Oran air Maighdin arraid.
THa mo chionsa gun seachnadh,
Do ’n rioghain ghasta gun gho;
Do chùl dualach cas,
Na dhualaibh cleachdach mar òr.
Deùd mar chailc, ’s am beùl
O’n taitneach thig ceòl,
Is o’n ghèil dhuit m’ aigne,
’S truagh o’n chlèir gun ù agam le deoin.
2. Tha mo chion mar an ceudna,
Air an oigh bhèusaich, bheachdar, ghrinn.
’S binneadh briòdal a’ bèul,
Na garraich na ’n tèud th’ ar bein.
Rùn mo chlèibh ù,
Di’ do rèite dh’ ag mi tinn.
Tha tall am chrè,
Nach leighis Leigh, ach ì.
3. Chiùin bhean chèilidh,
Bhèusach, bhas-gheal, ghraidh.
Am bar gèig, thug
Trèin na mais thair chach.
Chaomh shlat ghasta,
Mhealain thaitnich fo bhla.
’S mairg mac duine rinn t fhaicsin,
’S nach d’ fèud a bhi d’ chaidribh a ghna.
4. Gruaidh na nair, thug
Mais thair chach ’sgach tìm,
Aodan fhailteach,
Fiamha gaire ruinn.
Da shùil ghorm chorrach,
title | Oran air Maighdin arraid |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |