5 Donnchadh MacPhàil
Ghabh Alasdair iongnadh cho math ’s a chòrd e ris a bhith reic leabhraichean. Bha e caran teagmhach dè cho fad ’s mhaireadh seo, ach bha an t-sìde ann an Inbhir Nis, a’ chiad baile san do thadhail e, cho tioram ’s cho taitneach ’s a b’ àbhaist agus fhuair e na tidsearan anns na sgoiltean cho laghach, càirdeil ’s a bha dùil aige. A bharrachd air seo bha e còrdadh ris gun robh saorsa aige bhith siubhal feadh na dùthcha an àite bhith na phrìosanach ann an oifis.
Cha do chòrd e ris cho math bhith tadhal air na bùthainnean leabhraichean a bhuineadh do “Thaigh-Foillseachaidh Alba”. Bha dithis no triùir dhe na manaidsearan Gaidhealach agus bha iadsan aoibheil, còir gu leòr, agus bha iad suas ann am bliadhnaichean, ach bha a’ chuid bu mhotha dhe na manaidsearan de sheòrsa eile. Bha treud dhiubh à taobh a deas Alba no à Sasainn. Bha iad na b’ òige cuideachd. Bha iad modhail gu leòr, ach bha iad fuar, fad-às agus thug Alasdair an aire gur ann ainneamh a dhèanadh duine aca gàire.
Bha fear dhiubh a bu bheag air Alasdair na bu mhotha na càch. ’S e Mullins an t-ainm a bha air agus bha e na mhanaidsear air a’ bhùth ann an Inbhir Nis. Aon turas dh’ aidich Alasdair dha gun do dhìochuimhnich e liosta leabhraichean a bu chòir a bhith aige.
Rinn Mullins snodna-gàire fuar.
“Cha thoigh leinn mearachdan!” ars esan. Ach nuair sin thuirt e, “Tha mi cinnteach nach dèan thu an aon rud an dàrna uair!”
Nuair a dh’fhàg e a’ bhùth bha inntinn Alasdair caran troimhe chèile agus bha seòrsa de dh’ eagal air. Bha bagairt air a bhith anns a’ ghuth aig Mullins nach do dh’fhiach e ri chleith. Ach cha b’ e Mullins leis fhèin. Dh’fhairich Alasdair an aon t-slèagachd fhuaraidh ann an treud dhe na manaidsearan eile cuideachd.
An ath thuras a thadhail Alasdair anns a’ bhùth ann an Inbhir Nis an deaghaidh bhith air falbh a’ tadhal air sgoiltean san taobh tuath dh’innis tè dhe na h-igheanan dha gun robh Mgr Mullins air falbh ann an Glaschu agus choinnich e ris an iar-mhanaidsear Mgr Donnchadh MacPhàil, duine aoibheil à Inbhir Nis fhèin.
“Chan urrainn dhomh ràdh gum bheil mi duilich faighinn cuidhteas e!” ars Mgr MacPhàil ri Alasdair ’s iad a’ bruidheann air Mullins. “Tha an duine cur gaoir nam fheòil, ’s cha do thachair mi ri mòran nam bheatha a b’ urrainn dhomh sin a ràdh mun dèidhinn. Leis an fhìrinn innse.. .” Rinn e a ghuth na b’ ìsle, “tha tòrr dhen fheadhainn ud a tha toirt orm a bhith faireachadh an aon dòigh.”
“An do thachair thu ri mòran dhe na manaidsearan eile?” dh’fhoighnich e.
Dh’aom Alasdair a cheann.
“Uill, innsidh mise dhut.. .” arsa MacPhàil. Nuair sin dh’ atharraich e inntinn.
Choimhead e timcheall na bùtha agus ged nach robh rim faicinn ach pàirt de na caileagan a’ frithealadh do dh’ fheadhainn a bha ceannach leabhraichean agus pàipearan-naidheachd dh’ ìslich e ghuth a-rithis.
“Tha mise gabhail mo bhiadh meadhon latha ann an “Taigh-bìdh Sheòrais” timcheall an oisean ann an Sràid an Aonaidh,” ars esan. “An urrainn dhut mo choinneachadh an sin aig uair an-diugh?”
“Aig uair. Glè mhath!” ars Alasdair.
“Chunnaic mi anns a’ bhùth thu an t-seachdain seo chaidh,” arsa MacPhàil dà uair a thìde an deaghaidh sin ’s iad nan suidhe aig bòrd anns an taigh-bìdh. “Dh’aithnich mi ort nach bu toigh leat Mullins agus thuirt mis rium fhìn. “Chan e fear dhiùbh-san a tha ann!”
Rinn Alasdair gàire. “Tapa leibh!” ars esan.
Ach bha MacPhàil ann an da-rìribh.
“ ’S e mo bheachd-sa gu bheil rudeigin neònach a’ dol air adhart!” ars esan. “Dh’innis mi do Sheàirdeant MacCoinnich dhen phoilis a tha fuireach an ath dhoras dhomh dè bha mi smaoineachadh, ach tha esan a’ ràdh gu bheil iad a’ cluinntinn na ceudan de sgeulachdan, coltach ris an tè agamsa ’s gu bheil mi leigeil ruith le mo mhac-meanmainn. Tha fhios aige gur toigh leam a bhith leughadh sgeulachdan detective, gu h-àraidh on chaochail Sìlis, a’ bhean agam. Tha mi ’g innse seo uile dhut an toiseach a chum gum bi fhios agad gur urrainn dhomh coimhead orm fhìn on taobh a-muigh!”
Cha do leig Alasdair air dè bha e smaoineachadh ged a bha e cinnteach, cha mhòr, gun robh an seàirdeant ceart. Bha e ro shoirbh trusdair sgeulachd a dhèanamh de Mhullins. Bha e ga fhreagairt cho math.
“Dè rinn amharasach thu an toiseach?” ars esan.
“Uill, tha e mar seo,” arsa MacPhàil. “Chan eil aon rud is urrainn dhut do chorrag a chur air, ach tha leithid de rudan neònach ceangailte ris a’ ghnothach.”
“Agus dè iad sin?” dh’fhoighnich Alasdair ’s e fàs caran mì-fhoighidneach.
“Uill, ’s e chiad rud a fhuair mi mach nach eil, a-rèir coltais, na tha iad a’ reic de leabhraichean a’ freagairt na tha aca de bhùthainnean ’s de dhaoine. ’S rud eile, tha coinneamh aca uair san t-seachdain sa’ bhùth an seo.”
“Manaidsearan nam bùthainnean?”
“Seadh. Shin agad e. ’S chan eil bodach Siosal à Inbhir Pheotharain no MacBheathain às a’ Chananaich ann, ach an fheadhainn eile. Tha na coinneamhan gu math fada agus tha doras an rùim anns a bheil iad air a chumail glaiste.”
“Ach nach fhaodadh gur e gnothaichean leabhraichean air am bi iad a’ bruidheann?” ars Alasdair.
“Ach, fuirich gus an innis mi dhut,” ars am fear eile. “Aon turas, cha robh ann ach aon turas, cuimhnich, ach bha gu leòr ann, thachair dhomh faighinn a-staigh gu tè dhe na coinneamhan aca.
“Bha e goirid an deaghaidh do Mhullins tighinn na mhanaidsear. Bha mi coma ged a fhuair esan an t-àite. An deaghaidh bàs Silis chaill mi m’ ùidh ann an gnothaichean
mar sin.
“Chaidh boireannach ann an laigse anns a’ bhùth. Bha fhios agam gun robh bocsa nan cungaidhean-leighis anns an rùm-cùil, ach leis gun deach mi nam bhoil cha robh cuimhne agam gun tuirt Mullins nach robh cead aig duine eile dhol a-staigh dhan rùm air chor sam bith.
“Co-dhiù bhrùth mi staigh dhan rùm nam chabhaig.. .bha cuideigin air an doras fhàgail gun a ghlasadh.
“Bha Mullins na sheasamh aig ceann a’ bhùird. Bha e ’g èigheach rudeigin mu ‘Chaidreachas na h-Iolaire’. .. ‘Cha chuir an Caidreachas suas le slaodaireachd sam bith!’ Sin a bha e ràdh. Nam faiceadh tusa an t-aodann aige nuair a chunnaic e mise! Bha dùil agam gun robh grèim cridhe dol a thighinn air!”
“Dh’innis mi dha dè bha dhìth orm agus cha mhòr nach do shad e am bocsa orm! Nuair a bha mi dol a-mach chuala mi e ràdh ri càch ann an guth feargach, ‘Bha còir aig an doras ud a bhith glaiste!’ Bha e ann am fìor dhroch thrum a’ chuid eile dhen latha. Riamh o nuair sin thathas a’ cumail a’ bhocsa chungaidhean-leighis air sgeilp bhig anns an trannsa eadar a’ bhùth agus an rùm-cùil.”
“Ach nach fhaodadh gur ann gam brosnachadh gus tuilleadh a reic a bha e? ”ars Alasdair. “Nach i an iolaire comharradh na companaidh!”
“O, ’s e brosnachadh air choreigin a bha ann ceart gu leòr, ach chan ann air reic leabhraichean a bha e mach idir. Tha mi mionnaichte às a sin. Bha còir agadsa na h-aodannan aca fhaicinn! Ach a bharrachd air sin bha bàs an fhir a bha romhad fhèin anns an obair, Mgr Carron.”
“Chuala mi mu dheidhinn sin. Nach robh tubaist aige coimhead air eòin. Chaidh e le creig!”
“Chaidh e le creig ceart gu leòr, ach chan e tubaist a bha ann idir. Latha soilleir, grianach agus e cho eòlach air na monaidhean. Fhuair e mach cus!”
“Na dh’innis thu dha-san na dh’innis thu dhòmhsa?” ars Alasdair.
“Dh’innis agus fhuair e-fhèin a-mach rudeigin. Bha e dol a thadhal orm feasgar an latha chaidh a mharbhadh!”
“Ach chan eil am polasman gad chreidsinn!”
“Nach fhaodadh gu bheil pàirt dhiubh fhèin anns a’ ghnothach!”
A-nis cha mhòr nach robh Alasdair cinnteach gur e duine caran èibhinn a bha ann an Donnchadh a bha leigeil ruith leis a’ mhac-meanmainn aige.
“Carson nach do leig sibh suas ur n-obair ma bha sibh a’ smaoineachadh gun robh cunnart ann?” ars esan.
“Gu dearbh cha dèan mi a leithid a rud! Tha mi ga fhaicinn mar mo dhleasdanas. Co-dhiù, chan eil agam ach mi-fhìn bhon chaochail a’ bhean agam.”
Dh’fhàs aodann cho tùirseach gun do dh’fhairich Alasdair duilich air a shon.
Rug MacPhàil air ghaoirdean air Alasdair nuair a dh’èirich e airson falbh.
“Fiach gun toir thu ’n aire ort fhèin, ’ille!” ars esan. “Sin agad Seàirdeant MacCoinnich a’ tighinn a-staigh ach feumaidh mise tilleadh dhan bhùth.”
An deaghaidh do Dhonnchadh MacPhàil falbh, choisich Alasdair a-null gu far an robh am polasman àrd, caol na sheasamh.
“Tha mi creidsinn gur aithne dhut Donnchadh MacPhàil?” ars Alasdair. Rinn MacCoinnich gàire.
“Tha e fuireach an ath dhoras dhomh,” ars esan. “Duine còir.. .ach bhon chaochail a’ bhean aige!. . .Uill, chuir e seachad beagan mhìosan ann an ospadal inntinn! Tha e leughadh tuilleadh ’s a’ chòir dhe na sgeulachdan detective, tha e buailteach leigeil ruith le mhac-meanmainn!” Rinn e gàire a-rithist “Tha e gar cumail a’ dol!”
Dh’aom Alasdair a cheann.
’S e sin a bha mi smaoineachadh,” ars esan. “Donnchadh bochd!”
An deaghaidh dha beannachd fhàgail aig an t-seàirdeant chuimhinich Alasdair gun robh aige ri fònadh gu Catrìona airson a chur na cuimhne gum bitheadh e ann an Glaschu an ath oidhche. Rinn a bhith smaoineachadh oirre a n-uile latha taitneach dha agus bha e ’n deaghaidh fònadh ga h-ionnsaigh na h-uiread de thursan.
Bha a chridhe dol na bu luaithe mar a bhitheadh e a h-uile turas fhathast. ’S e Catrìona fhèin a fhreagair am fòn.
“Alasdair an seo,” ars esan. “Tha mi ’n dòchas gun urrainn dhut tighinn a-mach còmhla rium an ath oidhche?”
“ ’S urrainn mi sin, Alasdair,” ars ise. “Ciamar a tha thu?”
Bha a guth blàth agus càirdeil. Bha e mar gun robh i làthair anns a’ bhocsa-fòna. Dh’iarr i air a coinneachadh aig a’ “Chafaidh Rondeau”.
“Thèid mi ’n urras nach fhuirich sinn ann an sin fad na h-oidhche an turas seo!” ars esan.
“Tha mi coma ged a dh’fhuiricheadh!” ars ise.
Lean am blàthachadh cridhe a dh’fhairich e anns a’ bhocsa-fòna ris fad an fheasgair. Bha e mar nach robh e gu diofar ciamar a chuireadh e seachad am feasgar, ach an deaghaidh àm dìnnearach chaidh e airson cuairt timcheall a’ bhaile. Bha na sràidean làn de luchd-turais agus am baile uile soilleir ann an gathan grian an fheasgair. Choimhead a air a’ chòmhlan phìobairean a bha cluich anns a’ phàirce airson greis agus nuair sin chaidh e staigh dhan “Charleton” airson botal leann.
Mhill e ’n gnothach air beagan nuair a chunnaic e Mullins agus fear dhe na manaidsearan eile nan suidhe aig ceann a’ bhàir. ’S gann gun do leig iad orra gum faca iad e agus dh’fhan e leis fhèin aig ceann a-bhos a’ bhàir. Chuir e crìoch air an leann cho luath ’s b’ urrainn dha agus dh’èirich e airson falbh. Ghabh e iongnadh nuair a thàinig Mullins a-nall gu far an robh e aig an doras.
“Tha e duilich mar a thachair do MhacPhàil” arsa Mullins.
“Dè thachair dha?”
“O, nach cuala tu idir? Chaidh a leagail le làraidh air a rathad dhachaigh a-nochd. Bha e marbh mus do ràinig an ambulance an t-ospadal!”
title | Donnchadh MacPhàil |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |