[35]

Oran air Bodach Fioghdair, a phos seann te, bha siubbal nan crioch re da fhichiod Bliodhna.

’N Cualadh sibhse nsgèul daicheil,
Thainan dràsd oirn as Ur;
Ma Dheibhinn na Cärraid,
Chuaidhn bannubh Laidir le Cliu?
S fear ghreasadh nam spàll thu,
S cha raibh Failn ort sa Chuis:
Fhuar thu Ceile gut àileas.
An deighe do Gradh chuirs an Uir.

2S iomadh neach thair aMhealladh,
Leis a Char thug thun drast,
S gach aon a bhim Barrail,
Gun deach thu bailleacho stà.
Ach ma dhoighreicheas seonaid.
S è sud Comhdach is fearr,
Bidhidh ìad duillich gu dearbh lium,
Nachd tug iad tairgse dhuit trà.

3.S maith a thagh thu do Cheili,


[36] Bean Bhèusach ghlan ùr,
Gun Chron folluich fan ghrèin,
Nach deannadh bèud air do Chùll,
Thuille te a thug spèis duit,
Grad thrèigadh iad thu,
Faguidh sinn iad fui Eislein
Agus deùr air an suil.

4. Cha dean mi dad molort,
Thaobh soddal, na sgleo,
Tha ud bhreabadair laidir,
A ghreasas spall air a chlò,
Chaneil Cron ort thaobh coltais,
Ach ad Roiceannach còir,
Pairt a dhailtibh na Brice,
Gle thrice ort mun Tshroin.

5.S mairg a ghabhadh droch Bharrail,
Ge draibh iad tamull gun Phos,
Mar dean iad beart Chearbach
Nach faigh iad tairgse nisleor,
An te bha deich is tri fichid
Gun ghin theachd na Còir,
Fhuair fear air a leabuidh,
Co deas re mnaoi òig.

6. Tha sean-fhocal ag ìnseadh,
S tha sinn cint as gu lèir,
Gur fear piseach an-moch,
Na bhidh gun earbasa fon Ghrèin.
An thug builleach a dùill diubh,
Si ag Cùradh gu gèur,
Tha ì noishe gu sùgach,
air mugha a Glèus.

7.S beag antionnadh daoine òg,


[37] A bhi posadh as tìr,
S iad am barrails an dochas,
Gu fuigh iad Sòlas gun di,
Faicsin Chupalan Gliceadh,
Tha trí fiochadsa trì,
Dol am bannaibh gun seachnadh.
S iad a Cleasachdsa strì.

8.S mòr shiubhail thu an Chruine,
Man Drinn thun Cruinneachadh Còir,
Eider Peairt is Dun-eidin,
Aig cuir ri chèile an stòir;
S maith duit Iain san Oidche,
dfhuidh è roìnn ann san or;
Afad sa mhair a chèud Cheiledh,
Bha è trèabhach nas leòr.

9.S mòr an sòlas do dbhràthraibh,
Sdo dChardibh gu leìr,
Ge dtha naois a tighin trà ort,
Nach dfhàlluin do Ghlèus,
Nam fuigheadh tu sàstachd,
Mar a bail leat ga drèir,
Stearc fleasgach as duthuich,
Sfearr lughna bhuill-fheum.

titleOran air Bodach Fioghdair, a phos seann te, bha siubbal nan crioch re da fhichiod Bliodhna
internal date1780.0
display date1780
publication date1780
level
reference template

Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p

parent textComh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla
<< please select a word
<< please select a page