ORAIN IAIN MHIC FHEARCHAIR
DUAN NA BAINNSE
CHAIDH mi sìos do Phaibil
Ann am maduinn ’s i ro fhuar;
Chomhdhalaich mo ghoistidh mi,
E fhéin is Lochlann Ruadh;
Ghabh sinn chum na tulaich
Far ’n robh cruinneachadh math sluaigh:
Ma rinn iad dearmad buideil oirnn
So m’uirsgeul dhuibh g’a luaidh.
Shuidh sinn aig an teine,
’S bha na gillean cuide ruinn;
Chaidh am muilleir spreilleasach
Le gheilleart do ’n tigh shìos,
Ag aidhbhseachadh na chunnaic e
’S nach b’urrainn e g’an dìol—
“Gu bheil an siod triuir bhaodhaisteach
Cho leathan ’s tha ’s an tìr.”
Thuirt Domhnall mac Gille-Mhàrtuinn,
“Ciod e ’n taobh a thàinig sìbh?
Nam b’e so a’ bhanais
’S ann a b’airidh sibh air brill;
Ged a chumte falamh sibh
Na gearainibh a chaoidh;
Na iomraidhibh air droch fhialachd
Bho nach daoine dh’iarradh sìbh.
“Tha rud uam ’s cha mhath leam e—
Na banchaigean dh’am dhìth:
Bu mhath an am an earraich iad
An uair bu ghainne ’n tìr,
“ ’S e cùis mu bheil mi dearmalach
Na banchaigean dh’am dhìth:
Gheibhinn air an àirigh iad
Ri àrach a’ chrodh-laoigh,
Gu h-imeach gruthach càiseach
Omhnach dràbhagach làn mìg,
Gu meadrach poiteach blàthanach
Le plàsdaichean dhe ’n ìm.
“A nis o’n thug mi cùl riu
Tha mo dhùrachd aig a’ chloinn:
Gheibhinn air a’ bhuailidh iad
Ri cuallach a’ chrodh-laoigh;
Bu chuid dhe ur dibhearsain 45
A bhith mar rium anns an oidhch’—
Mi greis a’ laighe cuide ruibh,
’S ’n uair dh’fhalbhainn glug ’n am bhroinn!”
(An sin thuirt am bàrd:—)
“ ’S tìm dhuinn bhith dol dachaidh
’S gun ar cairtealan ’n ar còir,
Bho nach d’fhuair sinn fiadhachadh
Gu biadhtachd no gu ceòl;
Mas e so a’ chuideachd
A rinn dearmad buideil òirnn:
Fàgaibh far an d’fhuair sibh e—
Fear ruadh a’ c— mhóir.”
title | Duan na Bainnse |
internal date | 1778.5 |
display date | a1779 |
publication date | 1938 |
level | |
reference template | Songs of John MacCodrum (1938) %L |
parent text | The Songs of John MacCodrum |