[140]

SEARMOIN VIII.

ROMH. XIV. 8.

Oir mas beo dhuinn, is ann don Tighearn a tha sinn beo: agus mas bas duinn, is ann don Tighearn a tha sinn abasachadh: uime sin mas beatha no bas dhuinn, is leis an Tighearn sinn.

Anns an rann an lorg ar steidh teagaisg, tha an t-Abstol acur an ceill, co e an Tighearna, bheil e alabhairt anns na briathraibh so. Chum na criche so, arsesan, fhuair Criosd bàs, agus dheirich è, agus dhath-bheothaicheadh è, chum gum bitheadh èna Thighearna air na beothaibh, agus air na marbhaibh. ’S esan an righ a shuidhich Dia air a shliabh naomha Sion, agus a dhorduich è chum a bhi na cheann as gach uile


[141] nithe da Eaglais. Oir mar a tha an t-Abstol so fein ascriobhadh chum nam Philippianach, mu ìsleachadh agus mu umhlachd gu bàs, eadhon bàs na croiche, air an aobhar sin, arsesan, dhàrdaich Dia e gu ro-àrd, agus thug se dha ainm oscionn gach uile ainm, chum do ainm Iosa, gun lùbadh gach uile ghlùn do nithibh ata air talamh, agus do nithibh, ata fuin talamh; agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Criosd an Tighearna, chum glòir Dhe an Athar. Tha sinn uile acur an ceill gu bheil sinn acreidsin na firinn so, tha eadhon ar nainm aciallachadh gu bheil sinn ag aidmheil Chriosd mar ar maighistir. Achsen ni sin a mhàin, mu bheil an t-Abstol alabhairtnar steidh-teagaisg a dhearbhas so gu soilleir, cinnteach; ann an sinn tha neach dam baithne gu math, ciod is brigh do Criosduigheachd, mar so alabhairt ann an ainm gach uile fhior-chreidmhich; Oir mas beo dhuinn, is ann don Tighearn a tha sinn beo: agus mas bàs duinn, is ann don Tighearn a tha sinn abàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearn sinn. Ann an labhairt o na briathraibh so, ’se mo rùn,


[142]

le coghnadh Dhe fhiosrachadh air

I. Ciod e a bhi beo don Tighearna. ’San

II. So a ghnàthachadh mar thomhas no riaghailt, gar cuideachadh chum breith athoirt air ar staid spioradail fein.

Agus fiosraicheamid air

I. Ciod e bhi beo don Tighearna.

Tha na nithe a leanas gu soilleir fillte an so. Air

1. Gu bheil sinn adeanamh fèum da thoil. mar riaghailt stiuraidh ar giùlain.

Thaic Dia ruinn talanna àraidh, agus tha eg àithne dhuinn am fèum is fhearr is urrain sinn a dheanamh dhiu, chum na criche sin gus an deachadh am builleachadh oirn. Is sinn a sheirbhisich, agus tha obair againn ra dheanamh, don èigin dhuinn cunntas a thoirt dha-san fa dheoigh. Chaneil e air fhagail gar toil fein, ciod an t-serbhis a chuireas sinn an gniomh, achs eigin dhuinn


[143] air sin chum seoladh fhaotain, ag radh maille re Pol, ’nuair a thuit e gu làr, a Thighearna, ciod is aill leat mi a dheanamh. Agus cha leòir e, gu bheil sinn adeanamh nan nithe sin a tha Diag àithne, mareil sinn gan deanamh do bhrì gu bheil e gan àithne. Tha aitheanta Dhe acoi-fhreagradh a chum leas dhaoine fa leith, co mhaths gach commun a chur air aghaidh, as gu bheil an dream sin a tha eas-umhal am mòran, air an sgàth fein atoirt umhlachd an cuid do nithibh. Ach cha ne so bhi beo don Tighearna, ’s iadsan amhàin a tha beo dha a tha beachdachadh air ùghdaras, a tha deanamh gach ni a tha eg àithne, mar ghniomh umhlachd toileach, cridheil, mar earran don t-seirbhis a tha dligheach dha. ’San

2. ’Se bhi beo don Tighearna aodhirip a thoirt do ghnà esan a thoilleachadh anns gach ni.

Cha ruig mi leas innseadh dhuibh, gu bheil sinn gu luath atoirt speis do iomadh ni a tha ciùrail dar nanamaibh, agus


[144] a tha air an dìteadh le làgh Dhe. Tha so adeanamh iomadh earran dar dleasdanas, co mhi-thaitneach don fheoil, is gu bheil e air a choimeas ler slànuighear, ri làmh dheas a spionadh asainn. Cha gheilleadh neach sam bith da so, agus gu h-àraidh cha deanadh e fein e, mar bitheadh è gu h-àraidh feumail chum a chuid eile da chorp a thearnadh. Tha nithe triobloideach, neo-thaitneach eile ann an lorg cuid eile dar dleasdanais a chur an gniomh. Mar so feudaidh iad di-meas, fuath agus geur-leanmhuinn an t-saoghail aingidh so a tharruing oirn. Anis mu dheisdeas sinn rer nadur truaillidh fein, na re comhairle an t-saoghail aingidh bithidh sinn air ar stiùradh, chum ar dleasnais a leigeil air dearmad, no eadhon chum na nithe sin, a tha calg dhireach nan aghaidh a dheanamh. Cha nurrain ni sam bith, ach gnàth-rùn an Tighearna a thoilleachadh, na dleasdanais sin a dheanamh taitneach, leis am bheil sinn gar naicheadh fein. Ach ma tha an rùn so air a shuidheachadh gu domhain so chridhe ni e na ceumanaibh as gairbhe dar dleasdanas reidh. Le dùrachd agus eadhon gu toileach, toisichidh sinn rer
[145] nobair; cha diùlt sinn seirbhis sam bith cia ciùrail, cia cruaidh i, mu tha è deirbhte, gum fuigh sinn le so gean-math ar maighistir. Mar so bha na ceud Chriosduighean beo don Tighearna. Bha e na ni ro bheag nam beachd so gun dthugadh daoine breith orra, be so an dichioll, co dhiu a bha iad a làthair no air choigrich, gun gabhadh am maighistir riu. Mar so labhair, mar so ghiùlains iad iad fein, ni h-ann mar dhream a bha toilleachadh dhaoine, ach Dia a tha rannsachadh cridheachan a chreatuirean, agus a bheir do gach neach fa dheoigh do reir an gniomhara. ’San

3. ’Se bhi beo don Tighearna, a ghlòir a bhi againnnar beachd anns gach ni ata sinn adeanamh.

Labhair Pol mar fhior-Chriosduigh, agus le ùghdaras, a bhuineadh do Abstolnuair a sgriobh e mar so chum luchd-aiteachaidh Philippi. Phil. I. 1221. Mu tha sinn beo don Tighearna, cha niarr sinn nithe mora air ar son fein. Se so a bhitheas againn gu h-àraidh mar chùram gum bi an Tighearna air


[146] àrdachadh anns na h-uile nithe leinn, ler giùlan ann ar beatha na ler bas. Ge be ciod an staid shaoghalta a tha a ghliocas a taghadh dhuinn, bithidh sinn toillichte leis an staid, sin, agus bheir sinn aoirrip onoir a thoirt dhasan, le dleasdanais na staid sin a chur an gniomh le cùram. Geda tha an oifig as dìblidh na theaghlach againn, ni sinn gu tòileach obair na h-oifig so, gun fharmad a ghabhaìl riu-san a tha air an suidheachadh an staid is airde; an àite farmad a ghabhail, ni sinn gàirdeachas, ’nuair a bheir sinn fainear an dùrachd agns an soirbheas. Ma tha an Tighearna afaotain deadh sheirbhis ma mòran da obair deanta, tha so gar toilleachadh, ge be ciod na lamha, leis am bheil an obair air a deanamh. An ni a bhuineas dar staid fein, ni sinn gu toileach, agus guidhidh sinn air Dia tomhas mòr da ghràs a thoirt don dream, aig am bheil obair is mugha agus is onoraiche ra dheanamh.

4. Se bhi beo don Tighearna, sinn fein a thoirt thairis gu tur dha, agus a bheannachadh, air gach àm, ann an trioblaid, co


[147] mhath is soirbheis, ’nuair a tha e toirt uainn, co mhath sa builleachadh oirn.

Bu mhath a dhfhoghlum an t-Abstol an ni so, mar a tha e fein acur an ceill Phil. IV. 12. Tha sinn adeanamh ceannairc an aghaidh an Tighearna, ma tha sinn re monmhor, ged a thar staid triobloideach cruaidh. Ciod a thagainn, nach dfhuair sinn uaithe? Agus nach feud esan gu cothromach an ni as miann leis a dheanamh le chuid fein. An deigh do Dhaibhidh beachdachadh air na neamhadh, obair meura Dhe, air a Ghealaich, agus air na reulta, a dhòrduich e, tha e mar so alabhairt; creud e an duine, gu bheil thu cuimhneachail air? no mac an duine gum fiosraicheadh leat e? Oir dhealbh thu e beagan nis ìsle no na h-Aingil, agus chrùn thu e le glòir agus onoir. Tha e ann an so amolladh maitheas Dhe; an toirt don duine na cheud chruthachadh, inbhe co àrdameasg oibre moradh agus lionmhor. Tha caileigin do atharrachadh am briathraibh Dhaibhidh san Salm. XLIV. 3. far am bheil e alabhairt mu chairdeas De don


[148] duinena staid thruaillidh. A Thighearna arsesan, ciod e an duine, gu bheil thu gabhail eolais air? no mac an duine, gu bheil thu ga thoirt fainear? Than duine cosmhuil re diomhanas; tha a laithe mar sgàile a tha dol thairis. Ach tha mi deirbhte gun aidich sibh, gu bheil Job alabhairt eadhon air mhogh is riachdaile na sonuair a tha eg radh, Job VII. 17. 18. —creud e an duine, gun àrduicheadh tu e? no mac an duine gun suidhicheadh tu do chridhe air? agus gun dthigeadh tu gach madain ga fhaicin, agus gach mionaid ga dhearbhadh? Tha Daibhidh an labhairt mu mhaitheas De, gainmeach so an duine a chuimhneachadh, agus eolas a ghabhail air. Ach ann an labhairt mu chronnachadh agus triobloid, tha Jobg ainmeach eadhon so Dia a dhàrdachadh an duine, agus a chridhe a shuidheachadh air. Bha e na aobhar iongantais aige, gun dthugadh Dia aire co mhòr do chreatuir peacach; gun islicheadh se e fein co mòr is chum fàs na leigh dha; gun rachadh e eadhon ga fhaicin gach madain chum leughas spioradail a thoirt dha, gun claoidheadh se eadhon a
[149] chorp chum leas anama. Gabhaidh gach fior-chreidmheach am beachd do gach ni a tha teachd na charaibh am freasdal De, ged a tha iad triobloideach goirt. Air dha bhi deirbhtegur aithne do Dhia nis fhearr no dhasan ciod a tha math air a shon pogaidh se an t-slat, agus cuiridh se failte air gach trioblaid; agus ged a tha an cupan searbh neo-thaitneach da nadur, ged a tha an sean duine a miannachadh gun dtheid e seachad air, gidheadh teagaisgidh gràs De e chum aontachadh, agus chum a radh re Athair maille re Criosd; ni h-i mo thoill-se ach do thoill-se gun robh deanta. Aon uair eile

5. ’Se bhi beo don Tighearna, sinn fein a thoirt thairis air mhogh co iomlan dha, is nacheil sinnnar beachd fein idir beo, ach fhad sa tha sinn atoirt seirbhis dha-san, agus anochdadh a chliu.

Se so reir mo bheachd, fior-sheadh briathraibh an Abstoil. Cha bfhiu ni sam bith na bheachd, a bhi air ainmeach beatha, nach robh acoi’ -fhreagradh chum na criche gus an robh beatha air a builleachadh. Thomhais


[150] e aimsir, ni h-ann le laithibh, le miosaibh, no le bliadhnaibh, ach leis an t-seirbhis a rinn e o àm gu h-àm da mhaighistir caomh, agus leis an umhlachd a thug se dha. Gach earran da ùine nach robh mar so air an caitheadh, cha robh mar bheatha idirna bheachd, mheas e so mar ni diomhain, cosmhuil ris na h-uairibh a tha sinn acaitheadh ann an codal, ni is e iomhaigh a bhàis. Is fhearr leis an fhior-chriosduigh aon ann an cuirtibh Dhe, no mile ann an àite sam bith eile; agus maille re Daibhidh is fhearr leis a bhi na dhorsair an tigh an Tighearna, no comhnuidh a ghabhail am pailliunibh na h-aingidheachd. Mar so nochd mi ciod a bhi beo don Tighearna. Cha leig ar nùine dhomh labhairt mun dara ni a chuir mi romham.

Deanamaid foghnàdh aith-ghearra o na chaidh a radh.

Nochd mi dhuibh ciod a bhi beo don Tighearna, agus tha e ceangailte oirn air iomadh doigh ar beatha mar so a chaitheadh. Tha eadhon còir agus ceartas ag iarraidh so. Mar a tha an t-Abstol ateagasg, cha leinn


[151] fein idir sinn, ach cheannachadh sinn le luach uime sinn, ’s còir dhuinn glòir a thoirt do Dhianar cuirp agusnar spioraid is le Dia. Mar chreatuirean a fhuair am bith o Dhia, ’s còir dhuinn a ghràdhachadh ler nuile chridhe agus seirbhis, fhads as urrain sinn a thoirt dha. Ach le ghràs slàinteil thug e sinn fuidh cheangal nuadh, fuidh cheangal is neartmhoire agus is cairdeile chum seirbhis a thoirt dha. ’Nuair a sgrios sinn sinn fein, agus a bha sinn buailteach do thoradh uamhunn a chorruich, gun sùil a ghabhadh truas ruinn, gun làmh a dheanadh cobhair oirn, ann an sin ghabh esan truas ruinn, agus dhoibrich a ghairdean treun, slàinte dhuinn. Thug esan an àithne chairdeil so, saor iad o dhol sios don t-slochd oir fhuair mise eiric air an son. Agus ann an coi’ -lionadh na h-aimsir, ar Tighearna Iosa Criosd, an t-Uan sin, a chaidh a mharbhadh ann an rùn De, roimh leagadh bunadh an t-saoghail, nochd esan e feinnar nadur, agus le prìs luachmhor fhola, shaor e sinn o làimh ceartais, agus choisinn e slàinte iomlan agus shiorruidh dhuinn. Cionnas ma seadh is urrain sinn a bhi leasgna sheirbhis, no umhlachd a
[152] dhiùltadh do h-aon da àitheanta. ’San air sgàth a thoilteanais a tha sinn idir beo, agus am meas sinn e na ni cruaidh, a bhi air ar stiuradh leisinnar beatha. Gu cinnteach chaneil ni is cothromaich na so, gum bitheadh còir aige-san oirn a shaor sinn le fhuil, agus gun dthugadh an dream sin a tha air an saoradh iad fein gu tur thairis do sheirbhis an slànuighear. Thugamid-ne fainear an ceangal so, na diùltamaid a chòir do Chriosd, ach ann am briathraibh an Abstol abraidh agus deanadh gach h-aon againn. Mas beo dhuinn &c.

titleSearmoin VIII
internal date1804.0
display date1804
publication date1804
level
parent textSearmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid
<< please select a word
<< please select a page