7 Fàileadh an Uilc
Thug Alasdair greiseag a’ gabhail a-staigh gur feumaidh gum b’ e bràthair athair Catrìona a bha ann. Bha e sàmhach cho fada gun do chuir an duine a’ cheist an dàrna turas.
“Dè tha thu ’g iarraidh?”
Bha Alasdair dìreach dol a ràdh, “Nach eil cuimhne agaibh orm idir?” nuair a dh’fhairich e samh siogàir agus a thuirt guth eile,
“Nach iarr sibh air a’ bhalach tighinn a-staigh, a Mhgr Ghrannd?”
Dh’aithnich Alasdair an guth mìn aig Diack mus tug e ’n aire dhan cheann mhaol aige thairis air gualainn Mhgr Ghrannd.
Airson mionaid no dhà an deaghaidh dha bhith air a thoirt a-staigh agus seuthar a thoirt dha bha Alasdair a’ faireachadh mar a bhitheadh e uaireannan eile nuair a bhitheadh strèin air, bha e mar gum bitheadh e taobh a-muigh na bodhaig aige fhèin a’ faicinn a h-uile càil a bha tachairt dha.
Bha Diack a’ foighneachd dheth mun chuairt gu Inbhir Nis agus bha e-fhèin ga fhreagairt, ’s a’ ràdh gun do chòrd i ris.
“Seadh,” arsa Diack. “Chunnaic mi ’n cùnntas agad. Tha mi smaoineachadh gun dèan thu glè mhath.”
Bha bràthair athair Catrìona shuidhe mun coinneamh gun a bhith ràdh guth ’s a shùilean a’ sealltainn seachad air ceann Alasdair.
Cha mhòr nach robh Alasdair ag èigheach, “Càite a bheil Catrìona? Dè rinn sibh rithe?” ach chaidh aige air grèim a chumail air a bhuadhan. Mura b’ e ise cha robh e air fuireach mionaid eile san taigh ud, oir bha Diack, a dh’ aindeoin nam faclan brèagha aige ga choimhead ann an dòigh fhuair, neònach a bha cur gaoir na fheòil.
Mu dheireadh thuirt Diack, “ ’S cinnteach gur e thusa a dh’fhòn o chionn greiseig a’ foighneachd mu Catrìona Ghrannd?”
Nuair a dh’aom Alasdair a cheann rinn Diack snodha-gàire ach cha robh blàths sam bith anns na sùilean aige.
“Cha robh fhios agam gum b’ aithne dhut nighean bràthair fear dhe na fir-stiùiridh againn!” ars esan.
Thuirt an Granndach ann an guth dùr, “Tha eagal orm gun deach Catrìona air falbh air saor-làithean.. .”
Bhris Diack a-staigh air a’ chòmhradh aige.
“Tha mi smaoineachadh gun do dh’innis sibh sin do Mhgr MacRailt mar tha, Uisdein,” ars esan.
Thionndaidh e gu Alasdair.
“ ’S e thachair gun do dh’fhàs Catrìona tinn aig a h-obair anns a’ mhadainn an-diugh
agus chuir Mgr Grannd, nach eil air a bhith gu math e-fhèin o chionn ghoirid, a dh’ iarraidh an dotair.”
Rinn e snodha-gàire ris a’ Ghranndach ach cha do nochd am fear eile faireachdainnean sam bith.
“Thug an dotair sùil oirre agus thuirt e gu robh i air a claoidh anns an inntinn agus gur e an rud a b’fheumaile dhi falbh air saor-làithean airson mìos. Co-dhiù,” dh’èirich e airson sealltainn gun robh an còmhradh seachad, “chì thu i aig ceann na h-ùine sin ma bhitheas i deònach!”
Thionndaidh e airson an doras fhosgladh do Alasdair agus anns an tiotan sin choimhead Alasdair ann an sùilean a’ Ghranndaich agus bha aghaidh an duine nochdadh leithid de dh’ eu-dòchas nach fhaca Alasdair riamh roimhe agus aig an aon àm bha e mar gun robh an duine guidhe air gun ghuth a ràdh.
Aig an doras aghaidh thuirt Diack ann an guth ìseal, “Mar a thuirt mi cheana, chan eil Mgr Grannd e-fhèin gu math. ’S e seann charaid dhòmhsa a tha ann. Tha mi smaoineachadh gum bu chòir fois a leigeil leis fhèin ’s le nighean a bhràthar airson mìos!”
Cha do chuir Diack mòran de chudthrom a bharrachd air na faclan mu dheireadh ach cha robh teagamh sam bith anns a’ ghnothach gun robh e toirt òrdan seachad agus cuideachd bha bagradh anns a’ ghuth aige. Bha guth Diack a’ nochdadh foighidinn a bha cumail srian air aigne le spàirn ach nach maireadh mòran na b’ fhaide nan rachadh a bhuaireadh.
Cha robh fiamh-ghàire no eile air aodann Diack nuair a dh’fhosgail e ’n doras mòr.
“Feasgar math, a Mhgr MhicRailt!” ars esan.
Dhùin an doras air cùlaibh Alasdair ga fhàgail a’ smaoineachadh nach robh e ach aig toiseach àmhghairean a bha dol ga fhiachainn gu smior a chnàmhan agus le inntinn nach robh ann an staid ro mhath airson cus smaoineachaidh a dhèanamh. Ach bha fhios aige air aon rud. Ge bith dè thachradh gheibheadh e mach dè thachair do Chatrìona.
An ath mhadainn dh’fhòn e dhan leabharlann far an robh Catrìona ag obair airson faighinn a-mach co-dhiù ’s e an fhìrinn a bha aig Diack no nach b’ e.
“Tha eagal orm nach robh a’ Mhdn-uasal Ghrannd gu math an dè agus nach b’ urrainn dhi tighinn a dh’ obair. Chan eil i seo an diugh nas motha. Dh’fhòn caraid dhi sa’ mhadainn an-diugh agus thuirt e gun do dh’òrdaich an dotair mìos a ghabhail far a h-obrach on bha i air a claoidh san inntinn.”
Chuir Alasdair sìos pìos làimhe na fòna agus sheas e le làimh air. Bha e fhathast cinnteach gun robh Catrìona ann an cunnart air choreigin. Bha e air oidhche bhuaireasach a chur seachad anns an do chuir e roimhe uair an deaghaidh uair a dhol dhan phoilis leis an stòiridh aige. Ach ciamar a dhearbhadh e gun robh càil às an rathad air tachairt? Sin a’ cheist a chuir e air fhèin. Nach saoileadh na poilis nach robh ann ach duine nach robh ceart anns an inntinn agus a bha buailteach leigeil ruith le mhac-meanmainn gun bunait sam bith aige airson na rudan a bha e cumail a-mach.
Bha rudeigin eile ann cuideachd. Bha ’n dòigh anns an do choimhead an Granndach
na aodann mar gun robh e guidhe air, “Na dèan càil agus na can guth!” Dh’innis Catrìona fhèin dha cho math ’s a bha bràthair a h-athar air a bhith dhi. Shaoileadh duine nach leigeadh e leatha a bhith ann an cunnart ro mhòr gun rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. Ach a dh’aindeoin sin bha rudeigin ceàrr.
“A bheil dad ceàrr, Alasdair?” dh’fhoighnich bean-taighe an taigh-loidsidh dheth. “Tha do bhreacaist deiseil.”
“Chan eil, a Mhuireall,” ars esan, “dìreach rudan ceangailte ri m’ obair.”
“Uill, cha bu chòir dhut leigeil leis do bhiadh a mhilleadh ort!”
Chuir i truinnsear mòr lite air a bheulaibh agus choimhead Alasdair air le uabhas. Ach aon uair ’s gun do thòisich e air ithe fhuair e mach gun robh barrachd acrais air na shaoil e agus chuir e crìoch air an lite agus air ugh air a ghoil cuideachd.
Bha e faireachadh beagan na b’ fheàrr an deaghaidh sin agus sheall e air uaireadair. Bha e cairteal gu naodh agus bha aige ri bhith aig obair aig naodh uairean.
“Cha ghabh mi ’n còrr cofaidh, a Mhuireall,” ars esan agus chaidh e mach chun a’chàir.
Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh air Sràid Sauchiehall agus air an iolaire de phràis a bha ri balla na h-oifis aig ‘Taigh-Foillseachaidh Alba’, ach a dh’ aindeoin solas na grèine bha Alasdair a’ faireachadh gun robh rudeigin olc is mallaichte ceangailte ris a’ chomharradh air a’ bhalla.
Cha robh mòran teagaimh aige nis gun robh Diack agus a chàirdean an sàs ann an olc air choreigin agus gun robh an dòigh mhìn aig Diack a’ falach rùn neo-thruacanta na rudan a bha na bheachd a thoirt gu buil. Cha robh mòran teagaimh aige na bu mhotha gun deachaidh MacPhàil a mharbhadh airson gun d’fhuair e mach cus. Cò an ath dhuine rachadh a mharbhadh airson an aon adhbhar. Dh’fairich e a’ mhadainn a’ fàs fuar.
Stad e air taobh thall na sràide bhon oifis. Dè bha cur bacaidh air o dhol dhan stèisean agus trèan Mhallaig a ghlacadh am feasgar ud fhèin? Bhitheadh e aig an taigh anns an Eilean am beagan uairean a thìde.
Ach bha fhios aige nach dèanadh e leithid a rud. Dè mu dheidhinn Catrìona? Cha b’ urrainn dha smaoineachadh air a bheatha dol air adhart às a h-aonais a-nis ’s ciamar a b’ urrainn dha slìogadh air falbh ’s a fàgail ann an spògan Diack. Dh’atharraich a bheatha barrachd na bha dùil aige a’ mhadainn a chaidh e shireadh obrach anns a’ chompanaidh seo. Bha e air rathad air nach b’ urrainn dha tionndadh air ais. Dhìrich e e-fhèin agus choisich e gu dùr a dh’ ionnsaigh na h-oifis air taobh eile na sràid, a’ fàgail ùpraid aighearach Sràid Sauchiehall às a dheaghaidh.
Cha mhòr nach do bhuail e ann an Ailean Moireach anns an trannsa.
Uill, ’ille dè ’n trum an-diugh?” ars esan. “Tha Fulton ag iarraidh d’ fhaicinn airson bruidheann mu ’n ath chuairt agad.” Thug e sùil na bu gheura air Alasdair.
“Chan eil thu coimhead ro mhath fhathast! Chan e chaileag ud ris an robh thu bruidheann aig a’ phàrtaidh as coireach, an i?”
Ghabh e iongnadh leis an dòigh anns an do ghabh Alasdair seo.
Rug Alasdair gu teann air ghaoirdean air.
“Carson a thuirt thu sin?” ars Alasdair gu dùrachdach. ’S e nighean bràthair athair a’ Ghranndaich a tha thu ciallachadh, nach i?”
“An e nighean bràthair athair a’ Ghranndaich a tha innte? Nan robh fhios air a bhith agam air sin bha mi-fhìn air barrachd tìde a chur seachad a’ còmhradh rithe! Co-dhiù, tha mi duilich droch naidheachd a thoirt dhut! Ach chunnaic mi ann an càr an dè i còmhla ris an trusdair ud, Stevenson, ’s dòcha gum bu chòir dhut a dìochuimhneachadh. ‘Anmhainneachd nam boireannach’ mar a thuirt am bàrd Sasannach!”
Shlìob e gualainn Alasdair le co-fhaireachdainn mus do thionndaidh e air falbh.
Stevenson. Dh’fhàs aodann Alasdair teth leis an eudachd ged a bha e cinnteach nach do dh’fhalbh Catrìona le cead fhèin.
“Aon rud eile!” dh’èigh e às deaghaidh Ailein. “Dè rathad a bha an càr a’ gabhail?”
“Tha mi smaoineachadh gur ann gu tuath,” fhreagair am fear eile.
Bha inntinn fhathast troimhe chèile nuair a chaidh e staigh gu oifis Fulton.
“Uill, a-rèir coltais, rinn thu glè mhath air a’ chuairt mu dheireadh,” arsa Fulton ris. Tha thu falbh a-màireach a-rithis, a’ tòiseachadh ann an Inbhir Nis ach bithidh tu ’g obair nas fhaide ’n ear an turas seo, a’ dol gu Inbhir Narann, Farrais, Eilginn agus Obair Dheadhain. Agus feumaidh tu a bhith air d’ aire. Tha Mgr Diack a’ dol dhan taigh samhraidh aige, anns a’ Ghleann Riabhach ann an Siorrachd Inbhir Nis agus ’s cinnteach gun tadhail e air cuid de na bùthainnean. “Aite ro bhrèagh air a shon-san!” smaoinich Alasdair.
“Eil fhios a bheil càil sònraicht fa-near dhaibh gam chur gu tuath cho luath a-rithis?” smaoinich Alasdair. Ach bha e toilichte bhith dol an aon rathad ri Catrìona agus bha e air cur roimhe gun d’rachadh e leotha cho fad ’s a b’ urrainn dha air sgàth Catrìona fhaicinn a-rithis. Bha e cinnteach gur e ’n aon dòigh air seo a dhèanamh, fuireach anns an obair a’ dèanamh mas fhìor nach robh amharas air mu thimcheall nì sam bith agus a bhith an dòchas gun togadh rudeigin ceann a threòraicheadh e gu Catrìona agus a bheireadh cothrom dha a dhol dhan phoilis.
Feasgar, an deaghaidh obair latha chrìochnachadh chaidh e dhachaigh dhan taigh-loidsidh aige, chaidh e ann an tuba teth uisge agus nuair sin chaidh e leabaidh. Bha e ’g iarraidh a bhith comasach air dèiligeadh ri rud sam bith a bha air thoiseach air. Thàinig e staigh air le seòrsa de iongnadh gun robh an t-eagal a bha air roimh Diack air traoghadh air falbh gu ìre agus gur e fearg an aghaidh Diack a bu mhotha bha e faireachadh a-nis. Dòcha gun cuireadh e iongnadh air Mgr Diack fhathast, ged a bha dùil aig a’ cheart fhear, a-rèir coltais, gun robh còir aige-san feum a dhèanamh de dhaoine, an cur an dàrna taobh agus ’s dòcha am marbhadh mar a thogradh e-fhèin.
title | Fàileadh an Uilc |
internal date | 1988.0 |
display date | 1988 |
publication date | 1989 |
level | |
parent text | Spuirean na h-Iolaire |