IORRAM air America.
An Luinneag.
O theid sinn do dh’ America,
Mu ’n teirig air ar storas;
’O ’n dhaoraich iad am searran oirn,
’S nach urrain neach bhi beo ann.
THA ’n tombac co daor
Agus nach feudar bhi ga fheoraich;
Nach mòr a thig am punnd dh’e,
’Nuair chostas unsa grot dhuinn.
O theid sinn, &c.
2. Nan teirgeadh air a chogadh so,
’S gu ’n coineadh rìgh Deorsa,
Chidheadh fibh na fichidin,
A’ dal le misnich mhoir ann.
O theid sinn. &c.
3. Tha ’n t eillean fad a chean agnn,
’S New York, am baille mòr sin,
’S chuaidh ’n teicheadh air na Reubaltaich,
’S na cèudan air an leònadh.
O theid sinn, &c.
4. Chuir Mòr-fhear Howe ’n re trèit orra,
’S Burgoyne a’ teachd na còdhail,
’S ma tharlas iad le cheil orra,
Cha ’n urrain cèud bhi beo dhiu’.
O theid sinn, &c.
5. Chi sibh ann an ath-ghaoraid,
Gu ’n raibh bhur barail gòrach,
Gu ’n coisneadh sibh air Breatan
Ge bu mhòr bhur neart, ’s ùr stòras.
O theid sinn, &c.
6. Cha chuala mi bhi seannachas
Ann an eachdaireachd na ’n Stòrai,
Gu ’n tug an namhad riamh orra,
Gu ’n d’ striochd iad re uchd Comhraig.
O theid sinn, &c.
7. Nach fad ’o ’n tha na Gaedheil,
Aig, àitèach na Roin-Eorpa;
’Nuair choisin iad le ’n Claidheamh,
Bha Nuaidheachdan gu leor ann.
O theid sinn, &c.
8. ’S iomma Co’lan farrumach,
O theid sinn, &c.
9. ’Sè GATHELUS dana
Chuaidh ’n Spaint a ghabhail comhnuidh,
Is thog è brùthach àiri’ ann
Mar bhaille tamh ga sheorta.
O theid siun, &c.
10. As sin chuaidh mhac do dh’ Erinn,
’S na cèudan dh’ fhearabh mòra,
Is dhearbh iad a bhi trèubhach ann,
Mu ’n gheil iad dhoibh gach seorsa.
O theid sinn, &c.
11. A ris chuaidh è dh’ Alabain,
Is thug è Aramailt mhòr leis,
’S bha iommad la cruaidh aca,
Mu ’n d’ fhuadaich è o ’n còir iad.
O theid sinn, &c.
12. Ach tha Goill aig eibheach,
Gu ’n fèum sinn dol air fògradh;
’S gur h iad na Caoirich cheann-riathach,
A thiondas as air coir sinn.
O theid sinn, &c.
13. Mar tig an reachd as ùr oirn,
Tha mise an dùil ’san dochas,
Nach cluinnier focal Gaelic,
Sa’ bhaille ’s airde a’ m’ eolas.
O theid sinn, &c.
14. Chuaidh màl a chur tri-filte,
’S cha n’ islich iad le ’n deoin è’;
’S am fear is faidde saoghal,
O theid sinn, &c.
15. Tha daoine bochd aig èigheach
’S an dochair fein ga ’n leòna’,
Ceart mar bha na h Eabharaich,
Sann Eipheid mu ’n do sheal iad.
O theid sinn, &c.
16. Tha h uile neach chuaidh null,
A’ toirt cunntas maith na ’s leor air,
O ’n gheabh iad fearran saor ann,
Cha ’n fhan ach daoine Gòrach.
title | Iorram air America |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |