Laoidh mu dhiamhnas an t Saoghoil. Air fonn Murta Ghlinne-comhan.
GE d’ tha mi ann mò leabaidh,
Cha d’ fhuair mi an cadal air chòir;
Tha truimme air m’ aigne,
’S mo chriodh’ air a lagadh le bròn;
Mo smuaintin co ullamh,
’S mi lèubhadh mo chunnartan mòr;
Mur dean sinn ar sioth-chaimh,
Nach deid sinn gu siorruidh chum gloir.
2. ’S ceart thig è thaobh natair,
Air naoidheain an trà bhi siad òg,
Co luath ’s thig iad do ’n t saoghal,
Gu ’n leig iad air caoineadh, ’s air bròn;
Na ’m bu leir leo an cunnart,
Cha deana’ iad solas re ceòl;
Cha ’n ionadh iad bhi duthach,
’S beg am fà’ air bhi subhach re ’m beò.
3. ’S ioma’ trioblaid is cruadal,
A’ ta aca, re gluasad san ròd;
’S an naimhdin mu ’n cuairt doibh,
Ga bheil iad sior bhuailteach gach lò;
Le ’m faileasaibh brèige,
A dh’ fhèuchain àn geil iad do ’n fheoil;
’S gu ’m faigh iad toil-inntinn,
Ma leannas iad dìreach an seòl.
4. ’S iomma’ seòl th’ aig ar namhaid,
5. Ge taitneach san àm iad,
Cha tèid iad an samhladh re glòir;
Th’oir an airre gur fior è,
Nach ’eil ann’ ach diamhanas mòr,
Nach fuirich ach tammal,
’S a sgaoileas mar smallan, no ceò,
Leig do bhunnait air criosda,
’S th’oir an airre nach striochd ù do ’n fheoil.
6. ’S iomma’ neàch, is cha ghann iad,
Fhad ’sa mhairreas an slainte ’s iad òg;
A deir, ’s eùi’seach dhuinn tionntadh,
’Nuair thig aois, agus anradh ga’r leòn;
Le ’m baralaibh faoineadh,
A’ gealltuin dhoibh saoghail na ’s leòr;
’S gun chìnt a bhi aca,
Ge do luigh iad, am faic iad an lò.
7. Mar bha ’n geòcaire saibhir,
’Nuair chunnaic è mhaoin a bhi mòr,
A th’uirt, ‘Togaidh mi saoighlin,
A ghleidheas mo shaibhreas, ’s mo stòr,
Anam ith, is bi subhach,
Feuch lòn arson iomadach lo;
Fhuair è fios a cheart oidhch’ ud,
Tha thu cui’te d’e dh’ oighreachd nam beò.’
8. Ach ’s è cèitein na h òige,
9. ’Nuair thig aois, bheir ì tìnn ort,
Cha bhi t aigne, no t inntin air stà;
’Nuair phrabbas do shùil-ean,
’S a lagas do lùs, is do chail;
’Nuair phreisis ì t èudan,
’S do chassan a chaola’ gu d’ shail;
Ma dh’ fhagas do thùr ù,
Cha ghabh ù bonn cùram, do ’n bhas.
10. Siùbhlaidh àildeachd, is grinnis;
Siùblaidh càil, agus binnis do bheòil;
Treigidh neart agus spionna’ thù,
’S cha tog ù do mhisneach le ceòl;
’Bidh do chluasan gun chlàisteachd,
’S le d shùil-ean cha n fhaic ù air chòir,
Bèul do chleibh air fàs cumhan,
’S cha dìrich ù ’m bruch do d’ dheoin.
11. Theid do chorp a chur samhach,
Ann san duslach, ’o ’n d’ tainig è ’n tùs;
’S pillidh ’n t anam mu ’n stad è,
Dhionsuidh britheadh a cheartais ’s na’n dùl,
Th’oirt cunntas ’s gach focal,
’S na gniomhara’ chleachd ù ’o thùs;
Gheibh ù luigheachd a mhairreas,
Ge b’e seòl air ’n do mharaich ù chùis.
12. Ach ma gheabhar ù ’n criosda’,
Ge do tha ù gu h iosal fui’ ’n chloich;
Tha t uaigh air a samhladh,
Ri leaba, chum tamh agus fois;
Uime sin bi re dìchoil,
Gu ’n dean ù do shìo’chaimh a bhos;
Mu ’n fograr gu siorruidh,
Chum lassraichin diän ù ga d’ losg.
CRIOCH.
[82]title | Laoidh mu dhiamhnas an t Saoghoil |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |