[4]

2 Fear na Seacaid Uaine

Bha an seòmar far an deachaidh Alasdair a threòrachadh cho mòr ’s gun robh an deasc a bha air beulaibh na h-uinneig a’ coimhead gu math fad às. Ged as e an samhradh a bha ann bha na h-uinneagan uile dùinte agus bha Alasdair a’ faireachadh an rùm gu math blàth.

Bha am pannaladh fiodha agus na dealbhannan Duitseach a bha air na ballachan a’ cur grinneas air an t-seòmar a bha ga dhèanamh ao-coltach ris a’ chuid eile dhen togalach a chunnaic Alasdair.

Nuair a dh’èirich an duine beag anns an t-seacaid mheileabhaid uaine a bha air a bhith na shuidhe air cùlaibh an deasca mhòir thug Alasdair an aire mar a bha solas na grèine a bha tighinn tro sgàile na h-uinneig a’ dèanamh soilleir a’ bhreacadh-seunain a bha air mullach a’ chinn mhaoil aige.

Ciamar a tha thu, a Mhgr MhicRailt,” ars esan. “Tha mi toilichte gun deach agad air tighinn. An dèan thu suidhe?”

Bha Alasdair air faighinn seachad air beagan dhen iomagain a bha e faireachadh an toiseach ach bha e mothachail air cumhachd anns an duine bheag seo a chuir air aire e a dh’ aindeoin a’ chrathadh-làimhe a fhuair e agus an snodha-gàire bha air an aghaidh shultmhoir aige. Bha e mothachail gun robh na sùilean dubha seòlta aig Mgr Diack a’ gabhail a-staigh barrachd na shaoileadh duine ’s gun toireadh e ’n aire cuideachd cho iomagaineach ’s a bha e fhèin.

An gabh thu toitean, a Mhgr MhicRailt? Cha ghabh. Uill, ’s cinnteach gu bheil thu glic. ’S fheàirrde sinn a bhith cumail cuidhteas uimhir de dh’ ana-miannan na feòla ’s as urrainn dhuinn. Tha mi-fhìn a’ smaoineachadh gun do chaill an dùthaich seo cus dhe na seann subhailcean. Nach cuireadh tu d’ aonta ris a sin?”

An robh magaireachd anns na sùilean dubha? Dh’fhairich Alasdair aodann a’ fàs teth. Bha e ga fhaireachadh fhèin amh is an-fhoiseil, ach bha snodha-gàire fhathast air an fhear a bha mu choinneamh.

A-nise, innis dhomh beagan mu d’ dheidhinn fhèin,” arsa Diack, “sgoiltean ’s a leithid sin.”

Fhads a bha Alasdair a’ toirt seachad iomradh goirid air na lathaichean aige san sgoil ’s anns an oilthigh bha Diack ag èisdeachd ris, ag aomadh a chinn o àm gu àm, ’s a’ cur ceist an dràsda ’s a-rithis. Dh’fhoighnich e de dh’Alasdair carson a dh’fhàg e an obair mu dheireadh a bha aige, agus a-rèir coltais, bha e toilichte gu leòr nuair a thuirt Alasdair gun robh e airson rudeigin ùr fhiachainn.

An deaghaidh ceist no dhà eile thuirt e, “ ’S a-nise, a Mhgr MhicRailt, faodaidh mi innse dhut beagan mun chompanaidh againn. Dòcha gu bheil fhios agad gu bheil an companaidh againne na meur deLeabhraichean na Seabhaig”, companaidh mhòr a


[5] tha suidhichte ann an Lunnainn. A dh’ aindeoin sin tha sinn gu tur neo-eisimeileach a thaobh poileasaidh agus bu toigh leinn a’ mhargaid a tha againn ann an Alba a leudachadh.”

Dh’innis e do Alasdair mun diofar sheòrsa leabhraichean a bha air am foillseachadh leis a’ chompanaidh. Bha iad a’ toirt a-staigh raoin farsaing mar a thuirt Mgr Diackbho àiteachas gu Aristotle”. “Docha gun do leugh thu anns na pàipearan-naidheachd,” arsa Diack, “gun do cheannaich sinn an t-seann chompanaidh ainmeil sinTaigh-Foillseachaidh Chaledoniao chionn ghoirid. Bha iadsan a’ cur a-mach mòran leabhraichean foghlaim agus tha ùidh mhòr againne anns a’ mheur sin dhen obair. Tha ùidh aig a’ chuid as motha de thaighean-foillseachaidh anns an raon seo agus bu mhath leinn a bhith air thoiseach anns a’ ghnothach.”

A-nis, seo far a bheil thusa tighinn a-staigh anns a’ chùis. Rinn thu cànainean anns an oilthigh. Tha thu Gaidhealach agus tha Gàidhlig agad. Tha seo uile gad dhèanamh gu math feumail dhuinne anns an obair againn anns an taobh tuath. Mar a thuirt sinn anns an t-sanas, thòisicheadh tu ann am meur an reic ’s na roinn, ach a-rèir an teisteanas foghlaim agad, cha chreid mi gum bitheadh e fada gus am bitheadh tu ann am meur an stiùiridh. Bu toigh leinn, nan gabhadh tu àite anns a’ chompanaidh againn,” rinn e snodha-gàire, “thu a dhol timcheall nan sgoiltean anns an Taobh Tuath anns na seachdainean a tha tighinn a’ sealltainn nan leabhraichean againn dhaibh. Tha thu nas freagarraiche buileach airson na h-obrach seo a chionn ’s gun tug thu mach teisteanas teagaisg sgoile.” Dh’ainmich e duais a chuir iongnadh air Alasdair agus a bha na bu mhotha na bha e fàighinn anns an obair mu dheireadh a bha aige. Bha na faclan brèagha gu leòr, ach bha rudeigin fuar neo-shuimeil anns an dòigh-bruidhne aig Diack.

Lean an còmhradh airson greis ach bha Alasdair a’ faireachadh nach robh mòran spèis aig Diack anns na bha e-fhèin a’ radh. Bha e faireachadh mar gum bitheadh e na inneal a chaidh a mheas a thaobh feumalachd, agus a dh’fhaodte chur an dàrna taobh gus am bitheadh feum air. Cha robh Diack a-nise ach a’ toirt pàirt de aire do Alasdair. Dh’fhàs aodann Alasdair teth nuair a thàinig e staigh air gun do chòrd e ri Diack gun robh e cho òg agus cho aineolach air dòighean an t-saoghail. Dh’fhàs am faireachadh seo na bu làidire nuair a leig Diack tuiteam leis a’ bhileig phàipeir a bha na làimh agus a dh’èirich e gu h-obann air a chasan.

Uill, a Mhgr MhicRailt,” ars esan, “tha mi smaoineachadh gum faod mi obair anns a’ chompanaidh againn a thathainn ort. Dòcha gun cuir thu fios thugainn an taobh a-staigh de latha no dhà co-dhiù tha thu deònach àite ghabhail còmhla ruinn? Tha mi ’n dòchas gun gabh. Tha feum againn air daoine òga dhe do shèorsa.”

Choisich Alasdair a-mach às an rùm agus inntinn na boil. Bha an obair ’s an duais na b’ fheàrr na bha sùil aige ris ach a dh’ aindeoin sin bha e faireachadh an-fhoiseil. Bha e air a bhith mothachail air neo-shuim agus eadhon tàir air cùlaibh faclan Diack. Cha do dh’fhiach e ri thoirt a chreidsinn air Alasdair gun robh teagamh sam bith anns a’ ghnothach.

Dòcha nach eil mi ach a’ leigeil ruith le mo mhac-mheanmainn,” ars esan ris fhèin.


[6]

Tha mi buailteach sin a dhèanamh co-dhiù.”

Ach bha cuimhne aige gum bitheadh cuid de a chàirdean a’ dèanamh a-mach gun robh beagan dhen -shealladh aige.

Nuair sin thug e ’n aire dhan duine a nochd aig ceann eile na trannsa. Bha Alasdair a’ dèanamh aithne gun chuimhne air an toiseach. Bha na sùilean aige a’ sgrùdadh aghaidh Alasdair gu dian.

Nuair sin chuimhnich Alasdair...am fear a chunnaic e anns a’ phàirce anns a’ mhadainn. Thàinig e staigh air gun robh an duine air a bhith ga fheitheamh. Thug an duine ceum air adhart agus rug e air ghaoirdean air Alasdair le grèim cho teann ’s gun robh e ga ghoirteachadh.

Chunnaic mi thu dol a-staigh ann an sin!” ars esan ann an guth tùchanach. “An ainm a h-uile càil math, na teirig nas fhaide! Tarraing às fhads as urrainn dhut! Na leig leotha do sgrios! Ma gheibh iad a-mach gun do dh’innis mi seo dhut tha mi deas!” Leig e às gaoirdean Alasdair gu grad agus choisich e staigh dhan oifis a dh’fhàg Alasdair.

Bha inntinn Alasdair cho troimhe chèile nach do dh’fhan e ris an lioft. Chaidh e sìos an staidhre. Nuair a choisich e mach air an doras mhòr chun na sràide shaoil e gur e àite uabhasach càirdeil a bha ann an Sràid Sauchiehall an taca ris an àite dhroch-thuarach às an tàinig e a-mach.

Choisich e staigh gu meadhon a’ bhaile agus inntinn na boil. Bha a’ choinneamh-sgrùdaidh gu math eadar-dhealaichte bhon ris an robh sùil aige. Bha sùil aige-san ri coinneimh-sgrùdaidh àbhaistich le toileachas no -thoileachas aig ceann gnothaich a-rèir co-dhiù fhuair e ’n obair gus nach d’fhuair. An àite sin ’s ann a choinnich e ris an duine shlìom, sheòlta ud, Mgr Diack a’ tathainn na h-obrach dha le seòrsa de thàir.

Agus an duine a bhruidheann ris an dràsda fhèin...am fear a chunnaic e anns a’ phàirce...an e duine bochd a bha às a rian a bha ann? Feumaidh gur e, smaoinich Alasdair, ach, air an làimh eile bha e air a bhith cho dùrachdach. Cha mhòr nach do chuir Alasdair roimhe sgrìobhadh gu Diack am feasgar sin a’ diùltadh na h-obrach.

Ach aig cùl inntinn bha rudeigin ag innse dha nach dèanadh e sin. Cha robh Alasdair riamh air a mheas anns an sgoil, no le a chàirdean mar dhuine aig an robh toil agus inntinn làidir, ach bha a chàirdean a’ dol beagan ceàrr anns a’ bharail seo. Fad a bheatha bha gràin aige air rud sam bith fhàgail na bhloigh no leth dhèanta aon uair ’s gun do thòisich e air. Thug an raige seo air rudan gu math gòrach a dhèanamh nuair a bha e na leanabh. Bha cuimhne aige fhathast air an latha a shreap e suas a’ chreag mhòr a bha air cùlaibh taigh athar airson gun do thòisich e, ged nach robh e na bheachd an toiseach idir streap chun a’ mhullaich. Bha cuimhne aige cuideachd cho fiadhaich ’s a bha a mhàthair nuair a ràinig e am mullach. Thug i ’n aire dha nuair a bha e letheach-slighe, ach bha cus eagail oirre airson èigheach gus an do ràinig e am mullach air eagal gun clisgeadh e ’s gun tuiteadh e.

Bha e air a bhith faireachadh gun robh e gun spionnadh airson an dòigh anns an do leig e suas an obair mu dheireadh a bha aige...agus am pàigheadh a bha iad a’ tathainn airson na h-obrach seo, bha sin gu math tarraingeach.


[7]

Agus bha rudeigin eile ann cuideachd. Thug Diack air a’ chalg aige èirigh. Bu thoigh leis sealltainn do Diack nach robh e cho amh ’s cho sìmplidh ’s a bha esan a’ smaoineachadh. Dh’fhàs aodann teth a-rithis nuair a chuimhnich e cho amh ’s a thug an duine air a bhith faireachadh.

Bha ceann Alasdair air a bhith cho làn dhe na smaointean sin ’s nach robh e air a bhith mothachail air an t-sluagh a bha greasad seachad air air an t-sràid.

Cha robh e ach air tionndadh a-staigh gu Sràid Renfield nuair a chuala e guth a b’ aithne dha.

Nach tu tha fàs mòr asad fhèin!”

Bha Pàdraig Todd, fear nach fhaca e o chionn bhliadhna na sheasamh a’ dèanamh snodha-gàire ris.

Ciamar a tha Solomon?”

Rinn Pàdraig gàire nuair a chuala e an seann far-ainm.

Chan eil cho dona...agus thu-fhèin?”

Tha mi beò.”

Thug Pàdraig sùil air an uaireadair aige.

Tha mi-fhìn saor an dràsda. mu dheidhinn a dhol a-staigh dhan chafaidh siud air taobh eile na sràide agus faodaidh sinn naidheachdan a chèile a ghabhail?”

Uill, ma tha, do naidheachd?” arsa Alasdair ’s iad nan suidhe ann am fionnaireachd a’ chafaidh agus cupannan cofaidh air am beulaibh.

Tha mi dìreach an deaghaidh an obair a bha dhìth orm fhaighinn a’ dèanamh rannsachadh air truailleadh uisge ann an Crete! Tha cuimhne agad gun d’fhuair mi teisteanas ann am bith-eòlas anns an oilthigh. Uill, dh’fhàs mi sgìth dhen obair a bha agam anns an obair ola, chaidh mi gu Colaisde Heriot-Watt airson bliadhna agus fhuair mi teisteanas a bhitheas freagarrach airson na h-obrach seo. Bha mi muigh ann an Crete mar tha airson sia mìosan a’ dèanamh rannsachadh airson an teisteanais.”

Meal do naidheachd gu dearbh, a Phàdraig! Bha mi smaoineachadh gun robh thu coimhead na bu doirche na b’ àbhaist!”

Agus thu-fhèin?” arsa Pàdraig.

Fhuair mi obair a tha mi smaoineachadh a bhitheas glè inntinneach ann an companaidh foillseachaidh.”

Cha robh fhios aig Alasdair gus an tuirt e na faclan sin gun robh e air cur roimhe an obair a ghabhail.

Am feasgar sin fhèin sgrìobh e litir gu Diack a’ gabhail na h-obrach agus chuir e air falbh i.

titleFear na Seacaid Uaine
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page