SEARMOIN XIV.
LUC. xv. 18. 19.
Eiridh mi, agus theid mi dh’ionnsuidh m’ Athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi n’ aghaidh fhlaitheanais, agus a’d’ làthairsa; agus cha’n fhiu mi tuilleadh gu’n goirte do mhacsa-dhiom; dean mi mar aon do d’ luchd tuarasdail.
’SE an gleann iosal, ciuin a tha air uisgeachadh le driùchd Neamh; ’se so an t-àite, a tha blàth, tarbhach le teas na Greine; is ann an so a tha feur arbhar, agus meas gu pailt a’ fàs, is ann an so a tha daoine a’ gabhail tàmh. Amhuil so, se an cridhe iriosal, brònach àite-comhnuidh an De bheo, se so Teampul ionmhuinn an Spioraid, se so fior-chuspair tròcair
O àm leagadh brònach Adhamih, gu ruig an là an diu, tha an t-Abhairseir gu breugach ag innseadh do pheacairean gu bheil Dia cruaidh-chridheach, an-iochdmhor, nach gabh gu bràth riu-san, a dhuisg a chorruich, nach dean e tròcair orra, agus nach leig e dhoibh dol as gun sgrios. Tha peacairean, mo thruaighe, a’ creidsin nan nithe so, agus tha an eagal ga’n cumail fadda o Dhia. Anis o na tha e gu h-àraidh feumail, g’ar saoradh o thraillealachd an Abhairseir, agus g’ar toirt an ionnsuidh Dhe, gum bi fios cinnteach againn, gu bheil esan tròcaireach, cairdeil, agus ullamh chum gabhail ruinn, tha sinn, air an fhirinn sin, a’ faotain iomadh dearbhadh riachdail laidir. Mar dhearbhadh air so, tha Dia ’gar caomhnadh an tir na’m beo, tha e lionadh ar cupain le nithe maith na beatha so, tha e do ghnàth g’ar dionadh le chùram, agus g’ar cumail suas le choghnadh. Mar dhearbhadh air so, ’nuair a bha sinn gu tur caillte, sholair e fear-saoraidh air ar son, chuir
Tha ’n comhad so gu h-àraidh brioghmhor, tha e gu soilleir a’ teagasg dhuinn tròcair agus cairdeas an De bheo. Tha ’n t-Athair a’ cur an ceill Dia an t-Athair, an sean mhac na h-Iudhaich, agus am mac strutheil na Geintilich. Mar shamhla air na h-Iudhaich, tha an sean mhac a’ deanamh uaill a shochairean, agus a sheirbhis, tha e mi-sheirceil agus sanntach, tha e re gearran agus maoidheamh, nuair a tha Athair a’ buntain gu cairdeil eadhon re bhràthair fein. Mar shamhla aris air na Geintilich, tha am mac strutheil a’
I. Tha e cur roimhe eiridh.
’S brònach leagadh, agus ’s iosal staid pheacairean! tha iad air tuiteam o fhior-naomhachd, o chairdeas De, o shonas Neamh; tha iad air tuiteam sios an liontaibh an Abhairseir, an eabar a pheacaidh; tha ’n anama priseil air fàs gun mhaise, gun lùth, gun treoir.
Trìd a pheacaidh tha ’n anama, a chaidh a dhealbh, naomha, maiseach, do reir iomhaigh Dhe, anis ciontach truaillidh, do reir iomhaigh an Abhairseir; tha na suilean a chaidh a dhealbh, chum beachdachadh air Dia, agus air a ghlòir, anis gun leir-sin air na nithe sin; tha ’m beul a chaidh a dhealbh, chum a chliu a sheinn, anis a’ toirt ainm an diomhanas; tha ’n reusan a chaidh a dhealbh mar Uachdaran air am paisibh, anis na thràill dìblidh gun chumhachd, tha ’n cridhe a bha aon uair làn do ghràdh do Dhia, agus do sheirc do dhaoine, anis naimhdeil mi-sheirceil, truaillidh; tha ’n duine a bha aon uair na oighre air Neamh, anis na oighre air Ifrionn. Cia iosal, brònach anis Staid a pheacair, cia mòr a chunnart, cia uamhasach am peanas, da’m bheil e buailteach! ’Nuair a tha Criosd le ghràs ga dhusgadh, agus a nochdadh dha a chionta, agus a chunnart, tha e toirt aoirrip a pheacaidhean a threigsin le gràin agus bròn. Mar so le coghnadh Dhe, tha e ’g eiridh o eabar a pheacaidh se anis a rùn agus a mhiann seasamh gu direach na shlighe; cosmhuil re Pol, air ordugh Chriosd, tha e anis ag eiridh
II. Tha e cur roimhe imeachd.
Eiridh mi, ars’ am mac strutheil agus theid mi, co luath sa mhothuich e a staid. An neach a tha na luidhe ann an toll, air a chuartachadh le naimhde, agus gach mionaid an cunnart bais, tha e gnàthachadh lùth a chasan neart a chuirp, innleachd inntin, agus gach meadhon eile ata na chomas, chum eiridh gu grad, agus imeachd gu luath chum dìdein. Amhuil so tha ’m peacair ath-bheothaichte ga ghiulan fein; oir air dha a chionta agus diomhanas nithe talmhaidh fhaicin, tha anam, aigneidh, agus a smuaintidh air an sgaradh o’n pheacadh, agus o’n t-saoghal, agus ag imeachd a dh’ionnsuidh Dhe agus Neamh. Oir mar a tha ’n corp ag imeachd, ’nuair a tha e dol o aon àite gu àit’ eile, mar so tha an t-anam ag imeachd, ’nuair a tha e dol o aon chuspair gu cuspair eile, se sin o’n Abhairseir agus o’n t-saoghal, dh’ionnsuidh Dhe agus Neamh. Tha ’n t-anam air tùs a’ faotain neart chum eiridh, agus an deigh so
III. A’ cur roimhe dol a dh’ionnsuidh Athar.
Dh’fhàg esan Athair cairdeil, fial, o’n robh e a’ faotain gach ni taitneach feumail, an dochas re tuilleadh sonais fhaotain, ach an àite so, fhuair e bochduin, agus truaighe. ’Na chunnart agus ’eigin mhòir smuaintich e air saibhreas agus cairdeas Athar, shaoil e fhathasd gun gabhadh e ris, agus chuir e roimhe dol d’a ionnsuidh. Ann an là a bhochduin agus a chunnairt, co ionnsuidh a theid mac, ach a dh’ionnsuidh Athar fein; is ann an so a
Air dhuinn mar so a nochdadh, ciod a chuir am mac strutheil roimhe a dheanamh, thugamaid fainear ’sa
IV. Ciod a chuir e roimhe a radh re Athair.
Mar a bha na nithe, a chuir e roimhe a dheanamh, glic, dligheach agus cubhaidh, bha mar an ceudna na briathra a chuir e roimhe a labhairt; agus is cubhaidh do fhior aithreachain anns gach àll na briathra ceudna a ghnàthachadh, ann am pilltin a dh’ionnsuidh Dhe. Agus air
1. Tha e cur roimhe ainmeach Athair.
S’ dluth, cairdeil an dàimh, a tha eidar Athair agus a mhac, is cruaidh, neo-mhothuchail cridhe a phàranta sin, anns nach ’eil an t-ainm so Athair o mhac fein, a’ dusgadh truacantas, caoimhneas agus gràdh. Leis an ainm so, tha ’m mac a’ cur an ceill, a dhàimh re pharanta, a dhiolghios air son gach oilbheum a thug se dha, a dheigh air a chairdeas,
B’e rùn a mhic strutheil, ni ’mhàin gràdh, ach mar an ceudna tròcair Athar a dhusgadh, agus uime sin, ’nuair a dh’ainmich se e Athair, dh’aidich e gu h-ullamh a pheacaidh dha; maille ris a Phubliocanach le bròn cridhe, thubhairt e, pheacaich mi. An dream a tha Dia a’ dusgadh, agus a’ tarruing le ghràs d’a ionnsuidh, tha iad do ghnàth mar so ga’n giùlan-fein, tha iad a’ faicin an cionta agus an cunnart, tha am peacaidhean anis mar ealach thròm air an inntin, tha iad fuathach, gràineil nam beachd. Tha iad gràineil na’m beachd, mar ni fuathach do Dhia, mar ni cunnartach, ciùrail, milteach da’n anamaibh fein; agus mar a tha duine ann an eacail, gu h-ullamh ag aidmheil a thinneis do Leigh cairdeil, fiosrach, a chum’s gum fuigh è leughas uaithe, tha iadsan anis le bròn ag aidmheil am peacaidh do Dhia, a chum’s gum fuigh iad maitheanas agus gràs uaithe a leughas an anama. O na tha iad deirbhte, gur aithne do Dhia an staid agus an giulan, tha iad a’ nochdadh an aithreachais le’m peacaidh aidmheil gu h-ullamh, tha ’n treimhl’n
3 Chuir e roimhe an tromachadh a pheacaidh aidmheil.
’Nar steidh-teagaisg, tha e ’g aidmheil da ni, a dh’an-tromaich gu mòr a pheacaidh, eadhon gun do pheacaich e ’n aghaidh fhlaitheanais, agus an làthair Athar. ’S dàna, aingidh an ni do mhac ceannairc a dheanamh an aghaidh ùghdarais Athar, ach ’s miosa gu mor so a dheanamh na lathàir fein; rinn am mac strutheil an da ni so, mhothaich è gu’n do mheudaich gu mòr a chionta; agus air an son anis, bha aithreachas domhain, bha a chaoidh cruaidh. Mar so tha ’m fior-àithreachan a’ faicin, ag aidmheil, agus a’ caoidh an-tromachadh lionmhor a pheacaidh; ’nuair a tha a shuilean air am fosgladh, tha e a’ faicin gu soilleir, gun do pheacaich e gu minic dàna an aghaidh fhlaitheanas, ’se sin an aghaidh ùghdarais an De bheo, a tha chomhnuidh anns na Neamhaibh shuas, agus eadhon an làthair Athar Neamhaidh. Cia mòr aingidheachd an
4. Chuir e roimhe irioslachd inntin a nochdadh.
’Nuair a thainig am mac strutheil chum aithreachais, mhothuich agus dh’aidich e ni ’mhàin a pheacaidhean agus an an-tromachadh, ach mar an ceudna a mhi-thoilteanas. Mar so tha ’m sior-aithreachan do ghnàth gu h-ullamh ag aidmheil a mhi-thoilteanais: le ruidh air falbh o theaghlach Athar, le cùl a
V. Cionnas a ghabh Athair ris.
Fhuair Athair a mhic strutheil fios air giulan aimideach, agus air bochduin a mhic; agus o na bha è ’n duthaich choimhich, gun charaid, gun choghnadh shaoil e gu’n robh e gu tur caillte, agus dhuisg so a thruacantas Athaireil. ’Nuair a chunnaic an t-Athair caomh so a mhac caillte a’ teachd an cian, ’nuair a tharruing se dlu air, agus a mhothuich e aithreachas, irioslachd-inntin, agus earbsa ’na chairdeas, ghabh se truas ris, ruidh e na ionnsuidh, ghlac se e an uchd a ghràidh, agus phog se è mar Athair gràdhach aoibhneach. Chum a mhac a shaoradh o eagal, chum dochas agus sòlas altrum na inntin, agus chum aoibhneas fein a nochdadh, dh’òrduich an t-Athair a sgeudachadh air ball, a sgeudachadh mar a mhac-sa, mar a mhac-sa fa chomhair feisd, agus dh’òrduich anns an àm cheudna feisd mhòr aoibhneis air ball ullachadh. Mar so agus eadhon air mhogh
Ann an cursa a fhreasdail tha Dia air an là ’n diu ag ullachadh feisd fa chomhair gach neach, a tha faicin cionta a pheacaidh, diomhanas nithe talmhaidh, a tha pilltin na ionnsuidh, agus a tha na’m mic aithreachail dha ann an Iosa Criosd. Nochd mi dhuibh air an àm ciod a rinn am mac strutheil, ciod a tha fior aithreachain do ghnàth a’ deanamh agus cionnas a tha Dia a’ gabhail riu. Ciod, ma seadh, bhur staid-sa, a bhraithre, an do lean sibh eisiomplair a mhic strutheil, tha a cheist so cudthromach, do reir mar a fhreagras bhur coguisean i, bitheadh bhur giulan air an àm. Mu tha sibh fhathasd air seacharan o Dhia, mu tha sibh a’ caitheadh bhur talanna gu faoin, mu tha sibh a’ cur earbsa an nithe talmhaidh, mu tha sibh ag imeachd
title | Searmoin XIV |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |