[395] SEARMOIN XX.
COLOSS. ii. 6.
Uime sin. mar a ghabh sibh chugaibh an Tighearn Iosa Criosd, gluaisibh ann.
ANNS a chaibideil so, far am bheil ar stèidh-teagaisg, tha ’n t-Abstol ag earrail air na Criosduighean aig Colosse, a bhi seasmhach na’n creidimh, fantuin bunataich ann an Criosd; agus aire mhath a thoirt, nach bitheadh iad air am mealladh le briathraibh snasmhor, agus le beul-aithrisibh dhiomhaoin dhaoine. O na thoisich an dream sin gu math, gus am bheil an t-Abstol an so a’ scriobhadh, be a rùn coghnadh a thoirt dhoibh, chum dol air an aghaidh ann an
[396] slighe na fìreantachd,
thair bolg an naimhde gu leir.
Bha fior-
eolas aige gu’
n amharus air an natur,
air an staid,
agus air gach buaireadh,
da’
n robh iad buailteach;
tha e a’
toirt rabhadh dhoibh air an cunnart,
agus tha e gu càirdeil a’
teagasg dhoibh,
cionnas bu chòir dhoibh iad fein a ghiùlan.
Chaidh Criosd a shearmonachadh dhoibh,
agus gabh iad gu toileach ris;
ach bha iad ann an cunnart,
earbsa a chur na’
n gliocas,
agus na’
n neart fein,
chum seasamh an aghaidh an naimhde,
agus chum an dleasdanais a chur an gniomh.
Ga’
n dìon o na smuaintidh aimideach so altrum na’
n inntin,
tha è gu riachdail ag innseadh dhoibh,
gur e Criosd tobar an gliocais agus an neart Spioradail,
agus tha e a’
guidhe orra gluasachd ann.
Cosmhuil ris na creidmhich so, dh’aidmhich mòran againne ar creidimh ann an Criosd, agus chuir sinn an ceill le’r giulan, gu’n do ghabh sinn gu toileach ris. Tha sinn an ùine ghrad, gu dol air ar nais a dh’ionnsuidh an t-saoghail, far an d’thoir ar naimhde Spioradail iomadh ionnsuidh eile oirn. Ciod, ma seadh, a’s còir dhuinn a dheanamh, chum
[397] Dia a thoilleachadh,
chum ar creidimh a dhearbhadh,
agus chum seasamh an aghaidh ar naimhde;
tha ’
n t-
Abstol ag innseadh so dhuinn,
agus ’
se sin,
gluasachd ann an Criosd.
Le coghnadh Dhe,
bheir sinn anis aoirrip,
an dleasdanas cuidthromach so a mhìneachadh dhuibh,
agus earrail oirbh le dùrachd,
agus chum so a dheanamh gu soilleir,
thugamaid
st. Fainear, co ’n Ti, a tha air a nochdadh dhuinn, mar chuspair ar creidimh.
Tha ’n t-Abstol ag ainmeach an Ti so, an Tighearn Iosa Criosd; agus ’se so ’n Ti ris an còir dhuinne gabhail, agus anns an còir dhuinn gluasachd. Thaobh natuir, tha sinn uile air seacharan o Dhia, tha sinn anmhunn, truaillidh, dall, tha sinn caillte do fhior-shonas: ach chuimhnich Dia oirn an trocair, chuir e o Neamh a mhac fein gar n’iarruidh, agus gar tearnadh. Tha ’n Soisgeul a’ nochdadh mac Dhe d’ar creidimh, mar ar Tighearna; mar an Ti, aig am bheil còir naturail air ar n’umhlachd anns gach ni, o na chruthaich e sinn; agus aig am bheil mar an ceudna
[398] na còir Spioradail,
o na cheannuich e sinn le fhùil phriseil fhein.
Thuilleadh air so, ’
s esan an Tighearna,
o na tha e a’
riaghladh an t-
saoghail le fhreasdal,
a’
toirt d’
a phobull gach ni a tha iad a’
mealtain,
agus ga’
n dìon o chumhachd an naimhde.
Ach ’
se Mac Dhe Iosa,
co mhath ’
san Tighearna;
tha ’
n t-
ainm so a’
ciallachadh,
gu bheil e na Shlànuigh-
fhear,
gu bheil e comasach agus toileach ar n’
anama a leughas o thinnis tròm a pheacaidh. ’
Se so an t-
ainm,
a dh’
òrduich Aingeal o Neamh do Ioseph a thoirt dha,
eadhon mu’
n robh e air a bhreith;
agus o na ’
s esan an Lèigh Spioradail,
glòirmhor,
a chuir Athair nan gràs d’
ar n’
ionnsuidh,
tha aige gu cinnteach r’
a thoirt d’
a phobull,
gach ni a tha feumail,
chum an anama a dheanamh slàn naomha,
maiseach agus sona.
Mar dhearbhadh air so,
tha e air innseadh dhuinn,
gur è ’
n Slànuighear so Criosd; ’
se sin re radh,
an Ti a thagh,
a dh’
ùng,
agus a dh’
òrduigh an t-
Athair,
chum an cinne-
daonna a thearnadh.
Fuidh ’
n t-
sean tiomnadh,
dh’
òrduich Dia gach neach ùngadh,
a bha esan a’
gairm chum oifig fàigh,
Sagairt no Righ a ghabhail orra:
agus bha ’
n ùngadh a’
ciallachadh,
[399] gu’
n robh Dia a’
toirt dhoibh,
agus gu bhuilleachadh orra,
o àm gu h-
àm,
gach ni a bha feumail,
chum an oifig a chur an gniomh.
Air an doigh cheudna,
leis an ainm so Criosd a thoirt d’
ar Slànuighear,
tha Dia a’
teagasg dhuinn,
gu bheil e làn-
ulluichte air son obair,
gu’
n d’
thug esan gach ni dha air talamh,
a bha feumail chum an t-
slàinte so a bhuilleachadh orra. ’
Se so ’
n ti glòirmhor,
gràsmhor,
maiseach,
a tha Soisgeul na sith a’
taisbeanadh d’
ar creidimh,
mar ar n’
Uachdaran,
mar ar Slanuighear,
mar ar muinghin threun,
eadhon an Tighearn Iosa Criosd.
Thugamaid anis fainear ’
san
II. Ciod e gabhail re Criosd.
Tha fhios agaibh uile gu ro-mhath, ciod e gabhail air mhoth naturail, re gibht sam bith, a tha air a tairgse dhuibh; agus ’se so a glacadh gu toileach, agus a gnàthachadh chum ar leas agus ar sòlas fein. Tha creidimh do’n anam, ceart mar a tha ’n làmh agus an t-sùil do’n chorp; tha creidimh a’ toirt Chriosd am beachd an anama, gu ghlacadh gu toileach, agus gu taingeil a’ deanamh feum dheth.
[400] Tha creidimh a’ nochdadh Chriosd dhuinn, mar ar n’ Uachdaran dligheach, agus tha ’n t-anam an lorg so ’g eilleachdain gu h-ullamh dha. Tha creidimh mar an ceudna g’a nochdadh dhuinn, mar ar Leigh Spioradail, mar ar Slànuighear uile-chumhachdach, uile-ghràsmhor, agus tha ’m beachd so gar brosnachadh, chum sinn fein a thoirt thairis da, agus a thilgeadh gu tur air a chùram, gu bhi air ar leughas, agus air ar slànuchadh leis. Ach mu’n bheil daoine mar so a gabhail re Criosd, seigin dhoibh o mhothuchadh, gu bheil iad ceannairceach, eas-umhal, gu bheil an naimhde Spioradail tuilleadh ’s laidir air an son; gu bheil an anama eas-lan, tinn, agus an cunnart bàs siorruidh. ’Nuair a tha iad a’ mothuchadh so, agus a foghlum o fhocal De, gur e Criosd an Uachdaran Spioradail, gur è ’n Slànuighear a dh’òrduich Dia; tha ’n anama air ball a’ fosgladh chum gabhail ris, tha iad gu h-ullamh ga’n toirt fein thairis dha, eidar chuirp agus anama, gu bhi air an teagasg, air an tearnadh, air an riaghladh, agus air an dìon leis. Mar so tha iad a’ gabhail re Criosd, mar am fàigh, an Sagart, agus an Riogh; tha iad an lorg so toileach gach ni a
[401] dheanamh,
a tha taitneach dha-
san; ’
sè ’
n rùn an gibhte agus an talanna,
buill an cuirp,
agus cead-
faithe an anama a ghnàthachadh,
do reir mar a tha esan ag òrduchadh dhoibh. ’
Se so gabhail re Criosd,
no creidsin na ainm,
mar a tha ’
n Soisgeul ga thaisbeanadh dhuinn.
O nach ’eil ach ro-ghaoirid, o na dh’aidmhich mòran agaibh-se bhur creidimh ann an Criosd, gu soleimte aig a bhòrd fein, tha mi an dochas gu’n do ghabh sibh ris, agus gur e bhur rùn anis so a dhearbhadh, le thoil a dheanamh. Ma se so gu’n amharus bhur rùn, bheir mi aoirrip innseadh dhuibh, cionnas a’s còir dhuibh sibh fein a ghiùlan. Tha so a’ cur an cuimhne dhomh fhiosrachadh anns an
III. Ciod e gluasachd ann an Criosd.
Tha ’n giùlan a’s còir do’n chreidmheach a bhi aige anns an t-saoghal so, air a choimeas am focal De, re iomadh ni talmhaidh, chum beachd so-thuigsin a thoirt dhuinn dheth. Air uairibh, tha e air a choimeas re
[402] blàr no cath,
do bhrì gu bheil mòran do naimhde Spioradail againn,
ris an eigin dhuinn cleachda gu cruaidh,
agus cogadh gu duineil.
Aris,
tha e air a choimeas re rèis,
do bhrì gu bheil an turus fada,
ar n’
ùine gaoirid teagmhach,
agus do bhrì,
ann an lorg so,
gu bheil mòr-
fheum againn,
air cabhaig,
cùram,
saothair,
agus eud.
Ann ar stèidh-
teagaisg,
agus ann an iomadh earran eile,
tha giùlan a chreidmhich air a choimeas re gluasachd,
no imeachd ann an slighe àraidh.
Agus mar a tha Dia ’
g àithneadh so d’
a phobull,
tha e a’
taisbeanadh dhoibh na slighe,
anns an còir dhoibh imeachd,
agus ’
si so ’
n t-
slighe sin,
a tha a’
treorachadh chum na beatha mhairreanaich.
Tha gluasachd gu h-
àraidh a’
ciallachadh d’
a ni.
Air
1. Gu bheil an creidmheach bissidh, deanadach.
’S iad na nithe, mu’n còir dha a bhi bissidh deanadach, ann an smachdachadh a phàisibh agus ainmiannaibh feòlmhor; am fàs ann an eolas, an creidimh agus an gràdh; agus ann an cur an gniomh a dhleasdanais do Dhia, do
[403] dhaoine,
agus dha fein.
An duine sin a tha gluasachd air slighe àraidh,
tha e do ghnàth bissidh,
do ghnàth caruchadh o àite gu h-
àite,
do ghnàth toirt ceum agus ceum eile ’
na thurus,
gus am bheil e a’
ruigheachd ceann-
uidhe.
Ceart mar so, ’
n duine a tha gluasachd ann an slighe statuin Dhe,
cha’
n’
eil e a’
seasamh,
gu’
n cheum a thoirt air a thurus no fàs leasg,
sgìth agus fann;
ach tha e do ghnàth a’
deanamh na h-
oibre,
a tha a Shlànuighear ag earbsa ris,
agus Athair Neamhaidh ag àithneadh dha;
tha e do ghnàth a’
deanamh toil De,
gus am bheil e a’
ruigheachd ceann-
uidhe,
rioghachd Neamh.
2. Tha e do ghnàth a’ dol air aghaidh san t-slighe.
An duine sin a tha a’ gluasachd, tha e do ghnàth a’ dol air aghaidh ’na shlighe, tha e gach uair agus là a’ dluthachadh ni’s mò re ceann-uidhe. Air an doigh cheudna, ’se araon dleasdanas agus rùn a chreidmhich, a bhi do ghnàth a’ dol air aghaidh ann an slighe na fireantachd; ’se sin, a bhi fàs na’s neartmhoire na chreidimh, na’s dian laiste na ghràdh, na’s
[404] naomha na chridhe na’
s diadhaidh na ghiùlan,
agus na’
s tarbhaiche ’
n deadh oibre.
Tha fhios aige gu math,
ma tha e car tamuil a’
stad na thàmh air an t-
slighe,
gu bheil è ’
n cunnart a bhi air a sgrios; (
ceart mar a tha eadhon an Braddan laidir,
air a bhàthadh san t-
sruth,
ma tha e rè ùine a fantuin gun charuchadh).
O nas ann mar so a tha a chùis,
tha ’
n creidmheach do ghnàth a’
toirt aoirrip,
maille ris an Abstol Phol, ‘
na nithe ata air cùl a dhi-
chuimhneachadh,
agus a bhi g’
a shìneadh fein chum na’
n nithe ata roimhe,
a’
dian-
ruidh a dh’
ionnsuidh a chomharthaidh chum geall àrd ghairm Dhe ann an Iosa Criosd.’
O na nithe so chith sibh,
ciod a’
s brì do ghluasachd,
thugamaid anis fainear anns an
3. Ciod e gluasachd ann an Criosd.
Tha e air innseadh dhuinn ann am focal De, gu bheil an creidmheach ann an Criosd, mar a tha geug anns a chraoibh; no mar a tha ’n corp, agus na buill air an coimhcheangal ris a cheann. ’S ann o’n chraoibh, a tha na geugan a’ tarruing brìdh, leis am bheil iad
[405] a’
fàs,
agus a tha ’
ga’
n deanamh,
ùrmhor,
duilleagach agus maiseach;
agus ’
s ann o’
n cheann,
a tha buill a chuirp a’
faotain an riaghailt agus an ordugh.
Tha focal De mar an ceudna a’
teagasg dhuinn,
gur e Criosd tobar beatha agus neart,
eolais agus gliocais a phobuill;
nach urrain iad ni math sam bith a dheanamh a’
s eugmhais,
agus gu bheil esan a’
toirt dhoibh gach ni a tha feumail,
chum an deanamh umhal,
naomha,
sona.
Chum na nithe so fhaotain o Chriosd,
tha e feumail,
gu’
m bi sinn ’
na fhochair,
gu’
n glèidh sinn teann air,
gun dian-
lean sinn ris,
le dùrachd-
cridhe,
gu’
n glac sinn le creidimh na tiodhlacaidh,
a tha e a’
tairgse,
gu’
n gnàthaich sinn na meadhonna,
a shuidhich e na Eaglais,
agus gu’
n iarr sinn eifeachd a Spioraid. ’
S ann mar so a tha Criosd a’
toirt tiodhlacaidh Spioradail d’
a phobull,
agus ’
s ann mar so a’
s eigin dhùinne,
sinn fein a ghiùlan,
ma se ar rùn seirbhis thaitneach a dheanamh do Dhia,
agus dol air ar n’
aghaidh ann an slighe na fìreantachd.
Tha giulan nan creatairean, a tha ’g aiteachadh na talmhain, co-mhath a’s dhaoine
[406] thaobh nithe an t-
saoghail so,
gu soilleir a’
teagasg dhuinn,
gur còir dhuinn gach ni a dheanamh am fochair Chriosd,
ann an dochas re ghràs,
ann an earbsa re choghnadh.
Tha gach creatair a’
cumail teann air am paranta,
agus ag iarruidh an coghnadh,
ga’
n sdiùradh agus ga’
n neartachadh an àm an òige;
tha iad mar an ceudna ’
g iarraidh cul-
taic an àm cruaidh-
chais agus cunnairt,
ga’
n dìon o chumhachd an naimhde.
Mar so tha ’
n searrach,
agus an laogh agus eoin an aidheir gu leir do ghnàth ga’
n giùlan fein.
A-
ris, ’
nuair a tha aoghluimte òg a’
foghlum dreachd,
o mhaighistir fiosrach,
tuigseach,
cumhachdach,
cha’
n’
eil e a’
deanamh ni sam bith,
gun choghnadh agus seòladh fhaotain o mhaighistir.
No an uair a tha duine ann an duthaich choimhich,
far am bheil mòran do ghaduichean dàna,
na do fhiadh-
bheathaiche guineach,
ciùrail;
ma tha ceann-
iùil fiosrach càirdeil aige,
tha e ’
g imeachd do reir a chomhairle,
tha e g’
iarruidh a choghnadh an àm a theinn,
an t-
eagal gu’
m bi e air a sgrios.
Tha ’n creidmheach, fhad sa tha e bhos air talamh, ain-eolach, anmhunn agus eagalach;
[407] tha e ea-
comasach dheth fein,
chum imeachd anns an t-
flighe,
a tha treoruchadh chum beatha,
no chum seasamh an aghaidh na’
n naimhde,
a tha g’
a chuairteachadh air gach taobh.
O na si so a staid agus o na se Criosd amhàin a tha toirt dha gràs,
neart agus gliocas,
chum a dhleasdanais a chur an gniomh,
chum seasamh an aghaidh buaireidh,
agus chum fàs gach là an creidimh,
an gradh,
agus an naomhachd, ’
s còir dha fanntuin ann do ghnàth,
imeachd na fhochair,
a ghràs agus a Spiorad iarruidh le dùrachd. ’
Se so gluasachd ann an Criosd,
a bhi do ghnàth bissidh,
agus gach là a’
meudachadh ann an obair an Tighearna;
gach ni a dheanamh an neart,
agus trìd gràs ar Slànuighear,
gach ni a dheanamh o ghradh dhà-
san,
agus chum glòir ar n’
Athar neamhaidh.
Tha so g’
am thoirt air m’
aghaidh,
gu fhiosrachadh anns an
IV. Ciod e gluasachd ann an Criosd, mar a ghabh sinn ris.
Chum an ni so a thuigsin, cha’n’ eil againn amhàin ach a chuimhneachadh, ciod an staid
[408] anns an robh sinn,
no ciod am beachd a bh’
againn do’
n pheacadh,
do Chriosd,
agus do nithe Spioradail, ’
nuair a dh’
aom Spiorad De sinn air tùs chum gabhail ris.
Air an àm so,
mhothuich sinn ar cionta mar eallach thròm air ar n’
inntin,
chunnaic sinn ar cunnart mòr,
bha Ifrionn,
mar gu’
m beadh fosgailte fa chomhar ar sùl,
bha lagh Dhe a’
bagairt ar sgrios,
agus a cheartas ar tilgeadh sios air ball ann an iomall dorchadais.
Air an àm sin cuideachd,
bha sgeul air maitheanas aoibhneach,
bha geallanna an t-
soisgeil priseil,
agus an Slànuighear uile-
mhaiseach ’
nar beachd;
bha sinn làn-
thoillichte leis an dearbhadh a thug e dhuinn,
gu bheil e comasach agus toileach ar tearnadh.
Thuilleadh air so,
thug sinn fuath do’
n pheacadh,
bha sinn brònach air a shon;
thug sinn gradh dian-
laiste do Chriosd,
bha sinn taingeil air son a shlàinte,
bha mòr-
dhèigh againn air càirdeas De;
be ar rùn,
oscionn gach ni coimhchommunn a mhealtuin maille re’
r n’
Athair Neamhaidh,
agus r’
a mhac Iosa Criosd.
Ma ghabh sinn gu’
n amharus re Criosd,
mar a tha e air a thairgse dhuinn san t-
soisgeul,
bi so staid ar
[409] n’
anama, ’
nuair a ghabh sinn ris air tùs,
agus a thoisich sinn air gluasachd ann.
Anis o na b’i so ar staid, ’nuair a ghabh sinn re Criosd, ’se gluasachd ann mar a ghabh sinn ris, am beachd ceudna a bhi againn do’n pheacadh, am fuath ceudna dha, am bròn ceudna air a shon, agus an rùn ceudna a threigsin. Maille re so, ’s eigin dhuinn am beachd ceudna a bhi do Chriosd, da ghlòir, da chumhachd, agus d’a thròcair; ’s eigin dhuinn an gràdh ceudna a bhi againn dha, an dèigh cheudna air càirdeas De, agus an rùn ceudna coimhchommunn a mhealtuin maille ris. Mar ’eil am beachd agus am mothuchadh ceudna againn, thaobh nan nithe so uile, a bh’againn air tùs, ’nuair a gheill sinn do Thighearna na glòir, cha’n’ eil sinn a gluasachd ann, mar a ghabh sinn ris, cha’n’ eil sinn a gluasachd, mar a’s cubhaidh d’a phobull. Do thaobh aithreachas, no fuath do’n pheacadh, agus bròn air a shon; ’s còir dhuinn a bhi cosmhuil re tobar, a tha do ghnàth a’ ruidh sa gheamhradh, agus ’san t-samhradh, co dhiu a tha ’n aimsir fliuch no
[410] tirim,
fuar no teath.
A-
ris a thaobh gràdh do Dhia,
do Chriosd,
do nithe Spioradail,
agus do naomhachd, ’
s còir dhuinn a bhi cosmhuil re amhuinn mhòr,
a tha ghnàth a’
ruidh gu dian,
agus a’
meudachadh mar a tha i a’
dol air a h-
aghaidh,
gus am bheil i fa dheoigh air a taomadh ’
san fhairge.
Ma tha sinn a’
gluasachd ann an Criosd,
mar a ghabh sinn ris,
cosmhuil re Daibhidh,
tha ar peacaidhean do ghnàth fa chomhar ar sùl;
tha sinn a’
toirt aoirrip am peacadh a threigsin,
agus cogadh an aghaidh ar naimhde,
Dia a ghràdhachadh,
agus àitheanta a choimhead,
le’
r n’
uile chridhe,
agus le’
r n’
uile dhùrachd,
mar a rinn sinn air tùs.
Dh’
fhosgail sinn ar n’
anama gu toileach do Chriosd, ’
nuair a ghabh sinn ris air tùs,
agus ma tha sinn a’
gluasachd ann,
mar a ghabh sinn ris,
tha sinn,
a’
deanamh so gach là ni’
s mo agus ni’
s mò, (
cosmhuil re solus na Greine,
a fosgladh ni’
s mò agus ni’
s mo,
mar a tha a Ghrian ag eiridh oirn.) ’
Se so gluasachd ann an Criosd,
mar a ghabh sinn ris,
buanachadh gu seasmhach ’
nar ceud bhròn, ’
nar ceud ghràdh,
agus ’
nar ceud rùn,
seirbhis an Abhairseir gu tur a threigsin,
agus
[411] umhlachd thaitneach a thoirt do Dhia.
Mar so nochd mi dhuibh,
co e cuspair ar creidimh,
ciod gabhail re Criosd,
ciod gluasachd ann an Criosd,
agus ciod gluasachd ann,
mar a gabh sinn ris.
Deanamaid anis foghnadh iomchuidh.
’Nuair a tha duine a’ gabhail seirbhis, ’nuair a tha e ’gealtain fanntuin dlù air a mhaighistir, agus obair a dheanamh, do reir a chomhairle, agus do reir òrdugh, tha e ceangailte air na nithe so uile gu toileach a dheanamh. ’Nuair a tha Saighdfhear a’ dol chum cogaidh, agus a’ gealtuin a bhi fìrinneach d’a cheannard, ’s eigin dha a ghealladh a choimhlionadh, ’s eigin dha an àm a chath a bhi duineil, cruadalach, treun, ’s eigin dha a bhi freagarach d’a cheannard, ma se a rùn cliù agus duais fhaotain. Ceart mar so, ’nuair a tha sinne a’ gabhail re Criosd, mar ar maighistir, ar Ceannard, agus ar Slànuighear; agus ’nuair a tha sinn a’ nochdadh gu follaiseach le’r giùlan, gu’n do ghabh sinn ris, tha so mar argumaid neartmhor gar brosnachadh,
[412] chum gluasachd gu fìrinneach ann.
Dh’
aidmhich mòran agaibhse bhur creidimh ann an Criosd,
eadhon aig a bhòrd fein,
agus feoraicheam anis dhibh,
c’
arson a ghabh sibh ris? ’
Sann gu cinnteach chum slàinte sìth agus leas bhur n’
anama a chur air an aghaidh; ’
s ann chum neart,
gliocas agus gras fhaotain uaithe,
chum bhur n’
anama a leughas,
agus a naomhachadh,
gar neartachadh chum buaidh a thoirt air bhur naimhde,
chum bhur dleasdanais a chur an gniomh,
agus chum ulluchadh fa chomhair sonas Neamh.
Ach mar gluais sibh ann an Criosd,
mar gleidh sibh teann air,
mar bi sibh na fhochair,
mar gnàthaich sibh meadhonna na’
n gràs,
mar iarr sibh a Spiorad,
mar cuir sibh earbsa ’
na chumhachd agus ’
na ghràdh,
cha n’
urrain dùil a bhi agaibh ris na nithe so,
cha n’
fhuigh sibh iad air chor sam bith.
Thugaibh fainear,
nach aicheadh sibh le’
r giùlan an dèidh làimh,
an ni a dh’
aidmhich sibh aig bòrd Criosd, ’
se sin,
gun do ghabh sibh ris,
agus gur è bhur rùn gluasachd ann. ’
Nuair a theid sibh air bhur n’
ais an ionnsuidh an t-
saoghail,
ma ni sibh bhur toil fein amhàin,
agus mu dh’
imicheas sibh na’
r
[413] gliocas,
agus na’
r neart fein,
tha sibh ag aicheadh,
gur e Criosd bhur Maighistir,
cha’
n’
eil sibh a’
gluasachd ann.
Tha cuid san eisdeachd, a dhiùlt gu dàna a nochdadh le’n giùlan, gu’n do ghabh iad re Criosd, agus a’s ni eagalach e, gu’n diùlt iad mar an ceudna gluasachd ann. A mhuintir aimideach, tha anama priseil, neo-bhàsmhor agaibh; tha sibh do ghnàth ag eiridh moch, agus a’ luidhe an-moch, chum nithe feumail fhaotain d’ar cuirp; gidheadh mo thruaighe, tha sibh a’ leigeil le’r n’anama bàsachadh dhìth lòin, ged a dh’ulluich Criosd pailteas air an son, agus ged a tha e gu saor g’a thairgse dhuibh. Ach dh’fheudadh e bi, gur e bhur rùn, tuilleadh do shòlas a pheacaidh a mhealtuin, agus bha sibh eagalach, gu’n cuireadh suidhe aig bòrd Chriosd caileigin do ghrabbadh oirbh. Ma se so bhur beachd, tha bhur staid ciontach, cunnartach, brònach; gu’n deanadh Dia tròcair oirbh, gu’n deonaicheadh Criosd maitheanas dhuibh.
[414] Tha cuid eile, tha coslach ’san eisdeachd, a nochd air an àm so, air tùs gu follaisach aig a bhòrd, gu’n do ghabh iad re Criosd. A mhuintir mo ghraidh, thug bhur naimhde gu math fainear bhur giùlan, thug iad fainear e le corruich agus oilbheum, ach cha do chaill iad fhathasd an dochas agus am misneach, bheir iad iomadh ionnsuidh eile oirbh; uime sin, ma se bhur rùn a bhi seasmhach, scòir dhuibh gluasachd ann an Criosd. Seachnaibh droch chuideachd, seachnaibh buaireadh, na leigibh le droch smuaintidh àite-tàmh fhaotain ’nar ’n inntin, gnàthaichibh le cùram meadhonna na’n gràs, bithibh gu minic, dùrachdach aig caithir na tròcair.
Fa dheoigh, tha mòran, tha mi ’n dochas, ’san eisdeachd, a ghluais a cheana re ùine ann an Criosd; agus dhlùthaich ris air an àm aig a bhòrd, chum nuadh neart fhaotain uaithe. A mhuintir mo chridhe, rachaibh gu duineil, treun air bhur n’aghaidh, dh’fheudadh e bi, nach ’eil agaibh ach ceum no dha eile re thoirt ’nar turus, gus an ruig sibh gu tearuinte ceann ar n’uidhe. Tha Dia, Aingil,
[415] agus daoine na’
m fianaisean air na rinn sibh;
gheall sibh an cath a chur gu cruadalach,
gheall sibh ruidh gu luath ’
san rèis.
Thig am bas an ùine ghrad,
mar theachdaire ’
n Tighearna,
gar saoradh o bhuaireadh,
o thriobloid agus o bhròn;
bithibh,
ma seadh,
fìrinneach gu bàs,
agus bheir Criosd dhuibh crùn na beatha.
Gu’
n deonaiche Dia,
gu’
m bi mòr-
mhath air a dheanamh do anamaibh gach aon againn,
leis na nithe a chunnaic,
leis na nithe a chuala,
agus leis na nithe a rinn sinn air an là an diu.