Oran, le Mac-Mhic Raonuil na Ceapaich.
THugas ceist do ’n mhnai ghasta,
’S gilleadh leachda, ’s a cùl mar an tòr.
Cam-lùbach, barr bachlach,
Gruaidh dhaite, dèud snaite mar nòs.
Sùilin corrach mar Chriostal,
’S binnis aoibhin leum briòtal a beoil.
Aghaidh sholluis ann còi-stri,
Co dhiu ’s àilde an neonan, na ’n ròs.
2. Tha do mhuinneal mar chanach,
Tha t fhiamh mar làn gloine do ’n fhion.
Tha t uchd mar an ealla,
Tùir ghealla, ’s am barrana sias.
Tha do shlis mar thuinn mhara,
’Nuair dh’ èireadh mòr ghaillin, no siän.
Ge bu dàn è re labhairt,
Air nàil b’ e bhi ma’ riut mo mhian.
3. Sliosaid ghasta ’s maith cumma’,
Deas chalpa, troidh ’s cuimir am bròig.
Thugus Gaol duit o ’n uiridh,
Dh’ fhàg fui’ chrèuchd mi, mar dhuine gun treoir.
C’àit na ghinn ì, shiol Adhamh
Na chuma’ aon ràigh me beo;
Gun an te tha mi gràite,
Orm furtachd, ’s mo shàbhal o ’n fhòid.
4. Cha n’eil ortsa cron cumadh,
Re fhaicsin o d’ mhullach gu d’ bhonn’
5. Tha do choltas re VENUS,
PHILOCLEA cha bu choimeas do m’ Rùn.
Fàbhradh ghasta fiu’ d’ lèirsin,
Thaobh airis mar fhèur, ’s è fui dhruìchd.
’S lion’ ar fear a thug spèis duit,
Aig feothas do bheùsan, ’s do thùr.
Thug ù dha-thigh le t èibheachd,
Gach aon fhassan bu leir leat sa’ chùirt.
6. C’àit a bheil ann duit coi’meas,
A ghèug sholluis is gilleadh na ghrian.
DIANNA ri faicsin,
’Stu is àilde ann coltas mar thrian.
Thaobh cummachd cha d’ èid ì,
Ann coi-meas ri geùg na ’n glan chiabh;
Air m’ fhacal ’s tu ’s ceùtaich,
A chunacas le m’ lèirsin-se riamh.
7. C’ àit ’n do sheall ì riamh ’n sgathan,
Boinne fola thug barr ort fui’ ’n ’spèur?
Ann gillead, ’s ann ailteachd,
Chìte t ailleas mar dhealradh an grèin.
An gaol thugas tra dhuit,
Bi è m’ airr’ gus an la’ ’n tig an t èug.
Ach ma leigeas tu bas domh,
’S mairg fear eile bheir gradh dhuit am dheigh.
8. O ’s mis tha fui’ mhulad,
’S tric mo shùillin a’ cruinneacha’ dhèur.
9. Sann air bruachaibh mo leapadh,
Chunacas slat do mhnaoi sheamh, ’s ì na suidh
Lion lan dòrain mo phearsa,
’S mi gu lag, agus gaol air mo chlaoidh;
Le Saighdibh gèur, sgaiteach,
Ga ’n sior chur tarsuin mo chrì.
Cha bheag chuis mhasluidh,
Ma nitear mo chasgairt le mnai,
10. Ach ma rinn ù mo dhibeairt,
A rioghain leis an d’ rinneadh mo lot.
An deigh dhomh bhi striochda,
’S mi sinnte sios le mòr-ghoimh.
Bheirin miannan do n’ Phiobal,
Ge d’ gheibhin còir sgribht an domhan tur;
Chionn gu ’n glaise tu sith rium,
Gu ’n deannain d’ e Jobairt gu d’ thoil.
11. Ma ’s beag leatsa do pheaca,
Na rinn ù do m’ lot-sa o’ thùs?
’S urra leat-sa ma ’s ail leat,
Mo chrèubhag a charubh san ùir;
’S olc ambèus do mhnaoi ghasta,
Da ’n èigin dol da-thigh a nunn;
Am fear is mò thug a ghradh dh’ i,
Gu ’n doraig i ’m bas da ga chionn.
title | Oran, le Mac-Mhic Raonuil na Ceapaich |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |