SEARMOIN XVII.
EPHES. v. 6.
Na mealladh neach air bith sibh le briathraibh diomhaineach, &c.
O’N treas rann do’n chaibideil so, tha ’n t-Abstol a’ cur an ceill ciod iad na peacaidhean sin, air son am bheil fearg Dhe a’ teachd air cloinn na h-easumhlachd. Ach chum nach saoil daoine, gu bheil fearg Dhe amhàin a’ dusgadh ann an aghaidh na’m peacaidhean sin, tha e air innseadh ann an iomadh earran d’a fhocal, gu bheil teine Ifrinn air ulluchadh air son an t-seirbhisich leisg mhi-tharbhach, co mhath a’s aingidh, air son an ti a tha
I. Gu bheil am peacadh na cheilg ro-mhòr.
II. Gu bheil daoine toileach a bhi air am mealladh leis. ’San
III. Gu bheil mòran bissidh, durachdach, gar mealladh chum a pheacaidh.
1. Tha mi gu nochdadh gu bheil am peacadh na cheilg ro-mhòr.
Mar dearbhadh air an fhìrinn so feudaidh sinn a thoirt fainear air
1. Gu bheil daoine air am brosnachadh chum a pheacaidh, ni h-ann le’n reusan, ach le’n ain-mianna.
Mar so tha ’n t-Abstol Seumas a’ labhairt, tha gach duine air a bhuaireadh, ’nuair a thairngear, agus a bhreugar e le ain-mhiann fein. Tha ’n fhìrinn so soilleir do-aicheadh. Tha mòran re saothair chum an leith-sgeul a ghabhail, ’nuair a tha iad a’ cur peacadh sam bith an gniomh, ach cha n’urrainn neach sam bith a radh, gu’n d’rinn e so le comhairle a reusain. Aidichidh, eadhon, peacairean an fhìrinn so. Nach ’eil iad, car ùine, a’ gabhail mòr-shaothair, chum an coguisean a mhùchadh agus a chuir nan tosd? Nach ’eil iad a’ gabhail pàirt maille re’n an-tograidh an aghaidh an tuigse; no mar urrain ni’s fhearr a dheanamh, nach ’eil iad, maille re Felics, a’ cur dàil ann an aithreachas? Nach ’eil iad a’ seachnadh iad fein a cheasnachadh le cùram, agus sealladh cùil a ghabhail da’n giulan? Anns na nithe so uile, tha iad air an sdiùradh le’n ain-mianna; gidheadh ann an là triobloid agus aig uair a bhàis, tha iad a’ dìteadh a pheacaidh mar ni nàrach mi-reusanta.
Agus cionnas is urrain a chùis a bhi air doigh eile? An urrain neach sam bith na thuigse a radh, gu bheil am peacadh na’s taitniche no naomhachd, breugan no fìrinn, eacoir no ceartas, misg no measarrachd? Co is urrain a radh, gu’m bitheadh e ni’s mò chum glòir Dhe, agus leas an t-saoghail, gu’m bitheadh an cinne-daonna ’nan luchd ea-coir, murta, bhreugan, misg agus neo-ghloinne, no gu’m bitheadh iad cothromach, seirceil, measarra agus geanmnuidh. Feudaidh daoine na peacaidhean sin a chur an gniomh, ach ’s gann aireamh an dream, aig am bheil do dhànadas am molladh, agus a radh gur fhearr iad no na subhailcean, a tha Dia ’g earrail orra?
Air an làimh eile, co riamh a ghabh aithreachas, do bhrigh gu’n robh e subhailceach, diadhaidh? no co riamh a ghabh nàire d’a ghniomhara math, ’nuair a thainig iad gu h-obann chum an t-soluis? Do reir so tha ar Slànuighear fein ag radh, Eoin iii. 19, 20, 21. Tha so gu soilleir a’ dearbhadh gu bheil am peacadh na ni cealgach. Ach chum so a
2. Ge be ciod a tha ’m peacadh a’ gealtuin, nach ’eil math seasmhach re fhaghail uaithe.
Mar dhearbhadh air so tha e soilleir, nach ’eil am peacadh a’ gealtuin ni sam bith siorruidh, no ann an saoghal eile. Cha do shaoil duine riamh gu’m b’urrain e Dia a thoilleachadh, le bhi talmhaidh, collaidh, diabhlaidh. Cha n’ urrain duine sam bith neo-bhàsmhorachd a ghealtain dha fein le ain-mianna a shàsachadh; ’se an dochas is àirde is urrain a bhi aige nach bi saoghal eile ann. Tha ’m peacadh amhàin a’ gealtuin nithe maith na beatha so, agus cia folamh, cia teagmhach, cia truailllidh iad! Mar a tha Solamh ag radh, àta na h-uile nithe làn do shaothair, cha n’urrain an duine a chur an ceill; cha’n ’eil an t-sùil toillichte le faicin, no a chluas le clunntin.
Agus ma tha ni sam bith an so, tha còir an duine mhath, air a chuid a’s lugha ceart co
A-ris tha ’m peacadh a’ deanamh ar staid làn do mhi riaghailt, agus ar beatha làn do thrioblaid. ’S ainmic a tha daoine math a’ bàsachadh na’n ionracas. Cha n’ ann o naomhachad ach o’n pheacadh, a tha nithe cràiteach na beatha so a’ sruthadh? Ciod a tha caitheadh ar maoin, a’ brisseadh ar sìth, a’ sgrios ar deagh ainm agus ar slàinte, agus a’ dusgadh mi-riaghailt ’san t-saoghal? ’Sè ’m peacadh gu soilleir a tha a’ deanamh so. Tha ’m peacadh ma seadh gu cinnteach na ni
3. Tha ’m peacadh a’ tarruing anuas corruich Dhe oirn.
Tha so gu minic agus gu soilleir air a theagasg am focal De. ’S eigin dhuinn uile, ars’ Pol, bhi air ar nochdadh ann an làthair caithir-bhreitheanais Chriosd; chum’s gu’m fuigh gach neach na nithe a rinn e sa choluinn, do reir an ni do rinn e, ma’s math no olc e. Ann an sin mar a tha Criosd fein ag radh imichidh na daoine aingidh chum peanais shiorruidh. Agus tha Pol ag innseadh, gu bheil fearg Dhe air a foillseachadh o Neamh an aghaidh gach uile-mhi-dhiadhachd agus ea-còir dhaoine. Agus a-ris tha e ’g radh, dhoibhsan ata conspoideach, agus nach ’eil umhal do’n fhirinn, ach ata umhal do’n ea-coir, bheir Dia diom agus fearg; trioblaid agus amhghar air gach anam duine ata deanamh uilc.
Agus na saoilibh gu bheil e na ni mi-ghnàthaichte gu’n d’thugadh Dia na naomhachd fuath do’n pheacadh? gun d’thugadh an ti sin is e gràdh fuath do choimhstri: gu’n d’thugadh Spiorad glan fuath do ain-mianna brùideil; gu’n d’thugadh an ti ata iomlan a’m maitheas fuath do fhein-speis agus sannt. Is ni deirbhte e, gu bheil am peacadh na chuspair air corruich Dhe, agus gu’n glac peanas gu grad an t-aingidh. Gach neach a bheir so fainear ’s eigin dhoibh aideachadh, gu bheil am peacadh na ni cealgach, oir ciod is urrain e a ghealtuin an coimeas re sonas Neamh a chailleas sinn leis, re corruich Dhe, re truaighe shiorruidh is eigin dhuinn fhulang air a shon. Tha so a’ cur an cuimhne dhomh a nochdadh ’san
II. Gu bheil daoine toileach a bhi air am mealladh leis a pheacadh.
Tha ’n fhirinn so soilleir agus do-aicheadh. Mar dhearbhadh air so, chi sinn daoine gu h-an-dana a’ saoilsin gu’m fuigh iad maitheanas, ged a tha iad a’ dol air an aghaidh ann an slighe a’ pheacaidh, an aghaidh àitheanta agus
III. Gu bheil mòran ullamh, agus a’ toirt aoirrip am bràithre a mhealladh.
O thoiseach an t-saoghail gu ruig an là ’n diu, bha aig an Abhairseir do ghnàth pailteas do sheirbhisich dhilis. ’S lionmhor aireamh an dream fin anns gach àll a chaith mòran d’an ùine agus d’an cumhachd, d’an gliocas agus da’n stòras, ann an deanamh dhaoine eile ceart co olc riu fein. Tha Pol ag radh mu na laithibh deireannach, agus fàsaidh droch dhaoine agus mealtoirean ni’s miosa,
Anis ma tha ’m peacadh cealgach, ma tha sibh do thaobh natuir toilleach a bhi air bhur mealladh leis, agus ma tha moran a’ toirt aoirrip bhur mealladh, tha e feumail dhuibh gu soilleir a bhi gu h-àraidh faicilleach. ’S luachmhor na h-anama a tha air an taiceadh ruibh, agus o na tha ’m peacadh ga’n leònadh gu goirt, agus a’ bagairt an sgrios, ’s còir dhuibh a sheachnadh mar an nàmhaid is mugha. O na tha bhur cridhachan fein gu h-àraidh cealgach agus aingidh, bithibh faicilleach ’nan aghaidh, cumaibh bhur tograidh fuidh smachd, na geillibh dhoibh na bithibh air bhur sdiuradh leo. O na tha daoine aingidh gach là g’ar buaireadh, na eisdibh riu, na imichibh na’n slighe, na duisgeadh an naimhdeas bhur n’eagal, na leigibh le’m fanoid bhur tarruing chum an uilc. An àite geill a thoirt d’ar cridhachan fein, na do dhaoine aingidh, thugaibh geill d’ar Slànuighear beannaichte, iarraibh a chairdeas, agus gluaisibh na fhocair. Ma dhlùth-leanas sibh risan, gheibh sibh solus agus neart gheibh dionadh o gach nàmhaid, cobhair an àm gach teinn, agus buaidh air gach buaireadh. Cuimhnichibh gu bheil bàs agus breitheanas
title | Searmoin XVII |
internal date | 1804.0 |
display date | 1804 |
publication date | 1804 |
level | |
parent text | Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid |