[46]

SEARMOIN III.

ROM. III. 23.

Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd a dheidh-laimh air gloir Dhe.

Siad so briathran an Abstoil Phoil, agus scriobh iad, le deachda Spioraid an bheo. ’S brònach an ni a tha e ann an so acur an ceill, ach mo thruaighe tha è soilleir agus do-àicheadh. Co luadhsa thuit Adhamh, nochd am peacadh e-fein air thalamh, agus on am sin gu ruig an n diugh, than saoghal gu lèir làn dheth. Tha aghaidh na talmhainn, tha gach saothair a tha sinn agabhail, a chum nithe feumail na beatha so fhaotain, tha gach tinneas, trioblaid agus cruaidh-chàs dam bheil sinn buailteach, tha eachdraidh an t-saoghail, tha breitheanais De gu riochdail adearbhadh, gun do pheacaich gach uile. Ach ge do tha


[47] gach dearbhadh againn gur i so ar staid, gidheadh tha moran ann nacheil amothachadh an cionta, nach aidich am peacaidhean, agus leis nach miann an trèigsin. Gar toirt air ar nais a dhionnsuidh Dhe, agus gar deanamh deigheil air slàinte Chriosd, tha è gu h-àraidh feumail gum bi fior-eolas againn air ar staid. Gus am bheil sinn deirbhte, gun do chaill sinn le peacadh Adhamh iomhaigh Dhe, gun dfhàs ar cuirp agus ar n-anama truaillidh; agus gu bheil an staid so gu h-araidh cunnartach, cha ghuidh sinn tròcair, chan iarr sinn gràs. Tha focal De atoirt beachd soilleir dar staid, agus gar deanamh deigheil air slainte Chriosd: ’se mo rùn air an àm, le comhnadh Dhe, a nochdadh, ciod a tha na Scriobtuir gu h-araid ateagasg mu dheimhin staid an duine thaobh nàduir. Agus tha sinn afoghlum air.

I. Gun do chaill e a chumhachd, breith a thoirt air nithe spioradailna thuigse.

Than t-Abstol Pol gu riochdail ateagasg so. Ann an scriobhadh a chum an dream sin do bhaile Ephesus, a chaidh iompochadh, tha e gu h-àraid ag radh, na imichibh a so suas,


[48] mar a tha na Cinnich eile ag imeachd, ann an diomhanas an inntinn fèin. Aig am bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhoibh bhinan coimhich do bheatha Dhè, thaobh an aineolais a ta annta tre chruas an cridhe. Agus ann an deigh so, tha e acur an cuimhne dhaoibh, gun robh iad uair-eiginnan dorchadas. ’Na Litir chum Thituis, tha e mar an ceudna ag radh, gu bheil araon inntinn agus coguisean an dream nacheil acreidsin truaillidh. Mu theid a radh, gur è is brigh amhain do na briathra so, gun robh an dream mu bheil an t-Abstol alabhairt gun solus focal De, tha eadhon so adaighneachadh ar teagasg; oir tha so ag aidmheil, gu bheil an duine gun fhocal De ann an dorchadas, agus ann lorg so nach urrain e le reusan féin nithe Spioradail a thuigsin. Agus tha e soilleir gur i so air staid, o na chàidh a radh ris na h-Iudhaich, gedabha suilean aca, chan fhac iad; geda bha aca araon an reusan agus focal , chan fhac iad. Carson a thachair so? An ann do bhrigh nach bu mhiann leo? chan ann amhain ach cha burrain iad gun soillseachd Spioraid De. Leughaibh an seathamh caibeideil do fhaigheadaireachd Isaiah, agus chi
[49] sibh gun do chuir iad an aghaidh solus an spioraid a bha soillseachadh mun cuairt doibh, agus uime sin chaidh a thoirt uatha. Ann an lorg so len Piobail am measg an làmh, agus le làn chleachda an reusain, dhfhan iad ann an dorchadas; chuala, ach cha do thuig, chunnaic, ach cha daithnich iad. Ach tha ar Slànuighear fein adeanamh an ni so co shoilleir re solus an latha, ’nuair a tha è ateagasg, gur ann trìd oibreachadh an spioraid amhain air ar ninntin, a tha sinn afaotainn fior-eolas air nithe spioradail. Na nithe so arsesan, labhair mi ribh, air dhomh bhim chomhnuidh maille ribh; ach an Comhfhurtair, an Spiorad naomh, a chuireas an t-Athair uaithe amainmse, teagaisgidh esan dhuibh na h-uile nithe, agus cuiridh en cuimhne dhuibh na h-uile nithe a labhair mise ribh. Agus a ris tha è ag radh, ’nuair a thig Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh chum gach uile fhìrinn oir gheibh e do mchuidse, agus nochdaidh e dhuibhse è. Than leithid so do bhriathra gu riochdail adearbhadh doille inntin dhaoine. Tha eadhon aineolas agus mearrachd nan Abstol mu theagasg Chriosd, gu soilleir anochdadh, nach urrain daoine
[50] gun oibreachadh an spioraid, nithe spioradail a thuigsin. Ciod is brigh do gach athchuinge a tha sinn acur suas re Dia ann an ùrnaigh, mur bheil ar tuigse thaobh naduir dorcha. An gairmeadh Daibhidh co tric agus co durachdach air Dia a theagasg, mur mothaicheadh e dorchadas acomhduchadh anama, ’nuair nach robh spiorad De a soillseachadh air. O na nithe so uile tha e soilleir, gu bheil ar tuigse thaobh naduir dorcha, agus nach urrain sinn ler reusan fèin, eolas fhaotain air nithe spioradail. Ach tha focal De ateagasgsan,

II. Gu bheil an duine ciontach, truaillidh. Tha foillseachadh an lagha anochdadh so. Nam bitheadh an duine foirfe, bhitheadh an lagh uile an taobh a stigh dheth, agus bhitheadh foillseachadh an taobh amuigh gu tur neo-fheumail. Carson a rachadh lagh modhanna fhoillseachadh do na h-Aingil naomha, a tha cheana gu h-iomlan air an cumadh araon re nadur agus toil De. ’Na staid neochiontach, cha robh feum aig Adhamh gum bitheadh lagh air a thoirt dhan taobh amuigh; bhan lagh le gradh dha


[51] sgriobhte air a chridhe, agus cha burrain e dol air seacharan uaithe, gun dol an aghaidh a naduir fein. Be leagadh an duine, bi a chionta a rinn lagh taisbeanta feumail; a chum ler nadur agus ar giulan a thoirt gu riaghailt iomlan, gum faiceamaid ar fior-staid, tobar gach truaighe a tha sinn afulang air an am, agus gum bitheamaid eagalach mu thoradh ar seacharain an taobh thall don uaigh. Than soisgeul ateagasg an ni ceudna, tha gach sgeul aoibhneach, tha gach gealladh ann acur an ceill ar peacadh agus ar cionta; oir gun so cha bhitheadh feum againn air geallana an t-soisgeil. Than ni so mar an ceudna gu riochdail air innseadh ann an iomadh earrann do fhocal . Mar dhearbhadh neartmhor do-aicheadh air an fhirinn, eisdibh ris an ni a tha Pòl ag ràdh, ann am briathraibh Dhaibhidh. Chaneil ionracan ann, chaneil fiu a h-aon. Chaneil neach ann a thuigeas; chaneil neach ann a ta ag iarruidh Dhe. Chlaon iad uile as an t-slighe, tha iad uile mi-tharbhach, chan eil neach a ta deanamh maith, chaneil fiu a h-aon. Mar so tha e soilleir, gu bheil an saoghal uile
[52] ciontach am fianuis . Ach tha na scriobtuir ateagasgsan,

III. Gu bheil an duine ea-comasach math a dheanamh. Tha iad acur an ceill gu bheil ni àraidh annain dan ainm an fheoil, anns nacheil ni math sam bith agabhail comhnuidh. Tha so air ainmeachlagh a pheacaidh; tha cumhachd lagh air a thoirt dha, do bhrigh gu bheil e astiuradh uile thograidh ar criodhachan; agus tha e air ainmeachlagh a pheacaidh, do bhrigh gu bheil e astiuradh ar tograidh chum an ni sin a ta peacach. Tha e air innseadh gu bheil an lagh sog oibreachadh annain air mhodh co-threun, as gu bheil e toirt air uile bhreathnachadh smuaintidh ar criodhachan a bhi olc an comhnuidh. Tha e air innseadh mar an ceudna, gu bheil a chumhachd co mhòr, is nach urrain ni sam bith ach cumhachd Dhe a bhacadh; oir an uair a ta sin acur na aghaidh, tha e air a chur an ceill dhuinn, gur e Dia a thag oibreachadh annain araon an toil agus an gniomh da dheadh-ghean math féin. Tha cumhachd agus eifeachd a pheacaidh co-mhor, as gu bheil sinn afoghlum, an uair


[53] a than spiorad amiannachadhna aghaidh, eadhon air an am sin, nach urrain sinn na nithe bu mhiann leinn a dheanamh. ’Se so an sgeul a ta focal De atoirt air an aomadh sin a ta ann an nadur an duine chum an uilc. Caite ma seadh am bheil cumhachd an duine chum math a dheanamh? Mhothaich an t-Abstol Pol gun robh e-fein gu tur gun chumhachd. A ta mi arsesan afaicinn lagh ambhallaibh acogadh an aghaidh lagha minntinn, agus ga mthabhairt am bruid do lagh apheacaidh a ta ann am bhallaibh. Och is duine truagh mi! co a shaoras mi o chorp abhais so. Mar so, thug mi dhuibh o fhocal De sgeul air staid an duine thaobh naduir, tha e dall, ciontach, anmhunn. Than staid so gun amharus brònach, agus tha gach neach a tha innte fuathach gràineil ann am beachd Dia na naomhachd. ’Se mo run anissan

IV. Cunnart na staid a chur an ceill.

Gus am mothaich daoine, araon an staid agus an cunnart a thaobh naduir, chan iarr iad saorsa, cha teich iad on fheirg a ta re


[54] teachd. Guidheam ma seadh, bhur nairenuair a bheir mi oidhirp bhur cunnart a chur an ceill. Ach co as urrain so a chur gu ceart an ceill, tha cunnart pheacairean do-thuigsin agus do labhairt. Than t-uile-chumhachdach air a dhaighneachadh féinnan aghaidh. Tha ghnuis nan aghaidh; oir mar so tha Daibhidh ag ràdh, gu bheil gnuis De an aghaidh nan daoi, gun cuimhne sgrios on talamh. Tha chridhenan aghaidh, oir is fuath le Dia uile luchd-deanamh na h-eacorach; agus tha e gach lan corruich re peacairean. Tha alamh nan aghaidh, mar so bhagair e gum bitheadh a lamh an aghaidh clann Israel, mar a bha i an aghaidh an aithreacha, mur dthugadh iad eisdeachd dha. Tha abhuaghan gu leirnan aghaidh; mar so tha a cheartas mar chloidheamh lasrach air a rusgadhnan aghaidh. Tha ceartas De co teann, as gum feum e diòladh fhaotain gus an fheoirluing dheireannach: tha e glaodhaich feirg agus corruich, trioblaid agus amhghar air gach aon anam a ni olc. Tha naomhachd Dhe làn naimhdeisnan aghaidh; mar so tha e air innseadh, gur fuath leis luchd an uilc, agus
[55] gu bheil eadhon gràin aige dhoibh. Agus mar a thuirt muinntir Bhetsemeis, co a dhfheudas seasamh ann an lathair an Tighearna Dia naomha so. Tha cumhachd Dhia mar chanan millteach air a shocrachadhnan aghaidh. Tha gloir a chumhachd re bhi air a foillseachadh ann an sgrios na muintir sin, aig nacheil eolas air, agus nacheil atoirt geill don t-soisgeul. Agus co adhfheudas tairneanach a chumhachd san a thuigsin; no co riamh a chruadhaich e feinna aghaidh, agus a thug buaidh air. Tha gliocas De ann an am milleadh. Mur pill iad, chuir Dia faobhar air a chloidheamh, lub è a bhogha, dheasuich è a shaighde, ’s rinn e acfuinn, air fad ullamh. Tha firinn Dhe a toirt mionnnan aghaidh. Agus mur breugaichear esan, gheibh an dream sin gu cinnteach bàs, a chaitheas am beatha do rèir na feòla. Thuille air so, tha làn chumhachd aig an Abharsoir orra, tha eg oibreachadh annta, tha iadnan traillean dìblidh dha, tha e gan iomain o pheacadh gu peacadh. Than cionta fein na luidhe air am muin mar bheinn, ’s trom do-ghiulan gun amharus an eallach so, leag i gu làr eadhon Slanuighear
[56] an t-saoghail. Than lagh adortadh gach aon da bhagraidhean agus da mhallachdan orra, agus O cia uamhasach tairneanach an lagha! Tha eadhon an soisgeul fein atoirt damnadh siorruidh mar bhinnemachnan aghaidh, agusgan ceangal gu daingean air an anama. An arsPol, a rinn tair air lagh Maois, bhasaich è gun trocair, cia mòr is measa na sin am peanas air am measar esean toillteanach a shaltair fuidh chois mac Dhe. Fa dheoigh, tha fùirneis dioghailteis shiorruidh air a teasachadh fa chomhair pheacairean. Tha ifrinn agus leir-sgrios afosgladh am beoil, agus asgaoileadh an gial gu farsuing as a cheile chum an slugadh a suas. Agus am feud an cridhe fulang, no an làmhan a bhi laidir anns an anns am buin an Tighearna riu. Agus co is urrain giulan le lasair shiorruidh, no comhnuidh a ghabhail ann an teine caiteach. ’S iad so na nithe dam bheil peacairean buailteach. ’ son staid chunnartach anns am bheil iad fhadsa tha iadnan naimhde do Dhia, agusnan coigrich do ghràs slainteil Chriosd. Air dhuinn mar so staid agus cunnart pheacairean a chur
[57] an ceill, deanamaid anis foghnadh aithghearr.

Ann an gabhail beachd araon dar staid, agus dar cunnart, ’s eigin dhuibh aidmheil, gu bheil iad le cheile eagalach brònach. ’S bochd an ni do dhaoine, aig am bheil anama neo-bhasmhor, a bhi gu tur dall, ciontach agus anfhann. Agus fhad sa tha iad anns an staid so, tha iad afàs nis doille, than cionta ameudachadh, tha iad acall nis mo dan treòir. Agus cia truagh an a bhi teicheadh gach nis fhaide o Dhia, agus a bhi àdlùthachadh nis tinne re Ifrinn, agus doruinn shiorruidh. Tha cunnart na staid so mòr do-labhairt. Cia uamhasach an ni a bhi cogadh an aghaidh Tighearna nan sluagh, a bhi gach adusgadh a chorruich ler giulan. Cia dàna an a bhi sìneadh a mach ar lamhan aghaidh Dhia, a bhi gar neartachadh fèin an aghaidh an uile chumhachdaich; a bhi ruithna chòdhail, eadhon air a mhuineal, air bolga tiugh a sgèithe. An gliocas a bhi re sùgradh ris an dara bàs, na dol le dànadas don locha sin


[58] a ta losgadh le teine agus pronnasc. Chan urrain sinn cainnt na coimeas fhaotain, a chur an ceill cuthach oillteil an dream sin, a tha dol air an aghaidh gach le dànadasnam peacaidhean. Gabhaibh beachd ann an trà dar staid, agus dar cunnart, agus guidhibh air Dia bhur dusgadh o chadal a pheacaidh, chum as nach coidil sibh cadal a bhàis.

titleSearmoin III
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page