Laoidh mu thuitim Adhamh.
A Dhuine dhiamhain,
Tha re deanamh lochd;
Nach ’eil ù saoilsinn,
Gu ’n tig caochladh ort;
Le togradh dian,
A toirt a miann don fheoil,
’S gur è do dhùil
Gu mair ù ùine beo.
2. Ach seall a’ d’ dheigh,
Mar rith ù ’n rèis gu ceann,
Do sheirbheis De,
Cha tug u speis ach gann,
Ce d’ gheibh ù ’n saoghal so ga d’reir,
’S gach gnothach rèidh gu d’ sgoid,
Na biodh do dhùil ’nuair theid ù null,
Nach bi do chunntas mòr.
3. ’S còir bhi caoi’neil ris gach aon neach,
’S gun bhi aingiolt olc,
Nach do leubh ù mu na hainglibh
Thainig dhionsuidh loit?
Thug è stigh na theach gu saor iad,
’S rinn è faoileachd chòir,
Ann sa’ bharail gu ’m bu daoin iad
Thainig air saothair mhòr.
4. O! gur treoblaideach a’ ta sinn,
Ann an gàbhadh geùr;
5. ’S cruaidh an staid ann raibh sinn,
Aaon uair, leis an tiontadh bhochd,
Rinn satan sealladh air ar sinnsearachd,
Is thionsgain se ar Plot.
Ghabh criosda truas dhinn ann sa’ chàs ud,
’S chuaidh è ’n ràdhan ort,
Do chum nach fuilgeadh sinn gu siorruidh
Le trom dhioghaltas goirt.
6. B’ è sud an t Urras a bha cruaidh
Ge d’ bha è suarrach ort;
Cha d’ thainig dh’ òr. no dh’ airgid riamh,
Na bheireadh diol a’ d’ lochd;
Ach gus an d’ thainig Criasda fein,
’S gu ’n chèusadh è air Crois:
Chuaidh fhuil a dhortach sios gu làr,
’S b’ è sud am paighe goirt.
7. Ach an deigh a thoirt a nuas o’n fhàradh,
Is bàsach air a Chrois;
Thainig a mhuintir fein ga ionnsuidh,
’S dh’ adhlaic iad a Chorp.
An treas la rinn se eiridh,
’S fheuchain do na ’s leor,
Ach gus am faca’ mòran sluaigh è
’G iomachd suas gu glòir.
8. ’N uair thig è rìs chum an t saoghail,
Ni è caochladh mòr.
9. ’N uair gheibh iad eoir air flaitheas De,
A’ measg an èibhneis mhòir:
Lionuidh gairdeachas an inntin,
’S cha bhi ’n cuimhn’ air bròn.
Ni iad dealrachadh na fhiadhnais,
Mar a Ghrian sna neoil;
Is iad gun tamh a’ deanamh ciuil,
Aig seinn a chliu gach lò.
10. Ach sibhse a shluagh a bh’ ann sann eacoir,
’S nach tug speis ga reachd;
Chaith bhur beatha gu h easumhla,
’S a chuir cùl ri ’r leas;
Gluaisibh chum an teine shiorruidh,
Loisgeas dian gach lò,
Ann cluinn sibh gall, is cassadh fiacladh,
Leis na piantaibh mòr.
11. Ach ma ’s ail leat sonas siorruidh,
’S gun bhi ’m priosan bochd:
Dh’ ionnsuidh Chriosda teich le h eibhneas,
’S fag a’ d’ dheigh lochd.
Doirt do chroidhe ’mach na lathair,
’S aid’ich t fhàilin dho.
Is guidh gu’n glac è t anam rèidh,
’Nuair bhios do Chrè gun deò.
title | Laoidh mu thuitim Adhamh |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |