[12]

4 “Angel Eyes”

An ath mhadainn nuair a ràinig en oifis fhuair Alasdair bileag air an deasc aige ag iarraidh air a dhol gu oifis Mhgr Fulton, manaidsear roinn an reic. ’S e duine beag crosda a bha ann am Mgr Fulton, le drèin an còmhnaidh air an aodann lachdann aige.

Fhuair Alasdair e na bhoil mar a bàbhaist.

Fhuair mi òrdan bho Mhgr Diack do chur air falbh dhan Taobh Tuath a-màireach,” ars esan ann an guth gearanach. “Chan eil e toirt moran tìde dhòmhsa airson na clàran obrach agad a dhèanamh deiseil. Am bi thu deiseil airson falbh a-màireach?”

Bithidh gun dragh sam bith,” ars Alasdair.

Uill, sin aon rud math co-dhiù!” arsa Fulton. “Bheir mi dhut do chlàran siubhail agus obrach a-màireach.”

Be reic leabhraichean-sgoile pàirt dhen obair bha gu bhith aig Alasdair. Be achuid eile tadhal air na bùthainnean leabhraichean a bhuineadh doThaigh-Foillseachaidh Albaanns an taobh tuath agus comhairle thoirt dhaibh mun stoc leabhraichean a bhitheadh freagarrach dhaibh eadar leabhraichean-sgoile, leabhraichean luchd-turais is eile.

Tha sinn dhen bheachd,” arsa Fulton,” gu bheil obair turasachd dol a leudachadh anns na bliadhnaichean ri teachd. Bha sèason air leth againn as t-samhradh an uiridh agus tha sinn asmaoineachadh gum bi barrachd luchd-turais atighinn aig amannan eile dhen bhliadhna cuideachd ma dhfhanas an dolair làidir.” Cha robh Alasdair cho cinnteach às a sin ach shaoil e gum bu chòir dhan fheadhainn a bha os cionn na companaidh a bhith fiosrach mun ghnothach.

Bha e soilleir bhon mhap a bha air abhalla anns an oifis aig Fulton gun robhTaigh-Foillseachaidh Albaair mòran bhùthainnean-leabhraichean anns an taobh tuath a cheannach. Bha na brataichean beaga le dealbh ceann na h-iolaire abreacadh an taobh tuath agus bha gu leòr de bhrataichean suaicheantaisLeabhraichean na h-Iolairele ceann iolaire orra tiugh ann an Sasainns anns aChuimrigh.

Rinn Mgr Diack cho math acurLeabhraichean na h-Iolaireair choiss gun deach a chur air ceannTaigh-Foillseachaidh Albaleis na h-àrd fhir-stiùiridh,” arsa Fulton nuair a chunnaic e Alasdair acoimhead air amhap. Aon uairs gu bheil achompanaidh air stèidh dhainginn tillidh e gu deas a-rithis agus bithidh Mgr Stevenson às an oifis ann an Dun Eideann air ceann gnothaich gus an tig ceannard eile bho dheas.”

Thug an t-iomradh air Stevenson Catrìona Ghrannd gu làidir an cuimhne Alasdair còmhla ri faireachdainn eudmhor gu robh am fear a thug a-mach gu dìnnear i an oidhche roimhe cho àrd inbhe anns achompanaidh. Thug e smaointinn air cuideachd gun robh am fear seo a ghabh anns an t-sròin e gun robh Catriòna abruidheann ris gu bhith os a chionn. “Ach cha chùm duine beò mi bho a faicinn a-rithis mas urrainn dhomh!”


[13]

arsa esan ris fhèin gu dùrachdach.

Cha robh e ach adèanamh leth èisdeach ri Fulton aràdh, “Bithidh an càr agad, Metro, gad fheitheamh an seo samhadainn a-màireach.” Ach nuair sin thuirt e, “Agus fiach gum bi thu faiceallach! Chaidh am fear a bha anns an obair seo romhad a mharbhadh!”

Sheall Alasdair air.

Ciamar?” ars esan.

“ ’S e fear e aig an robh eòlas-eun mar chuir-seachad tìde. Chaidh e le creig os cionn Loch Nis.”

Chuir Alasdair seachad achuid eile dhen latha afaighinn fiosrachadh mu dheidhinn an liosta leabhraichean aige agus ciamar a bu chòir dha cur mu dheidhinn reic leabhraichean. A-rèir coltais bha a h-uile càil furasda gu leòr, ach bha beagan teagaimh air a thaobh a chomais fhèin air reic leabhraichean.

A thaobh reic,” arsa Fulton, “ ’s e an obair as motha bhitheas agadsa afoillseachadh eisimpleirean de leabhraichean agus acur eòlas air feadhainn a dhfhaodadh a bhith ag iarraidh leabhraichean. Cuimhnich nach ann areic siabann a tha thu!” ars esan.

Bha Alasdair air a bhith leamh gu leòr an oidhche roimhe nach dfhuair e mach bho Chatrìona àireamh afòna aice agus càite an robh i fuireach, ach bha cuimhne aige gun tuirt i gun robh ig obair ann an leabharlann agus chaidh aige, le beagan doirbheadais, air faighinn a-mach gun robh ig obair anns an leabharlann ann am Partaig.

Chomharraich en àireamh agus dhfhairich e a chridhe dol na bu luaithe fhads a bha e feitheamh. “Cha do smaoinich mi gum bithinn afaireachadh mar seo ann an cabhaig!” thuirt e ris fhèin.

Fhreagair boireannach e agus dhfhoighnich e airson Catrìona. Chuala e ceum cabhagach atighinn chun na fòna.

Hallo!” are ise, “Catrìona Ghrannd an seo!”

“ ’S e Alasdair MacRailt a thann,” ars esan. “Bheil cuimhne agad gun do thachair sinn ri chèile an-raoir?”

O, tha, gu dearbh, Alasdair,” ars ise.

Shaoil e gun robh càirdeas anns aghuth aice.

Bu thoigh leam dfhaicinn a-rithis,” ars esan, ’s e gabhail iongnadh cho dànas a bha e. “Eil fhios am burrainn dhut tighinn a-mach còmhla rium a-nochd? Tha mi duilich cho beag tìde thoirt dhut airson smaoineachadh mun ghnothach, ach tha agam ri falbh gu Inbhir Nis a-màireach.”

Rinn i stad airson greiseag bheag agus nuair sin thuirt i, “Bu thoigh leam sin glè mhath, Alasdair!” ars ise.

Math dha-rìreabh!” ars esan. “An aithne dhutCafaidh aChearcaillann an Sràid Sauchiehall?”

“ ’S aithne,” ars ise. “Cuin?”

Am biodh leth-uair an deaghaidh seachd freagarrach gu leòr?”

Bhitheadh. Chì mi nuair sin thu ma tha, Alasdair,” ars ise.


[14]

Nuair a dhèirich e bhon fòn bha Alasdair afaireachadh na bfheàrr na bha e o chionn iomadach latha.

Bha an t-uisge trom ann nuair a thog e air a choinneachadh Catrìona am feasgar ud. Nuair a thàinig e far abhus aig Charing Cross bha dòrtadh fhathast anns e toirt air na togalaichean a bhith coimhead na bu duirche na bàbhaist. Nuair a bha e dol tarsainn air an rathad dhatharraich na solais agus bfheudar dha fhèin is do dhfheadhainn eile leum an dàrna taobh nuair a rèis càr seachad orra gu dàna gun tìde gu leòr a thoirt dhaibh airson teannadh às an rathad. Dhaithnich Alasdair an fheadhainn a bha anns achàr ged a ghabh e seachad cho cabhagach. ’S e Cailean Stevenson a bha dràibheadh agus bha Mgr Diack ri thaobh ann an toiseach achàir. Achs e am fear a bha ann an cùl achàir a bu mhotha a ghlac aire Alasdair. Na chrùban air an t-suidheachan chùil, a smeagad air a bhroilleach, bha am fear a chunnaic e anns aphàirce agus a thug an rabhadh neònach ud dha. Thug dùdach nan càraichean ga ionnsaigh fhèin es e na sheasamh na ghloic ann am meadhon Sràid Sauchiehall acoimhead às deaghaidh achàir.

n ceangal a bha eadar am fear ud agus Diack? Dòcha nach robh e às a rian idir? Sin na smaointean a bha dol tro inntinns e coiseachd air achabhsair. Ach nuair a ràinig en cafaidh chuir a bhith smaoineachadh air Catrìona a h-uile càil eile a-mach à inntinn.

Chunnaic e i cho luaths a chaidh e staigh. Smèid i ris bho bhòrd ann an oisean agus fhads a bha e dèanamh a rathaid ga h-ionnsaigh eadar na bùird, bha e smaoineachadh cho snogs a bha i agus thug e togail uabhasach dha bhith faithneachadh air a h-aghaidh gun robh ise toilichte esan fhaicinn cuideachd. Airson achuid eile dhe bheatha bhitheadh cuimhne aige air an fhonnAngel Eyes”, a bha tighinn às abhocsa gu h-àrd air abhalla.

Hallo, Chatrìona!”

Hallo, Alasdair!”

Bha e mar gum baithne dhaibh a chèile o chionn fada.

Thàinig caileag-fhrithealaidh a-nall agus dhòrdaich e chupa cofaidh. Ach, nuair sin acoimhead air Catrìona na suidhe mu choinneamh dhfhàs Alasdair rud beag diùid. Thàinig e staigh air nach robh fhios aige ciamar a bha dhaghaidh aige iarraidh air an nighinn bhrèagha seo tighinn a-mach còmhla ris. Bha i coimhead cho seangs cho cumadails bha fàileadh na cùbhraidheachd aice toirt air a chridhe bhith dol na bu luaithe.

Tha mi uabhasach toilichte gun deach agad air tighinn, a Chatrìona!” ars esan.

Thàinig beagan dhen deamhain anns na sùilean aice a-rithis.

Ciamar a burrainn dhomh diùltadh!” ars ise. Ach nuair sin rinn i gàire.

Tha mi toilichte gun do dhfhòn thu!” thuirt i.

Bha e na bheachd faighneachd dhith càite an robh ig iarraidh a dhol, ach an deaghaidh chupa cofaidh eile ghabh e iongnadh mòr nuair a chunnaic e gun robh e cairteal gu naodh.

Chunnaic Catrìona an t-iongnadh na aghaidh.

Tha mi duilich!” ars esan. “Cha robh sìon a dhùil agam diarraidh a-mach airson


[15]

trì cupannan cofaidh.”

Bfheàrr leam a bhith seo nan àite sam bith eile,” ars ise. “Cha do chòrd rud sam bith rium cho math o chionn fada.”

Eil fhios agad,” chùm i oirre. “Bha dùil agam dòcha nach fhaicinn gu bràth tuilleadh thu. Bha thu coimhead cho fuars cho àrdanach nuair a dhfhalbh mi an raoir!”

Bha mi cho leamhs bha uimhir de dheud orm!” ars esan. “Leis an fhìrinn innse tha mi mar sin fhathast!”

Chan eil mi gad chreidsinn!” ars ise. “Chan eil ann an Cailean Stevenson ach fear-gnothaich a thag obair còmhla ri bràthair mathar.” Thàinig an droch rud na sùilean a-rithis. “Chan eil sin ri ràdh nach eil e glè mheasail orm!” ars ise.

Tha mi toilichte sin a chluinntinn!” ars Alasdair abreith air làimh oirre air abhòrd, ge bith thachras!”

Dhfhàs a h-aodann sòlaimte, ged a bha na corragan seang aice ateannachadh an grèim air a làimh, ach bha na sùilean aice blàth.

“ ’S ann ainneamh a bhruidheann mi ri duine ann an dòigh cho fosgailte!” ars ise.

Chuir na thuirt e fhèin iongnadh air Alasdair.

Tha mi smaoineachadh gu bheil beagan gaoil agam ort!” ars esan.

Theannaich i a grèim air a làimh.

Na can sin fhathast!” ars ise, “gus an cuir thu barrachd eòlais orm. Ach thug thu orm faireachadh uabhasach toilichte.” Thàinig an droch rud anns na sùilean aice. “ ’S bha thu coimhead cho diùid aig aphàrtaidh! Diùid ach laghach! ’S e sin a thug orm deoch a ghabhail bhuat!”

Rinn Alasdair gàire.

Tha mi toilichte gun deachaidh mi dhan phàrtaidh aig Ailean!” ars esan. “A dhaindeoins gun robh eagal orm nach còrdadh e rium idir!”

Dhfhàs aodann Catriona sòlaimte rithis.

tha ceàrr?” ars Alasdair.

“ ’S e Uisdean, bràthair mathar!” ars ise. “Chan eil e air a bhith gu math o chionn ghoirid agus tha a leithid de dhragh orm mu dheidhinn. Tha fhios agam nach bu chòir dhomh bhith leigeil an uallaich agam ortsa, ach bhithinn cho toilichte mura be mar a tha e.”

Chan eil càil a bfheàrr leam a dhèanamh na do chuideachadh ma tha sin nam chomas!” ars Alasdair.

Tapa leat, Alasdair!” ars ise. “Tha e gam chuideachadh cothrom fhaighinn air bruidheann mun ghnothach, aguss urrainn dhomh bruidheann riutsa.”

An urrainn dhut innse dhomh tha ceàrr air?” ars esan.

Tha e an deaghaidh a bhith fo leithid de sprochd is iomagain o chionn ghoirid,” ars ise. “Ach gheall e dhomh gun drachadh e dhan dotair a-màireach.

Nuair a chaidh mo phàrantan a mharbhadh bha mi anns abhliadhna mu dheireadh anns an àird-sgoil agus chùm e mi gun a dhol às mo chiall. An ceann greis thug e mach gu dìnnear mis gu taighean-cluiche, ’s thug e orm a bhith gàireachdainn a-rithis. Cha


[16]

burrainn dhomh smaoineachadh air a dhol gu colaisde no oilthigh agus chuidich e mi gus an obair seo fhaighinn anns an leabharlann.

Chan eil teaghlach aige fhèin idir?”

Chan eil. Chaochail a bhean, Mairead, bliadhna mus deach mo phàrantan a mharbhadh. Tha en còmhnaidh aràdh gun robh iadsan uabhasach math dha aig an àm sin. Co-dhiù thug sin e-fhèin agus iadsan na bfhaisge air a chèile.”

Mar sins urrainn dhut a thuigsinn carson a tha mi cho measail air,” arsa Catrìona. Sheall i air an uaireadair aice.

Cha bhi thu diùmbach ma dhfhalbhas mi a-nise, Alasdair? Thuirt e rium gum bitheadh e staigh mu dheich uaireans bu thoigh leam fhaicinn mus tèid e leabaidh. Cha leig mi leas innse dhut a-rithis cho maths a chòrd an oidhche rium!” ars ise abreith air làimh air. Bha blàths anns na sùilean aice. “Tha mi faireachadh mar gun robh eòlas againn air a chèile o chionn bliadhnaichean, agus chan eil an seo ach an dàrna turas a chunnaic sinn a chèile!”

An deaghaidh dhaibh tighinn far abhus choisich iad astar beag agus stad Catrìona air beulaibh steapaichean adol suas gu doras taigh cloiche meadhanach mòr.

Rug e air làimh oirre.

Fònaidh mi gad ionnsaigh,” ars esan. “Bithidh cuimhne agam gu bràth air an oidhche nochd!”

Rinn Catrìona snodha-gàire.

Tha mi duilich gum bfheudar dhomh tilleadh cho tràth,” ars ise.

Chrom i a ceann. “Bha e math dhuit èisdeachd cho foighidneach ris na trioblaidean agam.”

Thug fàileadh a fuilt tulgadh air achridhe aige.

Chuir e mach a làmh agus thog e a smeagad gu socair airson gum faigheadh e coimhead anns na sùilean aice.

Bithidh mi gu bràth an comain Ailein Mhoirich airson miarraidh dhan phàrtaidh ud!” ars esan. “Aguss en fhìrinn a bhagam anns na thuirt mi anns achafaidh! Fiach gun toir thun aire ort fhèin! ’S tha min dòchas gum bi bràthair dathar nas fhèarr a dhaithghearr.”

Chrom e cheann agus phòg e i. Bha na bilean aice blàth agus cùbhraidh. Choisich e air falbh. Nuair a thionndaidh e chrath i ris bho mhullach nan steapaichean mus deach i staigh.

Thòisich an t-uisge a-rithis ach bha e coma. Smaoinich e cho brèaghas a bhitheadh Glaschu acoimhead uaireannan air oidhche fhliuch.

title‘Angel Eyes’
internal date1988.0
display date1988
publication date1989
level
parent textSpuirean na h-Iolaire
<< please select a word
<< please select a page