[56]

14 Taigh na Bruaiche

Bha am Màidsear agus Stevenson abruidheann. Bha Catrìona na suidhe anns an t-seuthar, acoimhead sìos gu tùirseach mar gun robh in deaghaidh bhith caoineadh, ach nuair a thuirt am Màidsear rudeigin ri Stevensons a rinn e gàire thog i a ceann gu pròiseils choimhead i dìreach air thoiseach oirre.

Lìon cridhe Alasdair le gaol is fearg, fearg dha na brùidean a bha ga cumail is gaol dhan nighinn òig seo a bha cho treun ann an suidheachadh cho èiginneach.

An e sin alas agad, Alasdair?” bha Aonghas aseanais na chluais. “Tha mi tuigsinn a-nise carson a tha thu dèanamh a leithid de strì air a son!”

Nuair sin dhèirich mòr Ailsèiteanach a bha air a bhith na laighe air taobh eile beinge aMhàidseir, choimhead en rathad a bha Alasdairs Aonghas is thòisich e air comhartaich. Choimhead na daoine an aon rathad.

Thìocais, tha fhios aige gu bheil sinn an seo!” arsa Aonghas. An uair sin, “Chan eil fhios aca gur e mise bha còmhla riut,” rinn e seanais ann an cabhaig. “Fiachaidh mi ri faighinn cuidhteas iad le ràdh gum faca mi poidsearan! Coinnich mi aig 11 Aite Lochabar a-nochd!”

Leis an sin dhèirich Aonghas agus thòisich e air coiseachd a-null gu far an robh na daoine.

Bha an acomhartaich mar gun robh an cuthach air a-nise. Dhèirich am Màidsears rug e air choilear airs bha Stevenson air èirigh cuideachd.

Dhfhan Alasdair na laighe air cùl nan craobhans buille throm aig a chridhe. Chan fhaca Stevenson Aonghas còmhla ri-san, ach ma bha fear dhe na daoine a bha cuide ri Mullins anns an taigh, no nam faithnicheadh iad Aonghas bho na thuirt Mullins mu dheidhinn?

Chuir Stevenson a làmh na phòcaid ach phut am Màidsear es thuirt e rudeigin ris agus dhfhàs Stevenson na bu shocraiche.

Bha Aonghas abruidheann ris aMhàidsear agus asmèideadh suas an t-Allt. Chuala Alasdair na faclan, “ phoidsear beagan gu tuath anns na craobhan.. .”

Bha Alasdair air bhioran. An gabhadh iad am biadh? Bhitheadh e nàdarrach gu leòr gun innseadh seann gheamair coltach ri Aonghas dhaibh mu dheidhinn phoidsearan, gu h-àraidh ma bha e coimhead airson obair ach. ..

Thionndaidh am Màidsear gu Stevensons e na bhoil.

Tha e glè choltach gur e iadsan a thann!” ars esan.

Chaidh iad uiles Aonghas còmhla riutha a-staigh dhan taigh, Stevenson abreith air gaoirdean Catrìonas toirt oirre coiseachd air thoiseach air. An ceann mionaid no dhà, thàinig Aonghass am Màidsear agus Stevenson a-mach às an taigh. Bha gunnaichean aig an dithis mu dheireadh. Bha dithis fhear-gleidhidh còmhla riuthas gunnai


[57]

chean aca-san cuideachd. Bha iad abruidheanns acrathadh an làmhan.

Mean air mhean dhfhàs na guthan na bfhaide air falbhs bha Alasdair air fhàgail na laighe anns an fheur air beulaibh an taighe shàmhaichs aghrian adeàrrsadh air an lianaidh.

Thug iad dithis dhe na fir-gleidhidh leotha. Bhitheadh iad ag iarraidh uimhirs burrainn dhaibh a thoirt leotha, ach an do dhfhàg iad duine a chumail sùil air Catrìona? Co-dhiù dhfheumadh esan a chuid a dhèanamh a-nise. Rinn Aonghas a chuid fhèin.

Thog en gunna aig Aonghas agus chuir e air a ghualainn e. Bha en dòchas, nam faiceadh duine sam bith e gu saoileadh iad gur e fear dhe na càirdean aig aMhàidsear a bha ann an deaghaidh bhith mach asealg, no gur e fear dhe na daoine aig Diack a bha ann.

Choisich e suas na steapaichean aig an doras aghaidhs thionndaidh e làmh an dorais. Bha e taingeil nuair a dhfhosgail an doras. Air a bheulaibh anns an talla bha staidhre mhòr fhiodha adìreadh agus trannsaichean afalbh air a làimh cheàrrs air a làimh dheis. Cha robh fuaim atighinn à àite sam bith, ach diog bhon chleoc mhòr ann an oisean na talla.

Càite an cuireadh iad Catrìona? ’S e bu dòcha gun robh i glaiste ann an seòmar-cadail air an ùrlar àrd, smaoinich e. Chaidh e suas an staidhre le sìnteagan fadas abhrat a bha oirre amarbhadh fuaim sam bith a dhèanadh a chasans aig mullach na staidhre bhuail e ann an cuideigin a bha air tighinn a-nuas an trannsa air a làimh cheàrr gun fhuaim sam bith a dhèanamh.

Bha am fear eile, seirbhiseach a-rèir mar a bha e air èideadh, na bu mhotha troimhe chèile na bha Alasdair fhèin. Rinn e sùilean mòras dhfhosgail a bheul. Thug seo barrachd misneachd do Alasdair.

Tha mi duilich!” ars esan. “Dhiarr Mgr Diack orm an nighean a thoirt air ais gu Taigh Ghlinn Riabhaich.”

Ach thuirt am Màidsear Caimbeul gun robh aice ri bhith air a cumail an seos nach fhaodadh i an seòmars a bheil i fhàgail air adhbhar sam bith!” Thòisich e air ratreut a dhèanamh sìos an trannsa adol a theicheadh.

Chunnaic Alasdair nach biodh e gu feum sam bith mas fhìor a dhèanamh tuilleadh. Rug e air an duine air coilear a sheacaid is bhrùth e dhruim gu cruaidh ri doras.

Aon diogs gheibh thu peilear samhionach!” ars esan gu borb. Sheall e le fuath ann an sùilean an duine a bha fosgladh na bu mhotha leis an eagal. Bha Alasdair taingeil nach e fear dhe na brùidean aig Diack a bha ann.

Càite a bheil an nighean?” ars esan, abruthadh aghunna ri amhaich an duine. Innis dhomh, neo gheibh thu e!”

Bua sùilean an duine abolgadh a-mach às a cheann.. . ’s anail atighinn gu tùchanach. “Dèan tròcair orm!” ars esan, “Dèan tròcair orm!”

Seall dhomh càite a bheil i matà!” ars Alasdair, abreith air choilear airs ga phutadh air adhart.

Stad an duine aig doras na bfhaide sìos an trannsa.


[58]

An sin!” thuirt e acomharrachadh dorass an iuchair san toll.

Fosgail e!”

Le làimh a bha air chrith thionndaidh an duine an iuchair agus dhfhosgail e an doras. Bha Catrìona na suidhe air an leabaidhs a làmhan fo smeagad. Nuair a thog i a ceann chunnaic e gun robh i air a bhith caoineadh.

Choimhead i le eagal ann an aodann an t-seirbhisichs an uair sin. ..

O, Alasdair!” Dhèirich i air a casans deòir an aoibnneis asruthadh sìos a h-aghaidh. “Bha dùil agam nach fhaicinn thu gu bràth tuilleadh!”

Bhrùth Alasdair an seirbhiseach a-staigh anns an oisean air taobh eile na leapa.

Bithidh a h-uile càil ceart gu leòr, a thasgaidh!” ars esan. “Gheibh sinn a-mach à seo thu!”

Acumail a shùla air an duine dhùin en doras air a chùlaibh.

Cia meud duine eile a tha anns an taigh?” dhfhoighnich e.

Chan eil ach aon duine. Tha e gabhail biadh anns achidsin. Cha chluinn e càil! Chan eil e ach air tòiseachadh!” thuirt an duine agus ruith anns aghuth aige.

Chomharraich Alasdair an leabaidh dha.

Laigh sìos an sin!” dhòrdaich e.

Dhfhàs aodann an duine geal.

Chan eil thu dol gam mharbhadh!” ars esans caoineadh saghuth aige.

Chan eil, a ghlaoic, mura dèan thu fuaim!”

Laigh an seirbhiseach sìos gu h-umhail air a bheul fodha anns an leabaidh. Shrac Alasdair an còrd as aghùn-sgeadachaidh aig Catrìonas cheangail e làmhan an duine air a chùlaibh. Chuidich Catrìona e asracadh siotaichean na leapa airson a chasan a cheangals glas-ghuib a chur air.

An uair sin rinn Alasdair seanais na chluais.

Tha mi dol a shealltainn ris an fhear anns achidsin!” ars esan. “Ma thum fuaim as lugha tillidh mis cuiridh mi às dhut!”

Sheas sùilean an duine a-mach agus chrath a cheann gu dian.

Ceart!” thog Alasdair an gunna a-rithists rug e air làimh air Catrìona.

Càite a bheil an cidsin?” ars esan nuair a bha iad taobh a-muigh an dorais.

Shìos an staidhre aig cùl an taighe.”

Glè mhath! Bithidh e buailteach nach cluinn e sinn,” ars esan.

Choisich iad suas an trannsa agus sìos an staidhre air an corra biod adèanamh cho beag fuaims burrainn dhaibh. Bha Alasdair ann am fiabhrais gun cluinneadh iad ceuman troma tighinn a-nuas an trannsa agus glaodh acomharrachadh gun deach am faicinn. Sìos, sìos ghabh iad. Bha an doras mòr leth-fhosgailte mar a dhfhàg Alasdair e. Tarsainn air an talla. Ghabh iad timcheall an dorais. Rinn e dìosgail nuair a bha Alasdair ga dhùnadh a thug clisgeadh orra, ach, a-rèir coltais cha chuala duine iad.

Bha iad sìos na steapaichean a-nise. Chaidh iad timcheall air an lianaidh agus rinn iad air na preasan aig cliathaich an taighes sùil aca fhathast ri èigheach a chluinntinn air an cùlaibh. An uair sin bha iad am-measg nan craobhans grèim aca air a chèile,


[59]

lag leis an fhaochadh a bha iad afaireachadh.

Bha a sùilean adeàrrsadhs bha fiamh-ghàire air a bilean.

Bha thu coimhead cho fiadhaich!” ars ise. “O, Alasdair! Tha mi cho toilichte dfhaicinn!”

Tha mi uabhasach, uabhasach moiteil asad!” ars esan ga pògadh.

Bha iad ann an gaoirdeanan a chèile airson ùine ach cha burrainn dhaibh dìochuimhneachadh fada an cunnart anns an robh iad.

Feumaidh sinn dèanamh air an rathad mus till iad!” ars esan abreith air làimh oirre.

Uisdean bochd!” ars ise.

Bheil grèim aig Diack air fhathast?” ars Alasdair.

Tha. Thuirt iad ris gun robh iad gam thoirt-sa air falbhs nan dèanadh e rud gòrach sam bith gum marbhadh iad mi! Ach tha e smaoineachadh gu bheil iad dol ga mharbhadh co-dhiù, nach eil mòran feum aig Diack air tuilleadh airson coltas brèagha chur air gnothaichean. Ghuidh Uisdean gu dùrachdach ormsa teicheadh nam faighinn cothrom. O, Alasdair rachamaid dhan phoilis airson gun caomhain sinn e!”

“ ’Sin e sin dìreach a sinn, a thasgaidh, achiad chothrom a gheibh sinn!” ars Alasdair ach smaoinich e, “Feumaidh sinn a bhith faiceallach.”

A-nise bha iad adol an aon rathad ris an t-slighe suas dhan Taigh Mhòr. Bhuaileadh iad a dhaithghearr air an rathad dhan Ghearasdan.

Fanaidh sinn am-measg nan craobhan cho fads as urrainn dhuinn,” ars Alasdairs cumaidh sinn sùil a-mach airson lioft.”

Gu h-obann nochd dithis dhaoine ann an èideadh phoilis shìos beagan fodhpa.

Na poilis!” dhèigh Catrìona!

Ghabh i sìos dhan ionnsaigh ag èigheachs acrathadh a làmhan mus dfhuair Alasdair stad a chur oirre.

Chrath na daoine air ais agus thòisich iad air ruith a dhionnsaigh Catrìona.

Leig Alasdair tuiteam leis aghunna agus ghabh e sìos às a deaghaidh. Nuair a fhuair e na bfhaisge oirre bha fhios aige gun robh e ceart eagal a bhith air. Bha fear dhe na daoine air a bhith aig achoinneimh aig Diack an oidhche roimhn sin.

O, feumaidh sibh ar cuideachadh!” bha Catrìona aràdh nuair a ràinig in dithis dhaoine. Thionndaidh i gu Alasdair airson gun innseadh e bha tachairt. Nuair a chunnaic i aghaidh thuig i gun robh rudeigin ceàrr. Choimhead i air ais air na daoines dhfhàs a h-aodann geal leis an eagal an uair a chunnaic in daga a bha ann an làimh fear aca, fear àrd bàn le stais bhig a dhaithnich Alasdair bhon oidhche roimhe. Bha snodha-gàire magail air.

Tha eagal orm gun drinn thu mearachd, meudail,” ars esan, “acur cus earbsa ann an coltas duine!”

Na boil thionndaidh i gu Alasdair a-rithis.

Seadh, a Chatrìona,” ars esan agus bha searbhachd anns aghuth aige. Bha iad air a bhith cho faisg air saorsa. “ ’S e na daoine aig Diack a tha annta!”

titleTaigh na Bruaiche
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page