ORAN GAOIL.
AN raoir a bhruadair me m’ chadal,
Rioghain ghast an fhuilt duail,
I bhi sinnt ann mo ghlacabh,
Mar a b’ ait leam ’s gach uair;
Beùl meachair ’s è siàbhailt,
Fui mìnruiteach gruaidh;
Mar an driùchd do shùil chorrach,
Fui d’ chaol mala gun ghruaim.
2. Cha d’ fhuair me ’n raoir Caddal,
Air leabaidh ’s mi m’ aonor;
’S mi smuaint’ bean do natair,
Thug tacaid bhàis domh ’s a chlaoidh me,
Ge h ainmeil DIANA,
Thug mo ghradhsa barr’ gill orr’,
Ann treùbhantachd pearsa,
Ann àildeachd, dreach, agus sgiamhachd.
3. ’Sì ’n te tha mi graite,
Gur h àild ì na VENUS;
Tha ì shuas fui’ cùl fàineach,
Mar dhealradh na Greine,
Tha da shlis mar an Eala,
Bas mar channach an t sleibhe;
S’ truadh gur mise rinn t’ fhaicsin,
Ma ’s a beachd leat mo threigeadh.
4. ’Si n’ te tha san Ardail,
Thug barr mais’ air gach mnai,
Ciochan soilse’ air t uchd solluis,
5. Ach a ghèug nan rasg cannach,
’S na meall shuile mòdhar;
’S truadh nacn ’eil mi ’s tu thall ud,
Ann ’sa Ghleannan ’san ceò dheth;
Ann ’sa bhaddan bheag uigneach,
Cha b’ fhuathach bhi d’ bhòga;
Nàm do chonn-trà [The Twilight.] bhi druideadh,
B’ è mo chuidse, do dheansa.
6. ’Sann tha m’ fhortan-sa ’n cunnart,
Mar bhlà dhuillich air gèig;
’Sè gu meòlanta dìreach,
Gle dhìleas gu bharr;
Cha strep mi gu dìlin,
Dh’ ain-deoin dìchil mo lamh;
Ach a Righ th’ ann sa’ Chathair!
Lub an Reall [A star.] so m‘ dnail.
7. Ach a Rìgh th’ ann sna h ardaibh,
Lùb an t sàr ghi’bht so nuas;
A dh’ fhàg mise fuidh eislean,
An-aoibhin ’s gach uair;
Dh’ fhàg m’ inntin fo luigse,
’S nach creid iad sud uam;
’S mi maonar am leabuidh,
’S nach codal domh uair.
8. ’Sì do lamh air stol pòsaidh,
Bheireadh solas domh luath;
title | Oran Gaoil |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |