ORAN GAOIL.
An Luinneag
MO dhuil re h uir,
’Smo shuil re barraibh na ’m beann;
Mo ghnothach gu h ur,
Gu ’m faic mi u null do n’ ghleann,
Far am fai’meid muirn,
Is cuirt mar charaid gun sgraing;
’S gur h e smuaintich mi m’ run,
Gur cuis do mhealladh a bh’ ann.
1. Mar Each ga m’ thilgeadh air ailein,
’S mi ruighin a bhlair gun mo lot;
Bean a’ diultadh a graidh dhomh,
Is Bata ga m’ fhagail re port.
Beir sorruidh do m’ leannan,
Sa’ ghleannan ann òilte an deoch,
Is innis d’ a cairdibh,
Nach faic iad gu brath mi fui’ sprog.
Mo dhuil, &c.
2. Ge b’ è co bheireadh gaol,
Gun ghaol ga chommaineadh dho,
Mo dhuil, &c.
3. ’S iomadh fear a rinn posa’,
Re mnaoi aimidich oig, gun bhi glic;
Nam bitheadh i boidheach,
Dh’ fhoghnadh sin air son storais, is nich.
’Nuair a ni sibh an ceangal,
As an gabh sibh an t aireachas tric,
Muidhidh cach u mar bhleid-fhear,
’S duine truagh u, cha chreiddeadh tu mis.
Mo dhuil, &c.
4. ’S iumadh fear a fhuair tochradh,
Leis am b’ fhearr dol le musgaid do’n ’Raing;
Na bhi ’g eisteachd re drandail,
’Nuair thiontadh ’n fhòid theinne na laimh:
’Nuair a dh’eireadh a charraid,
Bhiodh na h eilin a’ lasadh mu’n spar.
’S mor gu ’m’b’ fhearr dol do Shassan,
Gun mo dhuil ri teachd dha-thigh gu bràth.
Mo dhuil, &c.
5. Tha na mnaiean ro fhailneach,
’S mise dh’ fhaotadh a radha a’ nochd;
An te ’s mo thug mi ghradh dh’ i,
Gu bheil i air m’ fhagail gun toirt.
Ma fhuair u fear aite,
A chummas tu sasda, le stoc;
Tha mise mar bha mi,
Mo dhuil, &c.
6. ’N uair bha mise òg,
’S mi gun earras, gun storas, gun spreidh.
’S mi deanamh mo thionsgnadh,
Gun mo thiomna bhi sgribhte o ’n chleir.
Air fonn, no air fearran,
Bu neo chinnteach mo bharantas fein.
Ach ma sheachuin u ’n ra’d,
Biodh gach aon neach air gleidheadh dha fein.
title | Oran Gaoil |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |