[8]

3 nan Sùilean Donn

An ath mhadainn bha Alasdair a’ dùrachdainn nach robh e air a bhith cho cabhagach. Cha do chaidil e ro mhath. Fad na h-oidhche bha duine oillteil ann an trusgan uaine agus le currac uaine air a cheann an tòir air. Dhfhiach e a h-uile dòigh air faighinn às, ach a h-uile uair, dìreach nuair a bha dùil aige gun robh e air faighinn air falbh, thàinig e aghaidh ri aghaidh ris an duine uaine a-rithis, agus e dèanamh snodha-gàire ris. Bha e dèanamh aithne gun chuimhne air aodann an duine, ach chan ann gus an do dhùisg e bha cuimhne aige a bha ann...’s e aghaidh Mhgr Diack a bha e faicinn.

Cha mhòr nach deach e air a fòn airson a ràdh gun robh e dol a dhiùltadh na h-obrach an deaghaidh a h-uile càil, ach an deaghaidh a bhreacaist bha e faireachadh na b’ fheàrr.

Bha m’ inntinn buaireasach riamh,” smaoinich e, “ach chan eil mi dol a leigeil leatha mo chumail on t-seòrsa obrach a tha mi ’g iarraidh a dhèanamh.”

Fad an ath sheachdain bha e ro thrang ag ionnsachadh mun obair ùir aige airson cus dragh a bhith air mu dheidhinn Diack. Chunnaic Alasdair e san dol seachad uair no dhà ach bha e coimhead gu math coltach ri fear-gnothaich dripeil sam bith eile. Feadh na seachdain bha e greis ag obair anns na roinnean eadar-dhealaichte anns an oifis air Sràid Sauchiehall. A-rèir coltais, ged a thuirt Diack gur e meur dhen chompanaidh mhòir eile a bha ann anTaigh-Foillseachaidh Albab’ e Diack ceannard nan companaidhean ann am Breatann uile gu lèir agus bha ceangalaichean aca ri companaidhean anns an Roinn Eòrpa cuideachd.

A’ chuid bu mhotha dhen tìde bha e fo chùram Ailein Mhoirich a bhuineadh do roinn an reic, gille àrd, tana, beagan na bu shine na e-fhèin agus le feusaig air, ged is ann gann a bha am falt air mullach a chinn. ’S e bu thoigh le Ailean a bhith na fhear-sgrìobhaidh dhealbh-chluichean ach cha do rinn e mòran adhartais leis a’ mhiann sin fhathast oir cha d’ fhuair a h-aon dhen dhealbh-chluich a sgrìobh e a chur air àrd-ùrlar fhathast ach bha e trang a’ sgrìobhadh -eile. Fhuair Alasdair laghach, càirdeil e, ach bha e faireachadh gun robh Moireach na b’ òige anns an inntinn na e-fhèin. Bha e ’n còmhnaidh bruidheann air litreachas agus a’ leughadh leabhraichean bàrdachd. Bha a dhealas ’s a dhùrachd do litreachas a’ toirt togail cridhe do Alasdair seach na daoine eile anns an oifis, feadhainn a bha, a-rèir coltais, caran slaodach, maol-aigneach airson companaidh cho adhartach riTaigh-Foillseachaidh Alba”. Bhruidheann Alasdair ri Ailean aon turas mun duine a chuir uimhir de smaointinn air a’ chiad latha bha e anns an togalach ach bha e coltach nach fhaca Ailean riamh e. “ ’S iomadh duine èibhinn agus ùidh aige ann an litreachas a tha tighinn gu àiteachan mar seo a’ sireadh obrach,” ars esan. “Feumaidh gur e fear dhiubh sin a bha ann. Cinnteach gun deach a ruagadh a-mach cha mhòr cho luath ’s a chaidh e staigh!”

Air an treas latha dhen chiad seachdain aige leis a’ chompanaidh bha Alasdair agus


[9] Ailean nan suidhe anns a’ chafaidh far am bitheadh Ailean mar bu trice gabhail a bhìdhe aig meadhon latha. Dhùin Ailean an leabhar às an robh e leughadh do Alasdair.

Tha gu leòr an siud dhen Cheòlraidh an dràsda,” ars esan, ’s an uair sin,

Bheil thu ’m beachd càil sònraichte a dhèanamh an ath oidhche?”

Chan eil.”

Uill, mar sin, bu thoigh leam gun tigeadh tu gu pàrtaidh anns an taigh agamsa,” ars Ailean. “Faodaidh tu do las a thoirt còmhla riut!”

Chan eil agam!”

Chan eil sin gu diofar. Bithidh gu leòr an siud. Tha na rumannan agam aig 8 Rathad Radnor, air an dàrna ùrlar

S e sreath thaighean nan seasamh os cionn Pàirce an Taobh an Iar a bha ann an Rathad Radnor. Bhuineadh na taighean uaireigin do cheannaichean mòra a’ bhaile, ach thàinig latha air a’ chuid bu mhotha dhe na taighean agus chaidh am briseadh suas airson flataichean a dhèanamh air gach ùrlar.

Cha robh tàire sam bith aig Alasdair a’ lorg nan rumannan aig Ailean, oir chuala e fuaim ghiotàraichean agus innealan-ciùil eile nuair a bha e pìos air falbh.

Chaidh an doras fhosgladh le duine beag dorcha le feusaig dhuibh air agus gloinne fìona aige na làimh.

Bha an rùm làn. Bha Alasdair mothachail air treud mòr dhaoine le giotàraichean is ionnsramaidean eile. Dhèigh Ailean ris bho thaobh eile an t-seòmair agus thòisich e air a rathad a dhèanamh g’ a ionnsaigh tron treud.

Tha mi toilichte gun deach agad air tighinn, a charaid.” Thug e deoch do Alasdair agus rinn e aithnichte e dhan chòmhlan dhaoine bha timcheall an dorais.

A-rèir coltais, bhuineadh iad do dhiomadh cinneadh is dùthaich. Bha e crac airson greiseag ris an duine bheag dhorcha a leig a-staigh e. Thuirt an duine beag ris gur ecosmopolitana bha ann fhein agus nach robh e faireachadh gum buineadh e do dhùthaich sam bith. Thuirt e seo ann an cànain chruaidh ceann an ear-thuath Alba. Cha robh duine ach Alasdair ag èisdeachd ris an duine bheag, oir bha a’ chuid bu mhotha ag èisdeachd ri duine mòr reamhar a bha bruidheann Fraingis na sgoile ann an dual-chainnt Ghlaschu ri chaileig bhig bhrèagha agus coltas orra gur ann às an àird an ear a bha iad. Cha robh na h-igheanan a’ ràdh guth ach a’ dèanamh snodha-gàire bho àm gu àm agus ag èisdeachd gu foighidneach, ’s a’ chuid eile dhen chuideachd an dàrna cuid ag eudachd ris no a’ coimhead air le gàire magaidh air am bilean.

’S e Morton Jones an t-anim a bha air an duine bheag. Bha e na bhall de bhuidheann ciùil ach bhitheadh e peantadh nuair a bhitheadh tìde aige. Gu dearbh bho na pìosan còmhraidh bha Alasdair a’ cluinntinn bha buinteanas air choreigin aig a’ chuid bu mhotha dhe na bha ’n làthair ri saoghal nan ealain.

Lean a chompanach air a’ bruidheann fhads a bha Alasdair ’s a dhruim ris a’ bhalla ag èisdeachd ris ’s a’ toirt sùil timcheall an t-seòmair. Cha leigeadh e leas ach a cheann aomadh an dràsda ’s a-rithis nuair a bhitheadh cuimhne aig Morton gun robh e ann. Cha robh am pàrtaidh seo, smaoinich Alasdair, eadar-dhealaichte ann an dòigh sam


[10] bith bho na ficheadan eile aig an robh e.

S ann an uair a shuidh Morton Jones air seuthar a dhfhàg cuideigin eile a thug Alasdair an aire dhan nighinn a bha na suidhe ann an oisean faisg air. Bha na làmhan aice cumail taice ri a smeagad, ’s a ceann crom. Bha i coimhead air abhrat-ùrlair, ’s a falt dorcha atuiteam seachad air a leth-cheann. Bha i leatha fhèin, ach feumaidh gur ann le a toil fhèin, smaoinich Alasdair. Thog i a ceann. Thug i sùil air agus thionndaidh i a ceann air falbh ach mus do rinn i sin thug en aire gur ann donn a bha na sùilean aice.

Rinn e leisgeul air choreigin ri Morton Jones agus chaidh e a-null far an robh i.

Am bu thoigh leat deoch?” ars esan.

Bha i mar gun robh i dol a dhiùltadh an toiseach ach nuair sin dhaom i a ceann.

Tha e laghach dhut foighneachd. Bu thoigh leam seandaidh,” ars ise.

Thug i taing dha le fiamh-ghàire nuair a thill e.

Feumaidh gun robh mi coimhead uabhasach neònach nam shuidhe cho neo-shùnndach an seo!” thuirt i, aslìobadh sìos afuilt leis an làimh anns nach robh aghloinne. “Cha robh còir agam air tighinn leis mar a bha mi faireachadh ach bha Rut, mo bhana-charaid, cho miannach air tighinn.” Thug i sùil a-null gu nighinn bhàin a bha na suidhe air glùin balaich ann an geansaidh uaine air taobh eile an t-seòmair.

tha ceàrr?” ars Alasdair.

“ ’S e bràthair mathar. Chan eil e air a bhith ro mhath o chionn ghoirid agus.. .ach chan eil mig iarraidh thusa shàrachadh leis na trioblaidean agamsa.” Rinn i snodha-gàire ris. “Chan fhaca mi thu anns an t-seat aig Ailean Moireach roimhe.”

Dhinnis Alasdair dhi mun obair ùir aige agus mar a thachair Ailean ris anns an oifis. Chuala e gun robh ise ag obair ann an leabharlann agus gun robh companaidh bheag foillseachaidh aig bràthair a h-athar a bha co-cheangailte riTaigh-Foillseachaidh Alba”.

Leis an fhìrinn innses ann o chaidh e staigh ris achompanaidh agaibhse a chuir mi uimhreachd air,” ars ise agus gruaim tighinn air a h-aghaidh a-rithis. “Cha bu chòir dhomh bhith cur dragh ortsa leis aghnothach seo. Ach bha sinn leinn fhìn san t-saoghal, mi-fhìns e-fhèin. ’S e an aon bhràthair a bha aig mathair agus tha e an deaghaidh bhith coimhead às mo dheaghaidh on chaidh mo phàrantan a mharbhadh ann an tubaist o chionn trì bliadhna, agus cuideachd,” choimhead i air le beagan dhen deamhain anns na sùilean aice, “tha beagan de choltas ministeir no sagairt ort!” Bhris i mach agàireachdaich. Rinn Alasdair fhèin gàire agus thuirt e, “A bheil duine eile agad idir dhan innis thu do chuid thrioblaidean?”

Tha, tha a leithid a dhuine ann agus faodaidh i rud sam bith innse dhomh!”

Nuair a thionndaidh Alasdair bha fear àrd caol le aodann fada tana coimhead sìos air.

Agus gheall i dhomh gun drachadh i airson biadh còmhla rium a-nochd!” ars esan ationndadh ris an nighinn.

Air a ghlacadh gun fhiosda cha burrainn do Alasdair smaoineachadh chanadh e. Thàinig rudhadh ann an gruaidhean na h-ighinn. Dhèirich i, ’s i coimhead cumadail


[11]

anns an deise ghuirm.

Seo Cailean Stevenson. Tha eg obair ann an taigh-foillseachaidh ann an Dun Eideann,” ars ise. Choimhead i air Alasdair le càirdeas anns na sùilean aice.

Alasdair MacRailt,” ars Alasdair, acoimhead oirres e gu làn aige fhèin a-nise.

Chuir i mach a làmh.

Catrìona Ghrannd,” ars ise, “agus chòrd e rium a bhith bruidheann riut.”

Nach fheàrr dhuinn a bhith falbh?” Dhfhiach Stevenson ri bruidheann ann an dòigh coma-co-dhiù, ach bha faobhar air aghuth aige.

Cinnteach gun fheàrr.” Rinn i fiamh ghàire ri Alasdair agus thionndaidh i air falbh.

Fhads a bha iad adèanamh an rathaid a-mach às an rùm bha Alasdair afaireachadh aig an aon àm pian gun robh e call rudeigin agus gràin air Mgr Cailean Stevenson.

Thàinig Ailean Moireach a-nall agus rug e air ghaoirdean air. “Bu thoigh leam gun coinnicheadh tu ri Seumas Cant. Tha e an deaghaidh nobhail a sgrìobhadh ged nach deach am foillseachadh fhathast. Tha sinn abruidheann air àite na h-inntinn neo-fhiosraich ann an nobhail an lathan diugh.”

Leig Aladair às osna gun fhiosda ach leig e le Ailean a stiùireadh a-null gu far an robh duine le craosg mòr fuilt air agus stais dhubh abruidheann gu dùrachdach ris an fheadhainn a bha timcheall air.

Fhads a bha e na shuidhe gu neo-chomhartails a chùlaibh ris an doras afiachainn ri èisdeachd ri Cant bha inntinn aruith air an nighinn sheang anns an deise ghuirm. Cha do dhfhairich e mar seo mu nighinn on dhfhàg Oighrig e. Chuir e iongnadh air gun robh bhuaidh seo aice air cho luath. Bha e smaoineachadh gur e an spòrs a bha innte, afaighinn làmh-an-uachdair air an tùirse a bu choireach, achs ann air na sùilean aice bu mhotha bha cuimhne aige.

titleTè nan Sùilean Donn
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page