairt, gach uile mhi-dhiadhachd agus ain-mianna saoghalta aicheun, agus bhur beatha a chaitheadh gu measarra, gu cothromach agus gu diadhaidh? ’Se so amhàin a dhearbhas gu riachdail gur aithne dhuibh gràs Chriosd.


[280]

Tha sinn aleughadh mu chreidimh mharbh, mu dhochas an-dàna, mu shìth fhàlsail, mu ainm a bhi beo, ach chaneils na nithe so gu leir ach didein nam breug, a theid gu grad a sguabadh air falbh. Ach far am bheil fior-chreidimh an t-soisgeil air ainmeachadh, tha e air a nochdadh, ag oibreachadh tre ghràdh agus atoirt buaidh air an t-saoghal. Tha dochas an t-soisgeil abrosnachadh an dream aig am bheil e, chum iad fein a ghlanadh, mar a tha Dia glan. Tha sìth Dhe agleidheadh an inntin agus an cridhe, tha è gan neartachadh an aghaidh ionnsuidh an naimhde. Tha so mar shochair aig an dream a tha fuidh ghràs, nacheil aig a pheacadh tighearnas orra. Tha iad anochdadh gu bheil iad beo san Spiorad; le gluasachd san Spiorad, tha iad adearbhadh gu bheil iad air eiridh maille re Criosd, leis na nithe sin iarruidh ata shuas, far am bheil Criosd na shuidhe aig deis làimh Dhe. Do reir nan comharan riachdail so, ma seadh, thugaibh anis breith co dhiu is aithne no nach aithne dhuibh gràs Chriosd. Mar aithne dhuibh e, iarruibh eolas air gun dàil, iarruibh so an gnàthachadh meadhonna nan gràs, an leughadh


[281] agus an eisdeachd fhocail, agus ann an ùrnuigh dhùrachdach re Dia. Iarraibh eolas air gràs Chriosd le dian-thogradh, mar ni a tha feumail chum bhur beatha spioradail, chum ar sòlais anis, agus bhur sonais fa dheoigh. Ach mus aithne dhuibh gràs Chriosd a cheana, guidheam oirbh air

1. Glòir a thoirt do Dhia air son nas aithne dhuibh dheth; agus aidmheil gu h-ioriosal gur esan amhàin a dhfhosgail bhur suilean, agus a thionndaidh sibh o dhorchadas gu solus. Co a rinn eidar-dhealachadh oirbh-se o dhaoine eile? Tha an t-Abstol atoirt freagradh cearc don cheist so; Is e Dia, a thuirt ris an t-solus soillseachadh a dorchadas, a dhearlaich ann bhur cridheibh-ne, thoirt solus eolais glòire Dhe, an gnùis Iosa Criosd. Ni h-ann dhuibh-se, ach da shaor-chairdeas, a tha a ghlòir, ma seadh, dligheach. ’San

2. Thugadh an solus maidne so misneach dhuibh dochas ris an iomlan altrum. Cha deanadh Criosd e fein gu cinnteach folamh, agus cha nfhàsadh e bochd, gun làn dearbhadh gum fàsadh cuid saibhir leis. Agus far am bheil Criosd atoiseachadh deadh obair,


[282] tha so na gheall cinnteach gun dthoir se i air a h-aghaidh chum foirfeachd; oir mar is e ùghdar, ’se mar an ceudna fear-criochnaich creidimh a phobuill. Deanaibh, uime sin, gairdeachas, ann an dochas re glòir Dhe. Agus gus am bheil sibh afaotain seilbh air so, thugaibh fainearsan

3. Na meadhonna sin uile a ghnàthachadh, a dhòrduich Criosd chum tomhas nas mugha da ghràs fhaotain, araon a thaobh eolais agus eifeachd. ’A measg meadhonna eile, tha sacramaint na suipearach gu h-àraidh luachmhòr, o na chaidh a h-òrduchadh chum na ceart chriche so, a thoirt taisbeanadh soilleir dhuinn do ghràs Chriosd, am fàs bochd air ar soin-ne, chum tre a bhochduin, gum bitheamaid-ne air ar deanamh saibhir. Ann an so tha sinn fhaicin nimhàin ann an staid ro-iosal, air a nochdadh gu soilleir air a cheusadh fa chomhair ar sùl; ach mar an ceudna atairgse dhuinn, agus le comharan faicsinneach abuilleachadh oirn, an saibhreas do-rannsachaidh a choisin e le fhùil, agus a tha e le eidar-ghuidhe adeanamh cinnteach. Mar cheann na h-Eaglais than saibhreas so aige,


[283] agus tha e le Spiorad atoirt da bhuill an tomhas sin dheth a tha feumail dhoibh. Dluthaicheamaid, ma seadh re bòrd an Tighearna; le creidimh, le gràdh, agus le cliu taingeil; agusnuair a tha sinn atoirt buidheachas dha, air son nas aithne dhuinn a cheana da ghràs, guidheamaid air taisbeanadh nas soilleireadh a thoirt dhuinn, a bheir neart agus sòlas dar nanamaibh, fhad sa tha sinn air chuairt air talamh, gus an ruig sinn ann t-àite-comhnuidh glòirmhor sin far am bheil solus agus gràdh ìomlan, far am faic sinn Dia, mar a tha e, agus far am meal sinn e gu siorruidh. Gun deonaiche Dia gun ruig sinn uile an t-àite so fa dheoigh, agus dhà-san gun robh a ghlòir. Amen.

titleSearmoin XIII
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page